Search

Prògram Choinnich

Date 22 January 2001
Track ID 32369
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 22.01.2001

Summary

How education has changed since the time of Queen Victoria.

Murdo Beaton relates how many changes have come to education since the era when Victoria was queen. At that time, teachers dealt sternly with the children. The schools were unpleasant places. Children from poor families had little chance of gaining a good education.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Thàinig mòran atharrachaidhean ann am foghlam rè àm Bhictòria. Achd an Fhoghlaim, ochd ceud deug trì fichead 's a dhà-dheug. Bha i sin cudromach, ach bha gu leòr fhathast nuair a chaochail i, bho chionn ceud bliadhna, nach robh a' faighinn foghlam air an robh feum aca. Tha Murchadh Peutan air a bhith a' toirt sùil air ais air saoghal an fhoghlaim aig àm Bhictòria. Tha e còmhla rium ann am Port Rìgh. Suidheachadh agus saoghal gu math diofraichte bhon t-suidheachadh 's bhon t-saoghal air a bheil sinne eòlach, a Mhurchaidh.

Murchadh Peutan (MP): Ò gu tur, gu tur. Tha e air caochladh gu tur an suidheachadh a th' ann an-diugh seach mar a bha e an uair sin, agus feumaidh sinn a ràdh, 's math gu bheil na h-atharrachaidhean a tha sin air tighinn.

CM: A' toirt sùil air suidheachadh foghlam, far an robh clann a' dol airson foghlam. Na seòmraichean. Na sgoiltean.

MP: Uill, sin fear dhe na h-atharrachaidhean. Bha na sgoiltean a bh' ann an uair sin, 's e àiteachan mòra, bha mòran clann annta, bha iad dorcha, bha iad iargalta, agus 's e glè bheag a thoileachas a bh' annta, feumar a ràdh. Bha iad... bha iad a cheart cho mì-thlachdmhor 's a bha na h-àiteachan-obraich, agus bha na deasgaichean, faodaidh mi a ràdh, na suidheachain, bha iad ann an sreathan, 's bha sglèatan aca, 's cha robh mòran cofhurtachd aca, 's chan fhaodadh iad fiù 's bruidhinn gun chead.

CM: Bha mi a' leughadh ann an àiteigin... 's ann... 's e bh' ann am foghlam aig an àm a bha sin ach a bhith a' cur rudan air do chuimhne agus a bhith gan aithris air ais.

MP: Uill, seo fear dhe na h-atharrachaidhean eile, na dòighean teagaisg. An uair sin, bha daoine dìreach... chan e a-mhàin an rud a bha iad ag ionnsachadh, na cuspairean a bha iad ag ionnsachadh, gu bheil iad gu tur eadar-dhealaichte seach na cuspairean a th' againn an-diugh, bha an dòigh ionnsachaidh gur tur eadar-dhealaichte. Bha iad ag ionnsachadh an uair sin... bha an t-uabhas smachd aig luchd-teagaisg air a' chlann, agus bha iad ag ionnsachadh, faodaidh tu ràdh, air an teangaidh, agus bha leithid na multiplication tables, cha mhòr nach canadh tu gur ann gan seinn a bha iad. Tha daoine beò an-diugh a tha cuimhne air a bhith ag ionnsachadh mar sin.

CM: Tha fear dhiubh ann an seo.

MP: Tha. Tha 's agam fhìn. Tha cuimhn' agam air a bhith ag ionnsachadh na tables, mar a chanadh sinn, agus...

CM: Two two two four, four four eight... 's rudan...

MP: Sin agad e. Cha mhòr nach robh thu ga seinn. Agus bha cudrom mòr cuideachd ga chur air foghlam creideimh. Bha a h-uile latha a' tòiseachadh le uair a thìde de dh'ionnsachadh às a' Bhìoball 's à Leabhar Aithghearr nan Ceist, 's bha tòrr dheth sin agad ri ionnsachadh air do theanga. Agus bha tòrr cuideam anns na h-àrd-sgoiltean air na classics. Bha foghlam an uair sin ag ullachadh 's a' deasachadh daoine airson an àite aca anns na factaraidhean. Bha, mar a chuala sinn roimhe, bha an sluagh an uair sin, bha beàrnaidhean mòra eadar na h-uaislean 's na daoine beairteach agus an luchd-obrach, agus na sgoiltean cumanta, 's e clann luchd-obrach a bh' ann 's bha a' chlann a tha seo a' dol a dh'fhàs suas gu bhith ann an clas an luchd-obrach agus ag obair anns na factaraidhean.

CM: Rud eile, gu h-àraid ma tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn na bailtean mòra an-dràsta, bhiodh clasaichean ann a bhiodh uabhasach, uabhasach mòr, agus an luchd-teagaisg fhèin, cha robh iad a' dol tro oilthighean idir. Bha iad dìreach ga ionnsachadh mar gum b' eadh ceàrd a bh' ann, nach robh? Bha feadhainn òg a' tòiseachadh 's dòcha aig ceithir-deug còmhla ri tidsear 's an uair sin a' gabhail thairis obair an tidseir.

