Search

Dealan-dè

Date
Track ID 33431
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1986.11.28

Summary

Forecasting the weather by observing and listening for particular signs.

Marion MacLeod talks about the signs which old people used to observe in the sky, at sea and on land in order to forecast the weather. Also, on particular days of the year, they looked out for particular signs regarding the weather.

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Jo NicDhòmhnaill (JN): Madainn mhath dhuibh. Dà ghrian, cearcall mu ghealach làn, an t-seann ghealach an glaic na tè ùr, brag reothaidh aig an fhairge, caoraich a' cruinneachadh còmhla air talamh ìosal ri fasgadh. Sin seann chomharraidhean aimsir air nach eil guth againne an-diugh. Tha sinne aig Radio nan Gàidheal ann an Steòrnabhagh air a bhith a' feuchainn bho chionn ghoirid ri cruinneachadh a dhèanamh air na dòighean anns am biodh na seann daoine a' fàigheadaireachd mun aimsir a bha ri tighinn. Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri lorg a-mach dè na lathaichean sònraichte, mar Diluain Traoighte, no Latha a' Chuilein, air am biodh iad gu h-àraid a' gabhail ealla ris an t-sìde. Cuideachd, tha mòran sheanfhacail co-cheangailte ris a seo mar eisimpleir:

Tha an seillean fo dhìon, thig gailleann 's sian.

Aon tè a th' air cuideachadh mòr a thoirt dhuinn, 's e sin Mòr NicLeòid a tha an-diugh a' fuireachd am Brù air taobh siar Leòdhais. Dh'fhaighnich Ceit Anna NicCoinnich dhi ciamar a ghabh i ùidh anns a' chuspair an toiseach.

Mòr NicLeòid (MN): Uill cho fad air ais 's a thèid mo chuimhne. Bhithinn còmhla ri mo sheanair agus na bodaich eile a bhiodh còmhla ris, mar Calum Ailig Chaluim agus Seòras Iain Ghobha ann an Iorseadar, agus nas fhaisge oirnn na sin, bràthair m' athair, Murchadh Iain Mhoirich, agus Murchadh Chaluim Mhurchaidh, agus bhiodh iad an-còmhnaidh, gu h-àraid anns na madainnean, a' bruidhinn air coltasan na h-aimsir. Cha deigheadh rudan a chur air adhart gu 'n toireadh iad beachd air dè seòrsa latha a bha gu bhith ann. Am biodh e soirbheachail dhol a dhèanamh rud, no am bu chòir dhaibh gun a dhèanamh idir, ma bha droch coltasan air.

Nise bha... dh'fhàs mi suas còmhla ris an seòrsa còmhradh bha sin, agus bha mi a' gabhail ùidh ann. Agus a thaobh 's nach robh mòran chloinne dhen an aois agam fhìn anns a' bhaile, 's ann còmhla ri na bodaich sin bu trice a bhithinn, ag èisteachd riutha. Agus lean an ùidh rium suas, tha mi a' smaoineachadh, chun an latha a th' ann an-diugh, gum bi mi a' chiad rud anns a' mhadainn nuair a thèid mi mach a' sealltainn air na speuran, dè a' ghaoth a th' ann 's dè an coltas a th' air. Agus bidh sin a-nise a' toirt na mo chuimhne lathaichean na h-òige agus an fheadhainn a bhiodh còmhla rium, 's cha mhòr nach bi mi a' bruidhinn riutha, ged nach eil iad ann.

Ceit Anna NicCoinnich (CN): Nise, anns an latha sin nuair a bha sibh òg, cha bhiodh sibh a' cluinntinn an aimsir. Cha bhiodh weather forecasts mar sin aca.

