Search

Mac an Uachdarain agus nighean an treabhaiche.

Date 19 December 1959
Track ID 37702
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.17.A2

Original Tape ID

SA1960.017

Summary

The landowner's son and the ploughman's daughter.

A landowner's son was in love with the ploughman's daughter, and would visit her often. His parents were displeased at this, and forced her to leave the area. She boarded a ship to America. Upon arrival, the captain pointed her in the direction of somebody who would employ her as a servant. She found work, but one day discovered a woman's corpse and a pile of gold. She ran for her life, taking a bag of gold in the process. Hidden by the captain of the ship in the topsails, she returned home to marry the landowner's son, and bought his father's estate to boot.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT955

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): 'S e uachdaran a bha seo agus bha treabhaiche aige, agus bha nighean uabhasach brèagha aig an treabhaiche. Agus bha gille an uach-... mac an uachdarain, bhiodh e daonnan a' dol a thaigh an treabhaiche a choimhead air an nighinn.

Ach fhuair an seo a mhàthair 's athair a-mach gun robh nòisean mòr aig a' ghille dhan... nighean an treabhaiche, agus cha bu mhaisde... dha bu mhaidse leis an uachdaran nighean an treabhaiche dha. Agus 's ann a chuir e fios air an treabhaiche. Agus ràinig am fear sin agus dh'fhaighneachd a dheth:

"Gu dè tha a' toirt dhutsa," ars esan, "a bhith a' gabhail rim mhac-sa," ars esan, "a h-uile h-oidhche," ars esan, "a-staigh agad?" ars esan. "Nach math tha fios agad," ars esan, "nach eil dad a choltas aig do nighinn-sa," ars esan, "rim mhac-sa?" ars esan, 's e a' tionndadh.

"Ò gu dè an cothrom a th' agamsa air a sin?" ars esan.

"Uill, bidh do chothrom agad air," ars esan, "gum bi thu a' clìoradh seo, ma tha," ars esan, "thu fhèin 's i fhèin, gus am faigh thu àite eile."

Chaidh an duine dhachaigh 's cha robh e ach mì-thoilichte. 'S dh'innis e nach robh... dhaibh a-staigh an turas a bh' aig an uachdaran ris, gum feumadh e a-nist clìoradh air falbh.

"Agus 's fhad an-asgaidh agamsa," ars esan, "dhad chuid suirghe," ars esan, "thu fhèin 's an t-ua-... mac an uachdarain," ars esan.

"An-tà," ars ise, "ma bha e a' tighinn an seo," ars ise, "cha robh mise ag iarraidh air tighinn ann, agus carson nach robh e ga chumail aige?" ars ise. "Ach mas e mise as coireach ris a sin," ars ise, "falbhaidh mise," ars ise, "agus cha ruig sibhse a leas carachadh ma-thà."

'S e seo a rinn i. Dh'fhalbh i agus sgioblaich i i fhèin agus tharraing i air Glaschu. Bha i a' feuchainn am faigheadh i gu ruige Ameireaga. Bha saothach ann a shin 's i a' faighinn deiseil 's i a' falbh gu ruige Ameireaga, 's chaidh i far an robh an sgiobair. Agus dh'innis i dhan sgiobair gun robh i airson faighinn a-null gu ruige Ameireaga agus nach robh mòran airgid aice, agus dh'innis i dha an reusan a b' fheudar dhi an taigh fhàgail, air sàillibh mac an uachdarain.

"Ah uill," ars an sgiobair, "chan eil gin a phasaindearan agamsa a' dol a-null an-dràsta, cha chreid mi," ars esan, "agus bhon a tha an gnothach cho cruaidh sin ort," ars esan, "bheir mise a-null thu," ars esan, "agus bheir mi dhut ceabain pasaide an-asgaidh," ars esan.

'S ann mar seo a bha. Dh'fhalbh i 's... a-null gu ruige Ameireaga. Agus nuair a ràinig i Ameireaga thall thuirt an sgiobair rithe:

"Uill," ars esan, "cha ruig thu leas a dhol air tìr," ars esan, "an-dràsta," ars esan. "Thèid mi fhìn gu tìr," ars esan. "Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gum bu chòir oifis a bhith an seo," ars esan, "airson luchd-seirbheis," ars esan.

