Search

Mar a rinneadh na b' fheàrr mart air an do laigh an droch-shùil.

Date 19 September 1958
Track ID 38853
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.80.B11

Original Tape ID

SA1958.080

Summary

How a cow with the evil eye was cured.

A girl from Gairloch told the contributor that there was something wrong with one of their cows. The contributor told her that someone must have put the evil eye on it and that they should put a silver coin in a bowl of water and throw the water over the cow in the name of the Father, Son and Holy Spirit. It would be even better if the cow were to cross a stream as evil never crosses streams.

The girl wrote to her brother with this information and a fortnight later she said the cow was better.

Recording Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Dè a-niste mu dheidhinn boireannaich a bhiodh a' falbh le toradh a' bhainne, fhios a'd, a bhiodh a' goid a' bhainne. An robh a leithid sin ann?

Peggy MacDonald (PM): Uh?

CM: Bhiodh iad a' falbh le toradh a' bhainne, nuair a bhiodh iad a' falbh a' goid a' bhainne, boireannaich... nach biodh bainne ceart aig na beothaichean?

PM: Ò, dadaibh sibhse oirbh. Chunna mise dà nighean ann an seo, 's ann a mhuinntir Gheàrrloch a bha iad, agus thàinig an dithis aca ann an seo, bha iad gan cosnadh fhèin thall ann a shin. Agus, thòisich tè dhiubh air innse ann an seo, mart a bh' aca, am mart a b' fheàrr a bh' aca. Ars ise:

"Gu dè is sgialt di?" ars ise. "Fhuair mi litir om bhràthair," ars ise, "agus bhrist i an ceangal," ars ise, "agus laigh i," ars ise, "ann an cùl an dorais 's thòisich i air rànaich," ars i fhèin. "Agus chan eil fhios againne," ars ise, "theab nach fhaigheamaid," ars ise, "a-mach i 's an dèidh dhuinn a cur a-mach, chan fhaigheadh a cur a-staigh."

Agus bha i...

"Och," arsa Seasaidh, an nighean agam fhìn, "feumaidh gum faca i radan no cat."

"Cha robh a leithid a rud ann," ars ise. "Bha i eòlach gu leòr orra."

'S bha mi fhìn ag èisteachd.

"Uill," arsa mise, "feumaidh, ma-tà," arsa mise, "gun do laigh sùil cuideigin oirre. 'S e droch chridhe tha ann, jealous."

"Feumaidh gun robh," ars ise.

"Chan eil fhios a'm," ars mise, "a bheil sibhse ga chreidsinn. Faigh thusa," arsa mise, "bonn leth-chrùin no bonn dà thastain, agus cuir ann am bobhla uisge e. Agus cuir oirre an t-uisge," arsa mise, "air na meidhichean aice," arsa mise, "ann an ainm an Athair 's a Mhic 's an Spioraid Naoimh, ma tha thu ga chreidsinn."

"Ò," arsa Babs, "tha mise ga chreidsinn."

"Uill," arsa mise, "agus ma tha i a' dol a-null," ars mise, "air sruthan, tha e nas fheàrr," arsa mise. "Cha tèid droch rud seachad air sruthan uair sam bith."

Ach co-dhiù:

"Tha mi toilichte," ars ise, "sin a chluinntinn, agus tha mi a' dol a sgrìobhadh gu mo bhràthair."

Agus sgrìobh i thuige.

"Ach dh'fhaodte," arsa mise, "gum bi i treis," arsa mi fhìn, "mun tig i dha h-àite fhèin."

Bha iad a' dol ga reic. Ach co-dhiù, sgrìobh i thuige. Ach an dèidh cola-deug, thàinig i.

"Tha am mart nas fheàrr," ars ise.

"A bheil?" arsa mise. "Nach math sin."

"Ò," ars ise, "nach robh mo bhràthair a' ràdh gur bochd nach robh mi goirid dhan tè a leighis am mart. Chan eil e a' dol ga reic idir. Am mart a b' fheàrr," ars ise, "a bha san àite."

Sin agaibh a-nist. A chionn tha iomadach rud dhen t-seòrsa sin ann, ach 's e droch chridhe tha ga dhèanamh.

CM: 'S e, droch chridhe, sin agaibh e.

PM: Droch chridhe 's jealous a tha ga dhèanamh.

CM: Agus bha rann aca cuideachd uaireannan, nuair a bhiodh iad a' dèanamh snàithle, tha fhios a'm, ach fuirich gu 'n cluinn sinn seo a-niste.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good