Search

An nighean gun làmhan.

Track Information

Original Track ID

SA1971.43.A3+B1

Original Tape ID

SA1971.043

Summary

King's daughter's hands cut off.

The king had one daughter. His wife died and he remarried. Eachlair Amhlair told the new queen that her stepdaughter would inherit everything if the king was to die. She didn't want the girl harmed. Eachlair Amhlair burnt a special tree, killed a dog, and broke a horse's leg. The girl was blamed each time. The king finally took her far from the palace and cut off her hands. She hoped that a splinter would go into his heel which only her hand could remove. He abandoned her.

A doctor on horseback found her, took her home, and treated her wounds. The king regretted his actions. A splinter entered his heel as he paced the floor during the night, and his leg became infected. No one could help.

The girl and the doctor had a child. His mother looked after the girl and the baby. The doctor was summoned to treat the king. The queen learned that her stepdaughter was living with him. She sent a letter supposedly from the doctor saying he knew about her past and would kill her if she was still there on his return. His mother tied the child and food to her and she fled.

She stopped at a loch for a drink but the baby tumbled into the water. She could not save it and prayed for hands, and her hands were restored. On his return, the doctor understood what had happened and went to search for her. He found her in a house where she was being well looked after. He told her he was treating her father unsuccessfully. She asked to go and cured him by her own hand. The king ordered that the queen and Eachlair Amhlair be burned to death. The girl and the doctor married.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT706

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mise mar a bha siudach a bh' ann, rìgh a bh' ann. Agus bha e pòsta agus cha robh aige ach aon nighean nuair a bhàsaich a bhean. Agus phòs e seothach an ceann ùine às a dhèidh sin tè eile. Agus bha i fhèin 's an nighean a-staigh 's bhiodh esan air falbh daonnan anns a' bheinn-sheilg, an rìgh. Tha e coltach leam gura h-e an cosnadh a bh' aig na rìghrean a bh' ann an uair sin co-dhiù a' falbh a' sealgaireachd 's a' sportadh air feadh...

Agus bha an nighean, bha i air fàs suas na... na h-ighinn mhòir an uair sin, an àm a bha seothach. Agus cò thàinig an rathad an taighe seothach ach an Eachlair Amhlair. Agus dh'fhaighneachd i dhen bhànrighinn, seadh, gu dè mar a bha i fhèin 's an rìgh a' faighinn air aghaidh. 'S ò, bha glè mhath; cha robh sìon ceàrr. 'S dè mar a bha i fhèin 's an nighean a' faighinn air aghaidh. 'S ò, cha robh sìon aice seo ach mar gum biodh an nighean leatha fhèin. Agus:

"An-tà," ars ise, "'s tu tha gòrach."

"Carson?" ars a' bhànrighinn.

"Ma bhios an rìgh marbh a-màireach," ars ise, "'s beag do chuid-se," ars ise, "dheth seo," ars ise. "'S e an nighean a dhleasas e," ars ise, "agus cha bhi agadsa," ars ise, "ach fhad 's a dh'fhàgar ann thu."

"Ò ged a bhitheadh mar sin fhèin," ars ise, "chan eil mise a' dol a chur... dèanamh dad ceàrr air an nighinn."

"Uill," ars ise, an Eachlair Amhlair, "faodaidh sinn feuchainn oirre air an dòigh a tha sin nach dèan a h-aon againne dad ceàrr oirre," ars ise.

Agus 's e an rud a rinn sin: bha fàlairidh aige a dh'fhàg athair aige, agus saigh mhial-choin aige, a dh'fhàg athair aige. Agus bha craobh anns a' ghàradh aig a' phàileis agus bha i a' cur suas an darna leth a mhàl an àite de mheasan dhith a h-uile bliadhna. Agus 's e seo an rud a rinn iad; rinn iad... rinn an Eachlair Amhlair suas sgeama gun cuireadh iad teine ris a' chraoibh a bha seothach a-màireach. Agus 's e seo an rud a rinneadh. Nuair a dh'fhalbh an rìgh, nuair a thàinig ise, an dèidh dhan rìgh falbh, chuireadh teine ris a' chraoibh.

