Search

Lusan airson leighis agus creideamhan a thaobh iasgaich.

Date 01 July 1960
Track ID 39490
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.124.A1; A2; A3

Original Tape ID

SA1960.124

Summary

Plants for cures and fishing superstition.

The contributor explains about a plant that was used to cure illness in animals. They also used plants such as sorrel, the blossom on heather and lichen to make dyes. It was said that it was bad luck to go to sea wearing socks dyed with lichen. When people from Barra first starting using the land on Vatersay for agriculture, a man from Tiree was found drowned on the beach. He was wearing socks dyed with lichen. It was also bad luck to eat an egg at sea or to speak of rabbits. The contributor's uncle was fond of hunting rabbits and one day at sea he mentioned them three times. An old man on board was angry with him but they filled the boat with fish. This same old man once threw a fistful of salt into the fire when he found out that the crew had given water to another boat that had run out. He believed that they had given away the boat's fortune along with the water.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Agus nuair a dh'fhuaraicheadh...

Nan NicFhionghain (NN): Nuair a dh'fhuaraicheadh an lìth a bha sin, bha iad ga chur ann am broinn botail agus ga chur ann am broinn a' bheothaich, agus bha sin ga leigheas.

IM: Nuair a bhiodh an tiormachd, no...

NN: Seadh, nuair a bhiodh an tiormachd air. 'S e am broilein a chanadh iad ris an uair sin. Am broilein. Ach 's e an tiormachd a chanas iad ris an-dràsta.

IM: Agus am bi daoine, am bi iad a' cleachdadh an fhacail sin idir a-nise, broilein.

NN: Cha bhi an-dràsta, cha bhi, cha bhi. An tiormachd a bhios iad ag ràdh. Tha na faclan a tha sin air a dhol à fasan san àite againne.

IM: Dè their iad ris an rud a tha sìos air uchd mairt?

NN: Sprogan.

IM: Sprogan a their sibhse?

NN: Sprogan. 'S e.

IM: Chuala mi ann an Uibhist, aig mo mhàthair co-dhiù, 's e am broilein a theireadh i ris a sin tha mi a' smaoineachadh, ris a' phàirt... sìos air an uchd.

NN: Seadh. 'S e sprogan a chanas sinne ris a sin.

IM: Seadh. Seadh. Sin a their iad anns an Eilean Sgitheanach, tha mi a' smaoineachadh, cuideachd. Sprogan.

NN: Sprogan a chanas sinne ris a sin. 'S e.

IM: Agus an cuala sibh riamh iad a bhith a' cur... a' goil lus ris an can iad an eàrr-thalmhainne?

NN: Cha chuala.

IM: Flùr. Tha i a' fàs... bidh i a' fàs ann an... dòcha ann am bruaich no ann an gàrradh-cloiche, agus tha i mun àirde sin, canaibh mu throigh a dh'àirde, agus duilleagan oirre, agus nàdar de dhuilleag bheag mheanbh air a h-uile duilleag, a bheil fhios agaibh?

NN: Seadh, seadh. Tha mi a' tuigsinn.

IM: Agus àileadh làidir dhith. 'S flùr geal no flùr rudeigin gorm, 's flùr dearg uaireannan cuideachd.

NN: Seadh. Cha chuala mi.

IM: Agus bhiodh iad ga thogail leis an fhreumhaich. Cha chuala sibh iad a bhith...

NN: Cha chuala mise iad a bhith a' dèanamh sgath leis a sin. Cha chuala.

IM: 'S an robh an còrr a lusan a-nise a tha cuimhn' agaibh air?

NN: Ach bhiodh iad a' dèanamh dathan leis an t-sealbhaig. An aithne dhuibh fhèin an t-sealbhag?

IM: 'S aithne dhomh an t-sealbhag. Dè an dath a dhèanadh iad leis a sin?

NN: Dath dearg.

IM: Dath dearg.

NN: Dath dearg.

IM: 'S ciamar a bhiodh iad ga chur air dòigh?

NN: Bhiodh iad ga... 'S e an fhreumhach aice.

IM: Cha b' e an lus fhèin idir?

NN: Cha b' e. Ò, cha b' e ach an fhreumhach aice. An fhreumhach aice. Is bha iad ga goil, 's bha iad a' cur an t-snàtha san t-sùgh aice, 's bha iad a' goil an t-snàtha san t-sùgh 's bha an snàth a' fàs dearg. 'S bhiodh iad a' dèanamh dathan le buidhe an fhraoich. Bàrr an fhraoich; 's e dath buidhe a dhèanadh e. 'S e dath brèagha buidhe. 'S e. Agus chuala sibh fhèin mun chrotal, tha mi a' creidsinn?

IM: Chuala.

NN: An glas a tha siud a bhios air na creagan. Uill 's e dath ruadh a dhèanadh iad leis a sin.

IM: 'S an cuala sibh riamh gur e droch rud a bh' ann a bhith a' cur dath crotail air aodach sam bith?

NN: Chuala. Chuala mi nach bu chòir do dhuine sam bith a dhol gu muir le, canaibh, geansaidh air snàth crotail, no stocainnean crotail.

IM: Carson seo?

NN: Uill, bha iad ag ràdh nach... duine sam bith a chuireadh stocainnean crotail air a' dol gun a' chuan, ach co-dhiù bha gu leòr de rudan gun dòigh ann dha robh iad a' toirt gèill, nach tilleadh e. Agus chuala mi iad ag ràdh nuair a thòisich iad air tighinn a-nall a Bhatarsaigh an toiseach a dhèanamh àitich... fhios agaibh, thòisich na daoine air tighinn a-nall a Bhatarsaigh an toiseach a dhèanamh àitich mun tàinig iad idir ann. Bhiodh iad a' tighinn a-nall a dhèanamh buntàta 's coirce 's a leithid sin. Fhuair iad fear air a' chladach ann, a thàinig à Tiriodh, agus bha iad ag ràdh gur e stocainnean crotail a bh' air, agus bha iad ag ràdh nach do chuir gin dhe na Barraich riamh stocainnean crotail orra dhan a' chuan.

IM: Dìreach. Agus cha robh iad a' toirt adhbhar sam bith, mar gum biodh, seachad air a shon. Cha robh...

NN: Cha robh. Chan eil fhios a'm a-nist gu dè bu choireach.

IM: Cha chuala sibh riamh gun do dh'iarradh a chrotal a chreag. No gun do dh'iarradh an crotal chun na creige?

NN: Cha chuala mi sin a-nist idir, ach dh'fhaodte a-nist gur e sin a' chiall a bh' aige.

IM: Sin a-nise a theireadh iad ann am pàirtean dhen Eilean Sgitheanach. Nan d' rachadh duine a-mach, a bheil fhios agaibh, gun robh an crotal, a chionn 's gur ann air creig a bha e a' fàs gun robh e ag iarraidh air ais chun na creige...

NN: ... gun robh e ag iarraidh air ais gu tìr. Seadh. Cha chuala mise sin a-nist idir

IM: ...gun robh e ag iarraidh a dhol chun an aigeil, a bheil fhios agaibh.

NN: Seadh. 'S e. Cha chuala mi sin idir. Cha chuala. Agus sin rud eile anns an robh iad a' creidsinn nuair a bhiodh iad a' dol gu muir. Cha ghabhadh e... bha gu leòr ann nach itheadh ugh. Bha.

IM: Agus carson seo?

NN: Ò, cha robh iad ga chunntais fortanach idir duine a dh'itheadh ugh mum falbhadh e. Ach cha robh sin ach rud gun dòigh

IM: Am bi iad a' creidsinn ann a shin fhathast?

NN: Ò, chan eil. Ò, chan eil sgath dheth siud a' dol an-dràsta. Chan eil, chan eil.

IM: Agus 's e ugh sam bith a bh' ann? Ugh circe, no ugh tunnaig, no...

NN: Ò, cha robh e gu diofar fhad 's a bhiodh e na ugh.

IM: Fhad 's a bhiodh e na ugh.