Agus chaidh an sgiobair air tìr, 's bhathar a' dol tron bhaile, 's cha robh e a' faicinn coltas oifis no sìon. Ach thachair an seo fear ris air muin eich. Agus aithnichidh a h-uile fear fear-mara. Bhruidhinn e ris an sgiobair, 's fhreagair an sgiobair e.

"Cuin a thàinig thu," ars esan, "a-staigh dhan phort a tha seo?"

"Thàinig mi a-staigh an-dè ann," ars an sgiobair.

"An robh pasaindearan agad a' tighinn a-nall?" ars esan.

"Ò cha robh pasaindearan agamsa a' tighinn a-nall," ars esan, "ach aon nighean a bha a' tighinn airson cosnadh," ars esan.

"Ah uill," ars esan, "nach bochd nach robh mi beagan na bu tràithe," ars esan. "'S ann a' coimhead airson searbhanta a tha mise," ars esan. "Agus an t-searbhanta a bh' agam," ars esan, "phòs i," ars esan, "agus tha mi gun searbhanta idir," ars esan.

"Ò uill," ars an sgiobair, ars esan, "tha i agamsa air bòrd fhathast," ars esan. "Cha do rinn mi ach tighinn a-mach," ars esan, "feuch am faicinn an robh oifis an seo airson luchd-seirbheis," ars esan. "Agus ma chòrdas sibh fhèin," ars esan, "tha sin ceart gu leòr."

"God bless me," ars esan, "chan eil fhios a'm nach eil mi lucky fhathast," ars esan.

"Ò ma-thà," ars esan, "thèid agamsa air tuarastal a thoir dhi," ars esan, "cho math 's a gheibh i ann an Ameireaga," ars esan. "'S e bancair a th' annamsa," ars esan, "agus tha am banca," ars esan, "pìos mòr on taigh," ars esan. "Cha bhi mi aig taigh ach aig... aig oidhche," ars esan, "agus bidh mi a' toir leam mo dhinnearach," ars esan. "'S cha bhi sìon aice ri dhèanamh ach an taigh a chumail air dòigh," ars esan, "'s mo shuipear-sa a bhith deiseil aice nuair a thèid mi dhachaigh," ars esan, "'s mo bhracaist sa mhadainn," ars esan. "Agus chan eil mi an taing," ars esan, "tuarastal a thoir dhi," ars esan.

"Uill, ma-thà," ars an sgiobair, "thèid mise a-staigh far a bheil i," ars esan.

Dh'fhalbh an sgiobair a-staigh, 's:

"Chan fhaca mise," ars esan, "coltas oifis an seo," ars esan, "ach chunna mi coltas duine-uasail an siud," ars esan, "a tha ag iarraidh searbhanta," ars esan. "Agus tha e ag ràdh gur e bancair a th' ann," ars esan, "nach bi sìon agad ri dhèanamh," ars esan, "ach an taigh a chumail air dòigh," ars esan, "'s a bhiadh fhèin a dheasachadh, agus ma bhios tu deònach a dhol thuige," ars esan, "thalla."

Ò bhiodh ise deònach falbh a dh'àite sam bith. Bha i coma ach àite air choreigin airson a' chiad start. Thàinig i a-mach còmhla ris an sgiobair 's chuir e fàilte oirre 's dh'fhaighneachd... dh'innis e dhi an t-àite a bh' aige, gun robh e pìos mòr a-mach às a' bhaile seo.

"Agus," ars esan, "'s e bancair a th' annam," ars esan, "agus bidh mi a' fàgail... bidh mi a' falbh sa mhadainn," ars esan, "ach bidh mi a' toir leam mo dhinnearach, agus cha bhi mi a' tighinn dachaigh," ars esan, "gu oidhche. 'S cha bhi sìon agadsa ri dhèanamh," ars esan, "ach mo bhiadh-sa a bhith deiseil agad nuair a thig mi," ars esan, "agus mo bhracaist anns a' mhadainn," ars esan. "Agus chan eil duine ann," ars esan, "ach thu fhèin, agus chan fhaic thu duine," ars esan, "fad an latha," ars esan. "An t-searbhanta a bh' agamsa," ars esan, "bha i agam o chionn ùine mhòr," ars esan, "gus an do phòs i," ars esan, "o chionn ghoirid an seo," ars esan. "Agus tha mi cinnteach gum bi thusa a' cur uidhireachd air," ars esan, "an toiseach," ars esan, "mar a bha i fhèin," ars esan. "Agus tu treis ann," ars esan, "cha chuir thu uidhireachd sam bith air," ars esan. Agus: "Am biodh tu deònach," ars esan, "a dhol [???]."

Bhitheadh ise deònach gu leòr falbh.

"'S dè an tuarastal a tha thu ag iarraidh, ma-tà?" ars esan.

Dh'innis ise.

"Ò gheibh thu sin, ma-tà, a cheart [?sgillinn] a tha thu ag iarraidh." Agus: "Tha mi duilich," ars esan, "nach... nach robh còmhdhail agam," ars esan, "na b' fheàrr na pònaidh," ars esan. "Nam biodh fios a'm gun tachradh mo ghnothach rium cho math gu dearbh," ars esan, "bhiodh còmhdhail agam," ars esan, "na b' fheàrr na seo," ars esan. "Ach co-dhiù," ars esan, "an conveyance a th' ann," ars esan, "feumaidh tu a ghabhail," ars esan. "Ma tha luggage agad," ars esan, "cuiridh sinn ann an àite am bi i sàbhailte gu leòr," ars esan, "gus an tig mi fhìn ga h-iarraidh a-rithist."

Ò cha robh luggage aice ach baga.

"Ò ma-thà," ars esan, "bheir mi leam am baga air mo bheulaibh," ars esan.

Agus co-dhiù, chuir an sgiobair air a chùlaibh air muin a' phònaidh i, 's thug e leis am baga air a bheulaibh, 's dh'fhalbh iad. Dh'fhàg e beannachd aca.

Chaidh iad pìos mòr a-mach às a' bhaile 's thàinig iad sin gu taigh.

"Uill," ars esan, "seo an taigh," ars esan, "agus thig a-nist air làr," ars esan. "Agus seas ann a shin mionaid bheag," ars esan, "gus an cuir mise a-staigh am pònaidh," ars esan.

Dh'fhalbh e 's chuir e a-staigh am pònaidh, 's thàinig e a-nall 's dh'fhosgail e an doras.

"Thig a-nist a-staigh," ars esan. "Dèan suidhe," ars esan. "Nì mi fhìn an gnothach a-nochd," ars esan. "Tha mi cinnteach," ars esan, "gur e mi as eòlaiche," ars esan "agus 's dòcha gum bi thu fhèin a' dèanamh a' chuid as fheàrr sa mhadainn," ars esan.

Thòisich e air dèanamh na suipeireach, 's nuair a ghabh iad an suipear thuirt e rithe:

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gum faiceadh tu do rùm-cadail," ars esan.

Chaidh i sìos còmhla ris. Sheall e an rùm dhi.

"Uill, sin do rùm-cadail a-nist," ars esan, "'s cha bhi agad ach glas an doras," ars esan, "'s cha chuir sìon dragh ort gu madainn," ars esan. "Agus tha a h-uile sìon ann a shiud," ars esan, "agus èiridh tu fhèin sa mhadainn," ars esan, "agus nì thu am bracaist," ars esan. "Agus chì thu an còrr dhen taigh a-màireach," ars esan.

Chaidh iad a chadal 's dh'èirich ise sa mhadainn 's rinn i am bracaist, 's chuir i air dòigh a dhinnear-san 's e ga toir leis. Agus:

"Thig a-nist a-nuas an-àird 's gum faiceadh tu an còrr dhen taigh," ars esan.

Thug e tron taigh i air fad 's thug e dhi na h-iuchraichean.

"Uill," ars esan, "tha aon rùm ann a shin," ars esan, "agus cha tig thu na chomhair," ars esan. "Chan eil ann ach rudan... pàipearan 's rud a bhuineas dhan bhanca," ars esan. "Chan eil mi airson gun tèid duine na chomhair."