"Agus cuiridh tu a-nist," ars an Eachlair Amhlair, ars ise, "canaidh tu ri h-athair," ars ise, "gur e an nighean a chuir ann... a rinn e."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Mhilleadh a' chraobh. Agus nuair a thàinig an rìgh dhachaigh thug e an aire dhan chraoibh. 'S dh'fhaighneachd e cò rinn an dìol a bha siud air a' chraoibh. 'S thuirt a' bhànrighinn gun do rinn an nighean.

Uill, cha robh gabadh aig an nighinn ri ràdh agus ghabh... ghabh a h-athair leis gura h-i a rinn e.

"Uill," ars esan, "leigidh sinn siud leatha... leatha fhathast," ars esan.

Agus an làrna-mhàireach nuair a dh'fhalbh an rìgh dhan bheinn-sheilg thàinig an Eachlair Amhlair. Agus mharbhadh an t-saigh mhial-choin a dh'fhàg athair aige. Agus nuair a thàinig an rìgh dhachaigh dh'innis a' bhànrighinn dha gun do mharbh an nighean an t-saigh mhial-choin.

"Ò uill," ars esan, "tha e uabhasach neònach," ars esan, "ach leigidh sinn leatha sin fhathast," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Nuair a dh'fhalbh e an làrna-mhàireach dhan bheinn-sheilg thàinig an Eachlair Amhlair. Agus bhrist i cas na fàlairidh a dh'fhàg athair aige. Agus nuair a thàinig an rìgh dhachaigh dh'innis a' bhànrighinn dha gun do bhrist an nighean cas na fàlairidh.

"Ò uill," ars esan, "nam bithinn air a cronachadh," ars esan, "anns a' chiad rud," ars esan, "math dh'fhaodte nach biodh seo mar seothach an-diugh," ars esan. "Ach cha... cha leig sinn leatha," ars esan, "nas fhaide."

Agus fhuair e bian agus tharraing e a-mach beothach eich a bh' aige agus dh'iarr e oirrese falbh còmhla ris. Dh'fhalbh i, an nighean, còmhla ris. Chuir e air a chùlaibh air a' bheothach eich i. Agus bha iad a' falbh.

Bha seo an oidhche a' teannadh orra 's thuirt an nighean ris:

"Tha e cheart cho math dhuibh," ars ise, "athair," ars ise, "ge brith gu dè tha sibh a' dol a dhèanamh ormsa," ars ise, "a dhèanamh orm," ars ise, "oir 's gun toir," ars ise, "gum bi agaibh an latha 's na bheir dhachaigh sibh," ars ise.

Cha do leig e air gun cuala e i. Ach co-dhiù chaidh e pìos eile air aghaidh. Agus stad e am beothach eich agus thug e far na fàlairidh i. Thug e ise a-nuas far a' bheothach eich. Agus thug e a-mach an claidheamh agus thilg e dhith an dà làimh.

"Seo," ars esan, "cha dèan thu an còrr," ars esan, "a chron... a chron leotha sin tuilleadh," ars esan.

"An-tà," ars ise, "chan eil mise ag iarraidh," ars ise, "a dh'òrdachadh," ars ise, "ach bior," ars ise, "a dhol an sàil... sàil na coise deise agaibhse," ars ise, "agus," ars ise, "nach eil a dheas sgil air an t-saoghail," ars ise, "no de dhuine eile," ars ise, "a bheir às e," ars ise, "no a chuireas air dòigh e," ars ise, "gus an toir deas-làimh ur ciad nighean às e."

"Uill," ars esan, "bidh e fada ann."

Agus 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh esan 's bhuail e am beothach eich 's tharraing e air falbh 's dh'fhàg e ann a shiud i, a' sileadh na fala.

Uill, bha an oidhche... thàinig an oidhche an seo. Agus cha do rinn ise ach i fhèin a bhualadh aig... aig taobh an rathaid far an robh i. Agus dè bha a' tighinn an rathad ach... ach marcaiche, agus chuala e mar gum biodh [?mialan] de... de ghearan no de... no de chaoineadh ri taobh an rathaid. Bha an oidhche dorcha.

