Search

A' Bhanais a Bha an Ciostal Odhar

Date July 1970
Track ID 30515
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.200.B9

Original Tape ID

SA1970.200

Summary

This satirical song describes a wedding in Ciostal in Skye and the fighting which took place there.

Item Notes

Six quatrains plus choruses sung. Composed by Archibald MacDonald (Gille na Ciotaig). He was born c.1750 and died c.1815. The contributor heard this song from his great-aunt Màiri.

See:
'The Uist Collection - Poems and songs of John MacCodrum, Archibald MacDonald, and some of the minor Uist bards' (ed. MacDonald) p. 161
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach' p. 181 (1907 edition)

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Portree

Island - Skye

Village/Place - Ciostal

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

A' bhanais a bha 'n Ciostal Odhar,
Ann an Ciostal Odhar, odhar,
A' bhanais a bha 'n Ciostal Odhar,
Cha robh fothail chòir oirre.

Thàinig fear a-staigh gam ghriobadh,
Dh'innse gun tàinig am pige,
Fhuaras botal, lìonadh slige,
Bu bhinn a gliog 's a crònan.

Thàinig fear a-nall le mì-mhodh,
Gus e fhèin a chur an ìre,
Thòisich e air bleith nan ìnean,
Gus mi fhìn a sgròbadh.

Ach labhair mise gu fiadhaich,
"Mas e mì-stàth tha thu 'g iarraidh,
Gur dòcha gun cuir mi m' fhiacail,
An ìochdar do sgòrnain."

Smaoinich mi èirigh nam sheasamh,
On bu ghnàth leam a bhith 'g eadradh,
Olc no dh'èiginn fhuair mi leagail,
'S bhuail mi breab san tòin air.

Nuair a chaidh na fir gu riasladh,
Gun robh ceathrar dhiubh sa ghrìosaich,
'M fear bu laige bha e 'n ìochdar
'S thug mi mìrean beò às.

Nuair a thòisich iad ri buillean,
Cha robh mi fhèin a' cur cuir dhìom,
Gu 'n do mhaoidh iad air mo mhuineal,
'S air duilleag mo shròine.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair