Search

Dealan-dè

Contributors
Date
Track ID 29232
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1986.04.29

Summary

The history associated with the Crofting Act and how crofters rose up against the landlords at the time.

A hundred years previous [i.e. 1886], the Crofting Act was going through the House of Commons. At the same time, meetings were being held in the Highlands and Islands. Crofters were very displeased with the Act because they wanted more rights. Cottars were not given any rights. Different groups rose up against the landlords, among them the people of Pairc and Uig in Lewis and the cottars of Kintail.

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Joni Bhochanan: Aig deireadh na mìos seo, anns a' bhliadhna chudromach a bha siud, bha am bill às an tàinig Achd na Croitearachd a' ruighinn an Committee Stage ann an Taigh nan Cumantan. Aig an aon àm, bha coinneamhan air a chumail air feadh na Gàidhealtachd 's na h-eileanan, agus mòran deasbaireachd air a dhèanamh air dè na bha am bill a' ciallachadh. Ach cha robh na croitearan idir riaraichte. 'S e am faireachdainn a bh' acasan gun robh am bill fada goirid air na còraichean a bha iad ag iarraidh.

Anns an deasbaireachd ann an Taigh nan Cumantan, bha MPs nan croitearan cuideachd ag iarraidh tòrr a bharrachd na bha anns a' bhill. Bha iad ag iarraidh tuilleadh comas a thoirt don a' Choimisean nan Croitearan gus am faigheadh iad air ais talamh àiteach a bha fo chaoraich, agus a' chuid as motha dhen an talamh a bha fo fèidh.

Bha uachdaran mòra na Gàidhealtachd an uair sin a' leigeil a-mach na pàircean air màl gu daoine beartach airson spòrs agus sealg. Bha iad a' faighinn mòran a bharrachd airgead na bha iad air a bhith a' faighinn bho tuathanaich caoraich.

Cha robh e ach bliadhna no dhà mus do ghluasad croitearan na Pàirce ann an Leòdhas an dèidh an t-uachdaran Platt, ach fhad 's a bha iad a' rannsachadh na cùise ann an Taigh nan Cumantan, bha iomradh air anns an Oban Times mu dheidhinn man a mhill muinntir Ùig an Leòdhas togalaichean ann an Sgealascro. Shooting boxes. Deich bliadhna ron a sin bha Sgealascro air a thionndadh na phàirce fèidh. Bha na croitearan agus na MPs cuideachd airson gun toireadh an Act a-steach àiteachan a bha air taobh a-muigh sgìre chroitearachd.

Ach os cionn a h-uile càil eile, bha na MPs airson gun dèanadh an Act rudeigin mu dheidhinn an sluagh aig nach robh talamh idir. Na daoine a bha beò air iasgaireachd agus obraichean eile. Chanadh iad riutha, cottars. Bha Ceann t-Sàile, a rèir am bill, air taobh a-muigh sgìre chroitearachd, ach cha b' urrainn dha cottars Cinn t-Sàile fuireach gus an deigheadh an lagh a chur ceart airson am bochdainn a leasachadh. Thionndaidh còrr air fichead dhiubh talamh a bha fo chaoraich aig Ceann Loch Dubhthaich gu beathachadh dhaibh fhèin 's dha na teaghlaichean aca.

Air Dihaoine siathamh latha fichead dhen a' Ghiblean, thàinig croitearan às an Aodann Bhàn, à Ròdhag agus Heàrrlois anns an Eilean Sgitheanach gu Drochaid nan Sìthichean a dh'èisteachd ris an Urramach Dòmhnall MacCaluim, a mhìnich dhaibh na bha air fhàgail a-mach às a' bhill, am measg rudan eile. Agus bha an t-Urramach Aonghas MacÌomhair air Ùig, Leòdhas, a' dèanamh rannsachadh air a' bhill a dh'fhaicinn dè an leasachadh a b' urrainn a dhèanamh air.

Chaidh sia boireannaich cuideachd air Ùig, Leòdhas, a chur gu cùirt air toiseach na mìos airson briseadh na sìth. Chuir iad stad air tuathanaich Linnseadar agus na Riof, a bha a' feuchainn ris an stoc aca a chur a gheamhrachadh air an eilean, Pabaigh Bheag. Chaidh not a chàin a chur orra, agus phàigh an Land League seo dhaibh.

Chan eil siud ach blasad dhe na bha a' tachairt thall 's a-bhos air feadh na Gàidhealtachd air a' mhìos ud. Deasbaireachd agus aimhreit a bha a' dol a dh'fhàs mòran nas motha anns na mìosan a bha romhpa.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good