Search

Prògram Choinnich

Date 22 January 2001
Track ID 32366
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 22.01.2001

Summary

The advances in health care during the reign of Queen Victoria.

Dr Calum MacRae tells how there were many changes to health care provision while Victoria was queen. Disease was rife amongst the population of the towns and cities, but the situation was improved by Florence Nightingale's insistence on cleanliness in hospitals. There were also advances in such fields as anaesthetics.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CMI): Bhuail Iain Mac na Ceàrdaich ann an siud, am measg rudan eile, air mar a thàinig piseach air slàinte an t-sluaigh rè àm Bhictòria. Tha an Dotair Calum Òg MacRath còmhla rium gus beachdachadh air cuid dhe na leasachaidhean a thàinig a thaobh slàinte. Uill, dè cho fallain, a Chaluim, agus a bha an sluagh aig an àm a bha siud?

Calum MacRath (CMR): Uill bha iad... mar a tha e an-diugh, dìreach, bha feadhainn ann a bha fallain 's a bhitheas fallain, 's feadhainn a bha bochd agus bha iad a' fuireach caran bochd, 's a' togail a h-uile galar a bh' ann. Bha sin ann 's bidh e ann.

CMI: Uill, 's e biadh gu math diofaraichte a bh' aca, ge-tà.

CMR: 'S e cion a' bhiadh, agus gun robh cus ann dhiubh airson am biadh a bha ri fhaighinn, agus gu h-àraid anns na bailtean mòra, bha iad glè bhochd, tòrr dhen sluagh co-dhiù, glè bhochd, agus le sin bha iad a' togail gach galar gabhaltach a bha a' tighinn an rathad.

CMI: Agus cha robh dèiligeadh ro mhath riutha, nam b' e 's gum feumadh iad a dhol a dh'ospadal aig an àm a bha sin. Ach thàinig tòrr atharrachaidhean anns na h-ospadail, nach tàinig?

CMR: Uill, cha tàinig airson a' chiad leth dhen an linn a bha seo. Bha na h-ospadalan glè salach. Tha iad a' bruidhinn an-diugh air cho salach 's a tha na h-ospadalan againn fhìn, ach a rèir 's mar a bha sinn a' faighinn a-mach, bha... 's e sgreat a bh' anns na h-ospadalan aig an àm sin. Ach 's e Florence Nightingale, 's e boireannach sònraichte a bh' innte. 'S e ise a thòisich, dìreach, a' faighinn an fheadhainn a bha... gun robh gnothach... aig a' ghnothach a bha seo, 's e ise a thòisich a' glanadh suas na h-ospadalan, agus a chuir gu bonn banaltramachd ceart. Ach 's e ise a thòisich a' chùis uile-gu-lèir. 'S e boireannach soilleir a bh' innte.

CMI: Mar sin dheth, aig deireadh àm Bhictòria, bha suidheachadh nan ospadal gu math diofaraichte ris mar a bha e aig toiseach a h-ùine air a' chrùn?

CMR: Bha. Bha, deimhinne.

CMI: Dè seòrsa linn a bh' ann airson adhartas? Bha tòrr adhartasan. Dh'ainmich gu dearbha Iain feadhainn dhiubh ann an siud 's daoine mar Simpson 's Lister, ach bha tòrr dhen an seòrsa rud sin a' dol air adhart.

CMR: Bha fad an t-siubhail. 'S e linn dhe atharrachaidhean mòr a bh' ann. Aig toiseach an linn, thòisich Sir Humphry Davy ag obair le nitrous oxide, agus dh'fheuch e air fhèin e agus fhuair e a-mach gun robh feum ann airson anaesthesia, agus 's e sin an tòiseachadh, dìreach. Agus Michael Faraday cuideachd aig an aon àm, thòisich e ag obair le ether, agus bha Crawford Long anns na States, rinn e a' chiad operation le ether. Agus bha dhà no trì daoine eile. Horace Wells, rinn e na h-operations airson a bhith a' tarraing fiacaill le nitrous oxide. Agus anns an dùthaich againn fhìn, Seumas Simpson, thòisich esan ag obair le ether, agus ga fheuchainn ann am banas-glùine, 's rinn sin feum mòr. Agus Bhictòria fhèin, bha ise... bha i toilichte gu leòr anaesthetic a ghabhail nuair a rug a mac Leopold, agus às dèidh sin, cho luath 's a bha ise toilichte fhaighinn, bha an sluagh uile-gu-lèir glè thoilichte, agus thàinig goireasan nas caoine às dèidh sin.

CMI: Ach bha tinneasan ann a bha gabhaltach agus a bha iad a' marbhadh tòrr dhaoine rè àm Bhictòria, tinneasan mar, mar a chuala sinn, typhoid, cholera agus feadhainn mar sin, nach robh?

CMR: Ò bha, bha. Cholera gu h-àraid, agus typhoid. Bha e a' togail às dìreach tòrr dhen t-sluagh nuair a thàinig e, 's bha e a' tighinn 's a' falbh 's a' tighinn 's a' falbh, gun heat, dìreach, aca a dhèanadh gnàthachadh no leasachadh ceart air. Ach 's e na tinneasan gabhaltach a bha ag obair air na h-òige. 'S ann airson sin a bha e doirbh faighinn seachad air na bliadhnaichean òige, airson 's cho gabhaltach 's cho marbhtach a bha na tinneasan sin, tinneasan nach eil sinn a' faicinn mòran dhiubh a-nise, airson 's gu bheil vaccines ceart agus inoculations ceart againn air an son.

CMI: Tha mi a' tuigse cuideachd, tòrr dhe na rudan a bhathas ag ionnsachadh co-cheangailte ri slàinte agus leasachadh slàinte, gur ann rè àm cogaidhean a bha iad a' dèanamh seo, agus gun robh buaidh mhòr aig na rudan a bhathas... a bhathas a' dèanamh anns an Arm air slàinte agus dòighean dèiligeadh ri slàinte an t-sluaigh anns an fharsaingeachd?

CMR: Uill cho luath 's a bha... bha iad aca, bha aca ri làmh-leighis a dhèanamh anns an Arm agus fhuair iad eòlas mòr agus foghlam mòr anns an Arm, agus cha robh e fada gus gun d' fhuair na taighean-oilein beachd air seo, agus le sin sgaoil an t-eòlas a bha sin agus leis na anaesthetics ùr a bha air tighinn, làmh-leighis, 's e rud anabarrach feumail a bh' ann, o meadhanach... o meadhanach an linn aig Bhictòria.

CMI: Am biodh e fìor a ràdh a-rèiste gur e àm a bha seo nuair a thàinig mòran leasachaidhean a thaobh slàinte? 'S dòcha barrachd na thàinig ann an linn sam bith ron a sin?

CMR: Ron a sin... aidh uill, bha iad ag obair airson linnichean ron a sin, bha iad ag obair 's ag obair, agus 's ann anns an linn seo a thàinig a h-uile rud ri chèile, chanainn-sa, agus bha na prìomh dotairean a' feuchainn ris gach foghlam a bh' aca agus gach eòlas a bh' aca, bha iad a' feuchainn a h-uile rud a toirt ri chèile airson atharrachaidhean agus airson cuideachadh agus airson adhartas a dhèanamh. Ach rud a bha bochd, cha robh mòran aca airson leasachadh a dhèanamh. Chan ann... cha d' fhuair sinn sin gus an tàinig na antibiotics aig toiseach, no suas gu meadhan an linn a chaidh, dìreach, seachad oirnn.

CMI: Uill, a Chaluim, tapadh leatsa gu dearbha airson a bhith a' toirt beachd air a sin, an suidheachadh 's mar a dh'atharraich e a thaobh slàinte agus dòighean dèiligeadh ri slàinte an t-sluaigh rè àm Bhictòria. An Dotair Calum Òg MacRath.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good