MN: Ò cha robh. Nuair a bha mise òg cha robh weather... cha robh wireless ann co-dhiù leis an cluinneadh sinn e. Dh'fhaodadh e bhith gun robh e aig na maraichean, no far nach robh sinne a' cluinntinn, ach cha robh e... cha chluinneadh sinne e. Ach bho dh'fhàs mi suas, thòisich iad a' toirt seachad, man a chanas sinn, weather forecast, gu tìde a' chogaidh mu dheireadh.

Nise, sguir iad dheth an uair sin a thaobh 's gum biodh e fàbharach dha na nàimhdean nam biodh fhios aca dè seòrsa aimsir a bha timcheall nan cladaichean againn. Agus sguir iad mar sin a thoirt seachad am forecast air chor 's gum biodh fios aig duine sam bith gu diod a bha gu bhith ann.

Ach an dèidh sin, na bodaich a bh' ann an uair sin, bha iad a' cumail a' dol leis a' bhreithneachadh aca fhèin, man a bha iad a-riamh bhon òige. Ach cha robh càil a dh'fhios aig na Gearmailtich dè bh' ann an inntinn nam bodach sin.

Uill, bho chuala mi am prògram agaibh fhèin air an èadhar, thug e air ais mi gu làithean m' òige, agus chuimhnich e tòrr rudan dhomh a bhithinn ri cluinntinn an uair sin. Ach tha mòran dhaoine ann aig a bheil barrachd fiosrachaidh mu bhreithneachadh na h-aimsir, a bha air a dèanamh leis na seann daoine, na th' agamsa, ach innsidh mi na rudan air a bheil cuimhn' agam a bhith a' cluinntinn nam òige air comharran na sìde, agus a tha fhathast follaiseach gun robh iad fìor.

An tòisich sinn leis an iarmailt? A' ghrian an toiseach. Ma bhios i deàrrsanta na h-èirigh agus gu meadhan-latha, cha mhath an comharra sin idir. Ach deàrrsanta na dol fodha, 's e sin comharra air sìde thioram, shocair.

Tha comharra eile ann ris an canar dà ghrian. 'S e sin deàlradh solais tro tholl ann an sgòth ron a' ghrèin no às a dèidh. 'S e sin comharra air atharrachadh sìde.

Nis, a' ghealach. Theirear Gealach Shatharnach Foghair rithe ma thig i air Disathairne sam bith bho thoiseach gu deireadh an fhoghair, agus tha i seo gu bhith na rìgh air na seachd a tha a' tighinn às a dèidh. Tha seo ri ciallachadh, ma tha sìde mhath leatha, na chaochladh, gum bi na seachd a tha a' tighinn às a dèidh dhen an aon seòrsa sìde.

Agus ma bhios cearcall mòr farsaing timcheall air gealaich làin, 's e sin comharra cinnteach air garbh-shian gaoithe agus uisge a bhith faisg. A-rithist, ma bhios an t-seana ghealach mar gum bitheadh an glaic na tè ùra, cha chomharra math sin a bharrachd. Agus ma bhios a' ghealach ùr na seasamh còmhnard, deagh chomharra; ach air a druim dìreach, coltas an uisge.

A-nis, an fhairge. Theireadh na seann iasgairean am fàidh mòr ris a' chuan. Aig an àm san robh iad gu tur an urra ris an t-sùil agus ris a' chluas airson breithneachadh na h-aimsir, bha iad ag ràdh gur ann air grunnd na mara a bha an t-onfhadh ri tòiseachadh mus robh e follaiseach air uachdar, agus gum bu mhithich an uair sin a bhith a' dèanamh air cala.

Nuair a chithear srianagan de chop geal air uachdar na mara, is comharra cinnteach air uisge a th' ann. Tha a-nise atharrachadh de dh'fhuaim aig a' mhuir, mar eisimpleir, brag reothaidh, agus na siùil-mhara len comharran fhèin. Ma thilleas e air an lìonadh, cha bhi turadh ann gus an till na siùil-mhara.

An tìr a-nis. Mar choltas sìde mhath, bidh na caoraich ri dol a dhèanamh leabaidh-laighe gu mullach nan cnoc, agus ri sgapadh bho chèile. Ach nuair a chruinnicheas iad còmhla ri chèile gu talamh ìosal agus fasgadh, 's e sin fìor choltas na gairbhsich. Mar an ceunda, bidh eòin bheaga na h-ealtainn ri cruinneachadh, mar gum biodh ri dèanamh neart à lìonmhorachd, agus ag ionaltradh gu brais, mar gum biodh gan lìonadh fhèin le biadh ron an droch aimsir nuair nach urrainn iad cosnadh a dhèanamh.

Tha cuideachd imrich nan eun a tha ri falbh gu tìrean cèine ri sireadh blàths mus tig an geamhradh againne. Mar as tràithe a nì iad cruinneachadh agus imrich, 's e sin comharra air fuachd 's gailleann a thighinn nas luaithe. Seadh, geamhradh tràth.

Agus na cuileagan fhèin. Tràth san earrach agus deireadh an fhoghair, bidh iadsan ri cruinneachadh agus theirte:

"Tha cath chuileag ann an-diugh. Chan eil an garbh-shian fad às."

Cha bu mhath le na seann dhaoine na smeòraich no na h-uiseag a chluinntinn tràth. Nan cluinneadh iad na h-eòin sin tràth, theireadh iad:

"Chan fhada gus an cuir an gailleann nan tost iad."

Uill, 's e siud an rannsachadh a rinn mise nam inntinn fhìn, a' feuchainn ri cuimhneachadh air ais gu làithean m' òige, ach tha fios a'm glè mhath gu bheil mòran anns na h-eileanan aig a bheil fios air tòrr a bharrachd air na fhuair mise air a chur cruinn an-dràsta, agus bhiodh e glè mhath nan sgrìobhadh iad a-steach agus gun innseadh iad diod e air a bheil fios aca agus gu diod a bheil cuimhn' aca a chuidicheadh leis a' phrògram, a tha gu bhith cho tlachdmhor, tha mi an dòchas, dhan luchd-èisteachd, agus gu h-àraid dhan òigridh. Tha iad sin, mar gum biodh, air am biathadh bho àiteachan eile le weather forecasts 's nach do rinn iad oidhirp sam bith airson... [?air a shon] iad fhèin. Tha e a' tighinn thuca air an rèidio, ach cha b' ann mar sin a bha e ri mo chiad chuimhne-sa idir. Cha robh rèidio ann, againne co-dhiù, agus bha obair latha gu tur an urra ri breithneachadh na sìde anns a' mhadainn. Bhiodh na bodaich ag ràdh ri chèile: "An dèan e latha dupaidh an-diugh?" No: "An dèan e latha cur a-steach a' chorca?" No: "Dè seòrsa coltasan a th' air?"

Nise, bha an obair an làn urra ri breithneachadh na madainn, an e obair a-muigh a dhèanadh iad no an e dìreach an obair a-muigh a leigeil seachad le feagal gum biodh i air a milleadh orra le droch shìde.

CN: Mar sin, bha iadsan a' toirt mòran spèis dha na comharran.

MN: Ò bha iad a' toirt a h-uile spèis a bh' ann dha na comharran, bhon bha iad gu tur an urra ris an t-sùil agus ris a' chluas. Bha na fuaimean a chluinneadh a' chluas fon a' mhuir, 's fon na h-uillt cuideachd, a cheart cho [?ionamhail] agus cho feumail ann am breithneachadh na sìde ris an rud a chitheadh an t-sùil, anns na niùil agus air uachdar na mara. Bha h-uile càil a bh' ann air a chur còmhla ri chèile, agus air a bhreithneachadh airson gun dèanadh iad a-mach gu dè bu chòir dhaibh a dhèanamh, a leigeadh an aimsir leotha a dhèanamh, a bhiodh feumail.

Bha rud eile ann agus 's e a' chiad Diluain às dèidh na Seana Bliadhn' Ùir. Chanadh iad Diluain Traoighte ris, agus bho bha mi òg bha mi a' dèanamh dìcheall airson... nam bithinn anns an eilean gu h-àraid - cha robh tòrr de dh'fheum ann nuair a bha mi air falbh às an eilean a bhith ga dhèanamh - ach nuair a bha mi anns an eilean agus chun an latha an-diugh, bidh mi a' dol a-mach aig meadhan-oidhche Diluain Traoighte a' sealltainn dè a' ghaoth a bhios ann, mun a' mheadhan-oidhche, bhon bha e air a ràdh, agus tha sinn a' faicinn gu bheil e fìor, am bòrd bho bhiodh a' ghaoth a' sèideadh aig meadhan-oidhche Diluain Traoighte, gur e sin a' ghaoth bu trice a bhiodh ann fad na bliadhna. 'S e a-nise Diluain Traoighte a' chiad Diluain às dèidh na Seana Bliadhn' Ùir. Tha sin anns an Fhaoilleach, agus bhiodh e... chan e an aon deit a bhios ann a h-uile bliadhna idir, ach 's e chiad Diluain a bhios ann às dèidh an trìtheamh là deug dhen an Fhaoilleach. 'S e sin Diluain Traoighte.

CN: Agus tha sibh a' ràdh gun robh sibh fhèin a-muigh aig meadhan-oidhche air a' bhliadhna seo fhèin. A bheil cuimhn' agaibh, ma-thà, dè a' ghaoth a bh' ann?

MN: Tha. Tha cuimhn' agam gur e gaoth an iar agus an iar-dheas a bh' ann, aig meadhan-oidhche Diluain Traoighte am-bliadhna, agus gur i as trice a th' air a bhith ann. 'S i th' ann an-diugh fhèin. Gur i as trice a th' air a bhith ann bhon uair sin. Ged a bhios beagan atharrachadh ann aig amannan, 's e siud an tè as trice a th' air a bhith ann.

Agus a-nise bho thòisich sinn a' bruidhinn, tha rud eile air a thighinn ri mo chuimhne. Latha a' Bhuilg. 'S ann an am meadhan an Iuchair a tha an latha sin, agus tha e coltach gun robh duine diadhaidh ann uaireiginich, agus chaidh lochd a chur às leth dha nach robh e ciontach, agus bhathas a' dol ga chur gu bàs. Agus thuirt e:

"Uill," ars esan, "chan eil mise ciontach idir, agus mar chomharra air nach eil, an seòrsa latha a bhios ann an latha thèid mo chur gu bàs," - 's e crochadh a bh' ann aig an àm sin - "'s e sin an seòrsa aimsir a tha gu bhith ann feadh shia seachdainean às dèidh mo bhàis." 'S e sin Latha a' Bhuilg. St Swithin's Day, 's e sin a' Bheurla a th' air.

Uill, 's e sin a-nise na tha ri mo chuimhne-sa an-dràsta, agus tha mi an dòchas gun toir an òigridh a th' ann an-diugh aire dha na seòrsa rudan sin. Bu mhath leam gum biodh iad anns gach ginealach a' toirt aire dha na comharran sin a th' anns an iarmailt agus air a' mhuir agus air an tìr, a tha cho fìrinneach, a bha cho fìrinneach 's a tha cho fìrinneach, agus an fheadhainn againne a bh' air an cluinntinn, tha sinn fhathast a' mothachadh gu bheil iad fìrinneach.

JN: Mòr NicLeòid à Brù a' còmhradh an siud ri Ceit Anna NicCoinnich. Agus mas urrainn dhuibhse ar cuideachadh, sgrìobhaibh thugainn gu Radio nan Gàidheal, Rosebank, Sràid na h-Eaglais, ann an Steòrnabhagh, no cuiribh fòn thugainn aig Steòrnabhagh còig mìle. Bhuamsa an-dràsta, latha math dhuibh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good