"Ò cha tèid gu dearbh," ars ise. "Agus tha seada eile," ars esan, "shìos... an taobh shìos an taigh an siud," ars esan, "agus cha tèid thu na chomhair-san cuideachd," ars esan. "'S e olachan a th' agam ann," ars esan. Agus:

"Ò cha tèid gu dearbh," ars ise. "Cha tèid mise an comhair sìon dheth sin."

Dh'fhalbh e, 's chaidh ise, 's cha robh duine beò aice ga fhaicinn idir, air ais no air aghaidh. Cha robh aice ach i fhèin, 's bha i a' faireachdainn na h-ùine fuathasach fada. Thug i trì latha, tha mi a' smaointinn. Dh'fhalbh i sin an ceathramh latha 's chaidh i a-mach cuairt. Rachadh i pìos on taigh feuch gu dè a chitheadh i. Ghabh i sìos 's thàinig i rathad an t-seada a bha seo, 's a Dhia, bha i a' faireachdainn a leithid a dhroch fhàileadh às an t-seada. Dh'fhalbh i chun an dorais. Thug i putadh dhan doras a' dol ga fhosgladh, 's thuit a' chòmhla 's na h-ursachan mu a claigeann. Sheall i, 's bha nighean òg ann a shin a-staigh 's a gruag slaodte rithe 's i marbh.

"A Dhia," thuirt i rithe fhèin, "seo an tè a phòs. Cinnteach gu leòr 's e seo am pòsadh a bhios agamsa cuideachd."

Thòisich i seo feuch am faigheadh i an doras a thogail mar a bha e roimhe, 's bha an doras cho trom, 's a h-uile turas bha e gus a bhith shuas aice thuiteadh e oirre. Mu dheireadh thug i fairis. Ò cha robh aicese ach am bàs co-dhiù. Dh'fhalbh i suas. Thòisich i air cruinneachadh a h-aodaich, i a' dol a theicheadh. Ach smaointich i seo gun sealladh i anns an rùm a bha... a bha e ag iarraidh gun a dhol na chomhair. On a rinn i an dàrna cuid gun robh cho math dhi a' chuid eile a dhèanamh.

Dh'fhalbh i 's dh'fhosgail i doras an rùim, 's nuair a dh'fhosgail i an rùm cha robh sìon an sin ach òr 's airgead. Dh'fhalbh i 's thug i a h-aodach às a' bhaga 's lìon i am baga leis an òr, agus chàirich i air a muin e, 's tharraing i.

Thàinig an sin an oidhche 's bha ise a' cumail air aghaidh 's cha robh fios aice co-dhiù bha i fada on bhaile no goirid da. Ach thug i seo an aire do sholas a' bhaile, agus rinn i leithid a thoileachadh ris an t-solas nuair a chunnaic i e. Agus nuair a chaidh i a-staigh ghabh i sìos chun a' chidhe, agus bha am bàta a thug a-null i 's i a' gabhail cargu aig a' chidhe, agus chaidh i a-staigh.

"Hello," ars an sgiobair, "bheil thu air am fastadh a chur dhachaigh mu thràth?" ars esan.

"Tha," ars ise, "tha e coltach. Ach ma rinn thusa riamh e," ars ise, "feuch," ars ise, "am faigh thu àite dhòmhsa," ars ise. "Agus ge air bith gu dè a th' agamsa," ars ise, "'s leatsa an dàrna leth dheth," ars ise.

"Ò cha ghabh mise," ars esan, "turas ris," ars esan.

Dh'innis i dhan sgiobair mar a dh'èirich dhi 's mar a chunnaic i.

"Ò uill," ars esan, "nam biodh tu," ars esan, "gun ghnothach a ghabhail ris an òr," ars esan, "sheallainn-sa às a dhèidh," ars esan. "Ach tha mi cinnteach nach eil fada gus am bi an tòir ort," ars esan. "Agus ge air bith cà 'n cuir mise thu," ars esan, "gheibhear thu," ars esan.

