Search

Prògram Choinnich

Date 22 January 2001
Track ID 32364
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 22.01.2001

Summary

Iain Sinclair describes the lives of the population during the reign of Queen Victoria.

The people of Britain experienced many changes to their lives while Queen Victoria was on the throne, as Iain Sinclair explains. The population grew from fourteen million to thirty million. Many people moved from the country to the towns. There was widespread poverty and illness amongst the workers, while some people amassed great wealth from the new industries.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S e àm a bh' ann an àm Bhictòria a chunnaic mòran atharrachaidhean am measg sluagh Bhreatainn. Bha an ùine aice na banrigh fada, agus bha cùisean a' gluasad gu math luath nuair a bhruidhneas sinn mu bheatha an t-sluaigh. Thàinig mòran atharrachaidhean air suidheachadh dhaoine anns an ùine a bha i a' riaghladh. An seòrsa suidheachadh anns an robh iad beò, an suidheachadh sòisealta. Cò bha a' cunntadh? Cò aig a bha cumhachd? Cò aig a bha an t-airgead. Tha Iain Mac na Ceàrdaich còmhla rium gus beachdachadh air dè seòrsa àm a bh' ann an àm Bhictòria a thaobh cor an t-sluaigh. An toiseach, Iain, thàinig tòrr atharrachaidhean, nach tàinig?

Iain Mac na Ceàrdaich (IM): Thàinig. Bha... 's e... nuair a tha thu a' coimhead air an àm a tha seo, 's e a' chiad rud a tha mise, a tha a' bualadh ormsa co-dhiù, 's e mar a bha àireamh an t-sluaigh a' dol an-àird. Bha e a' dol an-àird gu mòr ann am Breatainn, bho mu ceithir millean deug suas gu deich millean air fhichead. Bha e dùbailte, ann an trì fichead bliadhna.

CM: Àireamh an t-sluaigh air èirigh gu mòr. 'S dòcha gun toir sinn sùil air diofar thaobhan de bheatha an t-sluaigh aig an àm a tha sin. Bha... bha uasal agus ìosal ann, mar a bh' ann bho riamh, ach bha sin fhèin ag atharrachadh.

IM: Bha. Bha clas a' mheadhain, the middle class, a' fàs gu mòr, agus a' fàs nas beairteach, a' faighinn taghadh ann an elections, agus... ach bha àireamh an sluagh a bha ag obair, working class, a' fàs gu mòr cuideachd, agus sin far an robh an cuid as motha de duilgheadasan a thaobh suidheachaidhean sòisealta.

CM: Ciamar?

IM: Bochdainn, tinneas, taighean nach robh... nach robh freagarrach idir.

CM: Airson, nuair a tha thu ag ràdh bochdainn, tinneas, taighean nach robh freagarrach idir, airson bha sin mar phàirt de thoradh gluasad bhon an talamh gun a' bhaile mhòr.

IM: Dìreach. Bha daoine a' faicinn cothroman mhòra anns na bailtean, cothroman nas fheàrr na bh' aca air an dùthaich, agus gu... ged a bha 's dòcha fios aca gun robh cunnart mhòr ann, bha iad deònach gluasad, agus dh'fhàs na bailtean gu mòr ann an Alba, gu h-àraid àitichean mar Glaschu.

CM: Ach bha fhathast daoine ann a bha gu math beairteach, agus bha daoine gu math mothachail air càit an robh iad air an fhàradh a bha seo, nach robh?

IM: 'S e, 's ann. Bha... cha mhòr nach b' urrainn dhut a ràdh gur e seòrsa mar dà shaoghal... saoghal a bh' ann. Bha an saoghal, seann saoghal a bha seo far an robh clas a' buntainn gu mòr, clas gu h-àraid a thaobh mar a bha daoine san dùthaich, mar a bha fearann aig daoine, uasalan, ach air an làmh eile bha saoghal eile a bha seo anns na bailtean mòra far an robh iad a' fàs gu mòr. 'S e àm na factories a bh' ann. Bha commerce, bha an eaconamaidh a' fàs gu mòr, agus na bailtean a' fàs mar siud.