Agus thàinig e far muin a' bheothaich eich agus thòisich e air coimhead agus thug e an aire dhan bhoireannach a bha siud agus gun làmhan agus i làn fala. Agus chaidh e sìos far an robh i agus bha i dìreach beò ann a shin ach cha robh smid aice ri chantail.

Dh'fhalbh e agus gu dè bh' ann... 's e dotair a bh' ann. Agus dh'fhalbh e agus ge brith an robh rud aige co-dhiù, stamh e suas a làmhan, ceann nan làmhan aice, na bh' air fhàgail oirre dhiubh. Agus thog e leis i agus chuir e air a... air a bheulaibh air a' bheothach eich i. Agus tharraing e air an taigh.

Ràinig e an taigh 's bha a mhàthair 's i bha còmhla ris. Bha e gun phòsadh no sìon 's cha robh duine còmhla ris ach e fhèin 's a mhàthair. Agus dh'innis e dha a mhàthair mar... am boireannach a bha seo a thachair ris agus an dà làimh air an toirt dhith. Agus cha robh iad fada air an toirt dhith - bha e ag ràdh gun robh an fhuil gun reothadh orra. Agus chuir e air dòigh i co-dhiù an uair sin. Ghlan e... thug e dhith na starran agus nigh 's ghlan e i 's chuir e stuff oirre agus dhreasaig e suas air ais i.

Agus co-dhiù seothach bha... bhiodh esan air falbh a h-uile latha, an dotair. Agus bhiodh i fhèin 's màthair an dotair a-staigh. Agus dh'innis i seothach do mhàthair an dotair co-dhiù mar a rinneadh, mar a rinneadh oirre. Agus...

Ach co-dhiù seothach, tillidh sinn ri a h-athair a-nist. An oidhche ud a chaidh e dhachaigh an dèis na làmhan a thoirt dhithse, bha an t-aithreachas air, an rud a rinn e. Agus an dèidh dha a dhol dhan leabaidh dh'èirich e agus bha e a' spyigeadh air feadh an rùim. Agus uair dhe na h-uairean seothach dh'fhairich e sàthadh a' dol san t-sàil dheas aige. Agus co-dhiù seothach chaidh e dhan leabaidh agus thòisich a chas ri iongrachadh às a dhèidh seo.

Agus thòisich a h-uile seòrsa fear-sgil a bh' ann mu dheidhinn bha iad a' smaointinn, no chìte ainm an àite sam bith bhathar a' cur ga iarraidh, agus cha robh duine a' dèanamh sìon leis. Ged a dhèanadh iad rud ris cha robh esan ach mar a bha e roimhe.

Uill, bha an dotair a-nis... gu dè rinn an dotair ach tuiteam leathase. Bha i na boireannach brèagha. Agus bha pàiste aice bhuaithe. Agus cha robh... 's e màthair... a mhàthair 's i a bhiodh a' làimhseachadh a' phàiste. Cha robh rathad aicese air a làimhseachadh 's gun làmhan oirre. Agus 's i a bhiodh ga biathadh fhèin, a' toirt dhi biadh 's ga... Agus bha i fhèin 's màthair an dotair bha iad glè rèidh air a chèile.

Agus co-dhiù seothach, bha iad ann a shin agus bha an rìgh, bha e a-staigh agus cha robh rathad aige air tighinn à leabaidh a-nist idir. Cha b' urrainn dha a chas a chur fodha idir. Agus bha an dotair, bhiodh e air falbh, ach co-dhiù seothach fhuair e brath, an dotair a bha seothach, fhuair e brath bhon rìgh airson a dhol thuige, ga choimhead, feuch an dèan-... an rachadh aige air sìon a dhèanamh ris.

Agus gu dè fhuair a muime a-mach ach gur e seo an dotair aig an robh ise, gun robh i ann an taigh an dotair seo. Agus gun robh pàiste aice. Agus thàinig an dotair co-dhiù chun an rìgh. Agus dh'fhalbh a muime agus sgrìobh i litir agus chuir i messenger air falbh leatha, leis an litir thuicese, a thaigh an dotair a bha seothach. Agus bha e anns an litir, nam biodh i a-staigh roimhesan, a' bhana-mhèirleach, agus gur b' fhurasta aithneachadh gur e sin a th' inn-... a bh' innte mun do chaill i na làmhan, nach... gun rachadh a losgadh agus an luath aice a leigeil leis a' ghaoith, agus cho luath 's a rinn i riamh a bhith a' clìoradh air falbh às a siud.

