Search

Prògram Choinnich

Contributors
Date 03 August 1998
Track ID 22334
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 03.08.1998

Summary

Film festival in Palm Springs.

Donald Smith is attending a film festival in Palm Springs, California. Palm Springs is a hot place, in the middle of the desert. Donald is promoting a film he has made, 'A' Bhean Eudach,' at the festival. He has watched a lot of other films there.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha fèis film a' dol an-dràsta ann am Palm Springs, California. Fèis film far a bheil, airson an dara bliadhna, dealbh-film Gàidhlig ri fhaicinn. A' Bhean Eudach, am film. Film a chaidh a dhèanamh fon an sgeama Geur Gheàrr, film a rinn Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn. Tha esan e fhèin ann am Palm Springs an-dràsta. Tha e air an loidhne. Uill, a Dhòmhnaill, Palm Springs, an t-sìde gu math diofraichte bhon an t-sìde ann an Nis, tha mi cinnteach.

Dòmhnall Mac a' Ghobhainn (DM): Uill, gu dearbha fhèin, gu dearbha fhèin, dh'fhaodadh tu ràdh. Tha... 's e... uill, an t-atharrachadh as motha, 's e an teas. Tha e coltach gu bheil e teth, teth an seo, mun àm sa dhen a' bhliadhna co-dhiù. 'S ann ann am fàsach a tha e co-dhiù. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e mu dhà cheud mìle a-steach bho far a bheil Los Angeles, agus tha mar gum b' eadh beanntan ag èirigh a-mach às an fhàsach, agus ann an seòrsa de mhias, gleann, eadar nam beanntan, 's ann ann a tha an t-àite a tha seo, Palm Springs, agus tha e iongantach, a dhuine bhochd, an teas a th' ann, 's gu bheil daoine beò ann.

CM: An e àite mòr a th' ann?

DM: Chan eil e... chan e skyscrapers 's rudan dhen t-seòrsa sin a th' ann idir. 'S e palm trees 's rudan dhen... rudan dhen t-seòrsa sin a th' ann. Chan eil e... tha e rudeigin sgapte. Ach chan e... chan e bailtean mòra, mòra a tha seo idir, idir. Chan e. 'S e the village a th' aca fhèin air Palm Springs ann a sheo.

CM: A bheil e leis fhèin ann am meadhan an fhàsaich, a-rèiste? An ann mar sin a tha e?

DM: Uill, tha diofar àitichean, tha e coltach, anns an fhàsach far a bheil na h-uimhir a dh'uisge a' tighinn an-àirde. Tha e an ìre mhath... tha e an ìre mhath leis fhèin, man a tha thu ag ràdh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e mu... ò, tha faisg air uair a thìde air a' phlèan eadar seo agus Los Angeles.

CM: Tha thusa ann an sin an-dràsta, aig an taisbeanadh a tha seo. Mus bruidhinn thu mu dheidhinn an taisbeanadh anns an fharsaingeachd, an dealbh agad fhèin an toiseach, a' Bhean Eudach, innis dhomh beagan mu dheidhinn.

DM: Uill, 's e bh' ann ach... 's e bh' ann ach dealbh a bha air a stèidheachadh ann an dòigh air choreigin air seann amhran dhen ainm a' Bhean Eudach, agus chaidh a dhèanamh fon an sgeama Geur Gheàrr a bha siud a' dol. Och, chaidh an dealbh a dhèanamh bho chionn... och, tha bliadhna gu leth... tha, bliadhna gu leth bho chaidh an dealbh a chrìochnachadh mu dheireadh. Agus mar sin dheth, tha e an dèidh a bhith ann an diofar àitichean. Cha chreid mi nach ann anns an Fhraing a chunnaic an tè a bha a' taghadh airson an fhèis seo e, 's cha chreid mi nach robh e anns an Ruis bho chionn mìos cuideachd, ann an St Petersburg. Mar sin dheth, ged nach eil sinne a' faighinn splaoidean uabhas tric, tha an dealbh, a rèir coltais, a' Bhean Eudach fhèin, air a bhith a' spàgail air feadh an t-saoghail, a Choinnich.

