Search

Bean-nighe os-nàdarra ag innse droch mhanaidhean do dhuine.

Date 1953
Track ID 23185
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.36.A8

Original Tape ID

SA1953.036

Summary

Supernatural washerwoman giving a man bad tidings.

Hearing the bean-nighe [washerwoman] washing at a loch or a stream was a bad omen. One man was able to pick her up in his arms and thereafter she followed him to America, giving him bad tidings.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Seadh ma-thà. Bha sibh... thug sibh tarraing air a' bhean-nighe an sin.

Ruairidh Bowie: Bha. Bhiodh daoine a' cantail o chionn mòran bhliadhnachan nuair a chluinneadh iad sgailceadh 's gnothaichean aig abhainn no lochannan: "'S e a' bhean-nighe a tha ag obair an siud a-nochd; chan eil fhios cò tha a' dol a bhàsachadh."

Bhiodh e an lùib dhaoine daonnan nuair a bhiodh daoine a' dol a bhàsachadh, gum biodh an nighe ann - an aodaich aig an duine a bhiodh a' dol a bhàsachadh ron àm. Ach oidhche dhe na h-oidhcheannan bha fear a' tighinn às a' bheinn a-staigh anmoch agus chuala e an sgailceadh a bha seothach ri taobh sruthain, agus chaidh e far an robh e agus thog e am boireannach beag a bha sin 's chuir e na achlais i. Bha i ag iarraidh a leigeil às. Cha leigeadh e às idir i.

"Ò innsidh mi dhut," ars ise, "cò tha a' dol a bhàsachadh."

Ò dh'innseadh i gun robh a leithid seo a dhuine a' dol a bhàsachadh, 's a leithid seo a bhoireannach a' dol a bhàsachadh aig a leithid seo a dh'àm. Agus chùm e greis mhòr le car de dh'eagal aige na achlais i, gus an do leig e às i.

Uill, bha e air a chantail gun d' fhalbh an duine sin gu ruige Ameireaga agus lean i ann e, 's bha i ag innse nan naidheachdan ceunda dha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good