Agus ràinig an litir seo an uair sin, agus 's e màthair an dotair, 's i dh'fhosgail an litir agus a leugh a-mach dhìse i.

"A Dhia," arsa màthair an dotair, "nach eil mo Dhia gam fhaicinn. Dè tha mi a' dol a dhèanamh riut?" ars ise.

"Ò dè," ars ise, "a th' agamsa ann ach am bàs co-dhiù," ars ise. "Nach coma... tha mi coma," ars ise. "Feumaidh mise," ars ise, "clìoradh air falbh à seo," ars ise, "mun tig e co-dhiù."

Agus rinn i deiseil a-nist airson falbh an làrna-mhàireach. Cha bhiodh an dotair fada gun tighinn co-dhiù. Math dh'fhaodte gum biodh e a' tighinn an latha sin fhèin. Agus dh'fhalbh màthair an dotair agus chuir i am pàiste... cheangail i am pàiste air a muin, air a... air a cùlaibh. Agus chuir i rud anns an robh biadh, chuir e fo... chuir i fo smigeid ann a sheothach e agus e ceangailte air cùl a cinn, oir 's nach robh aice ach a ceann a chromadh agus gun ruigeadh i air rud a thoirt às a dh'itheadh i.

Uill, dh'fhalbh nighean an rìgh agus am pàiste aice. Agus bha i a' falbh agus cha robh duine a' tachairt rithe no sìon. Agus bha i coma co-dhiù. Agus gu dè a-nist a ch-... an rud a bha a' tachairt rithe anns an àite far an robh am biadh an seothach ach càise. 'S e bu trice a bha a' tachairt rithe, bu ghiorra dhi, bha i a' faighinn grèim air. Agus bhuail am pathadh air deireadh i, agus bha i a' sìor choimhead feuch am faiceadh i àite anns am faigheadh i deoch òl 's gun làmhan aice a chuireadh i an tacsa rithe fhèin no sìon.

Ach chunnaic i seothach an t-àite a bh' ann a sheothach, seòrsa de locha beag a bh' ann, agus... far am faigheadh i a dhol an tacsa àite agus ruigeadh i air an uisge anns an locha. Leigeadh i a h-uchd ris an àite a bh' ann mar gum biodh botal no rud dhen t-seòrsa sin agus ruigeadh i air an uisge òl às an locha.

Agus 's e seo an rud a rinn i. Chrom i sìos agus... uill, ràinig i air an uisge 's thug i deagh dheoch às. Agus chòrd an t-uisge a-nist rithe cho math. Agus dh'fhalbh i agus thuirt i na h-inntinn fhèin gun toireadh i balgam eile às fhathast mum falbhadh i. Agus chrom i a-rithist an dàrna turas anns a... anns an locha a dh'òl an uisge agus gu dè rinn am pàiste anns an àm a bha i dìreach a' cromadh ach spiod a thoirt às agus chaidh e seachad air a ceann dhan locha.

Agus thòisich i air breith air feuch am faigheadh i greim air an aodach a bh' air na bheul... le beul. 'S chan fhaigheadh. Ò na... Agus thuirt i sineach:

"Ò nach eil a Dhia mhòr... gam fhaicinn," ars ise. "Mo phàiste," ars ise, "mo chiad phàiste ga thoirt gu bhàthadh mu choinneamh mo shùilean," ars ise, "'s gun làmhan orm a bheir às e."

Agus mar... mun tuirt i fac-... leig i facal às a beul bha dà làimh oirre. Agus cha do rinn i ach dìreach ach tàmh a chur air a phàiste agus a thoirt air tìr às an loch.

