Search

An sagart, am ministear, agus na cearcan.

Date 14 June 1958
Track ID 32359
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1958.28.5+29.1

Original Tape ID

SA1958.028

Summary

The priest, the minister, and the chickens.

A priest was having a minister round to dinner. The cook boils two chickens and her sweetheart eats them. The minister arrives and the priest comes to see if dinner is ready. The cook says it is, but needs the carving knife sharpened. The priest obliges and the cook tells the minister the priest is going to castrate him. The minister hears him sharpening the knife and escapes through the back door. The cook then tells the priest that the minister has run off with the chickens. The priest goes after him, asking him to let him have one of them.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Frobost

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1741

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Sin sibh ma-thà, tha sibh ceart.

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha sagart 's ministear ann an seo 's bha iad faisg air a chèile, 's bha iad uabhasach mòr mu chèile. 'S bhiodh an dàrna fear a' dol a chèilidh air an fhear eile aca. Agus an latha a bh' ann an seo, bha an sagart air chèilidh air a' mhinistear, agus dh'fheumadh am ministear gealltainn dha gum biodh e còmhla ris aig a dhinneir air latha ainmichte a bha gus a bhith ann. Thuirt am ministear gum biodh e ann a shiud. Agus an latha a bha dùil aige ris a' mhinistear an seo, chaidh e a-staigh far an robh a' bhean-taighe agus thuirt e rithe:

"Feuch an dèan thu deagh dhinnear an-diugh," ars esan. "Tha dùil agam ris a' mhinistear a bhith còmhla ruinn aig a dhinneir."

"An-tà, chan eil mòran agamsa deiseil," ars ise, "o nach robh fios a'm air beagan na bu tràithe."

"Hod, tha," ars esan, "gu leòr ann. Nach eil cearcan 's tunnagan gu leòr agad. Marbh thu cearc no dhà 's nì e deagh dhinnear."

"Ò tha," ars ise.

Dh'fhalbh i 's mharbh i dà chirc 's chuir i anns a' phoit iad 's bha i gam bruich. Dè bh' aig a' bhean-taighe ach làd a bhiodh a' tighinn a choimhead oirre, 's cò thigeadh ach an làd.

"Bheil agad ach thu fhèin?" ars esan.

"Chan eil an-dràsta," ars ise.

"Dè th' agad anns a' phoit a tha sin?"

"Tha cearcan," ars ise. "Bidh dùil againn ris a' mhinistear an-diugh a bhith aig a dhinneir còmhla ruinn."

"Ah uill a Dhia, sin rud a bheirinn fhìn mo chridhe air a shon - bìdeag de shitheann," ars esan. "B' fheàrr leam gun toireadh tu bìdeag dhomh fhìn dhith."

"Ò cha dèan math dhomh bristeadh oirre," ars ise.

"Carson?" ars esan.

"Marbhaidh an sagart mi."

"Dè rud a nì an sagart ort?" ars esan.

"Dè nì ach mo chur air falbh."

"Hod, nach fhaod thu bhith coma. Nach eil sinn a' dol a phòsadh co-dhiù?"

"A leabhra, ged a bhitheadh," ars ise, "cha b' fhuilear dhuinn falbh ceart."

"An-tà leabhra, bheirinn fhìn rud sam bith airson bìdeag de shitheann. Chan eil fhios cò latha a dh'fheuch mi i," ars esan.

Dh'fhalbh i 's thog i tè dhe na cearcan às a' phoit 's chuir i air an [???].

"Seo ma-thà, feuch i sin. [???] aon tè slàn agamsa."

Thòisich e air a' chirc, 's cha do dh'fhàg e caiteag dheth nach do dh'ith e.

"Ò uill, uill, bha siud math. 'S fhada o nach d' fhuair mi a leithid. Feuch dhomh bìdeag dhen tè eile feuch a bheil i cho math rithe siud."

"Ò cha stad thu gu 'n toir thu mo nàire asam," ars ise.

"Dearbh, cha ruig thu leas dùil a bhith agad ris a' mhinistear an-diugh. Chunna mise e a' falbh on taigh sa mhadainn."

