Search

Am Bròn Binn

Date c. November 1963
Track ID 38243
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.66.A3

Original Tape ID

SA1963.066

Summary

This ballad tells how the King of Scotland saw a beautiful woman in a dream and how Fionn Falaich [Sir Gawain] went off in a ship to find her. When he finally found her, she was in a castle, and seated on a throne of gold. She asked him to put his head on her knee, so that she could play harp music for him. This made him fall into a charmed sleep. The woman took a sword from her belt and cut off his head.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Catrìona NicCormaig (CN): An tòisich mi a-nis?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Aidh, tòisichidh.

CN:

Chunnaic Rìgh Alba na shuain
'N aona bhean bu ghile snuadh fon ghrèin.
B' fheàrr leis tuiteam dha cion
'S a 'còmhradh a bhith math dha fhèin.*

B' fheàrr leis tuiteam dha cion
'S a 'còmhradh a bhith math dha fhèin.*
Labhair Fionn Falaich ri fian
Thèid mise ga h-iarraidh dhut.

Labhair Fionn Falaich ri fian
Thèid mise ga h-iarraidh dhut.
Mi fhìn, 's mo ghille, 's mo chù
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà.

Mi fhìn, 's mo ghille, 's mo chù
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà.
Seachd seachdainean is trì mìos
A thug sinn ri siubhal cuain.

Seachd seachdainean is trì mìos
A thug sinn ri siubhal cuain.
Mum facas fearann no fonn
Aig an dèanadh an long tàmh.

Mum facas fearann no fonn
Aig an dèanadh an long tàmh.
Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunnacas caisteal mìn-gheal gorm.

Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunnacas caisteal mìn-gheal gorm.
Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is còrn.

Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is còrn.
'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh a-nuas.

An àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh a-nuas.
Cha d' ghabh mi eagal no fiamh
Ghabh mi oirre nam ruith suas.

Cha d' ghabh mi eagal no fiamh
Ghabh mi oirre nam ruith suas.
Chunnacas a' bhean bhrèid gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh.

Chunnacas a' bhean bhrèid gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh.
Sròl dhen t-sìoda fo dà bhonn
Bheannaich mise dha gnùis ghil.

Sròl dhen t-sìoda fo dà bhonn
Bheannaich mise dha gnùis ghil.
A fhleasgaich a thàinig on chuan
'S fuar do bheannachadh oirnn.

A fhleasgaich a thàinig on chuan
'S fuar do bheannachadh oirnn.
Teann nall do cheann air mo ghlùin
Seinnidh mi dhut cruit is ceòl.

Teann nall do cheann air mo ghlùin
Seinnidh mi dhut cruit is ceòl.
Cruit air uchd an aona ghill' ùir
As guirme sùil 's as gile deud.

Cruit air uchd an aona ghill' ùir
As guirme sùil 's as gile deud.
Thuit esan na iorram suaint
An deis bhith cuairteachadh cuain ghairbh.

Thuit esan na iorram suaint
An deis bhith cuairteachadh cuain ghairbh.
Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiost an ceann.

Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiost an ceann.
Siud agaibh deireadh gach sgiùil
'S mar a sheinneadh am bròn binn.


DE: Glè mhath. 'S cà 'n cuala sibhse an toiseach e?

CN: Chuala mi e aig seann duine a bh' anns an àite. Tha mi cinnteach gum biodh e dà cheud bliadhna an-diugh. 'S e a dh'ionnsaich dhomh e. Alasdair Moireasdan a bh' ann an Griomasaigh, am Beinn a' Bhadhla.


[*Ann an dreachan eile dhen òran seo, cluinnear an loidhne seo mar: Na còmhradh fir mar bha (e) fhèin.]

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good