Search

Bàs Dhòmhnaill Dhuibh an Canaigh.

Date 15 December 1949
Track ID 21419
Part 1

Track Information

Original Track ID

CW0022.98

Original Tape ID

CW0022

Summary

The death of Black Donald in Canna.

Black Donald, son of Clanranald, was a strong, but violent man. One time, whilst going to Moidart from Uist, he was forced to stay in Canna due to stormy weather. He became ill, and was taken to the house of Dorlin. He died there.

Item Subject/Person

Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein

Recording Location

County - Dunbartonshire

Parish - Old Kilpatrick

Village/Place - Clydebank

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Small Isles

Island - Eigg

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

Canna

Transcription

Aonghas MacFhionghain: Tha e coltach, a rèir 's mar a tha an sgeul air a h-innse, gura h-ann ann an Canaigh a chaochail an duine iomraiteach sin ris an canadh iad Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein, ceann-cinnidh Chlann Raghnaill. Bha Dòmhnall na dhuine làidir, foghainteach, uaibhreach agus borb, agus tha iomadh droch ghnìomh air a chur às a leth, agus chan eil sin na iongnadh, a chionn bha comannd bàs agus beatha aige air na bha a shluagh a' coimhead suas ris mar cheann-cinnidh, ann an Uibhist, 's ann an Canaigh, 's ann an Eige 's ann an Rùm, 's Eilean nam Muc 's Mùideart.

Agus thachair do Dhòmhnall air an turas seo a bhith ann an Uibhist, agus dh'fhàg iad Uibhist leis a' bhirlinn a' tighinn gu ruige Mùideart. Agus mar a b' àbhaist, thàinig droch shìde, a chionn bha e air a ghràdhainn nach do chuir Dòmhnall riamh gu cuan leis a' bhirlinn nach do shèid uisge 's gaoth na aghaidh. Agus a bharrachd air a sin, bha e air a ghràdhainn gum facas uair 's uair màgan às dèidh na birlinn nuair a bhiodh i air a rathad bho thìr-mòr gu ruige Uibhist.

Ach air an turas seo, thàinig i cho mosach agus gum b' fheudar dhaibh cur a-staigh dhan acarsaid a Chanaigh airson fasgadh, agus bha Dòmhnall gu tinn agus chaidh a ghiùlan gu ruige Taigh na Dòirlinn. Chaidh sgiobadh a' bhàta suas còmhla ris agus chaithris iad an oidhche, agus an àite Dòmhnall a bhith a' dol na b' fheàrr, 's ann a bha e a' dol na bu mhiosa. Agus chuir e seachad an oidhche sin agus an làrna-mhàireach, agus thàinig an ath oidhche a-rithist, agus cha robh sìon a dh'fheabhas air Dòmhnall.

Ach suas mu mheadhan-oidhche bha iad a-staigh ga chaithris agus dh'fhairich iad starban aig an doras. Chaidh fear dhe na gillean a dh'ionnsaigh an dorais, agus dh'fhosgail e an doras 's thàinig cù mòr dubh nach robh a leithid anns an eilean, a rèir coltais, anns an àm, agus choisich e suas agus chuir e a shròn a-staigh air beinge na leaba far an robh Dòmhnall.

Cha tuirt duine guth. Thionndaidh an cù a-mach, chaidh an doras a dhùnadh, agus an ùine gun a bhith fada chualas fead chruaidh a-mach, taobh a-mach an taighe. Dh'èirich Dòmhnall na shuidhe anns an leabaidh, agus bha fear dhen sgiobadh a bha sa bhirlinn, agus 's e ceatharnach cho làidir agus a bh' air an taobh an iar anns an àm, ris an canadh iad Raghnall Mòr mac Ailein Òig, agus rug e air Dòmhnall agus chuir e air ais air a dhruim anns an leabaidh e, mar a bha e roimhid.

Ach cha robh e fada mar sin nuair a thàinig an ath fhead, agus bha i na bu chruaidhe agus na bu chaise na a' chiad tè. Dh'èirich Dòmhnall le leum agus bha e air an ùrlar. Dh'èirich Raghnall agus chuir e a dhà làimh mu a mheadhan agus thog e e agus chuir air a dhruim anns an leabaidh air ais e.

Agus an ùine gun a bhith fada, thàinig an ath fhead, na bu chruaidhe na a' chiad dhithis a bha roimhpe, agus le aon leum bha Dòmhnall aig an doras, agus Raghnall às a dhèidh , agus rug e air a-rithist mun mheadhan agus chuir e air ais anns an leabaidh e, agus tha e air a ghràdhainn an uair sin gun do ghairm na coilich. Agus chaochail Dòmhnall nuair a thàinig... Mun tàinig a' mhadainn chaochail Dòmhnall, agus tha sgeul gun tug iad a chorp leis a' bhirlinn gu ruige Mùideart, agus chan eil fhios agamsa air an còrr mu dheidhinn.

Source Type

Wire

Audio Quality

Good