Search

Cleachdaidhean Callaig ann an Uibhist a Deas.

Track Information

Original Track ID

SA1971.43.B5

Original Tape ID

SA1971.043

Summary

Hogmanay customs in South Uist.

Caisean Callaig was like a candle made of sheep fat. When youngsters entered the house they would pass it to the housekeeper, who would light it from the fire. It was passed from person to person and each one had to put it round their heads in a clockwise direction. If it went out while being put round a person's head it was an omen of death within the year for that person. The visitors would approach a house singing and in a clockwise direction. This customs still exists in South Uist [in 1971].

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): An cuala sibh riamh... tha fhios a'm gum biodh iad uaireannan a' gabhail fear dhe na... de sheann duain nam Fiantaichean air Challaig. Duan na Ceàrdaich.

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Dà cheann dhe Duan na Ceàrdaich.

DE: An cuala sibh e?

DA: Chuala. Cha tug mi riamh leam e, 'ille.

DE: Seadh, gu dearbha.

DA: Cha tug. Chuala. Ò 's e duan math a bha sin.

DE: Niste, dè bha sa chaisean-Callaig a-nist?

DA: Innsidh mise dhut dè rud a bh' aca bho shean ann, 'ille. A-nuas ann a sheothach air broilleach caorach a bhiodhte a' marbhadh airson na Nollaig, bha a-nuas ann a sheothach air a' bhroilleach dhith blonaig de rud, a bhathar a' gearradh às, 's iomadh turas a chunna mise bràthair mo mhàthar, bhiodh e... bha e math air marbhadh chaora 's air rud dhen t-seòrsa. An oidhche a chunna mise e a' toirt às a' chaisean-Callaig ann a shineach, agus bhathar ga roladh suas, a' bhlonaig a bh' ann a shin, agus ga thiormachadh. Bhathar ga chur air teine gus am biodh e ann Oidhche Chullaig ann, agus a' cur... a' cur siobhag no rudeigin na bhroinn, mar gum biodh pìos de...

DE: A' dèanamh mar gum biodh coinneal?

DA: ...de shreang mar gum biodh coinneal. Ghabhadh e, a laochain, cho math dìreach 's... ged a bhiodh am paireafain ann.

DE: Agus a-niste, nuair a bhiodh iad... am biodh iad a' falbh... am biodh an dròbh a' falbh leis a seo? An crowd a' falbh leis a seo?

DA: Cha bhiodh ach aon Chaisean Callaig ann. An aon fhear a bh' ann.

DE: 'S bhiodh e aca...

DA: 'S nuair a bha thu a' dol a-staigh dhan taigh, fhios agad, bha thu ga shìneadh a dh'fhear an taighe. Uill bha fear an taighe an uair sin ga lasadh mar seothach ris an teine - 's e teine a bh' ann an uair sin co-dhiù, cha robh na maidseachan a' dol - bhathar ga lasadh ris an teine. Uill, bhathar ga chur timcheall air a' chloinn, ma bha clann anns an taigh, ga chur deiseil orra.

DE: Agus 's ann deiseil an-còmhnaidh?

DA: Seadh. Agus bhathar ga chur deiseil air bean an taighe 's bhathar ga chur deiseil air fhèin anns a' chiad start.

DE: 'S ann timcheall dìreach mar sin...

DA: 'S ann, dìreach. Dìreach timcheall a' chinn mar seothach a bha e a' dol.

DE: Timcheall mu cheann?

DA: Seadh, mu cheann. Mar seo, mullach a' chinn agus 's ann a bha e air a chur air a' chloinn uile cuideachd.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Agus e fhèin an toiseach, an e?

DA: 'S e. Bha an uair sin a' chlann agus bean an taighe, air deireadh. Agus bha iad ag ràdh, duine sam bith nan rachadh an Caisean Callaig ort... nan d' rachadh e às ort, nach biodh tu beò an ath bhliadhna.

DE: Seadh gu dearbh. Am faca sibh fhèin riamh a' dol às e?

DA: Ò chan fhaca gu dearbha. Chan fhaca gu dearbha, 's tha mi glè choma.

AI: Ò gu dearbha. Agus a-niste, ged a bhiodh sianar no seachdar ghillean a' tighinn gu taigh, cha ruigeadh iad a leas a bhith aca ach an aonan...

DA: Cha ruigeadh, cha ruigeadh. Cha ruigeadh a leas ach ge bith cò am fear a bha a' gabhail an duain.

DE: Niste, an cuala sibh riamh, nuair a bhiodh iad a' tighinn chun an taighe, dh'fheumadh iad tighinn thuige deiseil?

DA: Bha iad a' dol deiseil air an fhàrdraich.

DE: Agus an robh iad ag èigheach dad?

