Search

Prògram Choinnich

Date 26 September 2000
Track ID 24482
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 26.09.2000

Summary

What Aberdeen is like for students.

Chrisma MacDonald is a student in Aberdeen and describes what the town has to offer for young people going to university there.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Aberdeenshire

Parish - Aberdeen

Village/Place - Aberdeen

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): An t-seachdain sa tha mòran a' dol dhan an oilthigh airson a' chiad uair agus tha sinne a' toirt sùil air cuid de bhailtean nan oilthigh gach latha. Dè seòrsa bailtean a th' annta airson daoine òga a tha 's dòcha a' fàgail an dachaigh airson a' chiad uair? An-diugh, Obar Dheathain, agus còmhla rium tha Chrisma NicDhòmhnaill. Chrisma, uill, carson a thagh thu fhèin Obar Dheathain, anns a' chiad àite?

Chrisma NicDhòmhnaill (CN): Uill, nuair a thàinig mi a dh'Obar Dheathain an toiseach, you know, a choimhead air na h-oilthighean, bhuail e orm gur e baile snog a bh' ann an Obar Dheathain 's gun robh e glan, 's dìreach gun robh... shìos mun oilthigh gun robh daoine càirdeil 's laghach ann, 's gun robh deagh roinn Cheilteach ann cuideachd.

CM: Uill dè tha dol timcheall air an oilthigh fhèin, eadar comainn agus eile, airson 's e seo seachdain a bhios tòrr chomainn a' tàladh daoine òga?

CN: 'S e. Ò uill, tha an t-uabhas ri dhèanamh timcheall na comainn fhèin. Tha ficheadan 's ficheadan ann, 's ma tha... a rèir 's dè tha dhìth ort, tha a h-uile càil ann. Tha comann Ceilteach uabhasach làidir againn anns an oilthigh seo, 's bidh cèilidhean aca gach mìos 's a leithid sin, 's cuideachd mas e athletics association no rudeigin mar sin, tha iadsan uabhasach làidir cuideachd.

CM: 'S dè... dè mu dheidhinn a bhith a' dol a-mach air an oidhche airson cur-seachadan 's rudan mar sin? Dè seòrsa àite a th' ann?

CN: Uill, 's ann an Obar Dheathain a tha an club as motha ann an Alba, Amadeus, 's bidh an t-uabhas dhe na h-oileanaich a' dol ann a shin. Mas e taighean-òsta 's mar sin, no taighean-seinnse, tha an... shìos am baile, no an dà chuid aig an tràigh, tha àitichean mar O'Neill's 's Illicit Still agus Hero's shìos aig an tràigh. Bidh tòrr dhe na h-oileanaich a' dol dha na h-àitichean sin.

CM: Dè mu dheidhinn àitichean-bìdh a-nise? A bheil iad sin saor? No a bheil iad daor

CN: Uill tha an dà chuid ann. Mas e rud saor a th' ann, tha Union fhèin ann shìos sa bhaile, agus Littlejohn's, tha sin gu math ainmeil air feadh Alba, Littlejohn's, no [???] rudeigin nas daoire, you know, tha an tràigh ann, shìos aig an tràigh, tha an t-uabhas de restaurants mar Hero's, a-rithist, ann.

CM: 'S dè mu dheidhinn, a-nise, na h-oileanaich a tha a' fuireach anns a... air a' champas, na tallaichean ann an sin? Cò ris a tha iad sin coltach?

CN: Uill tha cuid dhiubh gu math snog. Bha mise a' fuireach ann an Crombie 's tha sin dìreach faisg air an oilthigh fhèin. Ach tha cuideachd, tha Dunbar agus Hillhead ann. 'S e Hillhead, 's e self-catering. Tha sin dìreach fichead mionaid air falbh bhon oilthigh. Ach tha iad gu math snog, 's a h-uile càil... tha biadh air a thoirt seachad ann an cuid dhiubh 's cuid eile nach eil.

CM: A bheil cur-seachadan anns na tallaichean fhèin, airson muinntir nan tallaichean?

CN: Bidh, daonnan. Bidh daonnan... tha an Christian Union, bidh iad a' dol timcheall nan tallaichean 's bidh 's comainn eile. Bidh tòrr dhe na... bidh OTC, bidh sin a' coinneachadh 's bidh iad a' dol timcheall na hallaichean 's bidh iad a' dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine gu dòigheil, 's bidh quizzes ann, 's games nights anns na halls fhèin.

CM: 'S uill... tha an t-ainm a th' aig baile Obar Dheathain co-dhiù, uill bha co-dhiù, gur e baile uabhasach daor a bh' ann. A bheil e mar sin fhathast?

CN: Uill tha e cuimseach daor, tha, 's leis... le muinntir an oilthigh a bhith a' falbh 's a' tighinn a-mach às, tha màl beagan àrd ann an àitichean, a rèir 's càit a bheil thu a' fuireach anns a' bhaile. Ach mar as trice tha na prìsean dìreach caran na tha iad ann an Glaschu no ann an Dùn Èideann fhèin.

