Search

Dealan-dè

Date
Track ID 31333
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1986.08.01

Summary

Present day crofting in Tiree and the crofters' struggle for land before the Act of 1886.

A service was held in Tiree in memory of the Christian crofters who struggled to obtain land for themselves before the Crofters' Act of 1886. Rev. Donald MacCallum was the only minister who stood with the Tiree crofters at the time of the land raids. Alex MacArthur talks about present day crofting in Tiree and how important it is for every crofter to be a member of the Crofters' Union.

Item Location

County - Argyllshire

Parish - Tiree

Island - Tiree

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Ailig MacArtair (AM): Uill, chùm sinn an t-seirbheis a bha seo a chionn bha sinn a' smaointinn gun robh e cudromach, a chionn na feadhainn a bha a' strì aig àm aimhreit an fhearainn an Tiriodh, bha iad a' cumail ris a' chreideamh Chrìosdail, agus 's e daoine a bh' annta a bha a' creidsinn ann an Crìosd agus anns an eaglais, agus dè car a bha a' tachairt an sin, agus 's ann a chionn gun d' fhuair iad am Bìoball Gàidhlig deannan math bhliadhnachan roimhe sin, agus a thòisich iad air a leughadh, sin mar a chunnaic iad nach b' ann aig an uachdaran a bha còir an grunnd a bhith idir, ach aig na daoine a bha a' fuireach san àite, a bha còir gum bitheadh os cionn grunnd aca dhaibh fhèin, 's gum bitheadh beòshlaint aig a h-uile duine.

Aonghas Dòmhnallach (AD): Nise, dè cho cudromach 's a bha an eaglais ann an strì nan croitearan?

AM: Cha robh an eaglais cudromach ann an strì nan croitearan. An aon duine, an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim a bha ann an Tiriodh bliadhna gu leth, sin agad an aon duine a ghabh car... a sheall às dèidh na croitearan aig an àm sin 's a ghabh ùidh sa ghnothach. Na ministearan eile bha iad ri... bha iad a' faotainn an tuarastal, mar a tha fhios agaibh, on uachdaran, 's bha iad a' dèanadh dìreach an rud a bha an t-uachdaran airson iad a dhèanadh. Ach sheas MacCaluim a-mach, agus an uair sin... agus treis mhath às a dhèidh sin, thòisich na ministearan car air beagan ùidh a ghabhail anns a' ghnothach, ach aig a' cheart àm bha iad sùil aca air an uachdaran feuch dè a bheachd. Bha fhios, ma dh'abradh esan, 'Ò coma leibh siud no coma leibh seo a dhèanadh,' cha robh iad ga dhèanadh.

AD: An robh an eaglais a' dèanamh càil às leth nan croitearan bhon uair sin?

AM: Chan urrainn dhomh a ghràdhainn gun do rinn an eaglais mòran airson croitearan bhuaithe sin. Dh'abrainn na h-eaglaisean, tha fhios a'm, 's ann airson an t-soisgeul a shearmonachadh a tha iad, ach tha mi a' smaointinn mura bi ceangal dlùth aig an eaglais ri croitearachd, agus dè tha croitearan a' dèanadh, gu bheil iad fhèin a' dol a chall air, a chionn anns a' Ghàidhealtachd tha a' chuid as motha nan croitearan, agus tha mi a' smaointinn gum feum ministearan a bhith a' sealltainn ri obair croitearachd agus a bhith còmhla ris a' chroitear 's a' faicinn na duilgheadasan a th' aige, agus a bhith a' toirt dha cuideachadh dh'fhaodte na dhachaigh fhèin. Tha mi a' smaointinn gum faodadh an eaglais beagan barrachd a dhèanadh an sin.

AD: Ach chanadh cuid nach eil càil a ghnothaich aig an eaglais a bhith an sàs ann an cùisean phoilitigeach dhen an t-seòrsa sa. Dè chanadh sibh fhèin?

AM: Abraidh feadhainn gum bu chòir an eaglais fantail a-mach à gnothaichean poilitigeach, ach aig a' cheart àm cha mhòr nach eil ar beatha air fad air a cheangal ri poilitigs na lathaichean a tha sinn beò ann. Ach dh'abrainn gu bheil an eaglais a' dol air grunnd cunnartach ma thòisicheas i air bruidhinn mu gnothaichean poilitigeach, a chionn tha daoine dh'fhaodte anns a' choitheanal a tha beachdan làidir aca ris an taobh chlì no ris an taobh dheas, agus dh'fhaodte rud a dh'abras am ministear gun gabh an duine sin ceàrr e, agus tha iad nas sàbhailte cumail ris an t-soisgeul. Ach aig a' cheart àm, feumaidh iad sealltainn ris na daoine bochda, na daoine a th' ann an trioblaid 's sin, tha mi a' smaointinn gu bheil an taobh sin, gum feum an eaglais sealltainn ris, agus chan ann ris na daoine mòr.

AD: Dè an suidheachadh anns a bheil croitearachd ann an Tiriodh an-diugh?

