Search

Eisimpleir de mhanadh san Sgarp.

Date March 1953
Track ID 2626
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.20.A5

Original Tape ID

SA1953.020

Summary

Example of a death-omen in Scarp.

Before the contributor's great-grandmother's death, everyone next door was kept awake, by dishes being taken from the dresser and people coming in and out. The missionary's father would sit up reading the Bible. When the contributor's great-grandmother died, many people came from outwith the island. They had to borrow dishes from next door. Sawing of planks was also heard before the death.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Calum MacIllEathain: Thàinig mo shinn-seanair gu Sgarpa anns a' bhliadhna anns an do chuireadh Blàr Waterloo, agus phòs e nighean a mhuinntir an Sgarpa, agus ghabh e bìdeag fearainn anns an Sgarpa, agus bha e ann riamh tuilleadh. 'S ann de Chlann Aonghais a bha an tè a phòs e.

Agus bha am miseanaraidh a bh' againn anns an Sgarpa, Iain Dòmhnallach, Seonaidh Shòaigh a chanamaid ris, fìor dhuine còir agus seanchaidh math dha-rìribh, latha a' dèanamh seanchasan dhòmhsa air rudan a thachair an ceann a-staigh na Hearadh, timcheall air manainean, agus gu sònraichte rudan a thachair ann an Ròdal agus anns an t-Òb. Agus 's ann a thuirt mi ris: "An do thachair càil dhen t-seòrsa sin riamh anns an Sgarpa seo fhèin?"

"Ò gu dearbh," ars esan, "thachair. Thachair gu leòr dheth," ars esan, "nuair a chaochail do shinn-seanmhair anns an Sgarpa. Bha an taigh againne," ars esan, "ri taobh taigh do sheanar, agus mun do shiubhail do shinn-seanmhair," ars esan, "bhiomaid gar cumail o chadal na h-oidhche le daoine a' toir nan soithichean às an dreasair againn, agus daoine a' dol a-mach agus a-steach feadh na h-oidhche. Agus bhiodh m' athair," ars esan, b' e Dòmhnall Shòaigh athair, fìor bhodach diadhaidh, "bhiodh e," ars esan, "ag èirigh, a' dùsgadh feadh na h-oidhche, agus bhiodh e," ars esan, "a' lasadh na coinnle agus a' leughadh a' Bhìobaill," ars esan, "agus bhiodh an gnothach a' dol air adhart."

"Co-dhiù," ars esan, "nuair a chaochail do shinn-seanmhair, thàinig sluagh mòr dhan eilean chun an tòrraidh, agus," ars esan, "thàinig iad a-staigh dhan taigh againne a thoir a-mach nan soithichean airson biadh a dhèanamh dha na daoine a thàinig."

"Chan e sin a-mhàin," ars esan, "ach mun tàinig am bàs bhiomaid a' cluinntinn nam plangannan aca gan tilgeil agus gan sàbhadh anns an sgaitse-shàbhaidh air cùl an taigh againn."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good