Uill, chuir i dheth an t-uisg... an t-aodach a bh' air 's chuir i pàirt dhen aodach aice fhèin, [?plaide] dhen aodach a bh' oirre rud... dress no rud air choreigin a chuir i dhith fhèin, chuir i mun phàiste e agus shuain i timcheall air e.

Uill, nuair a rinn i sin dh'fhalbh i an uair sin agus thog i suas an locha agus chaidh i chun an rathaid. Agus chùm i roimhpe agus thàinig i gu ruige ba-... baile a bh' ann. Agus bha taigh iomallach ann a shineach a-mach an iomall a' bhaile, agus thuirt i na h-inntinn fhèin:

"Uill," ars ise, "thèid mi chun an taighe seo co-dhiù airson cuid oidhche."

Agus chaidh i chun an taighe agus bhuail i an doras, agus thàinig boireannach a dh'fhosgladh an dorais. Agus dh'fhaighneachd... dh'fhaighneachd i dhith am faigheadh i cuid na h-oidhche ann a sheo.

"Ò gheibh," ars am boireannach. "Thig thusa a-staigh," ars ise.

Agus... agus bha am pàiste aice. Agus thugadh a-staigh ... am boireannach a-staigh i agus thug i dhi biadh 's chuireadh chun a' bhlàiths i 's a h-uile sìon, 's fhuair i gabhail aice glè mhath. Agus:

"'S ann as fheàrr dhut," ars am boireannach, ars ise, "fanaidh tu còmhla rium fhìn treis ann a sheo," ars ise. "Chan eil agam ach mi fhìn," ars ise, "agus bu mhath leam cuideachd," ars ise, "a bhith còmhla rium." ars ise. "Agus," ars ise, "'s dòcha gum faic thu," ars ise, "gun dèan thu do [???] 's do [???] agus gum faic thu," ars ise, "gu dè," ars ise, "an rud a ghabhas... a gheibh thu... an cosnadh a gheibh thu," ars ise, "airson a dhèanamh, na fhreagras ort."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Ach co-dhiù, tillidh sinn ris an dotair a-nist. Nuair a ràinig an dotair an taigh, chaidh e dhachaigh, dh'fhaighneachd e sa mhionaid cà robh ise.

"Carson," ars a mhàthair, "a tha thu a' faighneachd dhìomsa cà bheil e [sic]," ars ise. "Nach eil an litir ann a shiud," ars ise, "a chuir... a sgrìobh thu fhèin... a sgrìobh thu fhèin," ars ise, "agus a chuir thu thuice?" ars ise. "Airson nam biodh i a-staigh ann a sheothach romhad nuair a thigeadh tu," ars ise, "gum b-... gura h-e a losgadh a dhèante oirre," ars ise, "agus a luath aice a leigeil ris a' ghaoith," ars ise, "a' bhana-mhèirleach agus gur b' fhurasta aithneachadh gur e sin a thug dhith na làmhan.

"Ò," ars an dotair, "cha do rinn mise riamh e," ars esan. "Ge brith cò rinn sin," ars esan, "cha mhise a rinn e," ars esan.

"Ò uill," ars ise, "siud an litir," thuirt a mhàthair, ars ise, "'s leugh fhèin i."

Uill, leugh an dotair an litir 's chunnaic e... uill, bha a mhàthair ag ràdh gun robh e ann.

"Ò chan eil turas agamsa ris," ars esan. "Ach feumaidh mise bhith a' falbh," ars esan. "Gu dè," ars esan, "tha am boireannach sin a' dol a dhèanamh," ars esan, "a' falbh," ars esan, "gun làmhan," ars esan, "agus pàiste air a muin," ars esan, "'s gun rathad aice," ars esan, "air sìon a dhèanamh air a son fhèin," ars esan. "Feumaidh... bidh mise a' falbh a-màireach," ars esan, "feuch am faigh mi ròs oirre," ars esan, "cò an taobh a ghabh [???]."

Uill, 's ann mar seothach a bha. An làrna-mhàireach nuair a ghluais iad thuirt an dotair ri a mhàthair:

"Nist," ars esan, "tha mise a' falbh," ars esan. "Agus," ars esan, "feuch," ars esan, "am faigh mi a-mach," ars esan, "cò an taobh no cò... no am faca duine sam bith i," ars esan, "no dè dh'èirich dhi," ars esan.