Thòisich ise air rànaich nuair a chuala i seo. [???] leum a ghearradh a-mach air a' mhuir far an robh i.

"Ò socair," ars esan. "Bheir sinn a-nuas na gillean," ars esan. "'S minig a bha plana math aig fear acasan," ars esan.

Thug e suas na gillean gu deic.

"Uill, tha an leadaidh a tha seo a thug sinn a-nall," ars esan, "tha mi a' tuigsinn," ars esan, "nach do chòrd an t-àite rithe," ars esan, "gum b' fheudar dhi teicheadh," ars esan, an sgiobair. Agus: "Cà bheil sibh a' smaointinn," ars esan, "cà 'n cuireamaid i," ars esan, "nach fhaighte i?" ars esan.

Dh'fhan iad uile sàmhach. Thionndaidh fear aca.

"Uill, cuiridh mise i," ars esan, "ann an àite nach fhaighear i," ars esan, "ma riosgas i fhèin a dhol ann."

"Riosgaidh mise," ars ise, "a dhol a dh'àite sam bith."

"Càit an cuir thu i?" ars an sgiobair.

"Cuiridh," ars esan, "lower-idh sinn a-nuas an topsail," ars esan, "agus paisgidh sinn ann i," ars esan, "agus hoist-inn suas e," ars esan. "'S ged a rannsaicheadh iad am bàta," ars esan, "cha rannsaich i na siùil."

Bha seo ceart gu leòr. Lower-eadh a-nuas an topsail 's chuireadh i fhèin 's a baga ann, 's biadh còmhla rithe, 's chrochadh suas i far an robh mullach a' chruinn.

Ach mun do shoilleirich an latha cò ràinig ach esan agus dithis poileasman còmhla ris. Ghabh e a-staigh.

"Càit a bheil an leadaidh chòir," ars esan, "a thug thu thugamsa," ars esan, "'s a robaig mi? Cà 'il i agad?" ars esan, a' tionndadh ris an sgiobair.

"Chan eil i agamsa," ars an sgiobair.

"Tha i agadsa," ars esan, "agus lìbhrig seachad sa mhionaid i," ars esan.

"Chan eil i agam," ars an sgiobair. "Chan fhaca mise i on a lìbhrig mi dhut fhèin i," ars esan.

"Ò tha i air bòrd an àiteigin agad."

"Ma tha i air bòrd," ars an sgiobair, "chan fhiosrach dhòmhsa a faighinn," ars esan.

Thòisich rannsachadh air a' bhàta 's rannsaicheadh shìos 's shuas 's cha d' fhuaradh sgeul oirre. Agus thionndaidh an sgiobair ris.

"An-tà, dearbh," ars esan, "'s olc mo bharail ort," ars esan. "Tha e furasta gu leòr dhut a ràdh gun do robaig i thu," ars esan. "Ach mura tionndaidh an nighean suas," ars esan, "coimheadaidh mise às do dhèidh," ars esan.

"Ò robaig i mi ceart gu leòr," ars esan.

"Ò tha sin furasta gu leòr dhut a chantail," ars esan, "ach feumaidh gun tionndaidh an nighean suas," ars esan.

Dh'fhalbh e fhèin 's na poileasmain. Bha ise ann a shin shuas gus an robh am bàta deiseil a' falbh, 's nuair a bha, lower-eadh a nuas i. Agus bha i an uair sin deònach roinn dhen òr a thoir dhan sgiobair, 's cha ghabhadh an sgiobair sgillinn dheth.

"Ach faodaidh tu ma thogras tu," ars esan, "rud a thoir dha na gillean," ars esan. "'S iad a shàbhail thu agus cha bu mhise," ars esan.

Uill, thug i còig sòbharain am fear dhan a h-uile gin dhe na làmhan. Agus thàinig mo ghalathad dhachaigh.

Nuair a chuala mac an uachdarain gun tàinig i dhachaigh cha robh i milis riamh gu seo. Bha e ann an ath-oidhch'. Cha robh ach gum feumadh e a pòsadh sa mhionaid.