NN: Fhad 's a bhiodh e na ugh. Cha robh. Agus rud eile a bha iad a' creidsinn às, nuair a bhiodh iad a' dol na chuan. Ged a chitheadh duine coineanach gun a ghràdh... gun a bhruidhinn air coineanach. Air neo bha gu leòr dhe na bodaich, dhe na seann bhodaich a bha a' creidsinn ann, gum faodadh iad tilleadh nuair a bhathar a' bruidhinn air coineanaich, mar gum bitheadh. Agus sin rud eile a bha iad a' creidsinn ann, nan èigheadh duine às an dèidh. Ach co-dhiù, bha aon fheadhainn ann, 's bha bràthair m' athar fhèin air fear dhiubh 's bha iad a' dol a-mach dha na h-Abh a chur lìn mhòra, no lìn sgadain. 'S e mo bharail gur e lìn mhòra a bh' aca. Bha iad a' dol a-mach tron chaolas co-dhiù. 'S tha àite air an dala taobh na chaolas ris an can iad an Goirtean; Goirtean a' Chromaidh, 's e a chanas iad ris. 'S bràthair m' athar a-nist daonnan... bhiodh e a' falbh leis a' ghunna. 'S e fear sealgaireachd uabhasach math a bh' ann; bhiodh e a' sealg sgarbh 's bhiodh e a' sealg a' choinein.

"Ò a rìgh na grèine," ars e fhèin, "nach seall sibh," ars e fhèin, "na bheil de choineanaich air a' Ghoirtean."

Ò, thòisich bodach eile dhe na bh' innte, ghabh e an cuthach, air: "Tillibh,'s tillibh, 's tillibh, 's tillibh, 's tillibh."

Nuair a chunnaic bràthair m' athar sin, an fhearg a ghabh e, thòisich e air a ghràdh fad analach: "Coineanaich, coineanaich, coineanaich."

Ach lìon iad an sgoth le iasg.

IM: Uill, uill. Agus an droch fhortan a thigeadh orra, 's e nach fhaigheadh iad dad? Chan e idir gum faodadh dad... beud èirigh dhaibh fhèin, an e?

NN: Chan e. Ach cha robh iad a' dol a dh'fhaighinn sgath. Cha robh iad a' dol a dh'fhaighinn... ò, cha robh iad a' dol a dh'fhaighinn iasg idir, nam bruidhnte air coineanaich. Ach chuala mi naidheachd eile cuideachd air an dearbh bhodach, agus 's ann aig m' athair a chuala mi an tè sin. Bha iad, mar a chanadh iad, air na lochannan, tha fhios agaibh gu dè...

IM: Tha, tha.

NN: ...nuair a bhiodh iad a' dol sìos a dh'ionnsaigh an Eilein Sgitheanaich a dh'iasgach sa gheamhradh. Thàinig sgoth air choreigin eile gu sgoth anns an robh m' athair, agus am fear sa, am bodach sa anns an robh na geasagan, thàinig iad a dh'iarraidh uisge. An t-uisge air ruith gann orra. Co-dhiù, cha do thachair dhan bhodach gheasagach gun robh e gu h-àrd idir nuair a thugadh seachad an t-uisge. Agus thug iadsan dhaibh an t-uisge co-dhiù, 's... Ach co-dhiù, an dèis dhaibh falbh, thàinig am bodach a bha seo a-nuas, 's gu mì-fhortanach thuirt cuideigin ris gun tug iad seachad an t-uisge. Ò, ghabh e an cuthach 's an conas. Dh'fhalbh e agus thug e thuige dòrlann salainn agus chaith e anns an teine e. Agus cha robh fhios aig m' athair riamh gu dè an ciallachadh a bh' aige. Ach cha do leig e riamh air dìochuimhne an rud a rinn e. Thug e thuige dòrlann salainn agus chaith e air mullach an teine e. Bha e a' dèanamh a-mach, a bheil fhios agaibh, an fheadhainn a thug leotha an t-uisge, gun robh iad a' toirt bhuacha am fortan; nach fhaigheadh iad sgadan no sgath tuilleadh. Bha e a' creidsinn ann a shin.

IM: Agus leis an t-salann a chuir e mullach an teine...

NN: Feumaidh gur ann a' feuchainn ri thilleadh a bha e, no rudeigin. 'S e... chaith e dòrlann salainn air mullach an teine. Bha na rudan gun dòigh a bha sin a-nist a' dol aig gu leòr aca. Bha.

IM: Och, dhìol, bha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good