Search

Naidheachdan mun Phrionnsa Teàrlach agus Flòraidh NicDhòmhna...

Contributors
Date 10 December 1959
Track ID 38545
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.7.A5

Original Tape ID

SA1960.007

Summary

Various tales of the exploits of Bonnie Prince Charlie and Flora MacDonald when he was in hiding in the islands.

Bonnie Prince Charlie landed on Eriskay in a small boat. There was no-one living there at the time. He spent his time building a wall which can still be seen there. He planted flowers there which still grow, but whenever people take them from the island to plant elsewhere, the plant never grows.

The prince moved from Eriskay to Uist where he hid in a cave and ate whatever he could find. A woman who lived in Airigh Mhuilinn - Flora MacDonald - heard about a man who was living on the hill. She took pity on him and went and found him in the cave, by the smoke from the fire.

She brought him some of her own clothes the next day so he could disguise himself. They took his boat and sailed to Skye. The prince remained in woman's clothes. A man said that the prince was not a woman, but that there had never been a woman as beautiful as he was. They held a ball which the two women attended, and after the dancing they threw apples to the women. Those who were women spread their skirts to catch the apples, but the prince kept his legs tightly together so they knew he was a man.

Flora MacDonald died on Skye and was buried where they came ashore. The contributor once went by her grave and it was pointed out to him by a local man. The cross on the gravestone had broken off in bad weather and they had not been able to re-attach it.

Item Subject/Person

Am Prionnsa Teàrlach [Bonnie Prince Charlie]; Flòraidh NicDhòmhnaill [Flora MacDonald]

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Eriskay

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain Caimbeul (IC): ...agam ann a sheo mu dheidhinn a' phrionnsa. An i a ghabhas sibh an toiseach?

Calum MacIllEathain (CM): Uill, tè sam bith, seadh.

IC: Uill, thàinig am prionnsa gu ruige Èirisgeigh, le bàta beag dà ràmh, agus anns an aimsir a bh' ann cha robh teaghlach no daoine an Èirisgeigh idir, 's land e ann. Agus cha robh fhios aig duine sam bith dè mar a bha e a' dèanamh beòshlaint ann. Ach co-dhiù, thug e de dh'ùine anns an eilean gun do rinn e clachaireachd mhòr bhrèagha ann, agus tha i fhathast ri faicinn, ma nach do leag an làn pìosan dhith. Bha i ri aodann bruthaich. Cha robh fhios cà robh e a' faighinn nan clach no cò leis a bha e gan dreasadh. Bha iad air an dreasadh cho brèagha 's ged a bhiodh an clachair bu shnasaile riamh ag obair orra. Rinn e an gàrradh mòr a bh' ann a sheo, agus chuir e an sin uabhas a fhlùraichean ann an leathad a bha suas bhuaithe anns a' chnoc. Agus tha na flùraichean a' fàs ann gun an latha an-diugh, 's bhiodh daoine gan toirt air falbh, a' toirt air falbh pìos dhen talamh, 's cha do dh'fhàs iad ann an àite riamh ach an siud.

Bha a-nist ùine ann, agus dh'fhalbh e sin leis a' bhàta a bh' aige, a bha seo aige. Ghlèidh e i, agus thug e an aire dhi, agus thàinig e a-nall gu ruige Uibhist. Uill, thòisich e a' siubhal roimhe ann a sheo. Cha robh daoine no rathad mòr no sìon an uair sin ach feadh nam beanntan. Agus chùm e roimhe gu tuath gus do ràinig a' Bheinn Mhòr. Bha e a' siubhal na Beinne Mòire, agus thachair uamh ris ann. Uill, thuirt e ris fhèin gum biodh i glè mhath airson cur seachd na h-oidhche ann.

Ach co-dhiù, bha e ann a shin, 's cha robh saod teine anns an àm a bh' ann, ach bha rud aca a gheibheadh iad gu math pailt an uair sin, clach-spor, agus chuireadh e rud sam bith a bhiodh tioram na theine. Uill, fhuair e seo 's bha i aige. Thòisich e a' cruinneachadh an rud bu tioram a gheibheadh e, agus rinn e teine. Agus 's e fraoch mòr a bha e a' spìonadh, 's e casan mòra garbh aig an fhraoch, bha e gan cur sin anns an teine, agus a' dèanamh teine ann. Cha robh saod air sìon a bhruich, cha robh grèim no sìon a dh'itheadh e, agus cha robh e ach rud sam bith air am faigheadh e grèim, cha robh e ach ga ròsladh ris an teine a bh' ann a sheo. Bha e a' cumail an teine a' dol.

Uill, bha e ann a shin. Bha sin boireannach a-staigh ann a... ann an Gearra-Bhailteas an sin, agus 's e Flòraidh Àirigh a' Mhuilinn a chanadh iad rithe. Chuala i gun robh a leithid a dhuine anns a' bheinn, agus ghabh i truas mòr dheth, dè an duine a bh' ann no ciamar a bha e beò innte. Agus dh'fhalbh i an latha a bh' ann a sheo, agus thòisich i air siubhal anns a' Bheinn Mhòir feuch an fhaiceadh i coltas an duine. Chunnaic i an seo smùid a-mach às a... às an uaimh a bh' ann a sheo, agus chùm i roimhpe, agus ràinig i an uamh. Agus cò bh' ann a shineach ach Prionnsa Teàrlach agus teine aige, agus e ag obair air dà uan ann a shin. Rinn e ròsladh 's feuchainn ri nàdar bruich a dhèanamh air. Cha robh iall air ach luideagan.

Co-dhiù, thug i greiseag a' bruidhinn ris, agus thill i gu a dachaigh fhèin, 's cha do leig i sgath oirre. Agus dh'fhalbh i làrna-mhàireach às a dhèidh sin agus thug i leatha dreasa dhen aodach aice fhèin, agus thug i air a chur uime.

Bha iad ann a shin. Bha iad a' siubhal thall 's a-bhos mun chladach, agus chunnaic iad an sin bàta beag ann, agus dà ràmh innte.

"Uill," arsa... ars ise, "tha deagh theans againn air teicheadh leatha seo às a seothach, ge brith cà 'n land sinn."

'S e seo an rud a rinn iad. Dh'fhalbh iad leis a' bhàta bheag, agus cà 'n do land iad ach ann an Ùig anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh iad air tìr ann a shin. Cha robh an sin e fhèin anns àm, cha robh rathad no sìon ann, ach àite pàirc. Bha iad a' falbh 's a' siubhal, 's esan a' falbh còmhla rithe ann an aodach boireannaich.

Bha iad an seo a' bruidhinn ri daoine 's bha iad a' faicinn gun robh na daoine a bh' ann a sheo fuathasach coibhneil càirdeil. Agus co-dhiù, 's ann a thòisich iad air dèanamh bàlaichean ann a shineach. Agus bhiodh an dithis leadaidhs a bha seo a' dol dhan bhàl.

Ach co-dhiù, bha feareigin car na bu fiosraiche na càch, thòisich e air a chantail:

"Chan e boireannach a tha siud idir," ars esan. "'S ann a th' ann ach fireannach. Agus cha robh boireannach riamh," ars esan, "cho brèagha ris an duine a tha siud."

Och, chan e, 's chan e, 's chan e.

"An-tà," ars esan, "gu bheil mise ag ràdh ribh gura h-e. Ach 's e am plan a nì sinn," ars esan, "nì sinn bàl," ars esan, "agus bidh a h-uile duine air an cruinneachadh ann, agus bidh iadsan ann co-dhiù," ars esan. "Agus gheibh sinn ùbhlan," ars esan. "Agus am plan a nì sinn, tòisichidh sinn air an caitheamh gu chèile. Agus am boireannach daonnan," ars esan, "nuair a chaitheas tu rud thuice," ars esan, "sgaoilidh i a sgùird airson a chumail aice. Ach am boireann-... am fireannach," ars esan, "'s ann a theannaicheas e a dhà shliasaid ri chèile."

Cha robh ach chaidh am bàl air n-aghaidh, agus am [?pleadhart] air n-aghaidh 's an dannsa, 's mu dheireadh thàinig e gu àm gun robh iad a' dol a ghabhail trèat. Agus co-dhiù, bha na h-ùbhlan aca. Thòisich iad an seo air pidseadh nan ùbhlan gu chèile. Ò, a h-uile tè dhe na boireannach a' sgaoileadh a sgùird; bha i a' cruinneachadh na h-ubhail. Ach air a ràinigeadh esan, 's ann a chuir e a dhà shliasaid ri chèile.

"O-ho," ars am fear eile, "nach do dh'innis mi dhuibh?"

Thuig iad an uair sin gun robh iad air an glacadh. Ach co-dhiù, bha iad cho còir, gasta 's cha robh iad a' dèanamh dad ceàrr orra. Leigeadh leotha mar a bha iad.

Uill, an ceann ùine, am boireannach a bha seo, dh'eug i ann. Agus chaidh a tiodhlacadh ann an cladh os cionn far an deach iad air tìr, agus 's e Cille Mo Luaig a bh' air. Ma chuala sibh guth air? Ach co-dhiù, thiodhlaiceadh am boireannach ann a shin. Agus 's e bana-Chaitligeach a bh' innte, agus 's e a bh' anns a' Phrionnsa. Agus rinn na daoine iad fhèin à cloich ghlais, chuir iad clach mhòr na seasamh aig a ceann, agus gheàrr iad crois innte leis na sgaraichean. Agus chunna mise mi fhìn i.

Uill, co-dhiù, bha mi a' dol suas seachad ann a shin ris a' chladach, 's mi ann a... ann [???] anns an àm a bh' ann a shineach. Agus bha gille Sgitheanach a mhuinntir an àite a bh' ann a shin innte còmhla rium.

"Agus," ars esan, "seall," ars esan, "an cladh a tha siud shuas, Iain," ars esan.

"Tha," arsa mise.

"A bheil thu a' faicinn a' chlach a tha siud," ars esan, "de chloich ghlais," ars esan, "na seasamh ann?"

"Tha."

"Uill," ars esan, "siud a' chlach," ars esan, "a chuireadh aig ceann Flora MacDonald," ars esan, "nuair a dh'eug i ann a sheo," ars esan, "'s i còmhla ri Prionnsa Teàrlach. Agus," ars esan, "thàinig droch oidhche," ars esan, "agus bhristeadh dhith a' chrois a bh' air a mullach. Agus," ars esan, "dh'fheuch iad air a... air a càradh," ars esan, "'s cha robh saod càraidh ann."

Cha robh cement a' dol air a' chunntais anns an aimsir idir, 's bha iad a' feuchainn feuch an deargadh iad air a cumail suas le pionachan, le gnothach dhen t-seòrsa sin, 's le a ceangal le ròpa. Bha iad a' failleachdainn orra. Uill, bha a' chrois ga dìth air a chunna mise mu dheireadh i, agus chan eil fhios a'm ciamar a tha i on uair sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good