"Gu dè," ars ise, "as fheàirrde thu," ars ise, "a dhol gam phòsadh-sa," ars ise, "gun sìon an t-saoghail?" ars ise. "Chan fhaigh thu sgrios o d' athair. 'S chan fhuiling e d' fhaicinn."

Ma thogair. Bha e coma. 'S e bun a bh' ann, phòs e fhèin 's nighean an treabhaiche. Agus cha robh aige an uair sin ach fuireach còmhla rithe. Cha robh a chridhe aige aghaidh a nochdadh ri athair.

"Ò uill," ars ise, "cho math 's gu bheil e bhith gam choimhead-sa," ars ise, "cha chùm sin sinn," ars ise. "Feumaidh tu a-nist a dhol a dh'obair," ars ise.

Cha robh obair ann ach rathad mòr a bha a' dol air aghaidh. Dh'fhalbh e chun an rathaid. Bha e ag obair an sin a' cuibhleadh bara. Rùisg air na casan aige 's thòc na làmhan aige. Cha togadh e an dàrna cas [???] na coise eile nuair a thigeadh e dhachaigh.

"Seadh," ars ise, "dè mar tha an obair a' còrdadh riut an sin?"

"Chan eil ach meadhanach," ars esan. "Cha robh tuigsinn agamsa," ars esan, "gu dè rud a bh' ann an obair ann gu seo," ars esan.

"Ò uill," ars ise, "nach bu mhath dhut a-nist a bhith còmhla rid athair 's rid mhàthair," ars ise, "seach a bhith còmhla riumsa?" ars ise.

"An-tà, leabhra," ars esan, "tha cho math leam a bhith còmhla ri... far a bheil mi," ars esan.

"Ò ma-tà," ars ise, "cha chùm sin thu. Am biodh meas agad a-nist," air ise, "air daoine a bhiodh ag obair," ars ise, "dhut fhèin?" ars ise.

"An-tà gu dearbh tha mi a' smaointinn," ars esan, "ge air bith gu dè gheibheadh iad," ars esan, "nach fhaigheadh iad an rud a choisinn iad," ars esan, "no an rud a b' airidh iad air," ars esan.

Bha i ga chumail a-mach a h-uile mac latha. Ach gu dè seo a bha ach oighreachd bheag a bha ri taobh na h-oighreachd aig athair. Bha i fo thrustees, 's bha i gus a bhith air a sale-adh a-mach an latha a bha seo. Agus dh'èirich ise sa mhadainn agus thug i a bhracaist dha.

"Uill," ars ise, "cha tèid thu a dh'obair an-diugh idir," ars ise. "Thèid thu gu sale na h-oighreachd a tha siud," ars ise. "Agus tha mi cinnteach gu leòr gum bi d' athair air a son," ars ise, "on a tha i ri taobh na h-oighreachd aige fhèin," ars ise. "Ach ge air bith," ars ise, "cò chuireas tairgse innte," ars ise, "bi thusa dà cheud os a chionn," ars ise.

"A Dhia, m' anam," ars esan, "bheil thu airson mo chur ann am prìosan?" ars esan.

"Cha tèid thu am prìosan idir," ars ise, "ach gabh thusa mo chomhairle-sa."

"Leabhra, gabhaidh mise do chomhairle, ma-thà," ars esan, "ged a rachainn dhan phrìosan fhèin."

"Thalla, ma-thà," ars ise, "agus cuimhnich gun dèan thu an rud a tha mise ag iarraidh," ars ise.

Dh'fhalbh e. Cò aig a bha an tairgse a b' àirde innte ach aig athair. Agus bha e a' faighinn dàil bliadhna airson a pàigheadh. Chuir a mhac dà cheud os a chionn. Uill, 's e an tairgse a b' àirde a dh'fheumadh iad a ghabhail, agus thionndaidh e.

"Uill," ars esan, "bheil sibh a' dol a ghabhail tairgse an duine sin?"

"Ò uill, 's e an tairgse as àirde a dh'fheumas sinn a ghabhail," ars fear nan trustees.

"Ò ceart gu leòr, ma-thà. Chan eil fhios am faigheadh sibh an tairgse cheunda tuilleadh oirre," e a' tionndadh.