DA: Bha. A' Chullaig seo, a' Challaig seo, Chal ò

DE: An robh, gu dearbha?

DA: Bha.

DE: Tha cuimhn' agaibh fhèin air a seo?

DA: Ò tha, gu dearbh, agus bha mi ris cuideachd.

DE: Dè bh' ann a-rithist? A' Chullaig seo...

DA: A' Chullaig seo, a' Challaig seo, Chal ò, Chal ò.

DE: 'S chan eil iad a' dèanamh seo a-nist, an fheadhainn òga, a bheil?

DA: Tha. Cluinnidh tu iad.

DE: A bheil, gu dearbha?

DA: Tha. Bha iad ann. Bha iad ris. Bha. Bha iad ris.

DE: Agus cha chuala sibh riamh mar gum bitheadh craiceann caorach no rudeigin mar sin a bhith aca, a bha iad a' cur air cuideigin agus ga bhualadh?

DA: Ò cha chuala. Cha robh e againne co-dhiù rim linn-sa. Cha robh

DE: Seadh, tha mi a' smaointinn gun robh seo a' dol uaireigin. Uill tha e a' cur iongnadh orm gun robh seo a' dol cho faisg air an latha an-diugh.

DA: Bha. Ò bha.

DE: Ach cha bhi an caisean-Callaig a' dol an-diugh idir, a bheil?

DA: Tha. Bha e aca nuair a bha iad a' falbh air deireadh.

DE: An robh, gu dearbh?

DA: Bha.

DE: An-uiridh, no a' bhliadhna ron a sin?

DA: Ach 's e coinneal a bhiodh aig feadhainn aca.

DE: Seadh, gu dearbh. Ò uill, cha robh dad a dh'fhios a'm gun tàinig seo cho faisg air an latha againn fhèin.

DA: Bha. 'S e coinneal a bhiodh aig feadhainn aca.

DE: Agus càit a bheil seo a' dol? Dìreach a-mach à seo fhèin, an ann?

DA: 'S ann, shìos taobh mun Ìochdar an seo.

DE: Tha e a' dol taobh an Ìochdair fhathast?

DA: Tha. Bha... chan eil fhios a'm an robh iad a' falbh an-uiridh an sineach ach bha iad a' falbh air a' bhòn-[?bhliadhna].

DE: Cha robh dad a dh'fhios a'm gun robh sin a' dol fhathast.

DA: Bha. Chan urrainn dhomh dad a ràdh an robh iad a' falbh an-uiridh ann, cha chuala mi gabadh mun deidhinn.

DE: Ò uill, tha sin math. 'S bhiodh duain eile aca 's dòcha cuideachd, am bitheadh?

DA: Och, bhitheadh duain aig feadhainn aca.

DE: Chan eil cuimhn' agaibh air a' chòrr dhe na duain?

DA: Ò chan eil. Siud an duan a bhiodh agamsa co-dhiù. 'S mi a bhiodh anns a' gheang co-dhiù a' gabhail nan duan, an geang a bhiodh a' falbh còmhla rium fhèin.

DE: 'S an robh iad a' cur cuairt air a h-uile taigh a bha sa bhaile?

DA: Bha, chùm sinn bliadhnachan a' cur cuairt air Rubha Ghaisinis uile-gu-lèir 's a-muigh taobh deas Loch a' Chàrnain.

DE: Seadh gu dearbh. Ach cha robh sibhse a' dol a-staigh gu na... gu Ceann a' Mhachaire idir ann a shin?

DA: Ò cha robh sinn a' dol a-staigh ann a shin; bha sinn a-muigh an Rubha Ghaisinis. Cha robh. Cha robh.

DE: Agus a-nist, dh'fheumadh a h-uile taigh rudeigin a thoir dhuibh?

DA: Dh'fheumadh. Dh'fheumadh iad... 's e aran a bhiodh feadhainn aca a' toirt air falbh. Breacag, ceathramhan arain, 's math dh'fhaodte gun toireadh feadhainn lof dhut, 's bheireadh feadhainn tì dhut, 's bheireadh iad... rud dhen t-seòrsa sin.

DE: Agus bhathar a' cruinneachadh seo ann am pocannan, an ann? No ciamar?

DA: Bha cruinneachadh phoca. Bhathar a' dol an uair sin a dh'aon taigh air deireadh 's bhathar a' roinn sineach air ge bith cò bha anns a' gheang.

DE: A' roinn a' ghnothaich, seadh.

DA: A' roinn a' ghnothaich air a' gheang, 's bha a h-uile duine a' toirt leis a chuid fhèin dhachaigh.

DE: Ach cha robh iad a' cur aodannan orra no sìon mar sin?

DA: Ò cha robh. Cha robh airson Callaig co-dhiù. Cha robh, cha robh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good