CM: Àm nam factaraidhean, agus àm cuideachd, nuair a tha sinn a' bruidhinn air factaraidh, tha sinn a' bruidhinn air slàinte agus dìth slàinte.

IM: Dìreach. A thaobh obair, agus a thaobh... a thaobh far an robh iad a' fuireach. Can, mus... mus tàinig an t-àm a tha seo, cha robh làithean-saora aig daoine, ach air Latha na Sàbaid, Dihaoine... tha e a' ràdh an seo, Good Friday agus Latha na Nollaig. Sin agad e. So mar siud, tha sin a' sealltainn gun robh an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte. 'S urrainn do boireannaich 's clann ag obair shìos anns na mines. Ach bha rudan air atharrachadh a thaobh technology, mar an steam engine, a bha a' toirt... bha e a' toirt cothrom do dhaoine fortan a dhèanamh a thaobh a' cur a-mach bathar 's rudan mar sin. Agus bha daoine gu math teagmhach mu dheidhinn rudan a bha a' tachairt, gu h-àraid a thaobh suidheachadh chlann a bha ag obair.

CM: 'S e àm a bh' ann, ge-ta, chunnaic sinn daoine às ùr a' tighinn a-steach a dh'airgead. Mar a bha gnìomhachas a' fàs, bha daoine beairteach ùr, agus cha b' ann dhe na seann theaghlaichean beairteach a bha iad. Bha sin ag atharrachadh, nach robh?

IM: Bha. 'S urrainn dhut a ràdh gur e seòrsa nouveau riche a bh' ann, a bha air fortan a dhèanamh a-mach às na factories, a-mach à rudan mar mining, 's a-mach à cotan. Tòrr de na gnìomhachasan sin. 'S aon de na gnìomhachasan as motha cuideachd, 's e railways a bh' ann, an rathad-iarainn, agus 's e... bha fàs... bha fàs mòr cianail air sin, 's rinn tòrr daoine airgead mòr a-mach às.

CM: Agus dheigheadh aig Bhictòria na bu luaithe eadar Obar Dheathain agus Dùn Èideann an uair sin na 's dòcha a dheigheadh sinn anns na làithean a tha seo fhèin. Ach thàinig... 's e àm a bh' ann 's thàinig tòrr rudan ùr. Thàinig... thàinig tòrr innealachd ùr, agus chiallaich sin gun robh dòigh-beatha an t-sluaigh ag atharrachadh. Agus... ach cuideachd, mar a bha an dòigh-beatha ag atharrachadh, bha tinneasan ann, agus bha galaran ann 's dòcha nach robh ann ron a sin, nach robh?

IM: Dìreach. Bha... oir gun robh a leithid de dhaoine còmhla, agus can gun robh na mìltean de dhaoine a' cleachdadh an aon tobar, far, can, air Gàidhealtachd, cha bhiodh ach fichead duine a' cleachdadh an aon tobar, 's bha slàinte nas fheàrr aca a thaobh sin air Gàidhealtachd. Ach bha, sa bhaile, bha sin ag adhbharachadh tinneas mar... mar typhoid, cholera, agus tuberculosis, agus tha e inntinneach a' faicinn gun do... bha seo a' bualadh fiù 's air Bhictòria fhèin, oir gun do chaochail Albert ann an eighteen sixty-one bho typhoid.

CM: Agus dè an t-iongnadh ged a bhiodh sin ann, airson bha iad a' fuireach, bha feadhainn dhiubh, bha na daoine beairteach ann, agus bha na daoine nach... aig nach robh mòran airgead ann, agus bha an uair sin na daoine bochda dha-rìribh ann, agus bha iad sin a' fuireach ann an taighean bochda, taighean nam bochd.

IM: Taigh nam bochd. Sin... sin... tha e a' ràdh, anns na leabhraichean, bha daoine nas deònach a bhith air an sràid na bhith ann an taigh nam bochd. Bha feadhainn a' coimhead air mar nàdar de prìosan. Agus bha... nach robh e glè choltach ri prìosan, tha mi a' smaoineachadh, 's dòcha?