Uill, dh'fhalbh e agus bha e a-nist a' falbh agus fada. Agus gu dè thàinig e ach air an àite a bh' ann a sheothach, dìreach air an track air an deach ise, an rathad. Agus bha e a' faighneachd dhen a h-uile duine a thachair ris no a h-uile h-àite a rachadh e bha e a' faighneachd mu... am facas coltas boireannach 's gun làmhan oirre.

Agus ràinig e an taigh a bha seothach, taigh na caillich a bh' ann a sheo, a' bhoireannaich a bh' ann a sheo, far an do dh'fhan ise. Agus chunnaic e ise, agus an Dia, choltaich e rithe ach bha dà làimh oirre. Agus dh'fhaighneachd e dhen bhoireannach a bh' ann a sheothach, dh'fhaighneachd e:

"Cuin," ars esan, "a thàinig am boireannach seo còmhla riut?" ars esan.

Dh'innis am boireannach dha an latha... an oidhche a thàinig i ann, gur ann am beul na h-oidhche, a leithid seo a dh'oidhche, a thàinig i thuice, 's gun do chùm i ann i, gun robh i airson company a bhith còmhla rithe co-dhiù. Agus dh'fhaighneachd e an robh duine còmhla rithe ach i fhèin. 'S thuirt i gun robh pàiste aice. Agus:

"Am faigh mi," ars esan, "facal de bhruidhinn dhan bhoireannach seo bhuat?" ars esan.

"Ò gheibh," ars ise, ars am boireannach," ars ise. "Tha rùm ann a shiud," ars ise, "'s theirig a bhruidhinn rithe."

Uill, chaidh e suas. Dh'fhaighneachd e dhithse... dh'fhaighneachd e an i a bh' ann. Thuirt i gura h-i.

"Càit," ars esan, "dè mar... dè mar... dè mar a fhuair thu an dà làimh?" [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Co-dhiù, bha rùm ann, agus...

DA: Uill, chaidh... dh'fhaighneachd e dhith co-dhiù an i a bh' ann. 'S thuirt i gura h-i.

"Uill," ars esan, "cha robh dà làimh air an tè a bha mise ag iarraidh idir," ars esan. "Gu dè mar," ars esan, "a fhuair thu na làmhan?"

Uill, dh'innis i dha o thùs gu èis, mar a thuit am pàiste anns an locha agus an rud a thuirt i, "Nach eil mo Dhia gam fhaicinn, mo chiad leanabh ga bhàthadh agus gun rathad, gun làmhan agam a bheir às e," agus gu tàinig an dà làimh oirre.

"Glè cheart," ars esan. "Ma-thà," ars esan, "thugainn thusa còmhla riumsa," ars esan. "Cha bu mhise," ars esan, "a chuir thugad an litir idir," ars esan, "ge brith cò chuir thugad an litir," ars esan, "cha bu mhise a chuir ann i," ars esan. "Ach... agus tha thusa a' tilleadh," ars esan, "còmhla riumsa," ars esan.

Uill, fhuair i deiseil, agus dh'fhalbh i fhèin 's an dotair agus am pàiste. Ge brith gu dè an ùine a thug iad air an rathad co-dhiù ràinig iad taigh an dotair. Agus ma rinn an dotair toileachadh ri faigh-... ri a faicinn air ais, 's ann a rinn toileachadh ris a mhàth-... màthair nuair a chunnaic i i, agus mar a bha i, gun robh i ceart, gun robh i fit a-nist airson coimhead às a dèidh fhèin, gun robh dà làimh oirre, rud nach robh oirre nuair a dh'fhàg i ise.

Uill, bha iad a-nist treis ann a shineach agus dh'innis... dh'fhaighneachd i dhen dotair mu dheidhinn a h-athar. Agus thuirt an dotair nach b' urrainn dhàsan sìon a dhèanamh ris, nach robh... nach eil fhios gu dè na bha iad air ruith air de... de dh'fhir... dh'fhir-sgil agus nach do rinn duine sìon a chuideachadh leis.

"Uill, ma-thà," ars ise, "bidh mi fhìn 's sibh fhèin," ars ise, "a' falbh," ars ise, "a-màireach," ars ise, "no a' chiad latha," ars ise, "a gheibh sinn teansa a thoirt agus thèid sinn ga choimhead."

Uill, 's ann mar seothach a rinneadh co-dhiù. Fhuair iad deiseil, e fhèin agus i fhèin agus am pàiste.

Uill, chan urrainn dhomh dad a ghràdh an do dh'fhàg e... tha mi a' smaointinn gun do dh'fhàg e am pàiste aig a mhàthair. Ach dh'fhalbh e fhèin 's ise co-dhiù. Agus ràinig iad taigh a h-athar agus dh'fhaighneachd ise cà... cò an rùm anns an robh a h-athair. 'S dh'innseadh dha e... dhi e. 'S dh'fhalbh i 's chaidh i suas. Bha i eòlach gu leòr a-staigh. Chaidh i suas. Bha e san rùm ann a shin agus e... e glè dheireannach. Bha e air an leabaidh. Agus dh'iarr i... dh'fhaighneachd i dha am faigheadh ise... am faigheadh ise cead air coimhead air a chois. Cha do dh'aithnich e idir i. Agus thuirt... thuirt e gum faigheadh duine sam bith a bha e a' smaointinn a dhèanadh sìon leatha, gum faigheadh e cead coimhead air a chasan.

Uill, chaidh... thug i a-mach a' chas aige bhon aodach agus bha an t-sàil aige, bha i sgràthail le sileadh. Agus thòisich i air sàil na coise aige, agus thòisich i air deoghal às a' bhior, agus thug i sineach, dìreach chitheadh i e agus rug i air le... le làimh, le làimh dheis, air ceann a' bhior agus tharraing i às a chois e.

"Siud a-nist," ars ise, "am bior," ars ise, "agus," ars ise, "tha e air a thoirt à sàil do choise," ars ise, "le làimh dheis," ars ise, "do chiad nighean," ars ise.

"Ò, an tusa a th' ann?" ars esan.

"Ò 's mi," ars ise. "Agus thuirt mise riut," ars ise, "an oidhche a thug thu an dà làimh dhìomsa," ars ise, "agus mi neoichiontach," ars ise, "nach do rinn mi a h-aon dhe na chuireadh orm riamh," ars ise, "de chronan," ars ise, "a thaobh," ars ise, "na craobh no saigh mhial-choin no an fhàlairidh," ars ise, "dad a dhiofar a dhèanamh dhaibh," ars ise. "Ach," ars ise, "rinn mo mhuime e," ars ise, "agus an Eachlair Amhlair. Agus thuirt mise riut," ars ise, "an oidhche a thug sibh dhìomsa an dà làimh air a shàillibh sin," ars ise, "agus mi neoichiontach," ars ise, "gun rachadh bior," ars ise, "cha robh mi ag òrdachadh," ars ise, "ach bior a dhol dha d' shàil dheas," ars ise, "gus an toireadh deas-làimh do chiad nighean às e," ars ise. "Agus tha e air a thoirt às a-nochd," ars ise. "'S cha bhi sìon air do chois tuilleadh," ars ise.

Uill, chaidh i sìos an uair sin. Agus dh'èirich an rìgh. Agus rinn i fhèin 's an dotair airson falbh ach chan fhaigheadh iad air falbh aig an rìgh. Bhathar gus teine a chur ris a' bhànrighinn an làrna-mhàireach agus ris an Eachlair Amhlair agus rinneadh sin orra. Fhuaradh an Eachlair Amhlair 's a' bhànrighinn agus chuireadh teine riutha.

Agus dh'fhalbh an dotair an uair sin agus ise, agus phòs e fhèin 's i fhèin. Agus chan eil fhios a'm cò thàinig còmhla ris an rìgh, ach bha an dotair 's ise agus am pàiste agus màthair an dotair, bha iad còmhla co-dhiù, agus bha mise air a' bhanais aig an dotair agus thàinig mi dhachaigh agus fhuair mi gabhail agam glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good