Search

Mharbhadh Iain Mùideartach ann am blàr ann an Èirisgeigh

Date 20 March 1953
Track ID 2221
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.274.A20

Original Tape ID

SA1953.274

Summary

Iain Mùideartach killed in a battle in Eriskay.

Iain Mùideartach and his men were killed by Mac Iain 'ic Sheumais in Eriskay over a dispute about land. The battle took place at Glaic a' Chòmhraig.

Item Subject/Person

Iain Mùideartach; Mac Iain 'ic Sheumais

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Eriskay

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: 'S an cuala sibh iomraidhean no naidheachdan mu dheidhinn... mu dheidhinn Iain Mùideartach ach sin, gun robh e an Èirisgeigh?

Dòmhnall MacAonghais: Bha, bha. Tha fhios agaibh, tha fhios agad, bha e an Èirisgeigh gun teagamh. Bha iad a' cur claim air Èirisgeigh a bha seo a thaobh esan a bhith à Mùideart, agus a-nis, bha Mac Iain 'ic Sheumais air an rathad eile a' cur claim air, a chionn gun robh còir aige fhèin air. Uill, nach do shabaidich iad, an dà dhuine a bh' ann a shin, agus mharbhadh Iain Mùideart ann an Èirisgeigh. Mharbh Mac Iain 'ic Sheumais e agus a chuid sluaigh. Tha àite ann an Èirisgeigh, àite ris an canar Glaic a' Chòmhraig, 's ann a bha iad. 'S ann a chaidh am marbhadh, a h-uile duine, cha mhòr, a thàinig às na bìrlinnean air tìr. 'S e còig duine deug a dh'fhalbh beò dhiubh. 'S e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good