Search

Clach a' Phòsaidh.

Date 04 November 1952
Track ID 23245
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.139.B2b

Original Tape ID

SA1952.139

Summary

Open-air marriages.

Information on open-air marriages at Clach a' Phòsaidh in Glen Moriston by a Fort Augustus minister. On one occasion the minister did not want to have drink or dancing at a wedding.

Item Location

County - Inverness-shire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Dè a-niste mu dheidhinn Eairdsidh Tàillear agus am ministear aig Clach a' Phòsaidh?

Pàdraig MacDhòmhnaill (PM): B' àill leibh?

CM: Eairdsidh Tàillear agus am ministear aig Clach a' Phòsaidh... aig Clach a' Phòsaidh.

PM: A bheil i sin agaibh?

CM: Chan eil. Chan eil.

PM: Ò, bha na... ò, bheir mi sin dhuibh cuideachd. Anns an àm sin, cha robh gnothaichean cho deiseil dha na ministearan 's dha na sagairt 's dhan a h-uile seòrsa dhen a' chlèir, a h-uile clèir. Bha iad fada... bha astar mòr aca ri choiseachd glè thric, agus uairean bhiodh each aca ga mharcachd air ais 's air adhart. Ach mu dheidhinn Gleanna Moireasdain agus an sgìre aig Gleanna Moireasdain aig an Eaglais Shaor an sin, bha Cille Chuimein agus Gleanna Moireasdain anns an aon sgìre 's bha am ministear an-còmhnaidh a' tighinn thar... a' fuireach ann an Cille Chuimein 's a' tighinn gu... a chumail seirbheis ann an Gleanna Moireasdain, mar a dh'fhaodadh e, nuair a leigeadh an aimsir 's gnothaichean eile leis tighinn.

A-nise, nuair a bhiodh pòsadh ann, bhiodh am ministear glè thric a' tighinn an-àird am monadh air taobh Chille Chuimein, an rathad ris an canadh iad Rathad General Wade, gu àite faisg air an Allt Fheàrna ris an canadh iad Clach Mhòr a' Phòsaidh. Chan eil mòran an-diugh aig a bheil cuimhne air sin, ach 's iomadh... 's iomadh turas a bh' agamsa seachad air ris 's air adhart [?thar i].

Uill, tha i car... theagamh beagan nas fhaisge air Cille Chuimein na air Gleanna Moireasdain ann an astar. Bha càraid a' pòsadh à Gleanna Moireasdain. B' aithne dhòmhsa iad nan seann chàraid, agus b' aithne dhomh an teaghlach. 'S aithne dhomh na h-oghaichean aca. Tha iad beò ann an Gleanna... Gleanna Moireasdain. Thachair iad... chaidh iad a-nunn gu Clach Mhòr a' Phòsaidh a thachairt air a' mhinistear, 's bad mòr dhen t-sluagh, muinntir a' ghlinne, còmhla riutha, agus am measg na cuideachda bha am bàrd ann, Eairdsidh Tàillear.

Nuair a bha a' chàraid air am pòsadh 's a h-uile dad a bhuineadh dha sin air dòigh, thuirt am ministear, Maighstir MacBheathain riutha... Bha e glè chruaidh. Chan fhuilingeadh e cridhealas sam bith 's chan fhuilingeadh e inneal-ciùil a bhith ann an taigh, nam b' urrainn da grèim fhaighinn air 's a bhristeadh. Agus bha e uabhasach uile-gu-lèir an aghaidh boinne dhen deoch. Thuirt e riutha a-nise gun robh e ag earbsa gun d' rachadh iad dhachaigh gu sìobhalta agus gu rianail, agus gum biodh iad taingeil, gum biodh iad uile-gu-lèir taingeil airson a' bheannachd a bhuilich Nì Math air a' chàraid òg iad a bhith a' pòsadh.

"Agus tha mi ag earbsa," ars esan, "nach bi guth air cridhealas sam bith, 's gu h-àraid," ars esan, "nach bi guth air... air dannsa no deoch ann an dòigh sam bith," thuirt e.

Bha am bàrd ann an iomall na cuideachd agus thuirt e:

"Ò, [?gu n-ur] cead," ars esan, "am faod mi a chuimhneachadh dhuibh a' bhanais a bha an Galilee?"

"Ò, Eairdsidh," ars am ministear, "cha do ghabh iad an daorach ann."

"Ò, chan eil cunntas againn air a sin, ach nuair a theirig na bh' aca, rinn E fhèin tuillidh 's thug e dhaibh e ri òl," ars esan.

"Ò, Eairdsidh," ars esan, "Chan eil adhbhar a bhith a' bruidhinn riut. Latha math leibh."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good