Search

Prògram Choinnich

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 14.09.2001

Summary

The handling of the 9/11 atrocity by journalists.

Journalists describe how they were affected by the 9/11 attack. Donald Morrison from Rèidio Nan Gàidheal says that it is a shameful truth but that incidents like this provide a powerful stimulus to journalists. Murdo MacLeod from the 'Scotland on Sunday' newspaper says that the actual journalism was difficult at the time but that it had to be done. Torcuil Crichton from 'The Herald' agrees with Donald that journalists feel sorrow at the events but says that they have to get on with their work. They all agree that it is necessary to remain professional in their approach.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): A bheil luchd-naidheachd a' dèiligeadh riutha san aon dòigh? Cò ris a tha e air a bhith coltach a' feuchainn ri lìbhrigeadh 's mìneachadh a dhèanamh air uabhas na seachdain seo? Còmhla rium tha triùir a tha sibh gu math eòlach orra: Dòmhnall Moireasdan aig Rèidio nan Gàidheal; Murchadh MacLeòid, Scotland on Sunday; agus Torcuil Crichton, ag obair an-diugh mar Fhear-deasachaidh Westminster aig a' Sunday Herald. Uill, a Dhòmhnaill, 's tusa a th' air a bhith a' dèiligeadh ris, gach uair, gach latha. Cò ris a tha e air a bhith coltach, a bhith a' feuchainn ri dèiligeadh ris?

Dòmhnall Moireasdan (DM): Uill, a bheil fhios agad, a Choinnich, man a bha thu fhèin ag ràdh an siud, tha rudeigin ann an luchd-naidheachd a tha a' beothachadh nuair a thig sgeulachd mhòr, agus feumaidh mi aideachadh gu bheil, dhomh fhìn dheth co-dhiù, agus tha nàire orm ann a bhith ag ràdh seo, oir nuair a mhothaich mi e a' tachairt dhomh fhìn, ghabh mi nàire agus ghabh mi ealla orm fhìn. Ge às bith dè an sgeulachd a th' ann, nuair a tha sgeulachd mhòr ann, tha adrenalin sònraichte a' dol an cèill am measg luchd-naidheachd, agus cha mhòr nach d' fhuair mi mi fhìn feasgar Dimàirt an dòchas gur e sgeul mhòr a bha seo, fhios agad, man a bha i a' briseadh 's a' tòiseachadh, agus bha mi an dòchas gun robh i mòr, fhios agad. 'S e rud uabhasach a tha sin, nuair a smaoinicheas tu air dè tha sin a' ciallachadh. Tha e a' ciallachadh... tha e a' ciallachadh gu bheil thu... gu bheil tòrr dhaoine gu bhith marbh 's a h-uile rud eile.

Tha an taobh eile air cuideachd, gu bheil thu dìreach air d' uabhasachadh mar dhuine nàdarrach leis an rud a th' air tachairt, agus feumaidh mi aideachadh gun d' fhuair mi mi fhìn, chan eil cuimhn' a'm dè a' mhadainn a bh' ann dìreach, 's mi air èirigh aig còig uairean sa mhadainn 's mi a' dèanamh deiseil airson a thighinn a dh'obair 's bha mi ag èisteachd ri nighean bheag ann a shin air an telebhisean agus i a' faighneachd, 'Cà 'il m' athair?', 's i air taobh a-muigh dhe... taobh a-muigh dhen togalaich a bha sin, 's feumaidh mi aideachadh gun do thòisich mi a' gal. Agus bha tè-naidheachd eile ag obair a-staigh seo còmhla rium fhìn anns an t-seòmar-naidheachd, agus nuair a thàinig i a-steach feasgar, thuirt i gun robh i air tòrr dhen a' mhadainn a thoirt seachad a' gal cuideachd.

