Search

Prògram Choinnich

Date 22 January 2001
Track ID 32362
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 22.01.2001

Summary

The hundredth anniversary of the death of Queen Victoria.

Nan MacLeod describes the life of Queen Victoria, one hundred years after her death. She was of German descent and was raised amongst adults. She was Queen for 63 years.

Item Subject/Person

Queen Victoria

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha ceud bliadhna an-diugh bho chaochail a' Bhanrigh Bhictòria às dèidh trì fichead bliadhna 's a trì na banrigh air Breatainn. Chaidh a crùnadh nuair nach robh i ach ochd bliadhna deug. Phòs i Albert. Bha i na banntrach gu math òg, agus thug i a h-ainm do dh'iomadh àite agus fasan air feadh an t-saoghail. Tha mi an dòchas sùil a thoirt air cuid dhiubh sin san uair a thìde a tha romhainn. An toiseach, ge-tà, Bhictòria fhèin. Dè seòrsa tè a bh' innte? Tha Nan NicLeòid eòlach air sgeul a beatha. Tha i còmhla rium an-dràsta ann an Glaschu. Nan, an rud a bha annasach... a' chiad rud a bha annasach mu dheidhinn Bhictòria, a leugh mi fhìn, cha robh facal Beurla aice gus an robh i trì. 'S e Gearmailtis a bh' aice.

Nan NicLeòid (NN): Uill cha robh sin na iongnadh. Bha an teaghlach rìoghail gu lèir, 's ann às a' Ghearmailt a bha iad a' tighinn, agus bha a màthair, 's e Gearmailteach a bh' innte, Victoria Princess of Leiningen, agus ged a bha iad a' feuchainn ri toirt oirrese ionnsachadh Beurla, cha do dh'ionnsaich i Beurla ceart a-riamh. 'S le sin, 's e Gearmailtis a bha i a' bruidhinn ris an leanabh. Agus 's e an governess, a' Ghearmailteach a bh' aice, Lehzen. Nise, nuair a bha e a' fàs soilleir gur e Bhictòria a bha a' dol a thighinn chun na rìgh-chathrach, bha e deatamach gun ionnsaicheadh i Beurla, agus iomadach cuspair eile, agus thòisich iad an uair sin a' toirt dhi foghlam a bhiodh a rèir a suidheachadh. Chan eil mi a' dol a chantainn riut gun robh i uabhasach math air, abair, cuspair man Laideann, ach tha mi a' creidse gun innis Bill ann a sheo dhut gur ann tro opara a dh'ionnsaich i an cànan Eadailteach.

CM: Uill, bha trì cànanan aice co-dhiù. Bha mòran rudan eile aice cuideachd. Ach a' bruidhinn mu dheidhinn an togail a bh' oirre a-rèiste. Togail caran diofaraichte bhon an seòrsa togail a bhiodh air daoine eile aig an àm a bha sin.

NN: Bha droch amharas aca air feadhainn eile dhen an teaghlach rìoghail, agus chùm iad i glè mhòr aca fhèin. Chaidh a togail am measg inbhich, agus dh'fhàg sin gun robh i a-riamh caran aosta na dòighean nuair a bha i beag. Nuair a bhàsaich an Ceathramh Uilleam, agus chaidh ise a h-ainmeachadh na banrigh, fhuair i an cothrom airson rudan a dhèanamh leatha fhèin. Tha an leabhar-latha aice làn de, 'I did it alone. I met the prime minister alone.' Cho deatamach 's a bha e dhi gun robh i airson a' chiad uair na h-aonar agus a' dèanamh an-àirde a h-inntinn leatha fhèin.

CM: Agus 's e rud mu deidhinn, tha dealbh againn an-diugh dhe a beatha dìreach air sgàth gun robh i a' sgrìobhadh uiread i fhèin anns na leabhraichean-latha.

NN: Bha i a' dèanamh... bha i a' sgrìobhadh tòrr litrichean cuideachd. Tha leabhraichean de litrichean a sgrìobh i, gu h-àraid gun an nighean bu shine a bh' aice, an tè a bha pòsta sa Ghearmailt. Agus tha i a' toirt dhuinn dealbh air an seòrsa beatha a bh' aice, agus air na daoine a bha timcheall oirre.

CM: Thàinig Albert na beatha an ìre mhath tràth cuideachd, agus an rud nach eil ro annasach, bha e gu math càirdeach dhi a thaobh... a thaobh na fala, nach robh?

NN: Bha bràthair aig a màthair, Leopold, agus bha a shùil-san ri seo bho rugadh Albert. Bha Albert dìreach rud beag na b' òige na i, agus bha sùil Leopold ri an dithis aca a thoirt còmhla. 'S e Leopold e fhèin, dhiùlt e a dhol na rìgh dhan a' Ghrèig, ach chaidh e dhan a' Bheilg, agus bha e na rìgh anns a' Bheilg, agus 's e ceangal eile a bh' aige ris an teaghlach rìoghail ann am Breatainn, gun robh e air a bhith pòsta aig Caroline nighean Rìgh Seòras, an Ceathramh Seòras, ach bhàsaich ise agus i a' faighinn leanabh. Agus man a tha mi ag ràdh, bha a shùil ri buaidh a thoirt dhan an dithis a bha seo, an toirt gu chèile. 'S rinn e sin.

Nise, bha e a' toirt tòrr comhairle air Bhictòria nuair a bha i a' fàs suas, agus bha e gan comhairleachadh, agus bha fear ris an robh e fhèin glè fhada suas, Baron Stockmar, agus bha esan a' toirt tòrr comhairle do dh'Albert. Ach nuair a chunnaic ise Albert, bha i a' smaoineachadh nach fhaca i riamh cho àlainn ris, agus thuit i ann an gaol leis, ach bhon 's e banrigh a bh' inntese, 's e ise a dh'fheumadh iarraidh airsan am pòsadh e i.

CM: Uill, rinn i sin, agus dh'aontaich e, agus bha iad pòsta agus bha iad uabhasach toilichte mar a thuirt thu. Bha naoinear chloinne aca. Ach an uair sin, aig aois dà fhichead agus a dhà, chaochail esan an ochd ceud deug trì fichead agus a h-aon, agus thug sin atharrachadh mòr air a beatha, nach tug?

NN: Thug. Man a bha ise, bha i [???] cho tric. Bha barrachd 's barrachd dhen an obair a bhiodh ise a' dèanamh mar bhanrigh a' tighinn thuigesan, agus 's e duine a bha... tuigseach a bh' ann, agus duine a bha uabhasach moralta, agus bha e a' cur seachad tòrr tìde ag obair air gnothaichean - tha mi a' creidse gun canadh iomadach duine, gnothaichean ris nach robh gnothach sam bith aige, bhon cha b' e Breatannach a bh' ann dheth. Agus bhon a bhruidhinn thu air a bhàs, tha mi a' coimhead fhathast gu bheil iad ag ràdh gur e typhoid a thug bàs dha, ach tha fios a'm gun do leugh mise leabhar bho chionn grunn bhliadhnaichean a bha a' smaoineachadh gur iongantach mana robh aillse ag obair ann, gur iongantach mana h-e sin an rud a thug bàs dha. Ach co-dhiù, chaidh ise bochd às dèidh dha bàsachadh, 's dh'fheumadh a h-uile càil a-riamh a bhith air fhàgail dìreach man a bha e. An rùm aige, a h-uile càil man a bha e an latha a bhàsaich e. Chan fhaodadh càil a bhith air atharrachadh. Agus thug i... nuair a rinn i a' chaoidh air, thug sin beagan adhbhar magaidh do dhaoine.

Nise, tha fios gun robh e a' feuchainn ri a stiùireadh cuideachd gu bhith an-dràsta, mar eisimpleir, an seòrsa rud a leughadh i, gur ann airson barrachd tuigse a dhèanamh, 's barrachd foghlaim a thoirt dhi. Leabhraichean air constitutional law 's rudan dhen t-seòrsa sin. Agus bha i treis mhòr mus deach i air ais gu na rudan bu mhiann leatha... a b' fheàrr leatha fhèin a bhith a' leughadh. Tha mi a' smaoineachadh aig an àm a bha seo, bha i cho fada nach tigeadh i a-mach. Bhiodh i ann am Balmoral, bhiodh i ann an Osborne, ach cha tigeadh i a-mach, agus cha deigheadh i a dh'fhosgladh a' phàrlamaid. Agus bha daoine a' fàs seachd searbh sgìth dhen a shin, agus bha iad a' cantainn, ma tha banrigh againn feumaidh sinn a bhith ga coimhead. Mana h-eil sinn ga coimhead, bidh sinn cho math le... gun a bhith le teaghlach rìoghail idir, idir. 'S bha i a' faireachdainn gun robh iad a' tionndadh na h-aghaidh. Agus 's e Disraeli a thug mun cuairt i. Agus a bheil fhios agad dè bhiodh aige oirre, ach the fairy queen, agus càil na b' ao-coltaiche ri fairy na bha i, agus i cho tapaidh, agus na bh' oirre a dh'aodach ga dèanamh buileach, buileach tapaidh.

