Search

Dealan-dè

Contributors
Date
Track ID 36960
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1987.11.06

Summary

The history of the Glasgow Lewis and Harris Association.

John MacNeill relates some of the history of the Lewis Society which later became the Glasgow Lewis and Harris Association. Information on the group fundraising, its benevolence and also observations on the population shift between Glasgow and the Islands.

Item Location

County - Lanarkshire

Parish - Glasgow

Village/Place - Glasgow

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Iain MacNèill (IMN): Ceud bliadhna air ais bha balaich à Leòdhas agus na Hearadh, man a tha mise a' tuigsinn an gnothaich, ann an Glaschu agus 's iad aon dhe na h-eileanan nach robh comann aca, agus chruinnich feadhainn aca agus smaoinich iad, uill carson nach biodh comann acasan man càch. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin dìreach a thòisich an rud. Ach tha e coltach, mu dheich bliadhna ron a sin, gun robh seòrsa de chomann ann - dè an t-ainm a bh' orra? - Lewis Society of Glasgow, agus tha coltach gur e friendly society a bha sin, agus chan eil fhios a'm dè man a fhuair iad air sin a dhèanamh ach cha robh sin ann am bith ach airson còig bliadhna no mar sin. Bhon uair sin, uill, tha sgìre Ghlaschu, 's e a' chuid mhòr a Ghàidheil, 's ann à Leòdhas agus na Hearadh a bha iad, gu dhà no trì bhliadhnaichean air ais. Chan eil mi a' creidsinn nach eil a' chuid mhòr aca às fhathast, ach gu deimhinnte ron a' chogadh 's às dèidh a' chogadh bha an t-uabhas à Leòdhas agus na Hearadh an seo, agus bha an comann an uair sin a' dol uabhasach math.

Iain Moireasdan (IM): Agus dè a-nist a bhiodh iad ris anns na lathaichean sin?

IMN: 'S e an t-adhbhar, tha mi a' smaoineachadh, a choinnich iad an toiseach 's e gum biodh àite coinneachadh aca 's gum biodh ceòl 's spòrs 's òraid 's òrain aca, agus chùm iad sin a' dol fad an t-siubhail. Ach a thuilleadh air a sin bha an comann againn a-riamh, anns an eachdraidh aige, bha iad... bha iad a' coimhead às dèidh daoine bochda a bha às na h-eileanan agus a' toirt cuideachadh dhaibh nuair a bhiodh iad gun airgead no gun obair no rudeigin a' dol ceàrr - cuideigin a' bàsachadh no rudeigin mar sin - agus mar eisimpleir air a sin, nuair a chaidh an Iolaire fodha às dèidh a' Chiad Cogadh, fhuair iad cothrom an uair sin cruinneachadh airgead feadh Ghlaschu, agus chruinnich iad anns an latha sin, dà mhìle agus naoi ceud not airson an Iolaire.

IM: Bha tòrr airgead an sin aig an àm sin?

IMN: Bha an t-uabhas airgead ann a shin. Chan eil mise a' creidsinn gun dèanadh sinn mòran na b' fheàrr na sin nam feuchadh sinn ri cruinneachadh an-diugh. Cha do dhiùlt iad, fhad 's is aithne dhòmhsa, riamh duine sam bith a thàinig a dh'iarraidh cuideachadh, 's gu h-àraid aig àm Nollaig, nuair a bhiodh seann daoine nan aonar cuideachd. Bhiodh iad a' feuchainn ri rudan beaga a thoirt dhaibh, agus bha iad... tha mi a' smaoineachadh gun robh iad math, math airson rudan mar sin, ged nach eil thu a' leughadh càil mu dheidhinn mar sin anns na pàipearan.

IM: Niste, tron an dà chogadh dè bha a' dol aca an uair sin?

IMN: Ron an Dàrna Cogadh, bha Comann Leòdhais Ghlaschu air a stèidheachadh ann an naoi ceud deug agus dhà-deug air fhichead, agus bha sin air falbh bho Comann Leòdhais agus na Hearadh, agus bha sin mar sin, an dà chomann a' dol gu faisg air deireadh an Dàrna Cogadh. Sin a' bhliadhna mus do sguir a chogadh. Agus thàinig iad an uair sin còmhla a-rithist, agus bhon uair sin 's e Comann Leòdhais agus na Hearadh Ghlaschu a th' air a' chomann.

IM: Ach carson a-nist a thàinig am buidheann sin gu bith? An robh daoine idir toilichte leis mar a bha... mar a bha a' chiad chomann a' dol?

IMN: Man a tha mise a' tuigsinn an rud, tha mi a' smaoineachadh gun robh iad a' gearan nach robh gu leòr Gàidhlig ga chleachdadh aig Comann Leòdhais agus na Hearadh. Nise, tha e duilich seo a thuigsinn, nuair a choimheadas tu ri na sgoilearan Gàidhlig a bha ann an Comann Leòdhais 's na Hearadh an uair sin, agus a dh'fhuirich ann an dèidh... [?a-mhàin] Comann Leòdhais a bhith air a stèidheachadh.

IM: Agus tha sibh a' ràdh gun tàinig an dà bhuidheann còmhla. Carson?

IMN: Tha mi a' creidsinn gun tug an cogadh iad còmhla, agus tha mi a' creidsinn cuideachd nach robh an dà chomann ri dèanamh glè mhath sgapte, agus tha mi a' creidsinn gur e adhbharan mar sin bu choireach gun tàinig iad còmhla mu dheireadh thall. Nuair a chuimhnicheas mi air sin an-dràsta, mar eisimpleir dhut, deich air fhichead bliadhna air ais bho a-nochd, nuair a bha cruinneachadh mòr ann an Talla Naomh Anndrais, bha uimhir a dhaoine ag iarraidh a-steach an oidhche sin 's gun tàinig orra dà chruinneachadh a chumail ann an Talla Naomh Anndrais, agus anns an talla bheag a bha ri thaobh, agus bha an talla sin, tha mi a' smaoineachadh, a' suidhe còrr air dà mhìle duine. Nis, tha mi a' smaoineachadh gur e an uair sin an t-àm a b' àirde a ruig Comann Leòdhais agus na Hearadh. Ach thàinig mise a Ghlaschu dà bhliadhna às dèidh sin, agus airson a' chiad deich bliadhna, bha an comann a' dèanamh glè mhath. Ach tha mise an dèidh mothachadh mi fhìn, 's tha mi a' creidsinn gu bheil 's a h-uile duine eile, chan eil uimhir a' tighinn sìos à Leòdhas agus na Hearadh, 's tha barrachd a' tilleadh air ais dha na h-eileanan 's a dh'fhuireach 's a dh'obair ann, 's gu dearbha tha sinn toilichte gu bheil sin a' tachairt, agus cuid a th' air fhàgail, 's e na pàrantan aca, no na seanmhairean 's na seanairean a bha à Leòdhas agus na Hearadh, 's tha iad a' call an ceangal. Chan eil an ceangal cho teann 's a bha e againne.

IM: A bheil an comann ma-thà air cumail a' dol sìos bho thàinig sibh fhèin a-nuas an seo?

IMN: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil, tha. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh saoilidh mi gu bheil e an dèidh a dhol nas miosa. Tha cuimhn' a'm nuair a chaidh mise air a' chomann nam bhall - bha sin bho chionn fichead bliadhna air ais - an uair sin bha cèilidh aca ann an Aitreabh nan Gàidheal a h-uile oidhche Shathairne, bho October gu March. Ach an-diugh, tha a dhà againn anns a' bhliadhna, no aon anns a' bhliadhna. Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an telebhisean 's rudan mar sin a' milleadh na rudan sin, 's chan eil... chan eil uimhir de dh'fheum orra 's a bh' orra. 'S bho dhùin Aitreabh nan Gàidheal fhèin, 's e buille mhòr a bha sin dhan a' chomann.

IM: Ach 's dòcha air an làimh eile cuideachd gu bheil na Gàidheil nas misneachail agus nach eil feum aca air uimhir de thaic bho muinntir bhon dachaigh?

IMN: Ò gun teagamh. Tha sin cho fìor. Chan eil feum aca man a bh' aca nuair a thàinig mise a-nuas. Cha robh na tha sin de dh'àitichean ann gu 'n deigheadh tu, agus bha a h-uile duine an uair sin a' dol gu Comann Leòdhais 's na Hearadh Ghlaschu, no na comannan aca fhèin. Ach an-diugh chan eil uimhir feum air a sin man a bha, agus bidh mise a' dol timcheall air na comannan eile, agus tha mi a' faicinn an dearbh rud anns a... ann an sin cuideachd. Faodaidh tu a ràdh gur e daoine a' fàs sean a th' anns a' chuid mhòr a chì thu anns a h-uile h-àite a tha sin.

IM: Ach a dh'aindeoin sin, bidh oidhche mhòr agaibh a-nochd, ach chan e seo a-mhàin, tha bliadhna gu math an dèis a bhith agaibh cuideachd?

IMN: Gu dearbha, tha. Tha... thòisich a' bhliadhna againn aig February, agus bha cèilidh againn an uair sin mar chuimhneachan air a' chiad coinneamh a bh' aig Comann Leòdhais 's na Hearadh, ach ann am March fhuair sinn civic reception bho Glaschu, agus bha còig ceud duine aige sin, agus bha oidhche air leth ann. Agus Diciadain a chaidh, fhuair sinn civic reception eile bho Srath Chluaidh. Agus a-nochd, tha mi a' smaoineachadh, man a thuirt mi roimhe, tha mi a' smaoineachadh gum bi an t-uabhas dhaoine againn, bhon tha mi fhìn an dèidh mothachadh daoine a bhith ag iarraidh tiogaidean am-bliadhna nach fhaca mise bho chionn bliadhnaichean air ais, agus man a chleachd 's e tiogaidean an dannsa a bha a h-uile duine ag iarraidh, ach am-bliadhna 's e tiogaidean a' choncert a tha iad ag iarraidh, agus gu dearbha tha mi an dòchas gun tig iad a-mach am-bliadhna, bhon tha mi a' smaoineachadh gu bheil an comann airidh air gun tigeadh iad a-mach gan cuideachadh.

IM: An e seo deireadh na bliadhna, ge-tà?

IMN: Chan e buileach, ach 's e deireadh an rud as cudromaiche dhen a' bhliadhna. Bidh buntàta 's sgadan, 's bidh Oidhche Challainn 's rudan mar sin againn ri dhol fhathast, ach tha mi a' smaoineachadh gur e seo an oidhche mhòr mu dheireadh dhen a' bhliadhna.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good