Search

Mar a fhuair na Peutanaich eòlas air leigheas.

Date 1953
Track ID 2748
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.049.B7

Original Tape ID

SA1953.049

Summary

How the Beatons got their knowledge of healing.

The parents of a Beaton boy from the Ross of Mull wished him to learn medicine. The boy was sent to an expert healer who lived on the island that is now called Iona.

The story concerns a rowan tree, a white snake and a pot of boiling water and at the end the expert healer says the boy now has more medical knowledge than he could teach him.

Item Location

County - Argyllshire

Parish - Kilfinichen and Kilvickeon

Island - Mull

Village/Place - Ross of Mull

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT673

Transcription

An Caiptean Dùghall MacCormaig (DM): Nis, a chuideachd, cò th' ann an Gàidhealtachd na h-Alba, no ann an iomadh àite eile, nach cualaig iomradh air an Olla Mhuileach? Bha ollachan eile ann, don aon ainm, a chaidh don Eilean Sgitheanach agus do dh'Ìle. Ach cuin a thòisich, no ciamar a thòisich na daoine a dh'fhàs cho ainmeil air leigheas an toiseach agus air dotaireachd? Seo agaibh mar a chuala mise e.

Bha teaghlach a' fuireach ann an àite ris an abair iad an-diugh Peighinn a' Ghàidheil anns an Ros Mhuileach. Agus ma thèid thu don... do Pheighinn a' Ghàidheil uair sam bith, leigidh iad fhaicinn dhuit far am biodh na h-ollachan 's na luibhean a bhiodh iad a' togail, 's feadhainn dhiubh ann an siud fhathast. Bhiodh iad a' cinntinn ann an siud.

Bha càraid an seo, Peutanaich, agus bha aona mhac aca, agus bha iad fiadhaich deònach air... gun ionnsachadh am mac... gun ionnsachadh am mac an dotaireachd, a chionn cha robh dad ann a bha cho feumail ri... gum b' urrainn duine cuideachadh a thoirt do dh'fheadhainn a bh' ann euslaint. Agus bha fìor olla ainmeil ann an Eilean Idhe, Ì Chaluim Chille. Cha b' e Ì Chaluim Chille a bh' ann san àm ud, 's bha siud ceudan bliadhna mun tàinig Calum Cille idir ann. Ach dar a dh'fhàs am balach a-suas, chomhairlich athair 's a mhàthair dha dol a-sìos feuch an ionnsachadh an druineach seo, 's e druineach a bh' ann, cèird na leighis. 'S bha am balach glè thoileach, 's latha a bha siud dh'fhàg e an taigh, ach mun d' fhàg e an taigh, gheàrr e bata à tom uinnsinn, craobh chaorann, a bha cùl an taighe, agus nuair a fhuair e am bata sin a ghearradh, dh'fhàg e beannachd aig athair 's aig a mhàthair agus a-mach a ghabh e.

Nis, sia mìle deug a bhiodh aige de choiseachd bho Pheighinn a' Ghàidheil gu Caol Idhe, agus bha an sin aige ri dol tarsainn air a' chaol a tha mu chuairt air mìle de leud. Co-dhiù, fhuair e gu a cheann-uidhe mu dheireadh agus ràinig e far an robh am bodach, taigh a' bhodaich, agus sheall am bodach air, chan ann air a' bhalach ach air a' bhata a bh' aige na làimh. Agus thuirt e ris a' bhalach:

"Càit an d' fhuair thu am bata sin?"

"Ò, fhuair mi e," ars esan, "ann an craobh uinnsinn dìreach cùl an taigh againn fhìn."

"An-tà," ars esan, "tha nathair gheal," ars esan, "a' faotainn cadal ann an sin a h-uile geamhradh, agus bidh i ann fhathast, agus ma thilleas tu dhachaigh, a laochain, agus gum faigh thusa an nathair sin dhòmhsa, agus gun toir thu thugam ann an seo i 's i beò, chan eil rud as aithne dhòmhsa nach bi mi glè thoileach air ionnsachadh dhuit. 'S cha chosg e dad dhut ach dìreach do shaothair."

Agus nuair a chualaig am balach siud, bha e a' smaoineachadh gur e cothrom mhath a bh' ann; fada na b' fheàrr a th' aca an-diugh air ionnsachadh na dotaireachd, falbh airson nathair agus a toirt a dh'Ì. Agus cha robh sin a' dol a thoirt mòran dragh dha.

