Search

Fear a chuir seachad oidhche san leabaidh le corp.

Date October 1958
Track ID 40373
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.89.B11

Original Tape ID

SA1958.089

Summary

A man spends a night in bed with a corpse.

A man came to a house one wintry night. He was given a bed and the next day he said it was the coldest night he had ever spent. The man of the house said his wife had been dead for a week and they hadn't been able to bury her because of the snow. He had shared a bed with her corpse.

Item Notes

Calum MacIllEathain (CM): Bha sibh ag innse naidheachd eile mu... bha fear a thàinig a-staigh agus oidhche uabhasach fuar ann, 's chuir am fear sìos a chadal e.

Peggy MacDonald (PM): Bha.

CM: Bheil cuimhn' agaibh, chuir am fear sìos... thàinig e a-staigh dhan taigh 's oidhche uabhasach fhuar ann. Chuir am fear sìos a chadal e, agus...

PM: Ò aidh.

CM: ...leis an t-sneachda. Bha sneachd uabhasach trom ann.

PM: An e sin am fear a...

CM: Seadh, nuair a bha sneachd uabhasach trom air an talamh.

PM: Bha. Bha. An e am fear a chaidh a-staigh a thaigh an duine eile th' ann...

CM: Seadh, 's e, sin e.

PM: Bha sneachd uamhraidh trom ann 's chaidh e 's... chunnaic e solas a bha sin, 's ràinig e e, agus bhuail e aig an doras. Thàinig seann duine chun an dorais.

"Uill, chan eil mise a' dol seach seo a-nochd."

"Ò uill, chan eil mòran rùm agamsa dhut. Chan eil ann seo ach an aon rùm agus an aon leaba."

"Uill," ars esan, "cha tèid mise seach seo."

Agus co-dhiù, fhuair e dhan leabaidh. Agus nuair a dh'èirich e sa mhadainn:

"Cha do chuir mi oidhche riamh seachad," ars esan, "cho fuar agus a chuir mi 'n oidhche raoir."

"Creididh mi sin," ars an duine, "agus a' bhean agamsa marbh o chionn seachdain 's cha d' fhuair sinn a tiodhlacadh leis an t-sneachda."

CM: Seadh, dìreach. 'S ann san leabaidh san robh an corp a bha e?

PM: Eh?

CM: 'S ann san leabaidh san robh an corp a bha e?

PM: 'S ann.

CM: Glè mhath. Chan iongnadh ged a bhiodh e fuar.

Recording Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good