Search

Mar a dh'fheuch an 'cutter' ri Iain Mòr na Pacaid a ghlacadh...

Date July 1953
Track ID 34354
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.117.A2

Original Tape ID

SA1953.117B

Summary

How the cutter tried to catch Iain Mòr na Pacaid

These are little anecdotes about Iain Mòr na Pacaid and the cutter's attempts to catch him. [The recording is faulty.]

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Caimbeul (DC): Fhuair iad an sin smac agus bha iad oidhche ann an Tobar Mhoire. Bha i làn de chasgaichean uisge-bheatha aca, agus thàinig an cutter a-staigh 's rug e orra, 's chaidh e... chaidh Iain Mòr, chaidh iad suas dhan hotel 's bha iad ag òl...

[Beàrn sa chlàradh an seo.]

"...dol a-mach agus nì thu fead riumsa aig Rubha nan Gall," ars esan.

Agus seo mar a bha.

"[???] gabhaibh mo leisgeul," ars esan, "tha mi a' dol a-mach."

'S dh'fhàg e an ad air a' bhòrd. 'S och, bha siud ceart gu leòr. Chàirich Iain Mòr air gu Rubha nan Gall 's chuir Dòmhnall Nìll a-mach...

[Beàrn sa chlàradh an seo.]

...Iain Mòr 's...

Calum MacIllEathain (CM): Co-dhiù, seadh.

DC: Ghabh iad suas ri Tiridhe le gaoth a deas, agus sa [?Bhun] Dubh tharraing iad air falbh i gu Bhatarsaigh - eilean ris an can iad Bhatarsaigh. Chuir iad a-mach na casgaichean air [?tèileir] a bh' air clèibh ghiomaich ann an sin, agus chaidh iad a-null 's dh'acraich iad i ri taobh a' chutter ann am Bàgh a' Chaisteil. Cha robh sgath... cha robh sgath anns an smac aca ach da bhundle de lorgan caoil - caol dubh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair