Search

Sgiobair a' bhàta dhuibh a' pòsadh nighean Rìgh Lochlainn.

Date October 1962
Track ID 38020
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1962.45.A1

Original Tape ID

SA1962.045

Summary

The skipper of the black boat marries the daughter of the King of Lochlann.

Bad weather came and the skipper of the black boat had to go ashore with the load of herring in Turkey. He and his crew buried a body which they found on the shore. They sold the herring in Turkey and made a fortune. The skipper was living in the hotel.

One day he and the hotel owner saw men carrying loads of wood. The daughter of the King of Lochlann was going to be burnt. She and her brother had come ashore in a small boat and her brother had been drowned. She was in prison for refusing to marry the King of Turkey.

The skipper got the prison key and took her away in his boat. When she arrived in her own country she informed her father that she was safe. But she refused to go home with her father and with the general who wanted to marry her before she left. She wanted to stay with the skipper.

Her father and the general plotted against the skipper. He agreed to go with them in their boat and they threw him into the sea. He swam to a small island. He was rescued by a man with a small boat. The man with the small boat made the skipper promise to give him his first son as a reward.

The skipper was put ashore in Lochlann and he went to an old woman's house. The princess was getting married that day. The skipper of the black boat got a musical instrument in the old woman's house and started to play it. When the princess was going past in her carriage she heard the music. She recognised that it was the skipper and went in. The general sped away. His carriage went into the sea and he was drowned.

The princess married the skipper. They had a baby son. The man came to get the boy as he had promised. He told them that he was the man whom the skipper had buried on the shore in Turkey. He said he wouldn't take the child since the skipper had showed him such kindness in Turkey. They never saw the man again.

The contributor heard this story from his father, Donald MacPhail, sixty years before this recording.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT506 AT1651

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Nist, bha sgeulachd mhath agaibh ann a shiud mu sgiobair a' bhàta dhuibh. Ciamar a bha i sin a' dol?

Aonghas Iain MacPhàil (AI): Uill, bha iad a-mach ag iasgach, agus thàinig droch shìde orra. Agus bha an t-sìde cho dona agus gun tàinig orra falbh leatha tron a' ghaoith. Agus fhuair iad air tìr ann a... ann an àite airson fasgadh. Agus càit an deachaidh iad air tìr ach anns an Tuirc.

Uill, nuair a chaidh iad air tìr anns an Tuirc, a' chiad rud a bha romhpa air tìr anns an... anns an tiùrr ann an sin 's e duine geal agus e bàthte anns an tiùrr. Agus dh'iarr an sgiobair air... nuair a chaidh iad air tìr dh'iàrr e air feadhainn dhen a' chriutha tilleadh air bòrd agus fear a bhogsaichean an èisg a thoirt air bòrd... air tìr, agus iad a thoirt air tìr, gu 'm faigheadh iad lèine leis-san anns an drathair anns an rùm aige, agus iad a thoirt na lèine air tìr agus siobhalan èisg airson 's gun cladhaicheadh iad sloc agus gun tiodhlaiceadh iad an duine.

'S rinn iad sin. Chaidh iad air tìr 's fhuair iad an siobhal 's fhuair iad an lèine 's fhuair iad am bogsa 's thug iad air tìr e. Agus chuir iad an duine ann... chuir iad an lèine air an duine agus chuir iad dhan a' bhogsa e, agus chladhaich iad an sloc leis an t-siobhal cho math 's a b' urrainn dhaibh agus thiodhlaic iad an duine cho deusanta 's cho snog 's a b' urrainn dhaibh ann an sin.

'S dh'fhalbh iad an uair sin suas am baile agus... agus chaidh iad a thaigh... a thaigh-seinnse, do hotel a bh' ann, agus dh'iarr iad biadh, 's am biadh a chuireadh... biadh do rùm dhaibh agus dhan a h-uile duine aca. 'S shuidh iad timcheall mun a' bhòrd. Agus bha e a' cur iongnadh uabhasach orra, cha robh air a' bhòrd ach aona sgadan.

Ma bha... bha soidhne suas nach robh an sgadan a bha sin ri ithe - ach 's dòcha nach ann mar a bha i agam roimhe a tha i an-dràsta idir - nach robh an sgadan a bha sin ri ithe idir. Ach co-dhiù chan fhaca iadsan sin, agus 's ann a thòisich iad... 's ann a thuirt iad riutha fhìn... an sgiobair riutha gum feuchadh iad an sgadan, feuch an e a b' fheàrr na an sgadan a bh' aca fhèin.

