Search

Galla a ghoid biadh airson a thoirt do ghille òg a bha air chall.

Date 07 December 1959
Track ID 38192
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.4.A1

Original Tape ID

SA1960.004

Summary

A dog stealing food for a missing child.

The contributor's father left for the mainland as a young man to find work. He had a friend in Morar, a priest, who employed him as a shepherd. He worked for him for fifteen years. There was another shepherd in the area who married. He had a son who, when he was two-and-a-half years old, went missing in thick fog. He could not be found, though they searched day after day for him, and eventually they resigned to having lost him.

There were three old ladies who were cotters on the priest's land. The contributor's father's dog started to steal their baking. They grew fed up with this and complained to the priest. In an attempt to defuse the situation, an old man suggested that one day they let the dog take the food, while the quickest lads would be in hiding, ready to follow the dog. This happened, and the lads followed the dog. They couldn't keep up with it, but eventually it was spotted on the farthest hill. There, they found the shepherd's son; the dog had been feeding him and keeping him alive.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Glenelg

Village/Place - Morar

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Seo ma-thà.

Ruairidh MacFhionghain: Ò ma-thà, tha ceud bliadhna 's còrr bhon a bha seo ann. 'S e m' athair a bh' ann, agus dh'fhalbh e às a seo na ghille òg gus... feuch am faigheadh e muinntireas air tìr-mòr, obair. Agus ràinig e tìr-mòr, agus bha caraide dha na shagart ann a shin, ann a... air Mòrar, 's ann a bha e na shagart. Agus ràinig e an sagart a bh' ann a sheo, agus nuair a ràinig e an sagart, thuirt an sagart ris:

"Ò dearbh Aonghais, cha leig mi bhuam fhìn thu. Tha thu nad ghille cho mòr 's cho calma, agus cha chreid mi nach fhaigh mi fhìn obair dhut agus fanaidh tu agam fhìn. Agus 's e an obair a tha mi a' dol a thoirt dhut, cìobaireachd. Tha naoi ceud caora agam, agus feumaidh iad cìobair làidir ri coimhead fairis orra. Agus nuair a bhios molt a gheibh e am bàs leis a' bhragsa a thoirt thugam, agus 's e duine làidir a charrygeas e."

Agus seo mar a bha. Dh'fhastaidh e aig an t-sagart, agus bha e aig an t-sagart fad chòig bliadhn' deug, air Mòrar. Ach bha fear eile, cìobair eile, ann an crìch ris an t-sagart, agus bhiodh e fhèin a' falbh dhan bheinn steady, an cìobair a bh' ann a sheo. Agus phòs e, an cìobair sin, agus an seo thàinig urra de ghille air, gun robh gille aige. Agus an gille beag a bha seo, bha e air fàs suas gun robh e dà bhliadhna gu leth a dh'aois. Agus latha dhe na lathaichean, ceòthar, thàinig ceò trom, agus nach bu lèir dhaibh mòran romhpa idir, thòisich...
dh'fhalbh an cìobair, 's chuir e roimhe gun rachadh e dhan bheinn. Co-dhiù rachadh e fada no rachadh e goirid, dhèanadh e na b' urrainn dha co-dhiù. Agus dh'fhàg e a' bhean agus am pàiste a-staigh, agus gu dè bha ise ach a' nigheadaireachd aig an taigh. Agus nuair a thill... dh'ionndrainn i an gille ann an ceann uair no dhà no leithid sin, an ceann uair an uaireadair co-dhiù, nach robh an gille mun cuairt oirre mar a b' àbhaist dha. Agus thòisich i leigeil nan gl... ràin mun cuairt, 's cha robh guth air gum faigheadh i an gille... gun robh trace air a' ghille. Agus leig i seo na... a ghlaodhaich air fad mu chuairt a h-uile duine a bhuineadh dhi, 's cha robh mòran dhaoine mun cuairt ann ach glè bheag anns an àite aig an àm a bha siud ach cìobairean fhèin. Agus... chruinnicheas na daoine 's thòisich iad air siubhal 's thòisich iad air iarraidh, 's cha robh sgeul air a' ghille.

Thàinig athair dhachaigh às a' bheinn 's cha robh ràn riamh ann thuige sin. An gille air chall. Cha robh sgeul air. Feumaidh gun deach e a-mach air abhainn... air abhainn... air an Abhainn Mhòrair leis a' cheò, 's gun deachaidh a bhàthadh.

Thug iad fairis a' siubhal, ag iarraidh a' ghille, 's an làrna-mhàireach thòisich iad air iarraidh a' ghille, 's thòisich iad air [?bragadh] siubhal na h-aibhne, 's cha d' fhuair iad an gille. 'S cha d' fhuaradh idir e. Bha iad seachd latha na seachdain cho dian 's a ghabhadh iad ga iarraidh, 's cha d' fhuair iad e, duine aca. Mu dheireadh, thug na daoine fairis, agus dùil-fairis nach faigheadh iad e tuilleadh.

Agus bha trì chailleachan agus taigh aca air fearann an t-sagairt, agus 's e coitearan a bh' annta, anns na cailleachan a bha seo. Agus anns an t-seann aimsir a bha sin 's e... cha robh greideal idir ann, agus cha robh fry pan ann, ach 's e leac-bhonnach a bh' ann, leac na seasamh ris an teine, agus an teine ann am meadhan an taighe, agus am bonnach air a chur ris an lic gus am biodh e deiseil, ga thionndadh air gach taobh ann a shin. Agus gu dè thòisich a' ghalla... am beathach, a' ghalla a bh' aig m' athair anns a' bheinn - bha a dhà aige, cù 's galla - gu dè thòisich i ach air goid an arain air na cailleachan.

Bha seo ceart gu leòr airson beagan ùine, ged a bha i ga ghoid. Bha dùil gun stadadh i dheth, ach cha robh tuar oirre stad idir. Agus cha robh na cailleachan ach bochd, agus cha b' urrainn dhaibh a bhith a' ceannach min-chorca do... dhan ghallaidh aig an t-sagart, airson a bhith a' dèanamh deagh obair dha fhèin, agus iadsan a' stèarbhadh, na cailleachan. Agus 's ann a thàinig iad a-nall agus rinn iad row garbh de throd ris an t-sagart, o nach robh e a' toirt biadh dha na coin, agus theab iad... chan eil fhios gu dè an [?sgramas] a fhuair e bho na cailleachan. An tè nach goideadh a' ghalla breacag oirre an-diugh, bha i ga goid oirre a-màireach, 's cha robh fios cà robh i a' dol leis, ach gun robh iad a' smaoineachadh gur e an t-acras a bha ga cur ann.

Chaidh seo mu chuairt nan daoine. Sgaoil e air falbh, an obair a bha seo. Agus bha seann duine pìos air falbh, agus chuala e mu dheidhinn seo, agus thàinig e a-staigh air an astar airson a' ghnothaich sa a chur gu dòigh. Agus 's e an rud a rinn e, airson rèite a dhèanamh eatorra, dh'iarr e aon deichnear, no dusan, dhe na gillean a bha sgoinneil agus luath air an casan, iad a dhol ann an sgairte-falaich, agus brath a thoirt dha na cailleachan nam faiceadh iad a' ghalla a' tighinn, iad a' leigeil leatha an latha sa, feuch cò rathad a ghabhadh i leis an aran.

Agus seo mar a bha. Rinn iad sin. Thàinig iad. Chaidh iad ann an sgairte-falaich, 's thàinig a' ghalla, a' dol am falach an siud 's an seo gus an d' fhuair i fàth air na taighean. A' chiad taigh gu 'n tàinig i, cha d' fhuair i sìon ann ris an teine. Chaidh i chun an dàrna taighe, agus fhuair i ann a shin e, a' bhreacag ris an teine... ris a' chloich... ris an teine. Agus siud a bha iad... na breacaig a bha i, agus thug i leatha i agus theich i 's tharraing i leatha.

Uill a-nist, watch na gillean seo i, agus dh'fhalbh iad às dèidh na galla. Uill, lean iad a' ghalla 's an dèidh... bha iad gu math searbh a' cumail suas rithe, a cumail ann am fianais dhaibh.
Chaidh i seachad air a' chiad bheinn air Mòrar. Bha trì beanntanan ann, cùl ri cùl. Chaidh i seachad air an dàrna beinn, 's chùm iad sealladh oirre. 'S ràinig iad an dàrna beinn, 's nuair a ràinig iad an dàrna beinn, cha robh sgeul aca oirrese. Sheas iad, 's bha duine an siud 's an seo, sheas iad co-dhiù. Bha iad a' coimhead 's a' beachdnachadh air falbh 's mun cuairt. Dh'èigh fear dhe na gillean gum faca e i, a' dol ann an tom froinich, air gualainn a deas na beinne a b' fhaide air falbh air fad. Agus siud a-mach gun do ghabh iad uile.

Ràinig iad guala na beinne a bh' ann a shin. Cha robh iad ga dèanamh a-mach idir, no cà robh i. Ach chunnaic iad i a' tighinn a-mach ceart gu leòr às an tom fhroinich air ais, agus tharraing iad an uair sin gu math, agus ràinig iad agus fhuair iad a' ghalla. Bha i ann a shin, agus an gille beag aice a-staigh fon chreig, agus grunn mòr air a bheulaibh de bhreacagan arain, agus sgiathan eun, agus coineanaich a bha i a' tarraing ann thuige, agus e air a dheagh chur air dòigh aice ann a shin, fad na h-ùine a bha e air chall, agus a' ghalla ga chumail beò ann a shin, 's fios aice gun robh e ann. Agus 's e sin a-nist bu choireach ris a' ghallaidh a bhith a' goid an arain air na cailleachan a bh' ann an seo.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good