CM: Uill, sin agad e bho na diofar thaobhan, 's dòcha, gu dearbha. Ach mar fhear-naidheachd, tha a h-uile duine againn a' coimhead agus an dòchas gum bi sinn an sàs ann an naidheachd mhòr. Tha cuimhn' agamsa, bha mi a' dèanamh an aon seòrsa obair 's a tha thusa a' dèanamh an-dràsta, nuair a bha BCCI aig a neart ann an seo, agus sin an seòrsa rud a bh' ann - truas do bheatha agad ris a h-uile duine a bha an sàs ann, ach mar naidheachd... mar fhear-naidheachd, obair phroifeiseanta agad ri dhèanamh.

DM: Tha sin ceart. Agus bha mi fhìn an sàs ann an sgeulachd BCCI cuideachd, agus cha robh mi air a bhith cho fada sin ann an obair naidheachd an uair sin, ach tha cuimhn' a'm a bhith aig a' choinneamh mhòr ainmeil a bha sin a bh' aig a' chomhairle ann an Steòrnabhagh, nuair a thàinig meadhanan an t-saoghail a chèilidh oirre, agus bha thu a' faireachdainn, mar eileanach, bha faireachadh beagan nàire ann 's iomadach rud eile, ach cuideachd an rud mòr a bha sin, 's bha mi dìreach ag ràdh, an ann feasgar Diciadain no uaireigin, ri fear dhe na balaich òga a tha dìreach air tòiseachadh mar fhear-ionnsachaidh againn an seo anns an t-seòmar-naidheachd, agus tha mi a' smaoineachadh gun robh e a' gabhail beagan uabhas dhe na bha a' dol air adhart mun cuairt air, 's prògraman gan leudachadh 's a h-uile càil eile, 's bha mi ag ràdh ris, cha bhi seo a' tachairt, man a thuirt thu fhèin, ach uair sa h-uile còig bliadhna no rudeigin. Chan eil mise a' smaoineachadh, a Choinnich, ach gu bheil trì sgeulachdan dhen t-seòrsa sa air a bheil mi air a bhith ag obair bho thòisich mi nam fhear-naidheachd: an tè sa fhèin, agus 's i gun teagamh an tè as motha...

CM: Fuirich gu 'n tomhais mi.

DM: Seadh. Dè an tè eile?

CM: Lady Di.

DM: Tha ceithir ann, a-rèiste. Bha mi air an tè sin a dhìochuimhneachadh. Nach eil sin uabhasach. Seo an tè as motha. An uair sin, a' Bhana-phrionnsa Diana. Dè an uair sin? Chan eil fhios agad?

CM: Chan eil.

DM: Lockerbie.

CM: Ò uill, uill, uill, uill.

DM: Agus BCCI. Ged a tha e gu math eadar-dhealaichte bhon an fheadhainn eile, bha e mòr dhuinne.

CM: Uill, a-nise, sin thusa ag obair ann an suidheachadh làitheil. Bha Murchadh MacLeòid, bha e ag obair airson pàirt dhen ùine... tha e fhèin air a bhith na fhear-naidheachd ag obair làitheil cuideachd, ach 's ann gu seachdaineach a tha thusa ag obair an-dràsta, a Mhurchaidh. Mar sin, dè cho duilich 's a tha e air a bhith dhutsa?

Murchadh MacLeòid (MM): Uill... uill, 's e tha air a bhith duilich anns an t-seagh a tha sin, fèar coimhead ri... fèar coimhead ri dè tha sinne a' dol a dhèanamh. Chan eil sinne a' nochdadh ach aon thuras san t-seachdain. Thachair an tachartas mòr a bha sin aig faisg air toiseach na seachdain, agus feumaidh sinn a bhith... feumaidh sinn a bhith beagan làithean a' breithneachadh air dè fèar... dè fèar a tha sinn a' dol a dhèanamh. Dè dha-rìribh a bhios ùr aig deireadh na seachdain. Ach a bharrachd air a sin, bidh daoine, bidh cuid de dhaoine ag iarraidh lèir-chunntas dhen a h-uile càil a thachair bho ghabh na h-uabhasan sin àite madainn Dimàirt.

CM: Agus Thorcuil Crichton, tha mi a' creidsinn gu bheil thusa an aon rud, ach tusa ga dhèanamh bho shealladh Lunnainn a-nise?

Torcuil Crichton (TC): [???] sealladh Pàrlamaid cuideachd. Tha mise, feumaidh mi a dhol sìos an-dràsta gun a' Phàrlamaid, 's an deasbad a' tòiseachadh ann an uair a thìde, 's tha e, mar a thuirt Murchadh, tha e duilich air a tha thu a' faicinn nan naidheachdan a' dol seachad ort gach latha, 's feumaidh tu feitheamh airson deireadh na seachdain. Cha b' urrainn dhut a chur nas fheàrr na na chuir Dòmhnall fhèin e. 'S e... 's e deagh naidheachd a th' ann dhuinne mar luchd-naidheachd air a tha droch naidheachd ann. Cha b' urrainn dhuinn ach a bhith ag ràdh, 'Uill, tha sinn toilichte gu bheil rudeigin againn ri dhèanamh.' Tha thu cuideachd a' faireachdainn ceart cho truagh 's cho duilich mu dheidhinn an suidheachadh mar a tha a h-uile duine eile, ach tha fios agad gum feum thu dìreach leantainn air adhart ris. Agus gu ìre, leis an sgeulachd seo, tha sinn fortanach air sgàth gu bheil sinn ann am Breatainn. Tha sinn mìltean air... mìltean de mìle air falbh bhon an suidheachadh uabhasach duilich. Cha chòrdadh e rium a bhith stuck ann am meadhan... meadhan Manhattan an-diugh...

CM: Ach, ge-tà, man a tha an naidheachd a' tighinn nas fhaisge air a' phàipear agaibhse, 's e an rud a tha sinn a' faicinn, chan eil i cho fad air falbh bhuainn sin. Tha sinn a' cluinntinn Jack Straw ag ràdh, còig ceud duine, 's dòcha. Thathas gar n-ullachadh airson sin. Mas e 's gun tachair sin, an tubaist as motha far an deach Breatannaich a mharbhadh 's dòcha bho àm an Dara Cogaidh.

TC: Tha. Bidh e uabhasach nuair a chluinneas sinn barrachd mu dheidhinn sin an-diugh fhathast, agus anns na làithean cluinnidh sinn ainmean nan daoine 's bidh sinn a' bruidhinn ri teaghlaichean daoine, agus tha sin... siud duilgheadas fhèin an sin a tha a' dol a-steach air meadhan... meadhan bàs mar sin, a' bruidhinn air tubaistean uabhasach mar sin. Tha mi a' creidsinn gu bheil cuimhne againn air sgeulachd an Solway Harvester. Cha do chaill ach seachdnar am beatha an uair sin, ach 's ann à coimhearsnachd beag, baile beag, ann an ceann a deas Alba a thàinig iad, coltach ri baile sam bith eile, baile beag sam bith air a' Ghàidhealtachd, 's cha robh e uabhasach furasta a' dol a-steach an sin a bhruidhinn ri càirdean 's caraidean nan daoine òga seo a bha iad air chall aig muir. Agus aig amannan mar sin, chan e... chan e obair... chan e obair a tha uabhasach math... 's e obair uabhasach suarach a th' ann uaireannan air a dh'fheumas tu a bhith a' bruidhinn ri daoine mar sin. Ach tha thu dìreach a' leantainn air adhart ris.

CM: A bheil sin ceart, a Mhurchaidh? A bheil e... dìreach an-dràsta, a bheil e ga do thoirt fhèin ceum air falbh. Tha thu dìochuimhneachadh, 's mise Murchadh MacLeòid. Tha sgeulachd agad air do bheulaibh. Tha beàrn agad ri lìonadh. Tha briathran agad ri chur ann. Agus tha thu dìreach ga dhèanamh.

