Search

Faigh A-nuas Dhuinn am Botal

Date February 1968
Track ID 29929
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1968.02.B1

Original Tape ID

SA1968.002

Summary

This is a song in praise of MacDonell of Glengarry. It contains much detail of his skill as a hunter and describes his bravery when leading his men in battle.

Item Notes

Five verses sung. Composed by Allan MacDougall (Ailean Dall) who was born c.1750.

See:
'Scottish Tradition' series 4 - Calum and Annie Johnston (The School of Scottish Studies) p. 8 of notes
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach' p. 325 (1907 edition)

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Alasdair MacLeòid (AM):

Faigh a-nuas dhuinn am botal, cuir an deoch seo mun cuairt,
Lìon barrach an cupan, 's cùm socair a' chuach;
Slàinte chòirneil na fèile leis an èireadh gach buaidh,
Oighre Chnòideart a' bharraich 's Glinn Garaidh mu thuath.

Thig ort measair is adhairc agus taghadh nan arm,
Le d' mhial-choin air lomhainn 's iad romhad a' falbh:
Nuair a thèid thu don mhonadh bidh fuil air damh dearg,
Cas a shiubhal an fhirich, leat chinneadh an t-sealg.
Faigh a-nuas dhuinn am botal.

'S tu marbhaich' a' choilich 's moch ghoireas air chrann,
Buic bhiorach an t-seilich agus eilid nam beann;
'S tric a leag thu na luaths a' chaol ruadhag 's a' mhang,
Nuair a ruigeadh do luaidhe cha ghluaiseadh iad eang.
Faigh a-nuas dhuinn am botal.

'S tu nàmhaid na h-eala, làmh a mhealladh a' gheòidh
B' fheàrr leat fhaicinn san adhar na na laigh' air an lòn
Air iteig ga chaitheamh 's luaidhe neimh' air a thòir
Bho ghunn' a' bheòil chumhang cha mhaireadh e beò.
Faigh a-nuas dhuinn am botal.

'S e do chruadal 's do ghaisge 's am fasan bu dual
Bhith colgarra cosant' gu brosnachadh sluaigh:
Gu h-armailteach treubhach, gu geur-lannach cruaidh:
'S tu shliochd nam fear trèine nach gèilleadh san ruaig.
Faigh a-nuas dhuinn am botal, cuir an deoch seo mun cuairt,
Lìon barrach an cupan, 's cùm socair a' chuach;
Slàinte chòirneil na fèile leis an èireadh gach buaidh,
Oighre Chnòideart a' bharraich 's Glinn Garaidh mu thuath.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Cà 'n cuala sibh am fear sin?

AM: Chuala mi am fear sin aig athair Curstaidh ann a sheo - athair na mnatha.

DA: 'S bhiodh e aig feadhainn eile cuideachd.

AM: Bha e aig... chuala esan e aig seann duine, fear ris an canadh iad Iain Ceannaiche.

DA: Seadh gu dearbha. 'S ann às an Eilein Sgitheanach a bha esan?

AM: Às an Eilean Sgitheanach. Ò, 's ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good