Search

Soraidh leis an Àit'

Date March 1963
Track ID 28455
Part 1

Track Information

Original Track ID

Sa1963.05.A4

Original Tape ID

SA1963.005

Summary

The poetess Mary MacPherson speaks lovingly of the area of Skye in which she grew up. She describes some of the sights of her native island in detail.

Item Notes

Six verses sung. The song was composed by the Skye poetess Mary MacPherson (1821 - 1898).

See:
'Màiri Mhòr nan Òran' (ed. Donald Meek) p. 62
'Òrain an Eilein' (ed. C. Martin) p. 31

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Soraidh leis an àit', san d' fhuair mi m' àrach òg,
Eilean nam beann àrda, far an tàmh an ceò;
Air am moch a dh'èireas, grian nan speur fo ròs,
Fuadach neul na h-oidhche, soillsleachadh an Stòrr.

Seallaidhean bu bhrèagha a-riamh chan fhaca sùil,
Sprèidh a-mach gam feurach madainn ghrianach chiùin;
'S an uiseag air a sgiathan, a' seinn gun fiamh a ciùil,
'S an ceò mu cheann Beinn Dìonabhaig is a sliabh fo dhriùchd.

Seall bho Chaisteal Ùisdein, feasgar ciùin gun cheò,
'S a' ghrian a' dol don iar 's a dreach air fiamh an òir;
'S an cuan na leabaidh shìos is iasg ann dhe gach seòrs',
'S a' mhuir ag èirigh suas aig ceann bòrd uain' 'icLeòid.

Flòdaigearraidh sgiamhach, càit 'eil d' fhiach do ghrunnd,
B' ainmeil do chrodh dàrach a dh'àraicheadh air tom;
Nuair a thig an oiteag o Lochlann oirnn a-nall,
Sèideadh air Sròn Bhiornail cùbhraidh gaoth do bheann

Creag Shniosdail nam biatach is fraoigh-nigh' sìos gu bonn,
'S an loch aig a casan a shnàmhadh coit is long;
Ged 'iodh fear ann le prosbaig, chan fhaiceadh e 'n grunnd,
Far na nigh Fionn a chasan, gun d' dh'fhag e 'n t-uisge donn.

Na muigh air cnocan uaine air guala Saigh-Bheinn,
Seall gach taobh mun cuairt dut, eadar cuan is tìr;
Sgorra Breac nan stuagh a thogadh suas na suinn,
'S Dòmhnallaich nam buadh cur snuadh air Port an Rìgh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good