MM: Tha thu fèar gan dèanamh. Tha thu fèar a' smaoineachadh air na rudan a tha thu a' dèanamh 's rudan a tha thu a' sgrìobhadh agus rudan a tha thu a' leughadh. Tha thu fèar a' smaoineachadh orra man briathran. Nam biodh tu dha-rìribh a' smaoineachadh 's a' dèanamh dealbh nad inntinn fhèin air dè fèar... dè dìreach an tachartas a bha thu... a bha thu ag ainmeachadh ann a shin, tha mi a' smaoineachadh gun deigheadh tu às do chiall. Bha mise aig sgeulachdan a bha uabhasach ron a seo. Bha mi aig Dùn Bhlàthain, mar eisimpleir, agus bhithinn... bhithinn, fhios a'd, bhithinn a' dèanamh cunntas, bhithinn ag èisteachd, a' dèanamh sgeulachd, agus cha bhiodh tu... nan tòisicheadh tu a' smaoineachadh air dè fèar a bha thu ag ràdh, gun deach cuideigin a-steach gu sgoil 's gun do mharbh iad... mharbh iad... a mharbhadh clann òga mar sin, nam biodh tu dha-rìribh a' smaoineachadh air a h-uile facal agus dè am brìgh a bh' anns na facail a bha sin, 's ann a dheigheadh tu... dheigheadh glan às do rian, agus bha thu fèin a' feuchainn ri do dhealachadh fhèin bhon an rud a bha thu ag ràdh.

DM: Saoil, a Mhurchaidh... saoil, a Mhurchaidh, a bheil buileach? Tha mi a' tuigsinn dha-rìribh dè tha Murchadh ag ràdh, ach a' dol air ais gu Dùn Bhlàthain, man a bha esan ag ràdh an siud, bidh cuimhn' agaibh, 's dòcha, air Ailean MacAoidh, fear-naidheachd BBC Alba aig an àm sin, aig an robh buntanas ris an sgìre a bha sin...

TC: Uill, bha e a' fuireach anns a' bhaile, cha chreid mi.

DM: Bha e a' fuireach anns a' bhaile, dìreach, agus tha mi a' smaoineachadh gun do chuir Ailean tòrr dheth fhèin dha na h-aithrisean a bha e a' dèanamh aig an àm sin. Tha Murchadh ceart. Nam biodh e a' dol a chur a h-uile faireachadh a bh' aige an cèill, bhiodh e air tuiteam às a chèile, 's dòcha. Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil againn ri luchd-naidheachd, nuair a thachras rud cho fìor mhòr an seo, agus tha seo eadar-dhealaichte bho nuair a bhàsaich a' Bhana-phrionnsa Diana, ach an-dràsta, chan eil duine reusanta ann an àite sam bith air an t-saoghal nach eil a' faireachdainn dubh na chridhe mun seo, 's feumaidh tu pàirt dhen a sin, tha mi a' smaoineachadh, a chur a-steach ann. Agus a dh'innse na fìrinn, a Choinnich, tha mi a' smaoineachadh gur ann an-diugh, Dihaoine, a tha an rud dha-rìribh air tòiseachadh air bualadh ormsa, agus gu bheil, mar gum b' eadh, beagan dhen an fhearg a tha seo, air an robh an Ceann-suidhe Bush a' bruidhinn, agus rudan eile, a' tòiseachadh a' tighinn a-steach, 's feumaidh tu pàirt dhen a sin, tha mi a' smaoineachadh, a chur dha na naidheachdan a tha thu a' lìbhrigeadh.