Thill e dhachaigh agus cho luath 's a ràinig e an taigh, rinn e bogsa far an cuireadh e an nathair nuair a bheireadh e oirre. 'S dar a bha am bogsa aige deas, chaidh e a-mach latha a bha siud agus chunnaic e an nathair cho geal ris an t-sneachd, agus i a' dol a-staigh do tholl mu fhreumhaichean na craoibhe. 'S nuair a chunnaic e gun robh am bodach ceart, dh'fhan e an sin gus an làrna-mhàireach agus an dèidh mheadhan-latha chaidh e a-mach cho sàmhach 's a b' urrainn dha agus bha an nathair a-mach ann an siud 's i ga blàiteachadh fhèin anns a' ghrèin, 's i na cuaich. Le ceann a' bhata chuir e... chuir e bàrr a' bhata ann am meadhan na cuaich agus thilg e a-mach i gu àite... gu rèidhlean, agus le dòigh nach eil fhios agamsa, rug e oirre agus air ball bha i aige anns a' bhogsa. Bha a h-uile dad cho ceart a-nis agus bha e air èibhneachadh a' tilleadh air ais gu an t-seann bhodach.

Dh'fhalbh e, agus san àm ud, a chàirdean, cha robh ann ach sràid sia mìle deug. Chan ionnan 's mar a tha e an-diugh. Ràinig e am bodach, agus bha am bodach air èibhneachadh dar a fhuair e an nathair gheal seo, agus i cho beò 's a bha i riamh. A' chiad rud a rinn e dar a chunnaic e an nathair, dh'fhalbh e 's chuir e poit mhòr os cionn an teine agus lìon e de dh'uisge i. Agus nuair a bha i air ghoil, thog e am bogsa 's dh'fhosgail e e, agus thilg e an nathair beò mar a bha i anns an uisge a bh' air ghoil. Cho luath 's a bha i anns an uisge, thòisich e le pìos maide a' cur mu chuairt, mu chuairt, mu chuairt mar gum biodh duine a' cur mu chuairt brochan, ò, gun stad, gun stad. Ach dìreach nuair a bha e ann am meadhan na h-obrach seo, cò thàinig a-staigh ach fear le cabhag, ga iarraidh le cabhag, cuideigin a bha fiadhaich bochd agus gum feumadh e dol ann air ball. Dh'fhalbh e, ach mun d' fhalbh e thuirt e ris... thug e am bioran don bhalach 's thuirt e ris:

"Nis, a laochain," ars esan, "cùm sin a' dol mu chuairt, mu chuairt gus an till mise. Agus air do bheatha," ars esan, "na blais meur dheth. Na blais meur idir dheth," ars esan.

Agus bha e furasta gu leòr don bhalach a ghealltainn nach blaiseadh e e, a chionn cha robh e a' smaointinn idir gur e brot air a dhèanadh dhen nathair a bhith... gum biodh e math ri òl. Agus chùm e am brot a' dol 's am brot a' dol, ach bha i a' spriodal a-mach, a' spriodal a-mach spriodagan tetha, agus thàinig fear de na spriodagan seo 's fhluich e air cùl a làimhe e, agus a' stad a' phian chuir e a theanga air mar siud. Chuir e a theanga air, a' stad a' phian. Agus an ceann greis thàinig am bodach air ais.

"Nis," ars esan, "an do bhlais thu na tha sa phoit?"

"Cha do bhlais mise, gu dearbh," ars esan. "Ach aon rud," ars esan, "thàinig boinne teth air mo làimh agus thug mi dheth lem theangaidh e."

"Ma rinn thu sin," ars esan, "chan fhiach na tha sa phoit tuillidh. Agus an àite mise a bhith gad ionnsachadh air dotaireachd, 's ann a thèid agad a-nis air mise ionnsachadh. Tha a h-uile nì a bhuineas don dotaireachd agad cheana ann 'ad làmhan."

Sin agaibh mar a thòisich na h-ollachan Muileach an toiseach. Creidibh e no na creidibh. Chan eil teagamh sam bith nach d' fhàs mòran de na daoine sin fìor ainmeil air leigheas.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good