CM: Dè mu dheidhinn na bùithtean? 'S ann... tha fhios agam gu bheil a h-uile duine agaibh cho trang 's nach bi tìde agaibh a' dol a bhùithtean 's nach bi airgead agaibh, ach an dèidh sin an-dràsta 's a-rithist.

CN: An-dràsta 's a-rithist. Uill, tha a h-uile seòrsa bùth a th' ann am baile mòr - bùithtean aodaich agus bùithtean biadh. Tha a h-uile càil dìreach air do dhoras, mar gum bitheadh.

CM: Uill dè mu dheidhinn cur-seachadan, airson a-rithist a bharrachd air sgioba ball-coise Obar Dheathain, cha bhi tòrr ag èigheach mun deidhinn-sa anns an latha a th' ann ann, ach dè seòrsa... dè na cur-seachadan a tha sa bhaile?

CN: Uill, shìos aig an tràigh faodaidh tu... tha amar-snàmh mhòr uabhasach aca, agus daonnan bidh daoine a' rollerblade-adh shìos aig an tràigh, no golf - tha links ann, ma tha duine dèidheil air golf. Cinema, Codona's, theatre, tha Lemon Tree fhèin ann, music hall. Ma tha thu dèidheil air sgitheadh faodaidh tu a dhol a-mach dhan Lecht - chan eil sin fad air falbh. No dìreach ma tha thu ag iarraidh coiseachd a-mach anns an dùthaich, tha Hazelhead no Duthie Park ann. 'S mar sin tha rudeigin ann airson a h-uile duine.

CM: Uill tha pàircean snog ann, ceart gu leòr ach feumaidh mi ràdh gun robh mi ceithir bliadhna nam oileanach an sin 's chan fhaca mi Duthie Park no Seton Park a-riamh.

CN: Nach fhaca?

CM: Ach chunna mi Codona's.

CN: Chunnaic... Codona's, tha e glè mhath.

CM: Bidh tòrr oileanaich a' dol sìos gu Codona's, nach bi?

CN: Bidh. Bidh daonnan, gu h-àraid oidhche Haoine 's sin, bidh iad a' dol sìos air na waltzers 's rudan mar sin.

CM: 'S fheàrr dhut innse gu dè th' ann an Codona's.

CN: Dè th' ann an Codona's? 'S e amusement park a th' ann. Tha mi cinnteach gur e sin a' Bheurla. Agus cuideachd tha rollerblading 's a h-uile càil mar sin shìos faisg air Codona's cuideachd.

CM: 'S e rud... 's e rud eile mu dheidhinn Obar Dheathain, tha e furasta faighinn timcheall. 'S urrainn dhut, ma tha thu èasgaidh gu leòr, coiseachd a dh'àite sam bith.

CN: 'S urrainn. Chan e baile ro mhòr a th' ann mar sin. Tha e dìreach... chan eil e beag ach chan eil e mòr. Ach faodaidh tu coiseachd, 's tha a h-uile càil caran furasta ri fhaighinn faisg air Union Street, 's a-mach air George Street. Chan eil càil a-mach às an rathad, mar gum bitheadh.

CM: Nise, cha do dh'ainmich thu càil mu dheidhinn biadh an Obar Dheathain. Na butteries 's na rudan sin.

CN: Na butteries?

CM: Feumaidh duine fàs eòlach air an t-seòrsa rud sin, nach fheum?

CN: Ò feumaidh. Feumaidh tu a bhith caran cleachdte ris na delicacies anns a' bhaile. Bidh na butteries againn, bidh Old Toon Café, chan eil mi cinnteach a bheil sibh eòlach air, dìreach aig... dìreach taobh eile dhen Roinn Cheiltich, bidh sinn daonnan a' dol ann airson na butteries.

CM: Tha mi a' smaoineachadh gur ann a bha siud... gun robh sin... gun robh e ann fiù 's ri mo latha fhèin, airson 's ann an Obar Dheathain, a dh'fheumas mi aideachadh, a bha mi fhèin cuideachd.

CN: Seadh. So, och uill, bidh sinn daonnan a' dol ann a shin.

CM: Ah uill, feumaidh mi a dhol air ais uaireigin a dh'fhaicinn cò ris a tha e coltach. Mòran taing dhutsa, gu dearbha, Chrisma, airson a bhith ag innse dhuinn...

CN: Mòran taing dhuibh fhèin.

CM: Chrisma NicDhòmhnaill ann an sin, ann an Obar Dheathain, ag innse dhuinn, uill, dìreach dè th' ann am baile Obar Dheathain airson daoine a bhios a' dol ann nan oileanaich airson a' chiad uair, agus tha gu leòr a rèir coltais.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good