CM: Uill, 's iomadh bean eudach a bha, tha mi cinnteach. Ach, dè tha ga fàgail a' spàgail thall ann am Palm Springs? Dè... dè an tarraing a bh' anns a' Bhean Eudach dhan an fheadhainn a bha a' cur ri chèile an taisbeanadh thall an sin?

DM: Uill, tha mi a' creidse gu bheil e... chan eil fhios agamsa... tha filmichean ann an seo bho iomadach dùthaich feadh an t-saoghail - Astràilia, Meagsago, Sìona, a' Ghearmailt, an Fhraing, an Spàinn, 's Èirinn 's Alba cuideachd. Agus 's e dìreach taghadh a th' ann, tha mi a' creidse. Am boireannach a bha gan taghadh, tha e coltach, bha mi a' bruidhinn rithe, 's bha i ag ràdh gun do sheall i ri eadar mìle gu leth agus dà mhìle film a thàinig a-steach airson an fhèis a bha seo, 's gun robh aice ri an taghadh sin a thoirt sìos gu dà cheud, agus tha mi a' smaoineachadh... tha mi a' smaoineachadh gun do rinn i job math dheth, airson tha mise air timcheall air, tha mi a' creidse, trì fichead - ò, tha 's barrachd air trì fichead - fhaicinn. Tha mi a' fàs claon. Agus rud a tha iongantach, 's e cho math 's a tha iad, agus cho... cho eadar-dhealaichte 's a tha iad. Am film a fhuair am prìomh dhuais, 's e tè à Meagsago, mar eisimpleir. Fhuair tè eile às an Spàinn duais, 's fhuair tè à Astràilia, 's tè à Èirinn cuideachd. Mar sin dheth, 's e deagh mheasgachadh a th' ann dhe diofar... diofar sheòrsaichean de bhith a' dèanamh films.

Ach an rud a tha math mu dheidhinn na filmean goirid, 's e gu bheil... tha mi a' smaoineachadh gu bheil... seach gu bheil iad goirid, chan eil uimhir a dh'execs 's eile air muin an fheadhainn a tha gan dèanamh airson an cruth fhèin a thoirt orra, 's mar sin dheth, cha robh iad air a bhith... tha iad air a bhith gu math inntinneach, feadhainn aca, na cuspairean a th' annta, man a tha iad a' dol timcheall ga làimhseachadh, rud nach b' urrainn dhaibh a dhèanamh le film mhòr.

CM: 'S e aon dhe na ceistean cuideachd, tha mi cinnteach, ciamar a tha film Gàidhlig a' seasamh am measg an fharpais mhòr a tha seo, cànanan, cultaran, dualchasan eadar-dhealaichte eadar-nàiseanta?

DM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gur e... 's e aon rud mu dheidhinn film Gàidhlig, man a thuirt thu, 's e... 's i na film... ged a tha filmichean ann bho iomadach dùthaich, 's e a' Bhean Eudach, 's i na film, mar gun canadh tu, a tha na film mion-chànanach co-dhiù, agus a thaobh do cheist, man a sheasas i, uill, tha fios a'm, bha i a' còrdadh ris a' bhritheamh, ris an tè a bha a' taghadh, ach tha mi a' smaoineachadh gur e an dòigh as fheàrr air faighinn a-mach dè man a sheasas i, 's e dè seòrsa... dè seòrsa... dè chanas an luchd-èisteachd a chì i, agus gu mì-fhortanach, 's ann Diluain fhathast an-diugh, an uair agaibhse, mar gum b' eadh, 's ann a tha a' Bhean Eudach fhathast ri thighinn. Tha dà latha eile dhen an fhèis ri dhol, dhe na screenings, ged as ann a-nochd a bha iad a' toirt seachad nan duaisean. So mar sin dheth, bidh fios a'm a-màireach dè man a chaidh a' Bhean Eudach sìos leis an luchd-èisteachd an seo. Luchd-èisteachd àraid. Tha feadhainn ann a tha aig an fhèis bho iomadach dùthaich, ach aig a' cheart àm tha feadhainn ann a tha a' fuireach anns an àite a tha seo, agus tha an fheadhainn a tha a' fuireach ann an seo, cha chreid mise gu bheil mòran... an seòrsa feadhainn a th' ann, cha chreid mi gu bheil mòran obair aca. Cuiridh mi mar sin e. Tha mi a' smaoineachadh gur ann... 's e dìreach resort a th' ann. Agus mar sin dheth, tha mi a' smaoineachadh an fheadhainn as motha a tha ag obair an seo, a Choinnich, 's e an fheadhainn a tha a' frithealadh air conditioning.