Dh'fheuch iad an sgadan agus bha an sgadan glè mhath, agus 's ann a dh'ith iad e. Thàinig an uair sin an t-searbhanta a bha... no an duine a bha a' frithealadh dhaibh aig a' bhòrd, thàinig e a-nuas. Agus nuair a chunnaic e gun robh an sgadan air ithe, ò leig e na creachan sa mhionaid gun robh... air feadh an taighe gun robh an sgadan air ithe 's nach robh... Chaidh a' hullaballoo a bha sin air feadh an taighe an uair sin. Thàinig fear an taigh-sheinnse a-nuas, agus thuirt e... thuirt e ri... riutha gum biodh a h-uile duine aca air an crochadh no air an cur a phrìosan co-dhiù. Mura biodh iad air an crochadh gum biodh iad air an cur a phrìosan co-dhiù, gur e siud an aon sgadan a bha san Tuirc aca, agus gum feumadh e... gun robh e ann a shiud o chionn fhad de dh'ùine. Dh'innis e an ùine, ach chan eil cuimhne agamsa air an ùine a bh' ann.

Ach co-dhiù, thòisich an sgiobair... bha e a' bruidhinn ris 's thuirt e ris gum faodadh e co-dhiù aon duine dhen a' chriutha a leigeadh a-mach 's gun toireadh esan sgadan gu leòr dha, gun robh am bàta aige shìos an siud 's a thaosg... taosg sgadain innte.

Uill, dh'obraich e air co-dhiù gus gun do leig e a-mach fear dhe na gillean. 'S dh'iarr an sgiobair air an uair sin, nuair a bha an gille falbh, thuirt e ris e thoirt a-nuas basgaid dhen an sgadan cho math 's a bh' aca air bòrd. Thuig an gille... cha robh e... bha e air ais cho cliobhar 's a b' urrainn dha mum marbhte càch mun tigeadh e, agus thàinig e leis an sgadan. 'S och, nuair a chunnaic fear an taigh-sheinnse an sgadan cha robh duine air an t-saoghal cho math ris an uair sin 's dhèanadh e fhortan air an sgadan. Bha an sgadan... thòisich iad air toir a-nuas... a' cairtearachd an sgadain a-nuas, agus cairt... an stuff a' dol sìos mu choinneamh, airgead an stuff.

Ach co-dhiù, bha e shìos... fear an taigh-sheinnse, bha iad... bha e a' fuireach ann fad an t-siubhail fhad 's a bha iad anns a' bhàta... leis a' bhàta a-staigh ann an sin. Agus bha iad an latha a bha seo a' gabhail walk a-mach, e fhèin 's fear an taigh-sheinnse timcheall, agus a h-uile duine a bha a' dol seachad orra bha eallach de mhaidean air a mhuin. Agus thionndaidh e ri fear an taigh-sheinnse 's dh'fhaighneachd a dheth gu dè bu sgialt do na daoine falbh le eallach mhaidean air a h-uile duine a bha a' tachairt riutha.

Thuirt fear an taigh-sheinnse ris gun robh iad a' dol a dhèanamh... a' dol a chur na teine nighean a thàinig air tìr, gun tàinig i ann am bàta beag air a' chladach, i fhèin 's a bràthair, no duine cuide rithe. 'S e bràthair a bh' ann, tha e coltach. Agus bhàthadh a bràthair 's fhuair ise air tìr. Shàbhail i.

"'S chaidh... an rìgh a th' againn ann an seothach," ars esan, "tha e airson a pòsadh, agus cha... cha phòs i idir e. 'S tha iad a' cruinneachadh maidean airson a cur na teine a-màireach," ars esan.

"Ah uill," ars esan, "chan eil sin ceart. Ach saoil," ars esan, "am biodh rathad sam bith air a faighinn às a' phrìosan sin?"

Uill, dh'innis fear an taigh-sheinnse dha an duine aig an robh iuchraichean a' phrìosain 's am fear a bha a' coimhead fairis air, agus tha... nam faiceadh e... nam faiceadh iad an duine sin gura dòcha gun toireadh e dha iuchair an rùim anns an robh i glaiste.

Co-dhiù, chunnaic iad e agus fhuair e an iuchair. Fhuair... dh'obraich iad air gus gun d' fhuair e an iuchair, agus chaidh e ann. Thill esan an uair sin. Chaidh e an... dh'iarr e air a' chriutha dhol chun a' chladaich, chun a' bhàta sìos agus a h-uile sìon fhaighinn deiseil airson seòladh an oidhche sin, i bhith deiseil nuair a ruigeadh esan.