Dh'fhalbh i 's thog i an tè eile.

"Thalla ma-thà, feuch an sgiath aice sin."

Thòisich e air an dàrna tè, 's cha do dh'fhàg e ach na cnàmhan, ach gun robh iad car robach. Anns an àm, chualas beatadh anns an doras. Dh'fhalbh ise sìos. Cò bha seo ach am ministear. Thàinig i a-nuas 's chuir i a dà làimh mu ceann, 's cha robh fios aice dè rud a dhèanadh i. Chaidh am ministear sìos dhan rùm còmhla ris an t-sagart. Thàinig an seo an sagart a-nuas.

"A bheil an dinnear deiseil agad?" ars esan.

"Tha," ars ise, "ach tha e a' faileachdainn orm sgian gheur fhaighinn," ars ise, "airson a cur às a chèile."

"Cia dhòmhsa sgian," ars esan. "Cuiridh mi faobhar dhut oirre."

Dh'fhalbh i 's an sgian bu dona a fhuair i, thug i dha i, 's chaidh an sagart sìos dhan phassage 's thòisich e air faobharachadh na sgeine; fhuair e steel 's bha e a' faobharachadh na sgeine.

"Thalla a-nist," ars esan, "sìos," ars esan, "'s abair ris a' mhinistear gu bheil an sagart a' dol ga spoth."

Dh'fhalbh ise 's thog i leatha a' mhias sìos chun a' bhùird.

"Cò tha shìos an siud?" ars am ministear.

"Tha an sagart," ars ise.

"Dè tha e a' dèanamh an siud?"

"An-tà, 's coma sin," ars ise. "Tha e a' faobharachadh sgeine 's e a' dol gur spoth."

"A Dhia beannaich mi," ars esan. "An ann far a chinn a tha e?"

"An-tà, chan eil e gu math le..."

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

CM: ...am ministear an ann far a chinn a tha e air a dhol.

AM: "An-tà, chan eil e gu math le cheann o chionn lathaichean," ars ise.

"Ah, gu dè rud a nì mi?" ars am ministear. "Ciamar a gheibh mi a-mach?" ars esan.

"Ò gheibh sibh a-mach mar seo," ars ise.

Dh'fhalbh i 's leig i a-mach am ministear air an taobh eile. Thàinig an seo an sagart a-nuas 's an sgian aige na làimh.

"Cà 'il am ministear?" ars an sagart.

"Dh'fhalbh am ministear," ars ise, "'s thug e leis na cearcan," 's i a' togail an liod far na mèise.

Bha dùil aig an t-sagart gur ann le [beàrn sa chlàradh an seo] ministear 's e car èibhinn dheth fhèin, 's dh'fhalbh e a-mach às a dhèidh, 's bha am ministear 's trotan aige sìos on taigh.

"Haoi, haoi," ars an sagart, 's e a' togail a làimhe, "fàg tè dhiubh, fag tè dhiubh."

"Ma dh'fhàgas mi tè dhiubh, tha e cho math dhomh na dhà fhàgail," ars esan.

Bha iad ùine mhòr mun do thachair iad air a chèile a-rithist.

Nuair a thachair iad an seo air a chèile, bha am ministear a' faighneachd dhan t-sagart dè mar a bha e.

"Tha gu math," ars an sagart. "Bheil sibh fhèin a' cumail gu math?"

"Mhoire, tha mise math gu leòr," ars esan, "on a shàbhail mi ort fhèin an latha a bha mi a' coimhead ort."

"Dè tha sin?" ars an sagart.

Seo nuair a dh'innis am ministear dha mun bhean-taighe.

"Cha robh mise," ars esan, "cha tàinig mi a-mach às ur dèidh-se. Bha dùil a'm," ars esan, "gur ann le fun a bha sibh," ars esan.

"An-tà, cha b' e sin a thuirt a' bhean-taighe riumsa," ars esan.

Seo nuair a fhuaradh a-mach mu dheidhinn na suirghe.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair