Search

An Triùir Ghòrach.

Date 14 June 1958
Track ID 32288
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1958.27.B3

Original Tape ID

SA1958.027

Summary

The story of the three foolish people.

A story about a boy who goes to find a wife. He comes to a house where a girl lives alone with her parents. The girl goes off to the peatstack and thinks how sad it would be if she was pregnant by the boy and the peatstack fell on her. She begins to cry. Her mother and father each go to see why she has not come back. The boy is left in the house and finds them all crying when he finally goes out. When he hears why, he says he will not return until he finds three wiser or more foolish people than them. He sets off and meets the three he is looking for.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Frobost

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1384 AT1450

Transcription

Aonghas MacIllFhialain: Bha gille òg ann an seo a dh'fhalbh a dh'iarraidh mnatha, agus bha duine agus a bhean 's a nighean a' fuireach ann an taigh còmhla, agus cha robh ann ach an triùir aca. Agus 's e seo an nighean a chaidh e a dh'iarraidh. Agus nuair a chaidh e a-staigh 's a bhruidhinn e airson na h-ighinn, ò, bha am bodach toilichte gu leòr a toir dha, agus gu h-àraid a màthair. Agus chaidh an nighean a-mach an seo dhan chruaich-mhònadh a dh'iarraidh mhònadh gu teine a chur air, gus biadh a dhèanamh dhan... dhan t-srainnsear. Agus nuair a bha i anns a' chruaich-mhònadh, dè a smaointich i ach nam biodh i trom aig an fhear ud, agus a' chruach-mhònadh a thuiteam air a muin, gur i a bhiodh nàir, agus 's ann a thòisich i air caoineadh anns a' chruaich-mhònadh. Nuair a bha a màthair a' gabhail fadachd nach robh i a' tighinn a-staigh, chaidh i fhèin a-mach agus dh'fhaighneachd i dhith gu dè a bh' oirre.

"An-tà, tha," ars ise, "nam bithinn trom aig an fhear ud," ars ise, "agus a' chruach-mhònadh a thuiteam air mo mhuin," ars ise, "nach mise bhiodh nàir."

"A Mhoire, cha bu tu bhiodh nàir ach mise," ars a' chailleach.

Thòisich a' chailleach a' rànaich còmhla rithe. Bha am bodach an seo a' gabhail fadachd nach robh a h-aon aca a' tighinn a-staigh, 's chaidh e fhèin a-mach. Bha an dithis aca a' rànaich anns a' chruaich-mhònadh.

"Gu dè tha ceàrr?" ars esan.

"An-tà, tha," ars a' chailleach, "nam biodh an nighean trom aig an fhear ud, 's a' chruach-mhònadh a thuiteam air a muin," ars ise, "nach sinn a bhiodh nàir."

"A Mhoire, cha bu sibh a bhiodh nàir ach mise," ars am bodach.

Bha an triùir aca a' rànaich anns a' chruaich-mhònadh. Nuair a bha am fear a bha a-staigh a' gabhail fadachd, 's gun duine a-staigh ach e fhèin, dh'èirich e a-mach. Bha an triùir aca ann a shin. Dh'fhaighneachd e gu dè a bha ceàrr orra.

"Ah tha," ars am bodach, "nam biodh mo nighean trom agadsa," ars esan, "agus a' chruach-mhònadh a thuiteam air a muin, gur e sinn a bhiodh nàir," ars esan.

"An-tà, chan eil agus cha bhi," ars an gille, "ach tha mise a' falbh," ars esan, "agus cha till mi," ars esan, "gus am faic mi," ars esan, "triùir as glice no triùir as gòraiche na sibhse," ars esan.

Dh'fhalbh an gille 's chùm e air aghaidh. Chunnaic e an seo triùir dhaoine 's iad a' falbh agus cù a' falbh romhpa, agus iadsan a' leantail a' choin. Agus ghabh e far an robh iad, agus cha robh duine dhiubh ag ràdh guth ris. Bha e gan leantail, 's a h-uile rathad a ghabhadh an cù, ghabhadh iadsan às a dhèidh e. Stad iad an seo am beul na h-oidhche, agus thuirt fear aca...

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Agus nuair a stad iad, dh'fhaighneachd... thuirt fear aca:

"An-tà," ars esan, "nam biodh na bheil a-muigh a-staigh," ars esan, "dh'fhiathaichinn fhìn an srainnsear a-null."

"An-tà," ars am fear eile, "nam biodh na bheil gun dèanamh air a dhèanamh," ars esan, "dh'fhiathaichinn fhìn an srainnsear."

"An-tà," ars an treas fear dhiubh, "o nach eil a h-aon diubh agamsa ri dhèanamh," ars esan, "fiathaichidh mi an srainnsear," ars esan.

Agus dh'fhiathaich e an gille leis, agus nuair a ràinig iad an taigh 's a chaidh iad a-staigh, bha bean an taighe, thàinig i a-nuas, agus nuair a chunnaic e bean an taighe, chan fhaca e boireannach riamh cho brèagha rithe, agus smaointich e aige fhèin gur e a bhiodh gu math dheth nam bitheadh i siud aige. Agus thionndaidh am bodach:

"Ò, bu mhath sin," ars am bodach, "gun ghuth, gun nàire, gun sgainneal ann."

Thàinig an seo an nighean a-nuas agus 's i fada bu bhrèagha na a màthair. Agus smaointich e gu dearbh gur e bhiodh lucky nam biodh i siud aige.

"Ò, bu mhath sin," ars am bodach, "agus toil a càirdean."

Dh'fhalbh an seo am boir-... a' bhean agus chuir i poit bheag air teine gu biadh a dhèanamh, agus choimhead esan air a' phoit agus thuirt e ris fhèin, leis cho beag 's a bha a' phoit, nach b' fhuilear dha fhèin aon dad a rachadh innte. Agus thionndaidh am bodach:

"Math siud fhèin 's gràsan Dhia," ars am bodach.

Nuair a bha seo am biadh deiseil, chuir a' bhean suas iad dha rùm, agus shuidh iad aig a' bhòrd. Dh'iarr am bodach air tòiseachadh air a bhiadh.

"Ò," ars esan, "cha ghabh mi biadh no deoch gus am faigh mi a-mach," ars esan, "dè is sgialt do na facail a thuirt sibh fhèin o thàinig mi dhan taigh."

"Dè tha sin?" ars am bodach.

"Nuair a thuirt sibh," ars esan, "gum bu mhath siud gun ghuth, gun nàire, gun sgainneal," ars esan, "dè bha sibh a' minigeadh leis?"

"An-tà, innsidh mi sin dut," ars am bodach. "Nuair a chunna tu mo bhean-sa," ars esan, "mhiannaich thu dhut fhèin i," ars esan. "Thuirt mise riut," ars esan, "gum bu mhath siud gun ghuth, gun nàire, gun sgainneal. Cha robh rathad agadsa air mo bhean-sa fhaighinn gun sin," ars esan. "'S nuair a chunna tu mo nighean," ars esan, "thuirt thu riut fhèin gur i siud an tè a bhiodh math nam faigheadh tu i; thuirt mise riut an uair sin gum bu mhath siud 's toil a càirdean. 'S nuair a chunna tu i a' cur na poite air," ars esan, "smaointich thu," ars esan, "ge brith gu dè a rachadh anns a' phoit, nach b' fhuilear dhut fhèin e," ars esan, "'s thuirt mise an uair sin gum bu mhath siud fhèin 's gràsan Dhia."

"Ò seadh," ars an gille. "'S gu dè a-nist," ars esan, "bu sgialt," ars esan, "dhan fheadhainn a thuirt," ars esan, "nam biodh na bha a-muigh a-staigh," ars esan, "'s na bha a-staigh a-muigh," ars esan, "gum fiathaicheadh e an srainnsear?"

"Innsidh mi sin dut cuideachd." ars esan. "Bha am fear sin," ars esan, "bha a chliamhainn marbh a-staigh aige," ars esan, "agus b' olc an t-àite do srainnsear taigh cuirp," ars esan. "Agus am fear thuirt," ars esan, "nam biodh na bha gun dèanamh air a dhèanamh," ars esan, "gum fiathaicheadh e fhèin an srainnsear, bha a' bhean aig an fhear sin ri a dhochann a h-uile h-oidhche nuair a rachadh e dhachaigh," ars esan, "agus 's i am boireannach a b' fheàrr a bh' ann a-rithist," ars esan, "agus gabh a-nist do bhiadh," ars esan.

"'S gu dè bu sgialt dhan obair a bh' agaibh fhèin o [?mhoch]," ars esan, "a' falbh," ars esan, "às dèidh coin," ars esan, "'s gun an dàrna h-aon agaibh ag ràdh guth ris an aon eile?"

"Uill innsidh mi sin dut cuideachd," ars am bodach. "'S e fearann a bha siud," ars esan, "a dh'fhàg ar n-athair againn," ars esan, "agus thug e bòidean oirnn," ars esan, "nach robh guth againn ri ràdh," ars esan, "ri... an àm an roinn," ars esan, "agus smaointich sinn," ars esan, "gum faigheamaid an cù," ars esan, "agus gun gabhamaid," ars esan, "na crìochan mar a dh'fhalbhadh an cù," ars esan, "agus sin," ars esan, "an obair a bh' againne an-diugh," ars esan, "agus gabh a-nist do bhiadh," ars esan.

Ghabh an gille a bhiadh agus bhruidhinn e airson na h-ighinn agus fhuair e an nighean ri pòsadh, agus thill e fhèin 's i fhèin dhachaigh agus chunnaic e triùir a bha cheart cho neònach ris an triùir a dh'fhàg e anns a' chruaich-mhònadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair