Search

Mac an rìgh a' pòsadh An Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear M...

Date 04 March 1974
Track ID 39599
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1974.59.B2+60.A1

Original Tape ID

SA1974.059

Summary

King's son marries An Tè Bheauty from Rìoghachd nam Fear Mòra.

The king had one son who was young when the queen died and he remarried. He had three sons from the second marriage and his first son was badly neglected. There was a tree in the king's garden which bore much fruit and was very profitable. One morning, all the fruit was destroyed. The same happened the next year. The king sent the eldest of his second wife's sons to guard the tree the following year. He heard a terrible noise in the night and fled, and the tree was ruined the next day. The two younger sons stood guard the next two years but the same happened. The firstborn son offered to stand guard the following year and asked his father for a sword. When the noise came, he struck with the sword and in the morning, only part of the tree was damaged and feathers were lying about.

The second wife's eldest son asked for a boat to go in search of this bird. He never returned and his brothers followed. None came back and the firstborn asked for a boat. While it was being rigged a man was asked if he could come with him. The king's son made him captain and he found a crew. They sailed to Rìoghachd nam Fear Mòra. The captain told him the bird was in the king's palace, along with a wonderful mare and his beautiful daughter, called An Tè Bheauty. The king's son got work as a groom at the palace. He tried to take the bird, but was caught. On the captain's advice, he said he was trying to bring the mare, the bird and the princess together, thinking it would be the most beautiful sight on earth. The king agreed and the boy was appointed to escort them as they paraded the town each night. One night he took them to his ship and made off with them all.

He came across his half-brothers' boats at an island he was passing. They were still hunting for the bird. One bribed his captain and they all sailed home, leaving the firstborn stranded on the island. The eldest of the brothers wished to marry An Tè Bheauty but she wished to wait a year in case her original captor came. He was rescued by boat shortly before the year was up and got to his father's house just before the wedding. He and An Tè Bheauty married and went back to Rìoghachd nam Fear Mòra, taking the mare and the bird with them.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT550

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Siuthadaibh ma-thà, dìreach feuchaibh oirre ma-thà.

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Dad thusa a-nist. Uill, am feuch sinn air a' Ghuileagan Faoidhn 's air a' Mhorgan Eàr 's air an Tè Bheauty?

DE: Ah, sin tè eile as toigh leam. 'S toigh leam i sin cuideachd.

DA: An toil?

DE: Mm-hmm.

DA: Uill faodaidh sinn feuchainn oirre sin.

DE: Feuchaibh oirre, ma-thà, a Dhòmhnaill Alasdair.

DA: Ma thèid againn oirre.

DA: Tha fhios gun tèid. Tha fhios gun tèid.

DA: Chan eil i... [???] ruith oirre co-dhiù.

Uill, 's e rìgh a bh' ann, agus bha e pòsta, 's bha aona ghille aige. Agus bhàsaich an seothach a bhean air. Agus phòs e a-rithist, agus bha triùir ghillean ann, agus cha robh nighean idir ann.

Agus bha a-nist an teaghlach air fàs suas, agus cha robh mòran sam bith aca mu ghille na ciad mnatha, ach an fheadhainn a bh' aige bhon bhean mu dheireadh. Agus bha an rìgh fhèin na bu mheasaile orra na bha e air a' ghille... a' chiad ghille a bh' aige.

Agus bha iad air fàs suas nan daoine. Agus bha craobh aig an rìgh anns a' ghàrradh, agus nuair a... cha robh bliadhna nach robh i a' pàigheadh mòran dhen stàid leis na measan, leis na bh' oirre de mheasan. Agus an oidhche a bh' ann a sheothach co-dhiù, ge brith gu dè thàinig an rathad na craoibhe, làrna-mhàireach cha robh i dìreach... cha robh meas air fhàgail oirre nach robh air a... air a' chnoc.

Ò cha robh fhios aige o Dhia, an rìgh, a Dhia Mhòir, gu dè rud a dhèanadh e. Agus bha e uabhasach dorranach mu dheidhinn a' chall a chaidh air.

