Search

Iain Mòr na Pacaid.

Date July 1953
Track ID 34351
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.117.A1

Original Tape ID

SA1953.117B

Summary

Iain Mòr na Pacaid.

Iain Mòr na Pacaid ran a whisky supply between Skye and Tobermory. He and his companion, Donald MacKinnon, were forced ashore by bad weather one night, and went to a house for shelter. It was suppertime, but they were not offered anything. Iain took a potato for each of them, then lit his pipe and passed it to the man of the house. He immediately offered them food. He hadn't had any tobacco for a fortnight.

Item Subject/Person

Iain Mòr na Pacaid; MacFhionghain, Dòmhnall

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Caimbeul: Ach gu dè bha ach bha... bha e a' faighinn nam poitean-dubha ann, anns an Eilean Sgitheanach. Bha e a' ceannach an uisge-bheatha bhuatha 's bha e a' dol a Thobar Mhoire ga reic. Bhiodh cutters ga ruith - bàta a' chutter - ann am measg lochannan an Eilein Sgitheanaich. Co-dhiù cha do rug iad air. Fear Dòmhnall MacKinnon còmh' ris. 'S e bha ag innse na naidheachd.

Agus co-dhiù bha iad ann a... thàinig sileadh sneachd orra oidhche dhe na h-oidhcheannan agus chaidh iad do thaigh, agus cha b' urrainn dhaibh an ceann-uidhe a thoirt a-mach, bha i dorcha. Agus co-dhiù bha suipear aca. 'S e buntàta a bh' aca co-dhiù, 's cha do thairg iad buntàta no rud sam bith do na srainnsearan. Agus shìn Iain Mòr na Pacaid a làmh agus thog e dà bhuntàta far na mèise agus thug e fear dhiubh dha chompanach, do Dhòmhnall Nìll, agus dh'ith e fhèin am fear eile. Agus co-dhiù nuair a chaidh an t-suipear seachad las Iain Mòr a phìob - cha robh Dòmhnall Nìll, cha robh e a' smocadh idir - agus thug e smoc don bhodach.

"Uill 'illean," ars esan, "gabhaibh mo leisgeul," ars esan, "chan eil fhios a'm cò an saoghal air an robh mi," ars esan, "o chionn chola-deug cha d' fhuair mi srad tombaca," ars esan. Agus: "Èirich a nighean," ars esan, "agus dèan suipear mhath dha na daoine."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair