Search

Sgeulachd mu dheidhinn Shomhairle Mhòir a' sabaid an aghaidh...

Date 1963
Track ID 37245
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.025.1

Original Tape ID

SA1963.025

Summary

Legend about Somhairle Mòr and his battle with the Norse in Morvern.

A legend that the contributor says he heard from older people in the area about Somhairle Mòr mac Gille Bhrìghde, who was outlawed in Morvern at the time the Norse had this part of the Garbh-Chrìochan. Local people elected him to lead them into battle against Norsemen. A battle was fought at Tòrr nan Cabar, near Loch Uisge, and Somhairle's men won. The Norsemen fled to the other side of Loch Sunart and their leader, Torquil, was killed while crossing a ford - hence the name Acharacle - Àth Tharracail (Torquil's ford). The Norse were then routed out of Morvern and Sunart.

Item Subject/Person

Somhairle Mòr mac Gille Bhrìghde

Recording Location

County - Argyllshire

Item Location

County - Argyllshire

Parish - Morvern

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Alasdair Camshron (AC): Nuair a bha na Lochlannaich agus an ceàrnaidh seo, bha na Garbh-Chrìochan aca, thachair do Shomhairle Mòr mac Gille Bhrìghde a bhith fo choill anns a' Mhorbhairne. 'S bha muinntir na Morbhairne airson... na Gàidheil sa Mhorbhairne airson gum faigheadh iad na Lochlannaich a chur às, 's thàinig iad gu Somhairle Mòr feuch an ga-... an rachadh e na cheannard orra. 'S fhuair iad e 's e ag iasgach air a' Gheàrr-Abhainn airson bradan, 's bha e an dèidh bradan... bha bradan an dèidh ghabhail air an dubhan. 'S thuirt e riutha:

"Ma bheir mi bradan gu tìr, thèid mi leibh, 's mura toir, cha tèid."

'S thug e bradan air tìr, 's chaidh e air ceann an fheachd.

Agus thug iad batal ris na Lochlannaich aig Tòrr nan Cabar, aig Loch Uisge sa Mhorbhairne an sin. 'S chaidh buaidh... buaidh an latha le Somhairle. Theich na Lochlannaich, 's lean iad iad a-nuas taobh Loch Suaineart gu Àth Tharracail. Agus 's e Torcuil a bh' air ceann na Lochlannaich, 's dar a bha e a' crosadh an àth bho Àth Tharracail, chaidh a mharbhadh, agus 's ann mar sin a chaidh Àth Tharracail - Àth Thorcuil... agus chaidh na Lochlannaich a chur a-mach às a' Mhorbhairne 's à Suaineart aig an àm sin.

Iain MacAonghuis (IM): Dìreach. Agus dè an t-ainm a bh' agaibh air Somhairle Mòr a-nise?

AC: Somhairle Mòr mac Gille Bhrìghde.

IN: Agus dè an t-ainm... nach robh rudeigin eile ann?

AC: Mac Gille Bhrìghde nan Uamh, ach chan eil fhios a'm...

IM: Seadh. Agus a bheil fhios agaibh dè as sgialt... carson a fhuair e an t-ainm sin? Somhairle Mòr mac Gille Bhrìghde nan Uamh.

AC: Chan eil fhios a'm carson a fhuair e mac Gille Bhrìghde nan Uamh, ach 's e mac Gille Bhrìghde a bh' air athair, 's air Somhairle Mòr, 's an sin Somerled Regulus of Argyll a-rithist fhuair e.

IM: Dìreach. Agus chuala sibhse sin a-nise aig seann daoine às a...?

AC: Chuala mise sin aig seann daoine ceart gu leòr. Sin mar a chuala mise an eachdraidh co-dhiù. 'S tha Tòrr nan Cabar... tha Tòrr nan Cabar air an ainm fhathast. Fhios a'd, 's e cabair... bha... còmhla ris an armachd eile a bh' aca, a bha aig muinntir Shomhairle Mhòir, bha cabair dharaich aca, agus 's e sin... 's a' tabaid leis. 'S e sin a thug Tòrr nan Cabar air... air far an robh am blàr.

IM: Dìreach. Glè mhath. Glè mhath gu dearbha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good