Search

Nighean Iain Pheutain.

Date 1953
Track ID 2750
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.049.B8

Original Tape ID

SA1953.049

Summary

John Beaton recommended that children should eat nettle soup after he found a frog in his daughter's body.

John Beaton's daughter died; he dissected her body and found a frog. He asked a family to look after the frog and feed it everything they ate themselves. The frog died after the family ate nettle soup. He recommended that each family in the Gàidhealtachd give their children nettle soup, three times in the month of March to kill any foreign bodies. The contributor says that this custom continued in the area in his youth.

Item Subject/Person

Peutan, Iain

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

An Caiptean Dùghall MacCormaig (DM): Iain Peutan, fear cho ainmeil 's a bh' ann. Tha an leac aige ann an Rèilig Òdhrain ann an Ì an-diugh, Iain Peutan. Sin am fear a b' ainmeile den teaghlach air fad, agus 's iomadh leigheas neònach a rinn e.

Ach bha nighean aige, agus bha ise ann an euslaint, 's bha i a' dol air a h-ais, a' dol air a h-ais. Cha b' e caitheamh a bh' oirre, ach cha do thuig e riamh dè bha ceàrr oirre, ach mu dheireadh thàinig am bàs oirre. Agus cha robh e idir toilichte nach robh fhios aige... nach b' urra dha dad a dhèanadh airson an aona nighean a bh' aige. Agus dh'fhosgail e a corp agus fhuair e na stamaig losgann, 's i beò. Thug e an losgann a-mach agus chuir e ann an saothach i, agus thug e air muinntir an taighe a cur ann an uisge agus a bhith aig an aon... aig an aon bhlàths 's teas ri corp duine, cho math 's a b' urra dhaibh co-dhiù. Agus dè sam bith biadh a bhiodh aca anns an taigh, iad a thoirt beagan don losgainn.

Bha e air a dhèanadh gu cùramach, dèanadh sin a h-uile latha, 's bha an losgann gu gasta ann an siud anns an t-saothach san robh i, 's i a' faotainn 's i a' fàs reamhar. Ach bha uair an seo thàinig air Iain Peutan falbh, agus nuair a thill e dhachaigh cha robh fhios aig na mnathan air an t-saoghal dè theireadh iad ris. 'S cha robh fhios aca dè mar a dh'innseadh iad dha, ach bha an losgann marbh. Agus bha iadsan a' smaointinn gur e an gaol a bh' aige air an losgann a chionn gur e mar gum biodh pàirt den nighean aige a bh' ann. Ach cha b' e sin a bh' ann idir. Dh'innis iad dha mu dheireadh gun robh an losgann marbh.

"Agus cuin a mharbh sibh i?"

"Ò, cha do mharbh sinn i. Cha do mharbh sinn i. Ach rinn sinn mar a dh'iarr sibh oirnn. Dh'iarr sibh oirnn beagan de gach biadh a bhiodh againn thoirt don losgainn, agus rinn sinn sin. Bha latha seo anns a' Mhàrt, agus thug sinn dhi brochan feanntaig, dìreach mar a bhiodh againn fhìn, agus cha luaithe a dh'ith i am brochan feanntaig na bha i marbh. Sin agaibh dè a mharbh i 's cha robh àrach againn air."

"Ò chan eil," ars esan. "Ah, nach bu dlùth... nach bu dlùth dom làimh," ars esan, "leigheas mo nìghneig òig, nan robh fhios agam dè leighiseadh i. Tha mi a-nis a' toirt comhairle don a h-uile teaghlach air a' Ghàidhealtachd, nuair a thigeadh mìos a' Mhàirt, brochan feanntaig a thoirt trì uairean ann am mìos a' Mhàirt don chlann, a chionn cha bhi dad a bhios an taobh a-staigh dhiubh de sheòrsa sam bith nach marbh am brochan feanntaig."

Agus a bheil fhios agaibh, far an deach mi fhìn a thogail, bha a h-uile dad dheth sin air a dhèanadh, agus 's e brochan brot feanntaig, brot fiadhaich taitneach ri òl, no ithe, ge bith dè their sibh ris.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good