Search

Prògram Choinnich

Track Information

Summary

Family heirlooms.

Farquhar MacLennan, Iona MacDonald and Christina MacPherson tell about the interesting objects that have been in their families for more than a generation, and what they mean to them.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Agnes Rennie (AR): Cò mheud duine againn aig a bheil seann dealbh, no ornament, no 's dòcha aodach a th' air a bhith anns an teaghlach thairis air barrachd air aon ginealach? Bidh a sgeulachd fhèin an lùib gach aon dhen a seo; uaireannan èibhinn, agus uaireannan rudeigin tiamhaidh. Ach iomadh eisimpleir againn air a seo, agus tha triùir còmhla rinn an-diugh le 'n sgeul fhèin air na gnothaichean a th' anns an teaghlach aca fhèin. An toiseach, tha mi a' dol a bhruidhinn ri Fearchar MacIllFhinnein. Fhearchair, tha mi a' tuigsinn gu bheil sibhse agus rud a tha gu math annasach anns an teaghlach agaibh fhèin?

Fearchar MacIllFhinnein (FM): Madainn mhath dhut, Agnes. Gu dearbha, tha. Tha lampa agamsa, solas a chrochas tu ann am meadhan seòmair, agus 's e sin tiodhlaic a fhuair mo sheanair 's mo sheanmhair dar a phòs iad ann an naoi ceud deug sia air fhichead. Sin anns a' Ghearmailt. Tha cumadh car iongantach an sin. 'S e lampa umha, agus tha e coltach ri bobhla anns a' mheadhan le còig spògan, agus air ceann gach spòig tha seòrsa soithich - 's e soitheach... soitheachan glainne a th' ann, ann an sin, agus os cionn sin tha na guic a' dol. Tha sin crochte againn ann ar taigh ann an Glaschu, agus gu dearbha tha e gu math snog, agus tha... 's ann às an aon linn a thàinig sin far an do thogadh an taigh a th' ann an Glaschu againn.

Ach tha beagan a dh'eachdraidh eile anns an t-solas sin. Mar a bha mi ag ràdh, bha sin aig mo sheanair 's mo sheanmhair, agus ghluais iad an siud 's an seo, mòran an ceann a tuath na Gearmailt, ach deagh phàirt dhen ùine, 's gu h-àraidh ri linn a' chogaidh, aig cogadh Hitler, bha iad faisg air Kiel. Nis, fhuair Kiel an t-uabhas a bhomaichean aig an àm sin, agus bha... deagh ùine a bha iad a' fuireach ann an sin, ann am fàrdraich far an robh na taighean os an cionn dìreach air an spreadhadh. Cha robh ach mullach air an t-seòmar agus an uair sin cha robh mullach ceart air an taigh idir. Mar sin bhiodh an t-uisge a' drùdhadh ann an sin, agus gheàrr mo sheanair dheth an dealan dhan t-solas sin, agus bhiodh aig mo sheanmhair ri uisge a thaomadh a-mach às na soithichean sin uaireannan. Agus thug iad na soithichean glainne air falbh, agus bha uimhir a chrathadh leis na bomaichean 's gum biodh iad air am bristeadh a-nis ma-thà, nam biodh iad air fuireach air an lampa sin. Ach an dèidh a' chogaidh thug iad a-mach sin a-rithist agus chàirich iad sin, agus tha an solas sin againn a-nis ma-thà, gu math deàlrach, agus gu math iongantach gu dearbha.

AR: Agus an e an seòrsa rud a th' ann, Fhearchair, a tharraingeas d' aire nuair a chì thu e? Am faithnich thu gu bheil e an aois mhòr a tha seo?

FM: Ò tha mi a' smaoineachdainn gur e. Gur e... ri linn sin, anns na ficheadan, bha... bha saoghal an ealain a' gluasad gu mòr, agus chì thu gu bheil lampa dhen t-seòrsa sin car eadar linn 's gum biodh candelabra ann - tha e gu math fìnealta agus mòr agus trom - agus na solais a th' againn san latha an-diugh a tha car aotrom, air nach eil mar as àbhaist ach trì dhe na guic aig a' chuid as motha, ach ann an seo 's e còig, agus 's e àireamh car neònach ann an còig cuideachd.

AR: Tha mi a' creidsinn, ann an dòigh, Fhearchair, nach eil... nach gabhadh prìs a chur air an rud a tha seo dhut fhèin. Dè fèar a tha e a' ciallachadh dhuibh anns an teaghlach?

FM: Uill, dhòmhsa gu dearbha 's e cuimhneachan air mo sheanair 's mo sheanmhair, agus cuideachd air an t-strì a dh'fheumadh iad a bhith a' dèanamh ri linn a' chogaidh, agus air na dh'fhuiling iad ri linn 's gun robh bomaichean 's a leithid ann. Agus bha e a' falbh leotha gu iomadh dachaigh far an robh iad a' fuireach anns a' Ghearmailt, agus mar sin tha e a' ciallachadh mòran dhomh. Agus fiù gu deireadh a latha bha sin aig mo sheanmhair, agus an uair sin aig mo mhàthair treis mun tug i sin dhòmhsa. Agus 's e rud a tha car iongantach 's gun robh a dithis bhràithrean ag iarraidh sin a thilgeil a-mach. Thuirt iad, 'Och tilg an sgudal sin a-mach', ach cha robh mo mhàthair ro dheònach sin a dhèanamh idir, agus thug i sin dhuinn, agus ghlan sinn sin agus a-nis...

AR: Tha sibhse taingeil air a sin.

FM: Gu dearbha, tha.

AR: Fuirich... fuirich còmhla rinn, Fhearchair. Tillidh mi thugad ann am mionaid no dhà. Tha mi a-nise airson bruidhinn ri Iona NicDhòmhnaill anns an Eilean Sgitheanach. Iona, tha mi a' tuigsinn gu bheil rudeigin agaibhse, anns an teaghlach agaibh fhèin, a tha gu math annasach cuideachd?

Iona NicDhòmhnaill (IN): Tha gu dearbh. Uill, tha ioma rud againn ceart gu leòr, ach...

AR: Ach aon rud... aon rud gu h-àraid.

IN: An rud as prìseil dhuinn, 's e bratach, bratach shìoda. Crois Naomh Anndra a th' ann, agus 's e an rud a tha annasach mu deidhinn, thug Banrigh Bhictòria do bhràthair mo shinn-sheanar e, aig... ann an ochd ceud deug trì fichead 's a h-aon, aig cruinneachadh nan Gàidheal ann an Glaschu, agus 's e am pìobaire a b' òige, tha mi a' creidsinn, anns an Arm aig an àm, agus sin an adhbhar a thug Bhictòria dha e. 'S e pipe banner a th' ann, mar a chanadh iad.

AR: Dè mheud a th' ann, Iona? Dìreach 's gum bi dealbh againn air. Dè mheud a chanadh tu a th' ann?

IN: Uill, rudeigin mar duilleag A-three, nam biodh fhios agad dè tha sin.

AR: Sin man, can... can, troigh gu leth? Ochd òirlich deug no mar sin?

IN: Rudeigin mar sin. Agus tha e gorm 's geal, agus tha iomall air cuideachd a tha geal.

AR: Agus an e embroidery a th' air?

IN: Ò chan e. Chan e. Ach dìreach pìosan agus... uill, tha fuaghal gu math grinn air cuideachd, ach dìreach gun do chuir i fhèin na pìosan ri chèile, mar gum bitheadh.

AR: Ò 's e a-rèist a' bhanrigh Bhictòria fhèin a chuir a' bhratach a bha seo ri chèile, an e?

IN: Uill, sin na tha sgrìobhte anns a' phàipear... sna pàipearan-naidheachd co-dhiù, gun do rinn i leis a làmh fhèin i.

AR: Nise, an e rud a tha seo a dh'fheumas coimhead às a dhèidh ann an dòigh sònraichte airson... airson gum fuirich an sìoda a tha sin brèagha?

IN: Uill, tha mi cinnteach gum bu chòir dhuinn a bhith nas... nas faiceallaiche leatha na tha sinn, ceart gu leòr, ach tha sinne dìreach ga cumail ann am bogsa, air falbh bho solas 's teas 's rudan dhen t-seòrsa sin, agus... uill tha breacan liath a' tòiseachadh air a-nis, ach chan eil e dona, agus tha mi cinnteach nan cuirinn gu... gu cuideigin ann an Glaschu no ann an Lunnainn a tha eòlach air rudan dhen t-seòrsa sin gum b' urrainn dhaibh beagan càradh a dhèanamh oirre.

AR: Uill, còmhla rinn cuideachd ann an Dùn Èideann, tha Cairistìona Chamshron Nic a' Phearsain. A Chairistìona, tha mi a' tuigsinn gur e rud tur eadar-dhealaichte a th' agaibhse anns an teaghlach agaibh fhèin ann a shin? Aon rud co-dhiù.

Cairistìona Chamshron Nic a' Phearsain (CN): Uill tha na h-uimhir a rudan againn ceart gu leòr, ach chan eil fhios a'm...

AR: Ach tha bobhla... tha bobhla annasach agaibh?

CN: Tha bobhla airgid againn a fhuair seanair an duine agam airson Best Ayrshire Cow anns an naodhamh linn deug, toiseach... fìor thoiseach na naodhamh linn deug ann an Gorgie. Bha tuathanachas aige ann an Gorgie. Nise, far a bheil taighean 's bùithtean 's warehouses gu leòr, ach aig an àm ud bha crodh mairt... crodh bainne aige, agus 's e sin a bha e a' cumail, 's bha e a' cumail eich cuideachd, ach fhuair e siud agus... 's e rud a chanas iad ris anns a' Bheurla, 's e punchbowl a th' ann, agus chanainn...

AR: Ò seadh. Dè cho mòr 's a tha...

CN: Dè?

AR: Dè cho mòr 's a tha e, a Chairtistìona?

CN: Uill chanainn gun toilleadh e mu dheich bhotail fìon. Fhios agad, bidh iad a' cur... a' dèanadh mulled wine ann, agus bidh lodar agad, agus bidh tu ga lìbhrigeadh a-mach mar sin leis an lodar, às a... às a' bhobhla, agus chan urrainn mi a dhìochuimhneachadh bhon tha agam ri ghlanadh bho àm gu àm. Sin a' bhochdainn.

AR: Sin a' bho-... tha a-nise, tha am bobhla sin air a bhith anns an teaghlach agaibh iomadach bliadhna a-rèiste?

CN: Iomadach bliadhna. Nineteen hundred, dìreach.

AR: Agus càit a-nise an lùigeadh tu faighinn am bobhla sin a bhith, can, ann an ceud bliadhna eile?

CN: Càit am bi e?

AR: Càit an lùigeadh tu am bi e.

CN: Uill, tha mi an dòchas gum fàg mi aig cuideigineach e a chuireas meas air.

AR: Meas air man a tha sibh fhèin air a bhith a' cur air?

CN: Dìreach sin. Dìreach sin.

AR: Iona, càit an lùigeadh tu fèin bratach Banrigh Bhictòria a bhith ann an ceud bliadhna eile?

IN: Uill, dìreach an aon rud. Gum fàgainn aig cuideigin a bhios gu math measail oirre.

AR: Agus a bheil... a bheil sibh fhèin mar theaghlach, a bheil sibh a' dèanamh cinnteach gu bheil... gu bheil sgeul... sgeul agus eachdraidh a' bhrataich, gu bheil... gu bheil fhios aig a h-uile duine anns an teaghlach oirre?

IN: Ò, tha iad a' cluinntinn mu deidhinn nuair a tha iad glè òg.

AR: Air a bhios iad... Fhearchair, an lampa agaibh fhèin, càit... càit am bi tu fèin airson an lampa bhrèagha a tha sin a bhith ann an ceud bliadhna eile?

FM: Ò gu dearbha, tha mi... tha mi an dòchas gum bi sin aig an teaghlach fhathast, ge be cò an ginealach a dh'fhaodadh a bhith ann aig an àm, ach...

AR: Agus a bheil... agus a bheil sibhse... tha sgeulachd mhòr an lùib an lampa sin agaibhse, agus sgeulachd a tha gu math toinnte ann an dòigh, gu dearbha. A bheil sibh a' dèanamh cinnteach gu bheil... gu bheil an teaghlach agaibh fhèin anns an fharsaingeachd, gu bheil iad eòlach air an sgeulachd?

FM: Ò tha mi a' smaoineachdainn gu bheil, agus ghabh mi an dragh 's gus am bithinn a' teagasg na Gearmailtis dhan dithis bhalach againn cuideachd, agus mar sin, tha cothrom aca fiù faighinn a-mach bho an seanmhair beagan mun eachdraidh mun lampa sin.

AR: Agus... eachdraidh an teaghlaich agus eachdraidh... eachdraidh an lampa gu dearbha?

FM: An dà chuid. An dà chuid. Bha mo mhàthair eòlach air an lampa sin o chionn fhada, agus cho fad 's a tha cuimhn' aice bha sin aca aig an taigh, crochte ann an àiteigin.

AR: Uill, mo thaing mhòr dhan an triùir agaibh gu dearbha an-diugh. Iona NicDhòmhnaill anns an Eilean Sgitheanach, Cairistìona Chamshron Nic a' Phearsain ann an Dùn Èideann agus Fearchar MacIllFhinnein airson sgeulachd gu math prìseil innse dhuinn mu dheidhinn gnothaichean anns an teaghlach agaibh fhèin.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good