Agus chaidh iad far an robh an gille.

"Uill, feumaidh tusa pàigheadh," ars esan, "mun ruith trì latha, ma-thà," e a' tionndadh.

"Ò uill," ars an gille. "Cha do ruith na trì latha fhèin fhathast, ma-thà," ars esan.

Chaidh e dhachaigh. Nuair a chaidh e dhachaigh dh'fhaighneachd ise dheth:

"Seadh," ars ise, "bheil an oighreachd agad?"

"Tha i fhathast agam co-dhiù 's cha bhi i fada agam," ars esan. Agus:

"Cò bh' air a son?" ars ise.

"Ò bha m' athair," ars esan. "Cha... rinn mise an rud a dh'iarr thu orm, 's chaidh mi dà cheud os a chionn."

"Ò rinn thu glè mhath," ars ise. "Dè an ùine," ars ise, "a th' agad," ars ise, "gus am feum mi a pàigheadh?"

"Chan eil," ars esan, "ach trì latha."

"Dè an ùine a bha d' athair a' faighinn?" ars ise.

"Bha bliadhna," ars esan.

"Ò seadh," ars ise, "'s chan fhaigheadh tusa ach trì latha. Uill, cha do ruith na trì latha fhèin fhathast," ars ise.

Làrna-mhàireach nuair a dh'èirich iad, cò thàinig ach na trustees. Dh'fheumadh e shealltainn gun robh e responsible airson an oighreachd a phàigheadh, no gun robh i gus a bhith aig athair. Thàinig ise a-nuas. Bhuail i a cas ris an ùrlar.

"Clìoraibh a-mach à seo," ars ise. "Dè an dragh tha sibh a' dol a chur ormsa le mo chompanach?" ars ise. "A rasgailibh," ars ise, "cha do ruith na trì latha fhèin fhathast. Chan fhaigheadh esan ach trì latha," ars ise, "'s gheibheadh athair bliadhna. Nuair a ruitheas sin," ars ise, "thig sibh an uair sin."

Cha robh aca ach tionndadh a-mach.

"Ò uill," arsa fear aca, "cha robh turas againn," ars esan, "dragh a chur oirre. Tha i ceart gu leòr," ars esan. "Ach 's dòcha nach bi na trì latha fada a' dol seachad."

Seo an treas latha, nuair a dh'èirich ise chuir i uimpe agus:

"Cuir a-nist ort," ars ise, "agus gum falbhamaid," ars ise, "a phàigheadh na h-oighreachd."

Dh'fhalbh i agus dh'fhosgail i a' chiste agus thug i am baga às a' chistidh agus chàirich i air a muin e. Agus nuair a ràinig i bha na trustees roimhpe agus athair. Thionndaidh i airsan.

"Seo," ars ise, "beir air a seo far mo mhuin," ars ise.

Rugadh air a' bhaga 's chuireadh air a' bhòrd e.

"Cunntaibh a-nist ur cuid fhèin a-mach às a sin," ars ise, 's i a' tionndadh.

Agus thòisich iad air cunntais an airgid a-mach. Rachadh... rachadh aig mo leadaidh air oighreachd eile a ghabhail. Agus nuair a chunnt iad a-mach an t-airgead:

"Thallaibh a-nist," ars ise. "Seo m' àite-sa a-nist," ars ise, "'s gabhaibh a-nist an doras," ars ise, 's i a' tionndadh.

Ò bha iad ag iarraidh mathanas oirre, 's:

"Uill, cha b' airidh sibh air mathanas fhaighinn," ars ise.

Bha e fhèin 's athair còrdte riamh tuilleadh, 's an dàrna h-aon a' dol air chèilidh air an aon eile. 'S nuair a bhàsaich an seann fhear bha an dà oighreachd aige an uair sin. Agus cha robh... cha robh an treabhaiche an taing a bhith aig uachdaran tuilleadh. Agus sin mar a dh'èirich dhan...

Calum MacIllEathain (CM): Aig Alasdair Mòr a bhiodh i siud?

AM: Eh?

CM: An ann aig Alasdair Mòr...

AM: 'S ann.

CM: Ò tha i math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good