Search

An dà-shealladh.

Date July 1953
Track ID 34374
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.117.A9

Original Tape ID

SA1953.117B

Summary

Second sight.

The contributor gives information about second sight and how the Uist people seem to have it.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Caimbeul (DC): Chuala mi fheadhainn a bhiodh a' faicinn dà shealladh 's chitheadh iad... chitheadh iad duine air an rathad mhòr 's anns a h-uile h-àite. Chitheadh iad duine marbh. Uill, duine nach eil dà shealladh aige chì e duine marbh cuideachd. Thig e a bhruidhinn ris ma tha turas aige ris. Chuala sibh fhèin siud? Ach nuair a tha an dà-shealladh aige, chì e... chì e rud a tha gu tachairt ge brith cuin. Dh'fhaodte ged a... ged a bhiodh dà fhichead bliadhna no leth-cheud bliadhna ann. Taibhse a chanas iad ris a sin. Chan fhaca mise riamh i no duine dhem dhaoine air a shon sin. Cha robh duine a bhuineadh dhòmhsa a chitheadh taibhse.

Calum MacIllEathain (CM): Ach chuala sibh naidheachdan mu dheidhinn daoine eile?

DC: Chuala, a chitheadh taibhsean. Tha iad a' fàgail air na h-Uibhistich gu bheil iad uabhasach gu faicinn thaibhsean. Tha mi... tha mi toilichte nach fhaca duine a bhuineadh dhomh fhìn riamh iad co-dhiù. Tha. Ach chan eil fhios a'm a bheil iad sgath nas miosa na duine eile air a shon sin, an fheadhainn a tha gam faicinn, an dà-shealladh. Chan eil ann ach rud a chuir... rud a chuir Dia annta. Chunnaic Dia iomchaidh a chur annta. Chan eil.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good