AM: Suidheachadh croitearachd an Tiriodh an-dràsta, tha e glè mhath. Bha bliadhna dhona, dhona againn on Iuchar an-uiridh gus an Iuchar an-dràsta, bha i uabhasach. Chosg croitearan fortan ann am biadh airson na beothaichean cruidh aca, agus cha b' urrainn nan robh... nan tàinig an ADP am-bliadhna, cha b' urrainn do chroitearan a' dol air aghaidh leis, a chionn chan eil airgead aca. Tha iad às dèidh an t-airgead air fad a chur a-mach ann am biadh airson an stoc, agus tha sinn dìreach a' fantail ris na margaidhean air an ath-mhìos, agus an uair sin tha mi a' smaointinn gum faod croitearachd dol air aghaidh a-rithist, ma bhios prìsean car math ann. Ach dh'abrainn, a rèir àitean eile, gu bheil croitearachd glè mhath ann an Tiriodh. Ma gheibh sinn fairis air a' bhliadhna a tha seo, 's ma thig an ADP, agus gnothaichean car a' tighinn thugainn an uair sin, tha mi a' smaointinn gun tèid againn air sealltainn romhainn, agus a ghràdhainn rinn fhèin, feumaidh sinn croitearachd a thoirt air aghaidh an Tiriodh nas fheàrr na tha e an-dràsta fhèin, ged nach eil e gu dona.

AD: Am feum sibh strì a dhèanamh man a chaidh a dhèanamh anns an linn a chaidh seachad airson ur còraichean?

AM: Cha chreid mi gun leig sinn a leas strì mar a rinn na croitearan air an linn a chaidh seachad. Air an linn a chaidh seachad, cha robh laghan ann. Ged a bhitheadh caraid aig na croitearan anns a' chùirt, cha robh lagh sam bith ann gus an tàinig an Achd anns a' bhliadhna ochd ceud deug, ceithir fichead 's a sia, agus tha mi a' smaointinn gu bheil na h-achdannan againne a-nis a thèid againn air gnothaichean a stèidheachadh orra. Agus cha chreid mi gun leig sinn a leas tabaid mar a rinn na croitearan o shean. Ach aig a' cheart àm tha gnothaichean a' fàs nas miosa. Bha Bill a' feuchainn ri dol tron Phàrlamaid airson fearainn mhòr air tìr-mòr far an robh daoine... far an robh an grunnd aca air mhàl, agus bha iad a' feuchainn ris an ceangal a bha seo a thoirt bhuapa. Cha d' fhuair iad air falbh leis fhathast, ach seo iad car toiseach an rud, agus feumaidh sinn a bhith gu math cùramach mar chroitearan nach caill sinn an Achd a bha sin ann an ochd ceud deug, ceithir fichead 's a sia, a chionn 's e... rinn e adhartas mhòr. Chan eil... chan urrainn dhuinn ach aontachadh ris a sin.

AD: Gu ìre, sheas croitearan còraichean a chèile bho chionn ceud bliadhna, ach dè cho cudromach 's a tha e a-nise gu bheil aonadh air a stèidheachadh ann an Alba do chroitearan?

AM: Bha na croitearan... thèid mi an urras gun robh iad aontaichte o chionn ceud bliadhna, a chionn bha iad air fad anns an aon t-suidheachadh. An-diugh tha e rud beag nas diofraichte. Tha feadhainn againn a tha obraichean eile againn, 's tha feadhainn eile tha iad nan croitearan fhathast, ach feumaidh sinn seasadh còmhla ma tha sinn a' dol a dhèanadh adhartas sam bith. Tha Aonadh nan Croitearan uabhasach feumail, a chionn thèid againn... tha gnothaichean againn ann an Tiriodh dh'fhaodte a tha a' cur dragh air a' chroitear ann an Sealltainn, agus eadar na h-eileanan air fad tha mi a' smaointinn gu bheil an aontachadh a tha seo, no an aonadh a tha seo, a' dol a dhèanadh feum mòr, a chionn thèid againn air gnothaichean a chur ri riaghaltasan 's ri commissions 's ri department an àiteachas agus daoine mar sin - rud nach rachadh againn air a dhèanamh còmhla roimhe seo.

AD: A bheil croitearan air na h-iomaill, mar a dh'fhaodte a ràdh mu dheidhinn Tiriodh, a' faireachdainn gu bheil am beachdan-san gan nochdadh san aonadh?

AM: 'S ann aig na croitearan fhèin a tha a' choire ma tha feadhainn a' faireachdainn taobh a-mach Aonadh nan Croitearan, a chionn tha Aonadh nan Croitearan air a stèidheachadh airson agus gur ann a bhruidhinn airson croitearan a bhitheas iad, agus bha còir aig a h-uile croitear a bhith san aonadh a tha seo, agus chan e dìreach caigeann de dhaoine a bhith ann. Ann an Tiriodh an seo, tha a' mhòr-chuid de chroitearan ann, agus ma tha croitear sam bith a' smaointinn nach eil an aonadh a' dèanadh obair dhaibh, bha còir aca dol nam ball air, agus an uair sin ma tha iad nam ball air thèid aca air am beachdan a chur air aghaidh, agus 's e sin an rud a tha a' cunntas aig deireadh an latha, gum bi an aonadh a' cur beachdan nan croitearan air aghaidh, agus chan e beachdan an aonadh fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good