MP: Bha. 'S e sin an seòrsa siostam a bh' ann, agus bha luchd-teagaisg, faodaidh sinn a ràdh gun robh na dòighean teagaisg aca gu math measgaichte. Gheibheadh tu dòcha ann an dara sgoil, gheibheadh tu tidsear math dha-rìribh, ach ann an sgoiltean eile bha iad gu math truagh. Agus an rud a bha neònach cuideachd aig an àm sin, bha tuarastal an luchd-teagaisg, bha e gu math inntinneach a' coimhead orra. Bha fireannaich a' cosg... bha iad a' cosnadh timcheall air ceud 's dà fhichead not anns a' bhliadhna, ach bha boireannaich, 's bha àireamh mhòr de bhoireannaich an sàs ann am foghlam an uair sin, cha robh iadsan a' faighinn ach beagan 's trì fichead not sa bhliadhna. Timcheall air leth na bha fireannaich a' faighinn.

CM: Uill tha sin air atharrachadh, gu dearbha.

MP: Tha sin air atharrachadh gu tur, agus tha, fhios a'd, an saoghal mar a bha e an uair sin, bha sin a' ciallachadh gun robh tòrr a bharrachd de bhoireannaich a' teagasg, a chionn 's dìreach gun robh e... cha robh an t-uallach pàighidh cho mòr. Cha robh e cho cosgail a bhith a' fastadh bhoireannaich airson a bhith ris an obair a tha seo seach a bhith a' fastadh fireannaich.

CM: Uill sin freagairt 's dòcha aon cheist a bhiodh air mòran dhaoine - carson gu dearbha a bha uiread a bhoireannaich an sàs ann an teagasg. Ach an robh dad a dhiofar eadar Alba agus Sasainn?

MP: Uill, bha. Bha an-còmhnaidh ann an Alba, bha cothrom ann do dhaoine, gu h-àraid gillean a bha comasach, agus ma bha ùidh aig an neach-teagaisg anns an obair aca, bha iad a' faighinn dòighean air airgead a chruinneachadh dhaibh 's gan cur dhan an oilthigh. Agus mar a chanadh iad, a lad o pairts, bha an-còmhnaidh sin ann an eachdraidh... ann an eachdraidh foghlam na h-Alba. Agus cha robh seo... cha robh seo idir ann an Sasainn. Ann an Sasainn, bha siostam aca, siostam sgoiltean prìobhaideach, far an robh... far an robh clann nan uaislean a' dol, agus 's e glè bheag de chothrom a bh' aig clann anns na sgoiltean eile faighinn faisg idir, idir, idir air oilthigh.

CM: Thug thu fhèin do mhàthair bho chionn ghoirid, agus tha i ceithir fichead 's a sia-deug, air ais dhan an sgoil anns an robh i òg. Gu math faisg air àm Bhictòria. Chunnaic i atharrachaidhean mòra, nach fhaca?

MP: Uill, chaidh mo mhàthair... cha b' e mise a thug ann i idir ach ceannard na sgoile. Chaidh i a-staigh a bhruidhinn ris na sgoilearan, 's mar a thuirt thu, tha mo mhàthair ceithir fichead 's... faisg air ceithir fichead 's a sia bliadhn' deug a dh'aois. Rugadh i ann an naoi ceud deug 's a seachd. Agus mar sin, bhiodh an sgoil anns an deach ise glè choltach ris na sgoiltean a bh' ann aig àm bàs Bhictòria. Agus, ò uill, chuir... 's ann dhan aon thogalach 's dhan aon seòmairean anns an robh i fhèin, 's ann a chaidh i. Agus na h-atharrachaidhean a bha sin, chuir iad iongnadh eagallach oirre. Ach 's e an rud a chuir an t-iongnadh as motha uile-gu-lèir oirre, 's e cho beag 's a dh'fhàs am beàrn a bha eadar an luchd-teagaisg agus na sgoilearan an-diugh seach ma... seach mar a bha e ri latha-se. Nuair a bha ise anns an sgoil, bha iad uile a' tighinn a-staigh sa mhadainn... bha iad a' coiseachd dhan an sgoil, agus fliuch no tioram no fuar no blàth, bha iad a' suidhe an sin, ann an sreathan, agus cha leigeadh eagal am beatha leotha èirigh às an t-suidheachan a tha sin, cha leigeadh eagal am beatha leotha fiù 's bruidhinn gun chead fhaighinn bhon tidsear, air neo bha an strap a-mach. Agus an-diugh, tha am beàrn a tha seo, faodaidh tu a ràdh nach eil e idir ann, am beàrn a bha eadar na sgoilearan 's an luchd-teagaisg. Tha na sgoilearan a' bruidhinn gu fosgailte ris an tidsear, 's ag èirigh às an t-suidheachan nuair a tha iad feumach air dòcha faclair fhosgladh agus rud a choimhead suas ann an leabhar, tha iad ag èirigh 's a' faighinn an leabhair a tha sin, agus tha an t-suidheachadh... 's e sin bu mhotha a chuir iongnadh oirre.

CM: A Mhurchaidh, tapadh leatsa gu dearbha. Murchadh Peutan.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good