CM: Agus 's e àm a bh' ann cuideachd, nach e, agus bha sinne air Ghàidhealtachd gu math eòlach air a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn, a bhith air mhuinntireas mar sin. 'S e rud a bh' ann, bha an t-uabhas dhaoine agus 's e an dòigh... an caitheamh-beatha a bh' aca, an dòigh-beatha a bh' aca, 's e a bhith a' toirt taic do dhaoine eile, ag obair do dhaoine eile, a' toirt cuideachadh dhaibh san dachaigh.

IM: Cha mhòr nach robh seo àm nan searbhantan. Bha iad a' fuireach san àite, bha iad ag èirigh aig sia, bha iad ag obair bho sia, agus glè thric cha robh iad a' dol dhan an leabaidh gu às dèidh meadhan-oidhche. Sin an seòrsa beatha-obrach a bh' aca. Ach bha tòrr dhaoine nas toilichte sin a dhèanamh na bhith a' dèanamh rudan eile. Bha e nas sàbhailte ann an dòigh, a thaobh... a thaobh dòighean-obrach.

CM: Ach 's e àm a bh' ann a chunnaic sinn cùisean a' gluasad air adhart. Chunnaic sinn obair... bha e comasach do dhaoine a bhith a' faighinn còmhradh ri chèile, a bhith a' faighinn fios gu chèile tòrr na bu luaithe, ghluais sin, thàinig obair nan litrichean 's obraichean nam mèilichean, 's bha iad a' cleachdadh nan trèanaichean far am b' àbhaist dhaibh a bhith a' cleachdadh eich agus rudan mar sin. Chiallaich seo atharrachadh mòr cuideachd, nach do chiallaich?

IM: Tha. Ò, tha. Feumaidh sinn a' coimhead air an dà thaobh. Tha an taobh sin caran dorcha, ach tha taobh eile a tha dìreach mìorbhaileach leis na rudan a bha a' tachairt, na inventions a bh' aig daoine 's na atharrachaidhean a thaobh gluasad, gu h-à-... tha mise a' smaoineachadh, na atharrachaidhean a thaobh slàinte dhaoine cuideachd. Seo an t-àm nuair a... nuair a bha daoine mar James Simpson a' faighinn fios mu dheidhinn chloroforms, 's Lister a' coimhead air antiseptics 's rudan mar sin.

CM: A bheil thusa a' smaoineachadh gun robh beatha an t-sluaigh, caitheamh-beatha an t-sluaigh, eadar-dhealaichte dha-rìribh nuair a chaochail Bhictòria, bho chionn dìreach ceud bliadhna air ais, bhon dòigh san robh e nuair a thàinig i gu bhith air a' chrùn còrr air trì fichead bliadhna ron a sin? An robh dòigh-beatha nan daoine... an robh an suidheachadh anns an robh daoine beò ann am Breatainn air atharrachadh gu tur?

IM: Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Ma bha àm sam bith ann, seo an àm far an robh atharrachaidhean mhòra, agus feumaidh tu dìreach coimhead air an àireamh... an àrdachadh den àireamh sluagh. Agus tha iomadh duine... tha iomadh neach-eachdraidh a' ràdh gun robh Alba na eisimpleir as fheàrr de mar a bha cùisean ag atharrachadh, mar a bha àitichean mar Glaschu a' fàs agus daoine air an dùthaich a' fàgail an dùthaich fhèin.

CM: Glaschu a' fàs, daoine a' fàgail an dùthaich, agus daoine a' gluasad a-null thairis cuideachd, a' teicheadh.

IM: Bha. Bha cothrom nas fheàrr aca teicheadh. Bha am bàta-smùid ann aig deireadh an linn sin nach robh aca aig an toiseach.

CM: Uill, Iain, tha iomadach taobh air a seo. Dòigh-beatha, caitheamh-beatha an t-sluaigh, fhad 's a bha a' Bhanrigh Bhictòria na suidhe air cathair-riaghlaidh Bhreatainn. Tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a dh'innse feadhainn aca dhuinn. Iain Mac na Ceàrdaich ann an sin.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good