Search

Raghnall Dòmhnallach agus an spiorad gun cheann.

Date May 1954
Track ID 28497
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.49.1

Original Tape ID

SA1954.049

Summary

Ronald MacDonald and the headless ghost.

Ronald MacDonald was reknowned for his strength. One day he defeated the headless ghost of a woman who had been troubling the people of Camusdarroch for some time. Before setting her free, she promised never to trouble them again, and sang 'Is Fhada Bhuam Fhìn Bonn Beinn Eadarra' in the parting.

Item Subject/Person

MacDonald, Ronald

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Glenelg

Village/Place - Morar

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Raghnall MacIllEathain (RM): Bha... bha duine làidir, 's e Raghnall... Raghnall Dòmhnallach, fear de Chlann 'ic Dhùghaill. Bha e a' fuireach ann an Cros. Agus bha mac piuthar aige, agus chaidh... chaidh... chaidh am boireannach seo a mharbhadh air achadh anns a' Chamas Darach, an ceann a chur dhith.

Calum MacIllEathain (CM): 'S carson a chaidh an ceann a chur...

RM: Agus chuir iad a-mach air a chèile mu na h-iomraichean a bha iad a' gearradh, an coirce.

Agus bha i a' cur dragh air feadhainn a bha a' gabhail an rathaid, gu h-àraid air an oidhche. Agus chaidh an gille seo le gunna, a' dol ga tilgeil, agus an àite a tilgeil 's ann a fhuair iad marbh e fhèin làrna-mhàireach agus an gunna air a toinneamh mu amhaich.

Agus an seo chaidh... chaidh an duine, Raghnall fhèin, sìos agus rug e oirre, agus thug e leis air a mhuin i. Agus dar a thàinig i [?air fearann 'ic an Tòisich], don Chros, ghrìos i air a leigeil às, 's cha robh e airson sin a dhèanadh. Ach chùm i oirre ag iarraidh às. Agus mu dheireadh, leig e às i, 's ghealladh i nach chuireadh i dragh air fuil fìne a bhuineadh dha gu bràth tuilleadh.

Agus chuir i suas an t-òran, "'S fhada bhuam fhìn Bonn Beinn Eadarra, 's fhada bhuam fhìn Bealach a' Mhorghain."

CM: Seadh, 's seinn sibh e.

RM: Ò, chan eil agamsa ach siud dheth.

CM: Seadh.

RM: Chan eil.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good