CM: Uill, 's ann an-dràsta a tha sinn a' faicinn an rud a bha mi ag ràdh ann an siud, 's ann an-dràsta a tha sinn a' tòiseachadh a' tuigsinn. Tha na sgeulachdan seo a' bualadh air daoine, chan ann... chan ann ann an New York idir, ach tha e a' bualadh air teaghlaichean, màthraichean, anns na coimhearsnachdan againn fhìn. Bha mi a' leughadh pàipear, mar a tha sinn a' dol a chluinntinn a-rithist, tha mi a' smaoineachadh gur ann ann an Saudi Arabia a bh' ann an-dè, fear a tha seo à Pakistan, agus esan ag innse sgeulachd aigesan, mar a fhuair esan a-mach às a seo. Tha Zena ann an seo, gun fhios nach eil sibh air dìochuimhneachadh, agus dè, Zena, a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil na naidheachdan, na meadhanan air seo a làimhseachadh ann an dòigh mhath?

Zena Nicoll (ZN): Ò tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Tha a h-uile duine aca gan làimhseachadh ann an dòigh iongantach. Chan urrainn dhaibh am faireachdainnean fhèin a shealltainn. 'S ann a tha mi a' gabhail iongantas an-dràsta, an dùil a bheil e... chan ann [???] na tha a leithid Mhurchaidh a' dèanamh, an dùil a bheil e nas fhurasta dhan duine a tha ga sgrìobhadh? A bheil fhios agad, tha barrachd tìde aige airson smaoineachadh mu dheidhinn na an duine a dh'fheumas a dhol, man leithid Dhòmhnaill, 's dòcha, ann an dhà no thrì mhionaidean, a-steach a chur naidheachd mar seo air beulaibh sluaigh.

DM: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil, Zena. Agus chan urrainn dhut coimeas a dhèanamh eadar mise, a tha nam shuidhe ann an Inbhir Nis, agus an luchd-naidheachd a tha thall ann an New York an-dràsta, 's ann an Washington. Sin an fheadhainn dha bheil e dha-rìribh doirbh. Smaoinich nam biodh seo air tachairt ann an teis-mheadhan Ghlaschu. Bhiodh e gu math doirbh dhuinn.

CM: Uill... no ann an Lunnainn, far a bheil thusa, a Thorcuil. A bheil e nas fhasa dhutsa, 's dòcha?

TC: Chan eil sinne càil nas fhaisge air na duine sam bith eile. Ge-tà, feumaidh mi ràdh ri Zena gu bheil e... tha e tòrr nas fhurasta a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn cùisean na tha e a bhith a' sgrìobhadh mu dheidhinn, gu h-àraid aig deireadh-seachdain nuair a tha a h-uile duine eile air na beachdan aca fhèin...

CM: Airson 's e an rud a dh'fheumas sinn a chui-... an rud a dh'fheumas sinn a chuimhneachadh, naidheachdan an latha an-diugh a tha sibhse a' sgrìobhadh, sin eachdraidh an latha a-màireach, agus daoine a' toirt sùil air ais air.

TC: Sin e. 'S tha mi a' creidsinn gu bheil sin air inntinn tòrr dhaoine eile air a tha iad a' cur sìos nam faclan aca. [?'S e sin], mar a thuirt iad, a' chiad car de dh'eachdraidh a th' ann, gu ìre.

ZN: Tha. Tha e dìreach eadar-dhealaichte. Tha e dìreach... tha mi a' smaoineachadh gu bheil barrachd tìde agaibh air sibh fhèin a chuartachadh, mar gum b' eadh, 's air smaoineachadh mu dheidhinn. Agus rud eile a tha mi a' smaoineachadh, 's dòcha gu bheil e nas fhasa - 's dòcha nach aontaich duine agaibh ri seo - dhuibhse air rèidio na an-dràsta an duine a tha a' dol air beulaibh nan cameras.

DM: Tha.

ZN: Fhios a'd, faodaidh sibhse ur faireachdainnean gu ìre... gu ìre bheag, seadh, a shealltainn, ach chan urrainn dhaibhsan.

DM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin ceart. Chan eil teagamh nach eil ag aithris naidheachdan ann an suidheachadh beò dhen t-seòrsa sin air telebhisean, rudan mar News Twenty-four air a' BhBC, Sky agus CNN. An luchd-naidheachd a tha a-muigh, mar gum b' eadh, air a' bhlàr a-muigh, a th' ann an New York 's ann an Washington 's ann an Islamabad 's na h-àiteachan sin, sin na daoine, bho shealladh naidheachd dheth, a th' aig cridhe na cùise a tha seo, 's tha iad fhèin mar phàirt dhen an uabhas. Chan ann a' coimhead air bhon taobh a-muigh a tha iad. Tha iad mar phàirt dheth.

ZN: An robh thu a' faicinn fear a' chamara a bha siud ann an New York 's bha e ag ràdh: "Tha mi an dòchas gu bheil mi a' dol a mhairsinn beò. Tha mi an dòchas gu bheil mi a' dol a mhairsinn beò."

CM: Dotair a bh' anns an fhear sin.

ZN: An e? 'S an robh iad a' tighinn dìreach thuige? Bha thu ga fhaicinn man a bha e a' tachairt.

DM: Tha sin ceart. Tha sin cho fìor, Zena, 's a tha sibh ga ràdh. Tha sinn air faicinn man a bha luchd-smàlaidh 's na poilis, thuit an togalach orra. Tha luchd-naidheachd, luchd-camara, 's an luchd-naidheachd fhèin, 's luchd-aithris 's eile, tha iad sin a' cur am beatha, gu ìre, ann an cunnart cuideachd ann an suidheachaidhean dhen t-seòrsa sin.

CM: Ach an dèidh sin, an dèidh a h-uile càil a tha sin a ràdh, ann an dòigh, tha a' phroifeiseantachd a' gluasad a-steach agus ann an dòigh tha luchd nan cameras, tha iad a' dèanamh an rud a chaidh an trèanaigeadh air a shon airson bliadhnaichean, agus aig amannan 's dòcha gun fhios aca fiù 's gu bheil iad ga dhèanamh no gu bheil mothachadh aca gu bheil iad ga dhèanamh.

TC: Sin e. Sin e dìreach. A' bruidhinn ri luchd-camara mu dheidhinn suidheachaidhean mar sin, tha e iongantach an seòrsa diofar a nì e air a tha thu a' coimhead ris an t-suidheachadh tro lens camara. Tha e a' cur astar air choreigin eadar thu fhèin agus an nì... agus na tubaistean a tha a' tachairt aig an àm. Chan eil sin fìor às dèidh làimh, cha chreid mi. Tha cameramen 's luchd... daoine a tha a' togail dealbhan airson telebhisean a' faireachdainn cùisean mar seo tòrr nas duilich às dèidh làimh, fada às dèidh làimh.

Bha mi... an t-seachdain a chaidh bha mi shuas aig taisbeanadh a tha a' dol an seo ann an Lunnainn mu dheidhinn photojournalism timcheall an t-saoghail, 's bha dealbh an sin aig caraid, fear a tha mi eòlach air mar fear a bha mi ag obair leis aig a' Sunday Herald. Bha e an sàs ann an... uill, cha robh e an sàs ann - bha e air a ghlacadh ann am meadhan sgrios uabhasach ann an Indonesia air a bha e am broinn eaglais còmhla ri oileanaich, agus thòisich na saighdearan Indonesian a' losgadh orra. Tha seo bho chionn deich bliadhna air ais. 'S bha daoine a' bàsachadh timcheall air. 'S aig an àm cha do rinn e càil ach gun do lean e air adhart. Cha b' urrainn dha càil eile a dhèanamh. Bha e a' dol a... uill, bha dùil aige gun robh e a' dol a... bha e làn dùil gun robh e a' dol a bhàsachadh. Ach lean e air adhart a' togail na deilbh, agus a' togail deilbh dhe daoine timcheall air a' dol sìos làn fuil 's a' bàsachadh. Aig an àm sin... fhuair e a-mach às beò. Fhuair e a-mach [?às an rìoghachd] beò agus fhuair e film aige a-mach beò, 's bha sin mar... 's e sin an aon rud a tha a' dearbhadh gun do thachair seo, air sgàth gun robh na Indonesians fada na aghaidh. Ach bruidhinn ris a-nis mu dheidhinn, agus tha e a' gliogadaich. Tha e a' dol air chrith mu dheidhinn. Tha e air ais meadhan an eaglais, meadhan na daoine a tha a' bàsachadh, am mionaid a thòisicheas e a' bruidhinn mu dheidhinn.

CM: Uill, seo an rud a tha sinn a' dol a dh'fhaicinn a-nise. Chan eil seo ach a' chiad phàirt dheth. Tha sinn air a bhith a' faicinn na h-aithrisean naidheachd, na h-aithisgean naidheachd co-cheangailte ris a h-uile càil a th' ann. Tha a-nise, tha sinn a' tòiseachadh a' nochdadh seòrsa eile de dh'obair naidheachd, 's e sin ceistean ga thogail, rannsachadh ga dhèanamh, beachdachadh ga dhèanamh, an dà chuid air an nì a thachair agus na nithean a tha a' dol a thachairt, agus... a bheil sinn a' gluasad gu, mar gum b' eadh... bha mi a' dol a ràdh mode eile ann an seo, a Mhurchaidh?

MM: Uill, gu dearbh. Bidh tòrr dhe na rudan air deireadh na seachdain a' coimhead... tha beagan dhe seo air tachairt mar-thà, ach bidh tòrr dhe na rudan a bhios ann air deireadh na seachdain a' coimhead air ciamar a rinn às bith cò rinn e seo... cò... dè seòrsa rud a dh'fhaodadh a bhith ann a-nis. Ciamar a bhios a' chòrr dhen t-saoghal a' feuchainn ri... ris a' chùis a dhèanamh air ceannairc, agus an àite a bhith... agus an àite a bhith a' coimhead air ais, a' coimhead air... a' coimhead air faireachdainn nan daoine a bha... a bha an sàs anns an rud, bithear a-nise a' coimhead air adhart, 's dòcha, chan eil fhios a'm, a' bruidhinn ri saighdearan mu dheidhinn dè dh'fhaodas tachairt. Tha an rud a' sìor ghluasad air adhart. Ach 's e an cunnart a th' againn... 's e an cunnart a th' againn a-nis le tòrr dhe na... tòrr dhe na h-aithrisean nuair a thèid an dèanamh, nach e a bhios ann ach fèar daoine... daoine fèar a' smaoineachadh speculation a bhios ann, a' mhòr-chuid. Chan eil fhios aig duine dè ghabh àite air na plèanaichean a tha sin, ach a dh'aindeoin sin tha sinn a' faicinn cuid de dh'aithrisean air gun robh a leithid seo de sabaidean air na plèanaichean eadar na hijackers agus na daoine a bha... agus na daoine a bha a' siubhal air a' phlèana.

CM: Uill, sin agad gu dearbha an seòrsa rud a tha sinn dualach a bhith a' faicinn a-nise. Mo thaing gu dearbha dhan an triùir agaibh. Tha sinn a' dol a leantainn oirnn a' faighinn a-mach dè bha a' tachairt air na naidheachdan ann an àitichean eile dhen an t-saoghal, airson a bhith dìreach a' toirt beachdan air... sùil a-steach air saoghal nam meadhanan, agus a h-uile duine a' dèanamh dheth nach eil seo a' bualadh air daoine 's gu bheil e dìreach a' dèanamh cha mhòr uaill às an rud a th' ann, ach mar a chuala sinn ann an siud idir, 's e obair an luchd-naidheachd a bhith a' lìbhrigeadh an naidheachd. Tha luchd-naidheachd a' coimhead airson sgeulachdan mòra, ach cuideachd aig amannan agus ann an àitichean mar a tha seo, tha e a' bualadh gu pearsanta orra cuideachd. Mo thaing gu dearbha do Dhòmhnall, do Mhurchadh, agus do Thorcuil.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good