Agus nuair a bha pìos dhen oidhche ann dh'fhalbh e an uair sin agus chaidh e chun a' phrìosain 's fhuair e an rùm anns an robh ise agus dh'fhosgail e an doras. Dh'iarr e oirre a thighinn a-mach cuide ris-san, i a dh'fhalbh cuide ris-san. 'S thàinig a' chuideachd 's dh'fhalbh... rinn e fhèin 's i fhèin sìos air a' chidhe. Chaidh iad air bòrd dhan a' bhàta. Bha am bàta deiseil aig a' chriutha airson falbh, 's dh'fhuasgladh i 's a-mach leatha. Dh'fhalbh iad leatha.

Co-dhiù, cha robh iad... dh'fhalbh iad cho math 's a dhèanadh i. Chùm iad orra a-mach le a h-uile rig aca. Agus an uair sin anns a' mhadainn nuair a shoilleirich i bha an cuan breac às a dhèidh le bàtaichean, a' tighinn às an dèidh feuch am faigheadh iad grèim air. Chùm iad orra. Bha... dh'fheuch iad oirre a h-uile straoidht a bh' aice de dh'aodach 's bha i a' sìor bhuannachd air càch. Cha robh càch a' breith oirre idir, ach bha ise a' toir... call chàich.

Mun tàinig beul na h-oidhche cha robh cus dhiubh nan sealladh idir. Chùm iad orra fad na h-oidhche dìreach mar a dhèanadh i mar sin, cuideachd airson gum biodh iad... nach cailleadh iad dad air an oidhche na bu mhotha na rinn iad air an latha.

Anns a' mhadainn 's e trì aca a bha nan sealladh. 'S mun tàinig beul na h-oidhche cha robh na trì sin fhèin ann. Bha iad air an call... air am fàgail às an dèidh. Chùm e oirre co-dhiù 's fhuair e dhan a' phort às an do dh'fhalbh e. Uill, an nighean a bha sin, a bh' aige air bòrd, 's e nighean le... le Rìgh Lochlainn, 's i a bh' ann. Agus nuair a chaidh iad air tìr anns an àite thuirt i gum feumadh i fios fhaicinn gu h-athair gun robh i beò ach nach robh i a' dol ann idir.

Chuireadh am fios gu h-athair an uair sin gun robh i beò. 'S ò, nuair a fhuair iad am fios anns an... an Lochlann an uair sin gun robh i beò cha robh leithid de naidheachd riamh anns an rìoghachd aca cho math. Cha... bha an naidheachd mhòr aig a h-uile duine, 's am bàta cho math 's a bh' aca anns an àite, bha e air a rigeadh a-mach aca agus falbh ga h-iarraidh.

Dh'fhalbh iad leatha 's ràinig iad cuideachd an t-àite. 'S nuair a chaidh iad far an robh ise a' fuireach, i fhèin 's an sgiobair a' bhàta dhuibh, tha... nuair a chaidh iad far an robh i chan fhaigheadh iad... chan fhalbhadh sgath dhith cuide riutha. 'S chan fhalbhadh i, cha dealaicheadh i o sgiobair a' bhàta dhuibh, no ge brith gu dè a dhèanadh iad rithe cha robh i a' dol a dhealachadh ris.

Bha seanailear mòr bha a' dol ga pòsadh mun do dh'fhalbh iad anns a' bhàta idir, bha e cuide ris... ri h-athair ga h-iarraidh. Agus 's ann a dh'obraich e fhèin agus a h-athair oirre, air sgiobair a' bhàta dhuibh airson gum falbhadh e cuide riutha anns a' bhàta aca fhèin, gum fàgadh e am bàta aige fhèin. Agus dh'aontaich e mu dheireadh falbh cuide riutha 's dh'fhalbh e cuideachd. Dh'fhalbh iad leis a' bhàta.

Bha iad air a' phasaids. Thàinig droch shìde orra. 'S thàinig an t-sìde cho dona agus gun tàinig air sgiobair a' bhàta dhuibh mu dheireadh a dhol dhan chrann e fhèin cuide ris a' chriutha eile a bh' innte, 's i air fàs dona. Nuair a fhuair iad dhan a' chrann e, chuir iad am bàta ann an ceann agus thòisich na siùil air cliopadh air ais 's air adhart. Mu dheireadh shad iad an sgiobair a-mach air a' mhuir, agus tha... tharraing iad leis i 's dh'fhalbh e 's cha do sheall iad ris.

Co-dhiù, chùm e air a' snàmh 's cha robh e fiadhaich fada o eilean a bha seo. 'S rinn e an gnothaich air snàmh a dh'ionnsaigh an eilein. Agus bha e air fàs cho sgìth mun do ràinig e an t-eil-... mun d' fhuair e air... Nuair a fhuair e gu tìr bha e air fàs cho sgìth agus nach b' urrainn dha e fhèin ach a shlaodadh air bìdeagan 's bìdeag gus an d' fhuair e e fhèin a tharraing os cionn tiùrr an làin.

Nuair a fhuair e os cionn tiùrr an làin, dh'fhalbh e an uair sin agus fhuair e clachan 's chuir e tè aig a cheann 's tè eile aig a chasan. Agus shìn e e fhèin ann a shin 's cha robh e a' dol a charachadh gu bràth tuilleadh às 's bha e a' dol a bhàsachadh ann a shin. 'S chaidil e. Bha a' ghrian gu math teth, agus bha i air taobh na grèine dheth a thiormachadh glè mhath cuideachd. Ach suas pìos dhen latha 's ann a dh'fhairich e a bhith ga phutadh agus ag iarraidh air èirigh.

"Ò chan èirich," ars esan, "mise às a seo gu bràth tuilleadh. Tha mi a' dol a bhàsachadh ann a sheo," ars esan, "agus chan eil mi a' dol a dh'èirigh às gu bràth."

"Ò tha thu a' dol a dh'èirigh às gun teagamh," ars esan. "Bheir mi fhèin cuideachadh dhut," ars esan, "'s tha bàta beag agam shìos an siud anns a' chladach," ars esan, "an oir na tuinne, agus thèid thu sìos 's cuidichidh mi fhèin thu 's cuiridh mi dhan bhàta thu, 's bheir mi às an eilean thu."

Ò chuidich e e co-dhiù 's thug e sìos e, 's chuir e na shuidhe an deireadh a' bhàta e, fliuch mar a bha e. Dh'fhalbh e leis a' bhàta, 's chan fhaca e bàta air sàl riamh cho luath rithe 's gun e ach ga h-iomradh.

Cha robh a' gheòla bheag agam...

Ach co-dhiù... co-dhiù, bha i cianail fhèin luath. 'S càit an deachaidh e leatha ach dìreach far an deachaidh am bàta leis a' bhoireannach, a Lochlann, gu ruige Lochlann. Chuir an duine air tìr ann a shin e, 's dh'iarr e air... thuirt e gum biodh e math gu leòr a-nist, gun dèanadh e fhèin an gnothach a dh'fheuchainn suas am baile. Bha e air tighinn air adhart gu math an uair sin.

Agus dh'fhalbh e 's dh'fhàg e goodbye aige, 's dh'fhalbh esan leis a' bhàta bheag. Chùm esan suas an rathad. Thàinig e air an taigh bheag a bha seothach agus 's ann a chaidh e a-staigh ann. Chaidh e chun an dorais 's thàinig a' chailleach a bha san taigh, thàinig i chun an dorais 's dh'iarr i air a dhol a-staigh. 'S dh'innis e dhi gun e reacadh a rinneadh 's nach... gun do shàbhail e 's gun tàinig e air tìr 's gun robh e fliuch.

Ò thug i a-staigh e. Bha truas uabhasach aice ris. Thuirt i gun deachaidh gille leatha fhèin a bhàthadh o chionn ghoirid, goirid roimhe siud, agus gun robh truas mòr aice ri na seòladairean, 's e a thighinn a-staigh.

'S thug i dha biadh agus thug i dha aodach tioram a bh' aig a' ghille. 'S chuir i... ghabh i aige glè mhath le aodach tioram 's biadh a thoirt dha, 's... Bha e an uair sin a' ceasnachadh mu deidhinn, dè an naidheachd a bh' aice anns an... san àite. 'S ò, thuirt i gun robh naidheachd mhòr anns an àite nach robh leithid riamh ann, gun robh an nighean aig an rìgh, gun do dh'fhalbh i, i fhèin 's a bràthair le bàta, 's gun do dh'fhalbh... gun do dh'fhuadaicheadh e 's gun robh... dùil gun robh... gun deach iad a dhìth.