CM: Nise, dh'ainmich thu Disraeli ann an sin. Bu toigh leatha Disraeli, ach bu lugha oirre Gladstone.

NN: Nach eil e iongantach a-nise. Agus bha i airson atharrachaidhean a choimhead, feadhainn de dh'atharrachaidhean co-dhiù, ann am beatha dhaoine, ach b' fheàrr leatha bruidhinn ri... atharrachadh a thoirt ann am beatha aon dhuine. Cha robh i airson gluasadan. Socialism. Of course, bha... bha i air a bhith beò tro eighteen forty-eight, agus chunnaic i na h-èirighean a bh' air feadh an Roinn Eòrpa, ged nach tàinig iad gu mòran. Agus bhiodh feagal oirre gluasad sam bith dhen t-seòrsa sin, gun tigeadh e gu daoine èirigh an aghaidh rìoghachd a bhith aca. Ach Gladstone, 'He addresses me as if I were a public department,' b' e a chanadh i.

CM: Cha robh i measail air idir.

NN: Cha robh i measail air idir. Cha robh dòigh aig... 's e sin an rud a-nise, bha fireannaich na beatha aig an robh tòrr buaidh oirre, bhon a bha fhios aca cionnas man a dhèiligeadh iad rithe. Bha Lord Melbourne an toiseach, cha mhòr gun dèiligeadh i ris, nuair a bha... nuair a fhuair Peel a-steach. Agus bha a-rithist, bha Albert, 's e sin am fear bu mhotha aig an robh buaidh oirre. Bha Disraeli cuideachd, agus ann an diofar dhòigh bha John Brown.

CM: Bha gu dearbha. Agus co-cheangailte ris a sin, tha mi a' smaoineachadh gur ann... nach ann às dèidh bàs Albert, agus an rud a dh'fheumamaid a ràdh, bha i a' dèanamh siubhal nach robh 's dòcha banrighrean roimhpe no rìghrean roimhpe a' dèanamh, air sgàth dìreach gun robh rudan mar an trèana a' tighinn... air a thighinn ann am meadhan na linne.

NN: An trèana, agus an rud eile a dh'fheuch i, 's e sin... nach e ether a bh' ann, anaesthetic. Bha sin air tòiseachdainn às ùr, nuair a bhiodh boireannaich a' faighinn clann. Bha i a' dèanamh tòrr siubhal. Bha tòrr chàirdean aice air feadh an Roinn Eòrpa. Dh'fheumadh i trèana... trèana slàn dhi fhèin, eadar na bh' aice de shearbhantan 's dhen a h-uile seòrsa rud eile a dh'fheumadh a dhol còmhla rithe. Agus bha i, of course man a bha mi ag ràdh, bha i a' toirt... a' cur seachad tòrr tìde ann am Balmoral agus ann an Osborne. 'S e Albert a bh' air na planaichean a dhèanamh airson na h-àitichean sin, 's bha iad... mar sin, bha iad sònraichte dhi.

Bha mi a' dol a chantainn, aon dhe na h-adhbharan air na thog i ìomhaigh an teaghlach rìoghail ann an sùilean a' mhòr-shluaigh, 's e gun robh i cùiseach. Bha an fheadhainn a bh' ann roimhpe, na wicked uncles, man a theireadh iad, cha robh diù aca. Bha iad a' cosg... cosg airgead nach robh aca. Airgead an t-sluaigh, tha mi a' creidsinn. Cha robh e aca 's bha iad ann am fiachan, 's bha droch dhòighean-beatha aca. Agus bha ise air a coimhead man boireannach a bha cùiseach, man boireannach a bha a' toirt feum às an rud a bh' aice, man boireannach a bha a' togail na cloinne man bu chòir dhi. Agus dh'fhàg fireannach, agus chan eil mi a' creidsinn nach e Neve an t-ainm a th' air, dh'fhàg e fortan aice, bhon a bha fios aige gun dèanadh i feum cheart dheth.

CM: Uill sin aon taobh 's dòcha nach eil sinn eòlach air. Tapadh leatsa Nan. 'S dòcha gum bi sinn a' bruidhinn riut ro dheireadh a' phrògraim. Nan NicLeòid ann an sin.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good