Search

Cù Chulainn agus an Donn Ghuaillfhionn.

Date 11 June 1959
Track ID 40664
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1959.38.2

Original Tape ID

SA1959.038

Summary

Cù Chulainn and the fairy bull.

A farmer had a son named Cù Chulainn. His father was invited to the laird's daughter's wedding. Cù Chulainn followed his father to the wedding and killed a dog guarding a bridge on the way. He had to guard the bridge for seven years while the laird reared another dog.

His father died and he took over the farm. He got a fairy bull [An Donn-ghuaillfhionn]. He was very small and he married a very big woman. One day a man came to steal the bull. His wife baked a bannock and put the griddle in the middle. Cù Chulainn went to bed and his wife told the man he was a baby. The man put his thumb in Cù Chulainn's mouth and he bit it off. He went to eat the bannock and broke his teeth on the griddle. Cù Chulainn moved the Donn-ghuaillfhionn, threw the man against a cliff and killed him.

Cù Chulainn and a friend made a pact at school never to turn against each other, but the other farmers made his friend go to steal the Donn-ghuaillfhionn. In the fight that ensued Cù Chulainn killed his friend was wounded himself. He killed a dog that was drinking his blood and then died.

The contributor heard the story from Donald MacDonald of Peninerine, father of Duncan, long before the First World War.

Item Subject/Person

Cù Chulainn

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Seadh ma-thà, a Chrìosdaidh, tha sibh ceart?

Aonghas MacIllFhialain (AM): 'S e tuathanach a bha seo, agus bha gille aige, 's e Cù Chulainn an t-ainm a bh' air, 's cha robh e ach òg anns an àm, agus gu dè fhuair athair ach fiathachadh gu banais nighean an uachdarain. Agus bha drochaid ann a bha aca ri dhol seachad oirre, agus 's e Drochaid nan Cead a chanadh iad rithe, agus cha robh duine ri faighinn seachad oirre an dèidh deich uairean. Bhathar ga geàrd, agus 's e cù a bha a' geàrd na drochaid aige.

Ach gu dè rinn Cù Chulainn ach falbh às dèidh athar chun na bainnse, agus nuair a ràinig e an drochaid bha an uair suas, agus chan fhaigheadh e a-null air an drochaid - bha an cù roimhe. Agus bha e ag iomain ball, agus caman aige ga iomain roimhe, agus sheas Cù Chulainn mu choinneamh agus dh'fhalbh e agus bhuail e am ball, agus ghlac an cù e. Chaidh am ball ann an amhaich a' choin agus bha e aige leis a' chaman agus mharbh e an cù, agus chùm e air aghaidh gu an do ràinig e taigh an uachdarain.

Bha e ga fhalach fhèin mun cuairt, gus an do shuidh iad an seo aig na bùird, agus fhuair Cù Chulainn a-staigh chun nam bòrd agus thog athair a cheann agus chunnaic e e, agus thuirt e:

"Tha, gu dearbh," ars esan, "tha mi a' faicinn rud a tha a' cur iongnaidh orm," ars esan.

"Dè tha sin?" ars an t-uachdaran.

"Tha, am balach beag a dh'fhàg mi a-staigh," ars esan, "nuair a tha e aig a' bhòrd còmhla rinn," ars esan.

"An-tà, ma tha sin fìor," ars an t-uachdaran, "tha mise gun chù," ars esan.

Cha robh ach thugadh Cù Chulainn gu cùirt anns a' mhionaid. Dh'fhaighneachdadh dheth dè mar a thàinig e seachad air an drochaid. Dh'innis Cù Chulainn mar a rinn e, gun do mharbh e an cù.

"Dè a-nist a nì mise," ars an t-uachdaran, "ma-thà?" ars esan. Agus: "Bheir mise seachd bliadhna," ars esan, "mum beathaich mi cù," ars esan, "a gheàrdas an drochaid," ars esan, "mar a bha am fear a bh' ann."

"Ò uill," ars athair, "chan eil dòigh air a sin," ars esan, "ach am fear a mharbh an cù, gum feum e an drochaid a gheàrd," ars esan, "gus am beathaich sibhse cù a gheàrdas i."

"Uill, ceart gu leòr, ma-thà," ars an t-uachdaran, "biodh e mar sin fhèin," ars esan.

[Beàrn san teip an seo.]

CM: Right ma-thà. Sin agaibh e.

AM: Chaidh Cù Chulainn a gheàrd na drochaid, agus thug e seachd bliadhna air Drochaid nan Cead, gun chù, gun duine, gun laogh, gun leanabh, gun teine, gun tuar, gun teodhadh gus an d' fhuair an t-uachdaran cù a railìobh e agus a chuir e a gheàrd na drochaid na àite.

Agus nuair a bhàsaich an sin athair, 's e Cù Chulainn a bha an àite athar an uair sin. 'S ann aige a bha an tuathanachas. Agus fhuair Cù Chulainn tarbh, tarbh-sìthe, agus chuireadh e mart a dhàir le geum, agus bha tarbh eile aige a bharrachd air. Ach bha farmad mòr aig na tuathanaich eile ris. Cha robh mart aig Cù Chulainn nach biodh laogh aige, agus bhiodh gu leòr acasan nach biodh laoigh idir aca.

Agus cha robh lagh ann anns an àm ach am fear bu treasa. Bhiodh a h-uile fear a' tighinn a dh'iarraidh an tairbh air Cù Chulainn feuch am faigheadh e a thoir bhuaithe agus cha robh fear a thigeadh ga iarraidh nach robh Cù Chulainn a' cur crìoch air.

Agus phòs e nighean duine mhòir, agus bha am boireannach, bha i fhèin fuathasach mòr, agus cha robh ann an Cù Chulainn ach duine uabhasach beag. Ach gu dè a chunnaic e an seo latha, ach a chliamhainn a' tighinn, agus thuig e taghta carson a bha e a' tighinn - ag iarraidh an tairbh. Agus thug e air a mhnaoi breacag arain a dhèanamh agus an greideal a chur anns a' bhreacaig arain. Agus:

"Thalla a-nis," ars esan, "dhan leabaidh," ars esan, "agus thèid mise còmhla riut ann," ars esan. "Agus nuair a thig esan," ars esan, "canaidh tu," ars esan, "gu bheil thu air pàiste fhaighinn," ars esan.

Chaidh ise dhan leabaidh agus chaidh Cù Chulainn ri taobh anns an leabaidh, agus thàinig an seo am bodach agus bha an doras fosgailte nuair a thàinig e a-staigh.

"Tha a' ghaoth air doras nan laoch," ars am bodach.

"Ò tha," ars ise, 's i anns an leabaidh, "ach nam biodh na laoich fhèin a-staigh chuireadh iad a' ghaoth far an dorais," ars ise.

"Dè mar a chuireadh iad a' ghaoth far an dorais?" ars esan.

"Chuireadh iad car dhen taigh," ars ise.

Dh'fhalbh am bodach a-mach 's thòisich e air tarraing an taighe, 's chan fhaigheadh e an taigh às a' bhad anns an robh e. Thàinig e a-staigh.

"Tha e coltach gur e laoich a th' ann gun dearbh," ars esan. Agus: "A bheil agad ach thu fhèin?"

"Chan eil," ars ise.

"Gu dè th' ort nuair a tha thu anns an leabaidh?" ars esan.

"Tha mi air pàiste fhaighinn," ars ise.

"Bheil e mairteannach?" ars esan.

Agus:

"Tha," ars ise.

Dh'fhalbh e 's ghabh suas, chuir e làmh fon aodach 's chuir e òrdag ann am beul Cù Chulainn. Leag Cù Chulainn an deud air 's thug e dheth an òrdag on alt.

"Ud, ud, ud," ars am bodach, "dearbh, 's e pàiste mairteannach a th' ann."

"'S e," ars ise.

Agus:

"Cà 'il do chompanach?" ars esan.

"Ò, chan eil e aig taigh," ars ise.

"'S a bheil biadh agad bruich?" ars esan.

"Ò, chan eil," ars ise, "ach cruaidh-ghreim curaidh a tha ann a shin," ars ise, "ma dheargas sibh air."

"Cà bheil e?" ars am bodach.

Fhuair am bodach am bonnach 's a' chiad ghrèim a thug e às, dh'fhàg e ceithir dhe na fiaclan anns a' ghreideal.

"Ud, ud," ars am bodach, "dearbh 's e cruaidh-ghreim curaidh a th' ann gu dearbh," ars esan. "Cà 'il an Donn-ghuaillfhionn?" ars esan.

"Ò chan eil fhios agamsa," ars ise. "Tha mi cinnteach gu bheil e còmhla ris na beothaichean."

Dh'fhalbh am bodach, 's dh'èirich Cù Chulainn 's a-mach a ghabh e, 's dh'fhalbh e 's shioft e an Donn-ghuaillfhionn. Chuir e còmhla ri beothaichean eile e, 's dh'fhan e fhèin timcheall air na beothaichean. Ràinig am bodach.

"An e seo an Donn-ghuaillfhionn?" ars esan.

Bha an tarbh eile aig Cù Chulainn air a' chrodh.

"'S e," arsa Cù Chulainn.

"Tha mise a' dol ga thoir leam," ars esan.

"Ò chan eil," arsa Cù Chulainn. "Chan eil math dhòmhsa a leigeil air falbh," ars esan, "gus an tig mo mhaighstir," ars esan.

"Dè dhòmhsa thu fhèin 's do mhaighstir?" ars am bodach.

Dh'fhalbh am bodach a-null 's rugadh air an tarbh air adhairc, 's dh'fhalbh Cù Chulainn 's rugadh air an adhairc eile dheth, 's thòisich iad a' toir an tairbh o chèile 's mharbh iad an tarbh eatorra.

"Tha feum agadsa," arsa Cù Chulainn, "nach robh mo mhaighstir-sa aig an taigh," ars esan, "no, bhiodh beag an-asgaidh agadsa dheth."

"Dè an rud a dhèanadh do mhaighstir-sa?" ars am bodach.

"Dhèanadh rud nach dèanadh tusa," ars esan. "'S chan eil fhios a'm nach dèanainn fhìn e," ars esan.

Dh'fhalbh e 's ghabh e a-null, 's bha creag mhòr thall, 's dh'fhalbh Cù Chulainn 's chuir e a shàil air bàrr na creige, 's chuir e sàil na bròige eile air bàrr, 's chuir e a dhà dhòrn a-mach air sròn na bròige.

"An tomhais thu dà throigh 's dà dhòrn a-mach far bàrr na sgalla sin?"

"Tomhaisidh," ars am bodach.

Ghabh am bodach a-null 's chuir e a shàil air bàrr na creige 's chuir e sàil na bròige eile air a muin. Thàinig Cù Chulainn air a chùlaibh 's thilg e leis an sgalla e, 's chaidh an t-eanchainn às. Bha an Donn-ghuaillfhionn aig Cù Chulainn mar a bha i roimhe.

Ach bha aon fhear ann de dhuine foghainteach, mar a bha Cù Chulainn fhèin, fear ris an canadh iad Fear Deug Mac Daimhein, agus bha e anns an sgoil còmhla ri Cù Chulainn. Agus thug iad mionnan air a chèile, nuair a bha iad anns an sgoil, nach tionndaidheadh an dàrna fear an aghaidh an fhir eile gu bràth aca. Agus chruinnich na tuathanaich eile agus thòisich iad air a bhribeadh feuch am falbhadh e a dh'iarraidh an tairbh air Cù Chulainn, gus an tug iad mionnan air mu dheireadh nach robh e ri tilleadh gus am faigheadh e an tarbh air neo am bàs.

Dh'fhalbh Fear Fada Deug Mac Daimhein agus chunnaic Cù Chulainn a' tighinn e agus thuig e taghta mar a bha a' chùis, agus thuirt e ris a mhnaoi: "Ò uill," ars esan, "cha do chreid mi riamh," ars esan, "gum falbhadh an Donn-ghuaillfhionn gu seo," ars esan.

"Tha mo chompanach a' tighinn," ars esan, "agus tha mi cinnteach gur ann ga h-iarraidh a tha e," ars esan.

Nuair a ràinig a chompanach chuir Cù Chulainn fàilte air agus thugadh a-staigh e, 's an làrna-mhàireach dh'fhaighneachd Cù Chulainn dheth:

"Dè, a chompanaich," ars esan, "a' chluichd a bhios againn an-diugh?"

"Ò bidh," ars am fear eile, "ar cùl fhìn ri chèile, 's cùl nan sleaghan ri chèile," ars esan, "'s sinn a' leagail na seilge," ars esan.

"Ò glè mhath," arsa Cù Chulainn.

Dh'fhalbh iad dhan bheinn sheilg. Làrna-mhàireach, nuair a ghabh iad am bracaist, dh'fhaighneachd Cù Chulainn dheth:

"Gu dè a' chluichd a tha gus a bhith an-diugh againne, a chompanaich?" ars esan.

"Ò bidh ar cùl fhìn ri chèile," ars esan, "'s cùl nan sleaghan ri chèile, 's sinn a' leagail na seilge," ars esan.

"Ò cha b' urrainn a bhith na b' fheàrr," arsa Cù Chulainn.

Ach an seo an làrna-nearar, nuair a dh'èirich iad, 's a ghabh iad am bracaist, dh'fhaighneachd Cù Chulainn dheth:

"Dè a' chluichd a bhios againn an-diugh, a chompanaich?" ars esan.

"Ò bidh," ars esan, "ar n-aghaidh fhìn ri chèile, 's aghaidh nan sleaghan ri chèile," ars esan, 's neul na fala a' falbh," ars esan.

"An ann mar seo a tha?" arsa Cù Chulainn. "Shaoil leam," ars esan, "nach e sin an gealltanas a bh' eadarainn," ars esan, "nuair a bha sinn anns an sgoil?"

"Ah uill, cha b' e," ars esan, "ach tha mise fo mhionnan," ars esan, "gum feum mi a faighinn," ars esan, "air neo am bàs."

"Ò uill, ma tha," arsa Cù Chulainn, "cha d' fhalbh i fhathast," ars esan.

Dh'fhalbh iad agus bha gille am fear aca agus chaidh fear aca air gach taobh de dh'abhainn a bh' ann, agus cha robh iad ach a' seòladh nan sleaghan air a chèile, agus gille am fear aca gan toir thuca.

Ach thòisich an seo an gille a bh' aig Fear Fada Deug Mac Daimhein air stopadh na h-aibhne, agus nuair a bhiodh an abhainn stopte, bha e a' gleidheadh. Agus thòisich an gille a bh' aig Cù Chulainn air a cumail fosgailte, agus nuair a bhiodh e fosgailte, bha Cù Chulainn a' gleidheadh, gus an do mharbh an gille a bh' aig Cù Chulainn an gille a bh' aig Fear Fada Deug Mac Daimhein.

Agus bha an seo an oidhche a' tighinn agus sheòl Cù Chulainn an t-sleagh air, air an taobh thall dhen abhainn, agus mharbh e e agus thuit e fhèin air an taobh a-bhos. Agus bha e na shìneadh agus e a' sileadh fala, agus dh'fhaighneachd e dhen a' ghille:

"A bheil thu a' faicinn sìon sam bith mun abhainn an seo," ars esan, 's e a' tionndadh ris a' ghille.

"Ò chan eil sìon," ars an gille, ars esan, "ach a' faicinn cù," ars esan, "ag òl na fala," ars esan, "shìos an sin."

"Thalla," ars esan, "agus thoir thugam an t-sleagh," ars esan.

Dh'fhalbh an gille a dh'iarraidh na sleagh.

"Càit air an tà bheil e?" arsa Cù Chulainn.

Dh'innis an gille dha far an robh e. Dh'fhalbh Cù Chulainn agus sheòl e an t-sleagh air agus mharbh e an cù.

"Am fac' thu," ars esan, "an do mharbh mi an cù?"

"Ò mharbh," ars an gille, "rinn sibh dà leth air," ars esan.

"Ò is fìor sin," ars esan. "Sin a' chiad euchd a rinn mise riamh," ars esan, "agus 's e an t-euchd mu dheireadh a bh' agam ri dhèanamh," ars esan. Agus: "Tha mise ullamh," ars esan, "agus faodaidh an Donn-ghuaillfhionn a bhith aig a ragha duine a-nist."

Agus bhàsaich Cù Chulainn, agus cha robh an Donn-ghuaillfhionn ach aig duine sam bith a thogradh a toir air falbh.

CM: Sin a-nist. Saoil cò aig an cuala sibh an naidheachd a bha sin a-niste?

AM: Chuala aig Dòmhnall mac Dhonnchaidh ann am baile St… ann am Peighinn nan Aoireann.

CM: Dòmhnall, athair Dhonnchaidh?

AM: Athair Dhonnchaidh.

CM: Athair Dhonnchaidh, seadh, dìreach. 'S bidh greis mhòr on uair sin?

Neach neo-ainmichte: Cha chuala sibh i siud reithid, a Chaluim?

CM: Eh?

Neach neo-ainmichte: An cuala sibh reithid i siud?

CM: Ò cha chuala, cha chuala. Cha robh i aig Donnchadh fhèin idir ma-thà, i sin?

AM: Cha robh.

CM: Cha robh. Bidh greis ann. Bhiodh e ron a' Chiad Chogadh a chuala sibh i sin aige?

AM: Ud, 's ann. Fada, fada, fada; fada, fada roimhe.

CM: 'S an robh e sean an uair sin?

AM: Bha e sean.

Neach neo-ainmichte: Chan eil gin idir a fhuair sinne nach biodh fada, fada ron a' Chiad Chogadh a chuala Aonghas e. 'S ann, 's ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good