"'S tha e coltach," ars ise... ars ise, "gun do shàbhail ise ach gun do bhàthadh a bràthair, agus tha... thachair i ri... fhuair bàta-iasgaich a toirt a-nall às an àite às an deachaidh iad air tìr. Ach co-dhiù, tha iad... tha i gu bhith a' pòsadh," ars esan... ars ise, "an-diugh."

"Agus saoil," ars esan, "am biodh rathad sam bith air a faicinn a' falbh a phòsadh?"

"Bidh," ars ise. "Bidh iad a' dol seachad glè fhaisg air an taigh ann an seothach air an rathad mhòr."

"Bhithinn uabhasach titheach air a faicinn a' dol seachad," ars esan, "a' falbh a phòsadh."

"Ò chì sinn iad, ma-thà," ars ise, "math gu leòr. Bidh iad ann aig a leithid seo a dh'uair."

Bha sin ceart gu leòr.

'S bha e coimhead air feadh an taighe. Agus 's ann a chunnaic e uidheam-chiùil a bh' aca anns a' bhàta crochte thall air... ris an dreasair a bh' aca. Bha e aig a' chaillich. Agus 's ann a dh'èirich e a-null agus fhuair e i. Dh'èirich a' chailleach anns a' mhionaid a' dol ga thoirt bhuaithe, 's thuirt e nach leigeadh i leas, gun robh e eòlach gu leòr air uidheam-chiùil dhen t-seòrsa ud.

Thug e a-nall leis e far an robh e na shuidhe agus nuair a... Bha ise an uair sin aig an doras a' watchadh feuch am faiceadh i muinntir a' phòsaidh a' tighinn. 'S mu dheireadh nochd iad rithe a' tighinn. 'S thòisich esan air seinn a' chiùil. Agus chuala iad anns a' charaids an ceòl, 's chuala iad... chuala...

Dh'fhàg mi rud beag às mo dhèidh

"Cha d' fhuair iad," ars... "Cha d' fhuair iad," ars ise, "facal aig a chaillich... aig a' bhoireannach riamh on a thàinig i ann an seothach, ach gun do dh'iarr i ormsa sin a ghleidheadh," ars ise, "nuair a thàinig iad air tìr. Agus ghlèidh mi e."

Tha... chuala... chuala iad anns a' charaids an ceòl agus dh'èigh ise dhan dràibhear e stad na caraids. Stad e i. Leum i a-mach às a' charaids 's chaidh i a-staigh. Agus leum iad a-mach às a dèidh uile 's dùil aca gun robh i air a dhol às a rian.

Nuair a nochd iad a-staigh dhan taigh bheag a bha sin bha i agus làmh mu amhaich an duine aig an robh an ceòl, sgiobair a' bhàta dhuibh, dùil aca gun robh e bàthte.

'S nuair a thàinig a h-athair a-staigh 's an duine mòr a bha a' dol ga pòsadh 's a h-uile duine dhiubh sin, 's ann a... nuair a chunnaic an seanailear mòr esan, thill e a-mach 's chaidh e dhan a' charaids 's chùm e oirre sìos chun a' chidhe 's a-mach air a' chidhe e fhèin 's a' charaids.

Dh'innseadh dha h-athair an uair sin a h-uile sìon mar a rinn an duine 's an gille, gur e a shàbhail a beatha dhi 's nach robh i a' dol a phòsadh duine air an t-saoghal ach e fhèin. Agus bha a h-athair toilichte gu leòr nuair a fhuair e a-mach mar a rinn an duine rithe. Agus 's ann a chùm iad dhan eaglais agus phòs iad anns an eaglais an uair sin iad fhèin mun deach iad dhachaigh.

'S bha e glè mhath dheth còmhla rithe ann an sin fad an t-siubhail tuilleadh co-dhiù 's cho math dheth 's a bha an latha cho fada, tha mi cinnteach.

Co-dhiù bhiodh iad a' stàireachd a-mach. Bhiodh iad a' falbh a' gabhail walk 's a h-uile taobh air feadh an àite gus an...

Ach sin rugadh pàiste dhaibh, gille. Agus...

Dhiabhail, dhìochuimhnich mi siud.

DE: Chan e, tha e ceart gu leòr. Tha e ceart gu leòr. Cùmaibh romhaibh. An do dh'fhàg sibh pìos às?

AI: Dhìochuimhnich mi gun do dh'iarr...

DE: Ò seadh, uill innisibh sin... faodaidh sibh sin innse an-dràsta.

AI: Uill, an duine... am fear a thug às an eilean e, thuirt e... dh'fhaighneachd e dheth dè am pàigheadh e bha e ri thoirt dha, agus thuirt an duine a thug às an eilean e nach robh pàigheadh aige ri thoirt dhàsan idir, ach gum biodh e ag iarraidh a' chiad mhac a bhiodh aige.

"Ò gheibh sibh sin," ars esan, "ach cha bhi sin agamsa gu bràth, mac."

"Ò ma bhitheas e agaibh," ars esan, "ma bhitheas gheibh mi e."

"Gheibh sibh e," ars esan.

Co-dhiù, rugadh gille dha an uair sin. Agus bha e air fàs suas. Bha e fhèin 's a bhean a-mach a' stàireachd 's bhiodh iad a' toir leotha a' ghille. Ach an latha a bha seothach bha iad a-mach a' stàireachd leis a' ghille, air walk leis, agus thachair an duine snog a bha seo riutha air an rathad, agus stad e a' bruidhinn riutha. Agus bha e greiseag a' bruidhinn riutha, agus thionndaidh e an uair sin ris an duine agus dh'fhaighneachd e dha:

"Bheil thu a' toir air ais..." bheil e a' dol a thoirt dha an rud a gheall e, an robh e a' dol thoirt dha a' ghille.

Uill, cha tuirt e nach robh 's cha tuirt e gun robh. Ach thionndaidh ise ris agus dh'fhaighneachd i dha gu dè an dòigh anns an robh e ag iarraidh a' ghille air. Tha... dh'innis e dhi an uair sin dhìse gur e a thug às an eilean e le bàta beag agus a chuir air tìr ann a shiud e anns an àite sa e, agus gur e... nach robh sìon aigesan a bheireadh e dha, agus gur e siud na dh'iarr e air nuair a bha e a' falbh, an gille, nam biodh gille aige. Uill:

"Tha," ars... "Tha," ars ise, "tha thu a' dol a dh'fhaighinn a' ghille."

Uill, nuair a... tha... thuirt esan gun robh e a' faighinn a' ghille an uair sin, gun robh e ga thoirt dha.

"Uill," ars esan, "on a tha sibh cho math 's gu bheil sibh a' toirt dhomh a' ghille," ars esan, "cha toir mi leam idir e. Ach," ars esan, "nam biodh sibh ga chumail bhuam 's dòcha gum biodh e na bu duilghe. Ach co-dhiù, rinn thu fhèin," ars esan, "uabhasach math riumsa, cheart cho math 's a rinn mise riutsa, rinn thusa riumsa e," ars esan. "Nuair a chaidh thu air tìr anns an Tuirc," ars esan, "thog thu às an tiùrr thu mi agus thiodhlaic thu mi, agus chuir thu do lèine orm," ars esan. "Agus tha mi a' falbh a-nist," ars esan, "agus a' fàgail goodbye, agus chan fhaic sibh gu bràth tuilleadh mi," ars esan.

Agus sin mar a tha. 'S thill iad dhachaigh, 's bha iad toilichte gu leòr, iad fhèin 's an gille. Sin agad e.

DE: Agus an urrainn dhuibh innse dhomh a-nist cà 'n cuala sibh i sin? 'S ann aig ur n-athair, an ann?

AI: 'S ann, aig m' athair a chuala mi i.

DE: 'S dè chanadh iad ri ur n-athair?

AI: Chanadh Dòmhnall... Dòmhnall MacPhàil, Loch Euphort.

DE: Seadh, gu dearbha. 'S dè cho fad 's a bha sin ann? Dè cho fad 's bho dh'innseadh dhuibh i, a bheil cuimhn' agaibh?

AI: Och, tha mi a' creidsinn gum biodh trì fichead bliadhna on uair ud 's còrr. Och a thìochdais, sin agus còrr. Cha bhithinn-sa ach a' dol dhan sgoil nuair a bhiodh e ag innse nan stòireannan ud, na sgeulachdan a bha siud.

DE: Agus dè an aois a tha sibh fhèin a-nist, ma tha e modhail fhaighneachd?

AI: Tha mi aois gu leòr tuilleadh. Tha mi aois gu leòr. Tha mi... tha mi trì fichead 's ceithir-deug.

DE: Uill, uill. Ò uill, 's ann agaibh tha a' chuimhne.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good