Search

Dealan-dè

Contributors
Date
Track ID 31339
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1986.08.05

Summary

Neil Beaton talks of his experiences in running the Skye Hill Race.

Neil Beaton won prizes each time he competed in the Skye Hill Race. The last time he ran in the race was in 1939 and the first prize at that time was £3. He tells how he trained, how many competitors there were and where they were from. He also took part in other competitions.

Item Subject/Person

Beaton, Neil

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Cailean MacIllEathain (CM): Bhruidhinn mi cuideachd ri Niall Peutan à Camas Dìonabhaig. Cia mheud turas a dh'fheuch esan race a' mhonaidh?

Niall Peutan (NP): Dh'fheuch mi e còig uairean.

CM: Agus ciamar a chaidh dhuibh?

NP: Uill, a' chiad turas fhuair mi third. Agus an ath dà turas, fhuair mi second. Agus an ath thuras mu dheireadh, fhuair mi first.

CM: Cuin a bha sibh ga fheuchainn?

NP: Uill, an turas mu dheireadh a dh'fheuch mi e, 's ann ann an nineteen thirty-nine, agus na ceithir bliadhna eile, na ceithir bliadhna roimhe sin.

CM: An robh sibh a' trèanadh?

NP: Bha. Bhithinn a' trèanadh mu... dòcha mu sia seachdainean mun tigeadh na Games. Ach bha mi a' dèanamh an trèanadh uile-gu-lèir ann an... faisg air an taigh, gu h-àraid nuair a bhithinn a' dol a dh'iarraidh a' chruidh. Cha bhithinn ach dìreach a' ruith anns a' mhonadh. Chan eil lèanagan no pàirceannan mòra ann an seo ann anns am b' urrainn dhut mòran trèanadh a dhèanamh. Ach bhiodh mo chasan glè ghoirt anns an toiseach, ach an uair sin nuair a lasaigeadh iad, bhiodh iad math gu leòr, agus b' urrainn mi an uair sin ruith na b' fhaide.

CM: A bheil cuimhn' agaibh air a' chiad turas a dh'fheuch sibh e?

NP: Tha. A' chiad turas a dh'fheuch mi e, cha robh mòran de dh'eòlas idir agam dè dhèanainn, agus cha robh mi ach caran a' leantainn chàich gus na mionaidean mu dheireadh. Bha mi a' smaoineachadh gun dèanainn an gnothach orra an uair sin, ach an dèidh sin cha do rinn. Ach bha mi ag ionnsachadh mar a bha mi a' dol air adhart.

Cha robh mòran a' feuchainn an uair sin de mhuinntir an eilein. 'S ann a-nuas à Glaschu 's na h-àiteachan sin a bhiodh iad a' tighinn. An fheadhainn mu dheireadh ris an robh mi a' feuchainn, 's e P. Kenny Wishart à... tha mi cinnteach gur ann às Wishart a thàinig e, gur ann airson sin a bhiodh iad a' ràdh... chanadh iad P. Kenny Wishart ris. Agus am fear eile, 's e Scally Broomhouse. Uill, tha àite ann an Glaschu ris an can iad Broomhouse, agus tha mi cinnteach gun tàinig esan à Broomhouse. Agus bhiodh na balaich sin a' tighinn a-nuas an uair ud airson dèanamh airgid dhaibh fhèin. Bha an obair gann, agus nam faigheadh iad first ann an race a' mhonaidh, gheibheadh iad trì... trì notachan. 'S e tòrr airgid a bh' ann an trì notachan an uair sin.

CM: An robh sibh a' feuchainn anns na Geamaichean àbhaisteach, na cleasan eile?

NP: Ò bha. Bhithinn a' feuchainn a-staigh anns a' Mheall fhèin. 'S e am Meall a chanas iad ris an àite anns a bheil iad a' feuchainn nan Geamachan, agus bhithinn a' feuchainn ann an sin fhèin. Agus bhithinn a' buinnig mòran dhiubh cuideachd. Agus bhithinn a' feuchainn rudan eile cuideachd cho math ris an ruith. Bhithinn a' feuchainn an t-òrd, 's tilgeil an ùird, 's tilgeil na cloiche, anns na locals, ach cha b' urrainn mi compete-adh an aghaidh an fheadhainn a b' fheàrr.

CM: Cò meud a bha a' ruith còmhla ribh?

NP: Bhiodh an-còmhnaidh mu chòigear no shianar a' ruith race a' mhonaidh, ach uaireannan bhiodh barrachd 's sin a' ruith am broinn na pàirce.

CM: An e gillean às an àite fhèin a bha ga gleidheadh a h-uile bliadhna?

NP: Ò chan e race a' mhonaidh. 'S e... 's e muinntir Ghlaschu an-còmhnaidh a bha a' faotainn race a' mhonaidh, a' faighinn first ann an race a' mhonaidh. Cha d' fhairich mi... nuair a bha mise ga fheuchainn cha robh gille às an àite idir ga fhaotainn, oir cha robh an trèanadh aig na... balaich an àite idir a bh' aig na balaich a bha sin.

CM: Cuin a thòisich sibh air ùidh a ghabhail ann a bhith a' ruith?

NP: Ò uill, bha ùidh riamh agam ann a bhith a' ruith. Bhiomaid ag iomain anns an sgoil, agus bha ùidh riamh agam ann a bhith a' ruith. Bha na balaich a bha seo, na mo linn bha ùidh aca uile ann a bhith a' ruith. Mòran dhiubh co-dhiù.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good