Ach co-dhiù seothach an cea-... an ath bhliadhna, co-ainm na h-oidhche a mhilleadh a' chraobh, thuirt an rìgh ris... ris an fhear bu shine dhe na gillean a bh' aige on bhean mu dheireadh, thuirt e ris:

"Thèid thusa nist a-nochd," ars esan, "a dh'fhaire na craoibhe," ars esan. "Math dh'fhaodte," ars esan, "gur ann a-nochd - seo bliadhna o nochd," ars esan, "o rinneadh an sgaid oirre reimhid," ars esan. "Agus bheir thu leat," ars esan, "claidheamh."

Uill, 's e seo an rud a rinneadh. Am beul na h-oidhche dh'fhalbh an gille. Thug e leis an claidheamh 's chaidh e dhan ghàrradh. Bha e pìos bhon taigh. Agus shuidh e aig bonn na craoibhe co-dhiù, 's bha e ann a shin 's a' feitheamh agus suas an seo gu meadhan-oidhche, ò, dh'fhairich e an aon fhuaim 's an aon ùpraid a' tighinn 's an aon sgread a' tighinn tron iarmailt. Ò, cha do rinn e ach cho luath 's a rinn e riamh, thug e na buinn às tighinn dhachaigh. Agus an làrna-mhàireach, nuair a dh'èirich an rìgh, bha a' chraobh air a milleadh air ais. Dh'fhaighneachd e dhan ghille gu dè 's... Dh'innis an gille an ùp- ... an ùpraid a dh'fhairich e 's nach robh fhios aigesan o Dhia, 's nach robh e a' dol a dh'fhuireach an siud airson e fhèin a mhurt.

Uill, cha robh ach seothach... air seothach ach seo fhèin. Co-dhiù, chaidh a' bhliadhna seo seachad, agus an ceann an ath bhliadhna sineach, an co-ainm na h-oidhche a mhilleadh a' chraobh, thuirt e ris an darna fear:

"Thèid thusa a-nochd," ars esan, "a-nist," ars esan, "a dh'fhaire na craoibhe," ars esan, "agus feuch am fai-... faic thu... am faic mi," ars esan, "an dèan thu," ars esan, "feum ann."

"Thèid," ars an gille.

Uill, dh'fhalbh e 's chaidh e ann, 's ràinig e a' chraobh 's shuidh e aig bonn na craoibhe. Agus mar a thachair dhan fhear eile, suas mun mheadhan-oidhche an seothach, dh'fhairich e an ùpraid a bha seo a' tighinn, 's dh'fhairich e sgread a bha seo a' tighinn tron iarmailt. 'S ò, cha robh fhios aige o Dhia gu dè rud a bh' ann, 's cha do rinn e ach a chasan a thoirt leis dhachaigh. Agus bha e a' dèanamh dìreach air a' chraoibh, ge brith gu dè bh' ann.

Uill, co-dhiù seothach, làrna-mhàireach, bha a' chraobh air a milleadh. Agus cha do rinn... Dh'fhaighneachd an rìgh dheth gu dè dh'fhairich e, 's dh'innis e mar... cha robh ann ach dìreach mar a dh'fhairich am fear roimhe.

Uill, an ceann an ath bhliadhna sineach, nuair thàinig an oidhche ann an sineach, a' bhliadhna sin air ais, chuir e an gille... am fear òg ann, am fear a b' òige dhe na... gillean na ciad... a' bhean mu dheireadh. Agus thuirt e ris:

"Thalla thusa a-nist," ars esan, "thèid thu a-nochd ann, 's feuchaidh mi fhìn a-nist am faic mi," ars esan. "gun dèan thu rudeigin a dh'fheum," ars esan. "Chan eil... cha do rinn càch mòran co-dhiù," ars esan.

Agus dh'fhalbh am fear òg, agus thug e leis claidheamh 's ghabhadh air falbh. 'S ràinig e bonn na craoibhe an sin 's dh'fhan e mar a bha càch. Bha... shuidh e aig bonn na craoibhe. Agus suas dìreach mun mheadhan-oidhche air ais, dh'fhairich e an ùpraid. Agus bha an ùpraid a' teannadh air, 's bha an aon sgread a' tighinn tron iarmailt. Agus ò, cha do rinn e ach tharraing e air an taigh. Dh'fhàg e ann a shiud a' chraobh 's a h-uile sìon a bh' ann. Làrna-mhàireach bha a' chraobh air a milleadh.

Agus seo a' bhliadhna sin nuair a thàinig an oidhche, thuirt an gille a bh' aige bhon chiad bhean:

"Thèid mise," ars esan, "a-nochd," ars esan, "a dh'fhaire na craoibhe, athair," ars esan.

"An-tà, b' fheàrr leam fhìn, a ghràidhein, gun rachadh," ars athair.

"Ò 's mi rachadh ann," ars esan. "Bha mi air a dhol ann an toiseach," ars esan, "nan iarrte orm e," ars esan. "'S chan eil fhios a'm," ars esan, "an robh uiread de chall," ars esan, "ach chì mise," ars esan, "gu dè rud a bhios ceàrr... dè bhios ceàrr air a' chraoibh," ars esan, "no gu dè tha a' cur dragh oirre."

Agus:

"Ò ma-thà, le beannachd Dhia," ars athair, ars esan, "theirig thusa ann," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Fhuair e deiseil 's fhuair e claidheamh, 's nuair a thàinig beul na h-oidhche dh'fhalbh e, agus ràinig e a' chraobh. Agus bha e ann a shin na shuidhe aig bonn na craoibhe 's cha robh e a' faireachdainn sìon. Agus suas an sineach mun mheadhan-oidhche, dh'fhairich e an ùpraid a' tighinn.

Uill, dh'èirich e a-mach on chraoibh, agus bha e a' coimhead an taobh a bha an ùpraid a' tighinn. Agus thug e seo an aire do... mar gum biodh dùbhradh de rud a' dol seachad air, agus cha do rinn e ach cruinn-leum a thoirt suas, agus thug e sgrìob dhen chlaidheamh bhuaithe, agus dh'fhairich e mar gum biodh e a' truiseadh tro itean no rud dhen t-seòrsa sin. Agus leig am beothach a bh' ann, leig e sgread às, agus dh'fhalbh e.

Uill, dh'fhan e ann a shin gus an do shoilleirich i, agus nuair a shoilleirich i bha na h-itean mar - ceart gu leòr 's e itean a bh' ann - bha... bha iad air [?stràbh] timcheall air far an do thuit iad nuair a ruith an claidheamh tromhpa. Agus thòisich e rin togail.

Agus nuair a dh'èirich iad, cha robh ach aon phaidse beag dhen chraoibh dìreach far an tàinig e tarsaing, far a... air a thoirt air falbh dhe na measan. Bha an còrr math gu leòr dhen chraoibh. Agus:

"Ò uill," ars athair, ars esan, "'s math a rinn thu," ars esan.

"Ò bha mi air siud a dhèanamh o thoiseach," ars esan, "nam bite air iarraidh orm," ars esan. "Ach chan eil feum sam bith annamsa," ars esan. "Chan eil annamsa," ars esan, "ach duine nach eil sìon a dh'fheum ann co-dhiù agaibhse," ars esan.

Agus... Uill, chruinnich iad na h-itean a-nist, agus bhathar a' sealltainn nan itean anns... anns gach àite. Agus thuirt aon duine riutha a bh' ann a sheothach, thuirt e riutha gur e beothach ris an canadh iad an Guileagan Faoidhn, gur ann air a bha na h-itean a bha siud, agus gur ann ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a bha e.

Agus co-dhiù seothach, nuair a chuala na gillean a bha bhon chiad mhnaoi aige, agus am fear bu shine dhiubh, 's dh'fheumadh athair bàta a thoirt dhàsan agus bha esan a' dol a dh'fhalbh, agus gheibheadh e an t-eun. 'S bha aige ri stòr bliadhna a chur innte.

Uill, fhuair e siud, 's dh'fhalbh e, agus shiubhail e, agus an ceann na bliadhna mura faigh-... mura tigeadh e, cha ruigeadh iad a leas a bhith ga fheitheamh.

Dh'fhalbh e, agus r-... ruith a' bhliadhna, 's cha tàinig smid air cà 'n deach e no sìon. Agus 's ann a rinn an dàrna fear an uair sin a dh'fheumadh athair bàta a thoirt dhàsan, agus dh'fhalbhadh esan agus gheibheadh e e. Agus fhuair e sin 's dh'fhalbh e, agus bha stòr bliadhna sa bhàta.

Uill, dh'fhalbh am fear sin, agus mura... mura tigeadh e bho cheann na bliadhna, cha ruigeadh iad a leas a bhith ga fheitheamh.

Agus ruith a' bhliadhna seo 's cha tàinig smidean air fear seach fear aca, cà 'n deachaidh iad no gu de mar a bha iad. Agus cha tàinig eun no creutair eile.

Agus thuirt an uair sin am fear òg gum feumadh esan e fhèin a-nist bàta fhaighinn. Agus fhuair e sin, 's dh'fhalbh e fhèin. Agus bha esan a' dol ga fhaighinn co-dhiù agus mura faigheadh iad gabadh air bho cheann na bliadhna no mura tigeadh e, nach biodh... nach ruigeadh iad a leas a bhith a' feitheamh ris.

Uill, ruith a' bhliadhna mar a ruith i air càch, 's cha d' fhuaradh gabadh air 's cha tàinig sìon 's cha tàinig bàta 's cha tàinig eun. Agus thuirt an seothach am fear... an gille a bha bhon chiad bhean a bh' aige, am fear a thug an truiseadh air a' bheothach, thuirt e ri athair:

"Uill," ars esan, "bheir sibh a-nist dhòmhsa bàta," ars esan.

"Ò Dhia," ars athair, ars esan, "cò tha a' dol a dh'fhuireach an seo?"

"Ò," ars esan, "nam biodh càch an seo," ars esan, "cha bhiodh... bu bheag mo chuid-sa dheth," ars esan. "Ach," ars esan, "bheir sibh dhòmhsa bàta," ars esan, "mar a thug sibh a chàch," ars esan, "agus gheibh mise an t-eun," ars esan.

Uill, thug an rìgh siud dha, bàta, agus dh'fhalbh e.

Agus thachair am fear a bha seothach ris, agus dh'fhaighneachd e dha cà robh e a' dol. Agus dh'innis an gille.

"An-tà," ars esan, "'s ann an Rìoghachd nam Fear Mòra," ars esan, "a tha an t-eun a tha sin," ars esan. "Agus tha... chan eil fhios a'm," ars esan, "cà 'il e ga chumail ann, gu dearbh," ars esan, "ach tha fhios a'm gura h-ann a tha e."

Agus co-dhiù seothach dh'fhalbh am bàta. Thogadh na siùil bhreaca bhaidealach sin, cruinn fada, fulannach, fiùghiadh, 's cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh, a' caitheamh na fairge fulcanaiche, falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg, [?an lochannach], an fhaochag bheag chiar chrom a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag air a beul mòr aig [?Eòsaph] an t-òigear a bha ga stiùireadh.

"Seall suas," ars esan, "gu dè an t-astar a th' air an luing agam," ars esan.

"Tha mi a' smaointinn," ars...

Chaidh fear suas agus thàinig e a-nuas.

"Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar sìlean sìl agus an cochall."

"Bheir dhi tuilleadh canabhais," ars esan.

Agus thugadh dhi tuilleadh canabhais. Agus:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus seall suas dè an t-astar a th' oirre," ars esan.

"Uill," ars an gille, ars esan, "tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar," ars esan, "an t-ugh agus... lèine-bhàn an uighe agus am plaosg."

"Thalla ma-thà," ars esan. "Fàgaidh sinn mar sin fhèin i."

Uill, bha am bàta a' truiseadh roimhpe agus i a' falbh. Agus nuair a bha iad a' dol seachad air na Patagonian Isles, thug iad an aire dha na trì saothaichean eile ann a shin, anns na h-eileanan sin. Agus bha iad... 's ann ag obair air a chladhach a bha iad. Agus chùm iadsan orra gu Rìoghachd nam Fear Mòra, agus chaidh iad... ràinig iad i. Fada no goirid gun robh i bhuapa, cha robh iad fada ga ruighinn, agus ràinig iad. Agus chaidh iad chun a' chidhe ann a shin. Agus thuirt am fear seo a thachair ris-san air an rathad, dh'fhalbh e còmhla riutha, agus thuirt e ris, ri mac an rìgh:

"Thalla thusa a-nist," ars esan, "gu tìr," ars esan. "Agus," ars esan, "tha," ars esan, "feuch am faigh thu obair," ars esan, "an seo," ars esan, "agus feuch am faigh thu [?nòdhtadh] a-mach," ars esan, "cà bheil an Guileagan Faoidhn," ars esan, "feuch am faigh sinn," ars esan, "a ghoid."

Uill, chaidh an gille gu tìr, agus gu... Bha pàileas an rìgh ann a shin, dìreach, faisg air a' chidhe. Agus chùm e suas, agus bha... thachair feadhainn ris, agus dh'fhaighneachd... dh'fhaighneachd iad dha an ann às a' bhàta a bha e. 'S thuirt e gura h-ann, 's gun robh e airson obair fhaighinn. Agus:

"An-tà," ars esan, am fear a bha a' bruidhinn ris, "an-tà," ars esan, "tha grùma a dhìth air an rìgh an seo," ars esan, "airson nan each," ars esan, "agus saoil... chan eil fhios a'm," ars esan, "nach fhaigheadh tu job ann," ars esan, "agus theirig ann a-null," ars esan.

Agus 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Chaidh e a-null gu pàileas an rìgh agus dh'fhaighneachd e dha an robh teansa air job fhaighinn timcheall air. Agus thuirt e... thuirt e gun robh grùma... grùma a dhìth air, airson nan each, agus nan gabhadh e e, gum faigheadh e an job. Agus thuirt mac an rìgh gun gabhadh.

Uill, co-dhiù seothach, fhuair e sineach. Agus a' chiad rud nuair a chaidh e dhan stàball an sineach, bha am Morgan Eàr ann a shineach agus... agus an Guileagan Faoidhn. Agus nighean a bh' aig an rìgh an seothach a bha sineach, 's e an Tè Bheauty a theirte rithe. Agus bha na trì rudan ann a sheo.

Agus dh'iarr am fear seo air a bha sa bhàta, a thachair ris, dh'iarr e ris:

"Nist," ars esan, "thig thu a-nuas a h-uile feasgar far a bheil sinne," ars esan, "agus innsidh tu dhuinn," ars esan, "dè mar a bhios an gnothach."

Agus:

"Thig," arsa mac an rìgh.

Uill, chaidh e sìos a-nist feasgar an oidhche sin, agus dh'innis e gun robh an Guileagan Faoidhn ann a shiud.

"Ò Dhia, nach sinn tha lucky," ars am fear sin, ars esan. "Agus... agus gheibh sinn," ars esan, "teansa air a [???] air choreigin," ars esan. "Ach co-dhiù, co-dhiù," ars esan, "nuair a bhios tusa ga fheuchainn a-mach," ars esan, "na air na chunna tu riamh," ars esan, "na... feuch nach buail thu a ghob no grèim dhe sgèithidh," ars esan, "anns na... anns na dorais," ars esan, "no ma bhuaileas," ars esan, "dùisgidh e am baile o cheann gu ceann," ars esan.

Uill, bha iad ann a shin, 's bha e a-nist treis a' cumail mar sineach, agus thuirt am fear sin ris an uair sin:

"'S fheàrr dhut a-nist," ars esan, "fheuchainn a-mach a-nochd," ars esan, "agus feuch," ars esan, "a-nist nach buail thu e an àite sam bith," ars esan, "agus math dh'fhaodte," ars esan, "gun tèid do chur am prìosan air a shàillibh," ars esan. "Ach ma bheireas... ma thachras an rud riut," ars esan, "canaidh tu... 's gun tig an rìgh," ars esan, "'s gum bi e a' dol a thoirt binn dhìot air a shon," ars esan, "canaidh tu ris," ars esan, "gun robh feadhainn ag ràdh," ars esan, "riutsa nach fhaca duine riamh a bha beò sealladh dhe leithid, nam biodh an Guileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr air a thoirt a-mach agus an Tè Bheauty air muin na Morgan Eàr 's an Guileagan Foidhn air a beulaibh agus... agus duine a' fa-... sinn a' falbh leotha. Agus can thusa sin ris," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Nuair a ghabh a h-uile sìon mu thàmh co-dhiù, chaidh esan dhan stàball 's dh'fheuch e ris an Guileagan Faoidhn a thoirt a-mach. 'S nuair a bha e dìreach gus a bhith clìoras an doras, dìreach, bhuail bàrr na sgèithe ann a... anns a... taobh an dorais. Leig e an aon sgread 's an sgiamh 's a... nach chuala duine riamh a leithid. 'S ò, bha iad a-mach bronnaich air shearraich às a... às a' phàileis.

"Ho-ho," ars an rìgh, ars esan, 's bha e a' tighinn a-nall, "'s ann a' dol a dh'fheuchainn ris a' bheothach a ghoid a bha thu," ars esan.

"Ò chan ann, chan ann gu dearbh," ars an gille, ars esan.

"Dè a-nist," ars esan, "a bha thu a' dol a dh'fheuchainn?" ars esan.

"Uill," ars esan, "chuala mise feadhainn ag ràdh," ars esan, "o thàinig mi ann a sheo, o thàinig mi thugaibhse ann a sheo, feadhainn ag ràdh," ars esan, "nach fhaca duine riamh sealladh a b' eireachdaile na... nam biodh am Morgan Eàr air a toirt a-mach agus an tè Bheauty, an nighean agaibh," ars esan, "air a muin," ars esan, "agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh," ars esan, "nach fhaca duine riamh sealladh air an oidhche, oidhche bhrèagha shoilleir na b' eireachdaile na e."

Agus:

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "leigidh... fàgaidh sinn aig a sin fhèin e," ars esan, "ach bidh... bidh sin ri fheuchainn," ars esan, "an ath-oidhch'," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Co-dhiù, an ath-oidhch' nuair a dhorchnaich i 's a h-uile sìon thugadh a-mach am Morgan Eàr, an fhàlairidh, agus thugadh a-mach an Tè Bheauty agus chaidh... chuireadh air muin na Morgan Eàr i, agus chuireadh an Guileagan Faoidhn air a beulaibh, agus dh'fhalbh e leatha. Agus chuir e na cuairtean oirre sin.

"Ò uill," ars an rìgh, ars esan, "feumaidh mi ràdh riut," ars esan, "gun robh e ceart, ge brith cò... cò thuirt riut e," ars esan. "Feumaidh mi ràdh riut," ars esan, "agus cha tèid sìon a dhèanamh ort air a shon," ars esan. "Ach," ars esan, "faodaidh tu," ars esan, "cuairt a ghabhail mar seo," ars esan, "a h-uile h-oidhche," ars esan.

Agus:

"Ò glè cheart," ars... arsa mac an rìgh, ars esan.

Uill, dh'innis e a-nist dhaibh shìos aig a... dhan fhear a bha sa bhàta shìos, dh'innis e mar a thachair dha 's a h-uile sìon.

"Ò seadh," ars esan, "tha thu ceart gu leòr," ars esan. "Faodaidh," ars esan, "gum bi an triùir... gum bi a h-uile sìon a bhios ann a' falbh againn còmhla," ars esan.

Agus an oidhche a bh' ann a sheothach thuirt e ris:

"Nist," ars esan, "an àite tilleadh," ars esan, "dhan... na falbh cuairt... cuairt a' bhaile leotha," ars esan. "Gabhaidh tu chun a' bhàta," ars esan, "leis a' Mhorgan Eàr," ars esan, "'s leis an Tè Bheauty 's leis a' Ghuileagan Faoidhn."

Uill, 's e seo an rud a rinneadh co-dhiù, 's bha iadsan deis...

"Bidh sinne deiseil air do shon," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinneadh. Ghabhadh chun a' bhàta, 's ghabh... bhundlaigeadh an triùir aca a-staigh ann 's a h-uile sìon a bh' ann, 's thogadh air falbh. Dh'fhalbhadh an uair sin agus thogadh na siùil bhreaca bhaidealach sin, cruinn fada, fulannach, fiùghiadh, cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh, a' caitheamh na fairge fulcanaiche, falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg, [?an lochannach], an fhaochag bheag chrom chiar a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag air a beul mòr aig [?Eòsaph] an t-òigear a bha ga stiùireadh.

Agus co-dhiù seothach, cho fad 's gun robh an t-àite bhuapa, cha b' fhada ga ruighinn iad. Agus ràinig... nuair a ràinig iad... nuair a rà-... nuair a ràinig iad na Patagonian Isles an sineach, bha na trì saothaichean ann mar a bha iad reimhid ann. Agus 's ann a rinn iad gun tadhladh iad feuch am faiceadh iad gu dè bha iad a dèanamh. Agus thadhail iad co-dhiù. Chaidh iad suas far an robh na saothaichean eile agus chaidh iad air tìr. Agus bha iad ann a shin ag obair air cladhach. Agus dh'fhaighneachd an sgiobair aig a' bhàta aigesan dhaibh, dh'fhaighneachd e dhiubh:

"Dè tha sibh a' cladhach an sin?" ars esan.

Ò tha iad a' cladhach a' Ghuileagan Faoidhn agus chan eil dìreach ach mu obair latha eile aca gus an ruig iad e.

"Ò-hò," ars esan, "amadain nach b' e sin sibhse," ars esan. "Tha an Guileagan Faoidhn air bà-... air bòrd anns a' bhàta agamsa," ars esan, "aig an fhear sin air fhaighinn," ars esan. "Agus," ars esan, "nighean an rìgh aig an robh e," ars esan, "agus an fhàlairidh," ars esan, "còmhla rithe," ars esan, "agus tha iad ann."

Ò cha robh.

Ò bha.

Uill, dh'fhiathaich an seothach... Dh'fhalbh esan agus chaidh e a choimhead na h-obrach a bh' aca, feuch gu dè seòrsa obair a bh' aca agus na bha iad air a chladhach anns an àite.

Agus gu dè rinn am fear seo ach an sgiobair a bhraoibeadh, agus mun do thill am fear eile bha na bàtaichean air togail a-mach bho thìr, agus bha e air fhàgail ann a shiud leis fhèin.

Uill, ràinig iad an taigh, na trì saothaichean... na ceithir saothaichean, agus bha esan ann a shiud gun saothach idir. Agus nuair a ràinig iad a-nist, bha am mac bu shine aig an rìgh airson an nighean a bha seo a phòsadh, nighean an rìgh a phòsadh.

Uill, thuirt i nach pòsadh, 's gun cuireadh i bliadhna roimhpe nach pòsadh i e, gus feuch an tigeadh am fear a thug ise à taigh a h-athar.

Uill, bha seo ceart gu leòr. Ach co-dhiù, bha a' bhliadhna a' dol seachad, 's bha a' bhliadhna a' dol seachad, agus cha robh duine a' tighinn. Ach an oidhche a bh' ann a sheothach, bha an oidhche a bha a' bhanais gus a bhith aca an ceann na bliadhna, bha esan agus bha e ann a shineach agus e air a dhol fo fheusaig agus fo ghruaig, agus bha an t-aodach fhèin a bh' air bha e air fàs cnàmh air. Agus bha e ann a shin agus thug e sùil air a' mhuir agus shaoil leis gum faca e dùbhradh de rud dubh, gun robh e a' faicinn dùbhradh de rud dubh air a' mhuir a' tighinn. Agus bha e a' cumail... a' stare-adh air, agus an Dia, bha an rud a' teannadh air. Agus bha dìreach beul na h-oidhche ann. Agus bha e a' tighinn gu math ge brith gu dè an t-inneal a bh' ann, agus thàinig e seothach chun a' chladaich, 's dh'èigh e dha:

"A bheil thu an sin?" ars esan.

"Tha," arsa mac an rìgh, ars esan.

"Nuas an seo," ars esan, "sa mhionaid thu," ars esan.

Agus thàinig mac an rìgh 's shuidh e anns an seòrsa rud a bh' ann, agus dh'fhalbh an t-inneal air ais.

"Tha," ars esan, "am boireannach," ars esan, "a thug thu à taigh a h-athar," ars esan, "tha i a' pòsadh a-nochd," ars esan. "Agus," ars esan, "math dh'fhaodte," ars esan, "gum bi thu ann an àm fhathast," ars esan. "a bheireas tu oirre," ars esan. "Agus," ars esan, "chuir i bliadhna roimhpe," ars esan, "nach pòsadh i," ars esan, "gus a... mura tigeadh tu."

Uill, dh'fhalbh iad co-dhiù. Agus fada no goirid gun robh an t-astar, cha robh an t-inneal a bha seo fada ga dhèanamh. Agus ràinig e agus thuirt an duine a bh' ann ris:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus gabh," ars esan, "gu ruige àite," ars esan, "agus...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

DE: Thàinig e far an robh e, 's... seadh, siuthadaibh ma-thà, a Dhòmhnaill Alasdair.

DA: Tha e ceart?

DE: Tha e a' dol.

DA: "Thèid thu," ars esan, "agus bheir dhìot," ars esan, "an fheusag agus a' ghruag a tha sin," ars esan, "agus nigh 's glan thu fhèin," ars esan, "agus thèid thu gu ruige seop tàilleir," ars esan, "agus faigh deise ann," ars esan.

Agus 's ann mar seothach... 'S e seo an rud a rinn e. Agus nuair a fhuair e e fhèin a dhreasadh suas 's a ghùnaigeadh, tharraing e an uair sin air an taigh. Agus bha iad cruinn ann an hall a-muigh, agus a' bhanais, bha i gun tòiseachadh, agus bha i gun... bha iad gun phòsadh. Agus bha ise na... ann an ceann shuas na hall, agus chunnaic i esan a' tighinn a-staigh tron doras anns a' cheann eile agus dh'fhalbh i na dubh-leum sìos, agus chàirich i a dà làimh mu amhaich.

"Chan eil," ars ise, "fear eile," ars ise, "air an t-saoghal," ars ise, "a phòsas mise ach thusa," ars ise, "on a thàinig thu," ars ise.

Uill, on a bha a' bhanais... on a bha an gnothach cruinn 's a h-uile sìon airson na bainnse co-dhiù, leigeadh air aghaidh a' bhanais, agus phòs e fhèin agus nighean Rìoghachd nam Fear Mòra. Agus nuair a phòs iad a-nist agus a fhuair iad air dòigh, dh'fhalbh esan agus thug e leis am bàta ceunda, agus tharraing e fhèin agus ise agus an Guileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr, tharraing iad air Rìoghachd nam Fear Mòra, agus dh'fhàg e taigh athar aig... aig an fheadhainn... na gillean eile. Agus ghabh mise mo thriop còmhla riutha, ach fhuair mi dhachaigh, agus sin mar a dh èirich... mar a chuala mise.

DE: Glè mhath a-rithist, gu dearbh, a Dhòmhnaill Alasdair. Math fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good