CM: A bheil daoine mòra a' tighinn an sin? Daoine a dh'fhaodadh a bhith a' toirt sùil air na deilbh 's ag ràdh, 'Ah, rudeigin an seo a b' fhiach dhuinn obair air.'?

DM: Ò, gun teagamh, tha. Ò, tha. Tha feadhainn ann bho channels 's companies. Tha feadhainn ann a tha a' sealltainn airson, 's dòcha, stiùirichean, can, agus sùil a chumail air dè seòrsa obair a thathas a' dèanamh. Tha feadhainn ann bho na companies mhòra a' sealltainn ri dè seòrsa cuspairean a tha ag obair math anns na films bheaga sin, agus dh'fhaodadh iad fhèin an uair sin, 's dòcha, sin a leasachadh gu film mhòr a dhèanamh dheth.

CM: Am bi iad a' coimhead... Am bi iad... Seadh, gabh mo leisgeil.

DM: Tha feadhainn ann, a thaobh do cheist, a tha bho channels sònraichte a dh'aon gnothaich a lorg gadan de filmean goirid a tha iad airson a chur a-mach air na channels aca, agus tha iad an seo.

CM: Agus tha mi cinnteach gum bi iad cuideachd a' coimhead 's sùil gheur a bheil gin a chleasaiche, gin a bhana-chleasaiche an sin, a dh'fhaodadh a bhith air a... air an sgàilean mhòr anns na bliadhnaichean a tha romhainn, ann am feadhainn dhe na deilbh mhòra?

DM: Uill, chan eil teagamh sam bith nach eil... nach eil sinn air a bhith a' faicinn feadhainn anns an fhèis, anns na filmean goirid, a tha... a bhios fhathast, bidh iad gu math ainmeil. Ach tha feadhainn dhe na filmean goirid agus tha iad a' cleachdadh actaran a tha gu math proifeiseanta agus a tha gu math eòlach cuideachd. Tha mi a' faicinn sin. Feadhainn dhe na films a th' ann, Geur Gheàrr, 's e sgeama a th' ann an Alba coltach ri Tartan Shorts 's am meud ionmhais a tha mu chuairt air an rud. Ach feadhainn dhe na films a chunna sinn, chunna sinn tè às an Spàinn an siud, agus chanadh tu gur e cinemascope a bh' innte, le dealbh mòr, mòr farsaing, agus aithnichidh tu feadhainn aca gu bheil helicopters 's rudan dhen t-seòrsa aca, a' dèanamh fiù 's films goirid, agus mar sin dheth, tha tòrr airgead a' dol a-steach dha feadhainn dhe na filmean goirid. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Canada, 's e dùthaich a tha, a rèir an fhèis a tha seo, dùthaich as taiceile a th' ann dha filmichean, 's gu h-àraid filmean goirid. 'S Astràilia cuideachd, a rèir coltais.

CM: Uill, a Dhòmhnaill, tha mi an dòchas gum faigh thu cothrom a bhith a' bruidhinn ri feadhainn dhen fheadhainn dhen an luchd-amhairc a chì a' Bhean Eudach a-nochd, agus bidh sinn an dòchas gun tèid gu math dha, gu dearbha. Tapadh leatsa airson a bhith deònach fuireach an-àirde ann an sin, reugan a dh'oidhche, ann am Palm Springs, California, agus tha e follaiseach gu bheil e cho duilich dhut a bhith a' faighinn air falbh bhon an uisge agus an t-sìde a th' againn ann an seo.

DM: Uill, bha e ceud agus còig-deug degrees an seo an-diugh. Sin an teas a bh' ann an seo an-diugh 'S tha mi a' smaoineachadh gu bheil e... gu bheil e ceithir fichead 's a deich an-dràsta fhèin, agus tha e uair sa mhadainn.

CM: Uill, meadhanach agus gu... meadhanach agus gu bheil i againn ann an seo, cùm agad fhèin e. Tapadh leatsa gu dearbha. Dòmhnall Ruadh, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn ann an sin air an loidhne à Palm Springs, California.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good