Search

An nighean ghlic.

Date 1959
Track ID 42121
Part 1
Part 2
Part 3
Part 4
Part 5

Track Information

Original Track ID

SA1959.53.B2_55.B1

Original Tape ID

SA1959.053

Summary

The wise girl.

A landowner allowed his tenants to hunt and fish on the estate. When he died, his son, who was educated in the South, put a stop to this. He visited a tenant one day and found the daughter of house in alone. She said her father was hunting, but that this was harmless, as he left what he killed outside and took home what was alive. The landowner found the old man and understood what she meant. He admired the girl's wisdom and decided to test her. He gave her father three questions to answer:

1. Where is the middle of the world?
2. What is the weakest thing in the world?
3. What is the most powerful thing in the world?

The man's daughter gave him the answers:

1. Point to middle of floor.
2. Human life (snàithle beatha mhic an duine).
3. Fire.

The girl managed to trick the landowner into marrying her. He could only marry a landed woman, so she persuaded him to give her the house and land rent-free. Before they married she made him agree, in writing, that if they parted she could take three items of her choice from his house.

The couple wed and had a son. Sometime later two tenants fell out over the ownership of a colt. It always followed a neighbour's gelding instead of its mother, and the owner of the gelding then claimed it. The true owner of the colt complained to the landowner, who suggested that the three animals should be brought to a field the next day to settle the matter. As usual, the colt followed the gelding, and the landowner decided that the owner of the gelding should keep the colt.

Sometime later, the man who had lost his colt met the landowner's wife and told her what had happened. She told him her husband would be out hunting the next day, and suggested to the man that when he saw him, he should start throwing salt in the loch. She advised him that when her husband asked what he was doing, he was to say that he was expecting the salt to grow. The landowner would think this was very odd, and the man should tell him it was no odder than a gelding giving birth to a foal. This should open his eyes to the lack of fairness in his decision.

The man did exactly as she suggested, and when the landowner scoffed at his behaviour, the man replied exactly as he had been told to do. The landowner knew his wife had advised the man and he asked her to leave. She then claimed her three items. She took the child in his cradle outside, followed by the chest with the deeds to the estate. Lastly, she took out the chair with her husband in it. He pleaded with her to bring them back in. They never again had an argument.

Item Notes

The contributor heard this story from his father.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT875

Transcription

Dòmhnall Mac an t-Saoir (DM): Bha siud ann mar a chuala mise uachdaran mòr a bha a' còmhnaidh ann am fearann de sgìreachd na Gàidhealtachd uaireigin. Agus bha mòran aige de luchd-tuath air an fhearann. Cha robh, anns an àm a bh' ann, cha robh iasg no sealg no dad a ghabhadh faighinn airson beòshlaint air a bhacadh air an duine bhochd idir anns an latha a bh' ann. Agus leis a sin bha a chead fhèin aig a h-uile duine a bh' air fearann an uachdarain a bh' ann a sheo, eadar sealg 's iasg, coille 's gach dad a dh'fheumadh iad. Agus 's e am màl a bha na daoine a' pàigheadh a h-uile bliadhna dhan uachdaran treis ag obair air an staid air an fhearann aige fhèin. Agus nuair a bheireadh iad uimhir seo de lathaichean ag obair, bha am fearann saor aca an uair sin.

Ach cha robh de theaghlach aig an uachdaran a bha seo ach aona ghille. Agus thuirt e ris fhèin, on a bha gu leòr dhen t-saoghal aige, gun ionnsaicheadh e an gille ann am foghlam cho math agus a rachadh aige air, agus cho fad agus a mhaireadh òr 's airgead dha, gum faigheadh e am foghlam a b' fheàrr a ghabhadh toirt dha.

'S ann mar sin a bha. Bha e ann an sgoil, sgoil bheag 's sgoil mhòr, 's às a sin colaiste, colaiste na b' àirde na sin mu dheireadh gus an robh e làn ionnsachaidh, nach robh facal ri thoirt dha ann an àite sam bith.

Nuair a bha e ullamh ionnsaichte thàinig e dhachaigh, agus bha e a' dol a ghabhail seilbh air an àite nuair a bhiodh athair, nuair nach biodh e comasach dha gun cumadh e an t-àite a' dol. Cha robh e uabhasach fada co-dhiù nuair a thug am bodach dha a h-uile dad a bh' ann, [???] fhèin. Co-dhiù bha esan a' fàs sean, agus cha dèanadh e feum. Cha robh e airson turas a ghabhail ri mòran de rud co-dhiù ach an aire a thoirt dha fhèin fhad 's a bhiodh e beò. Agus thug e an riaghladh 's a h-uile dad a bh' ann dha mhac.

Bha a mhac a-nist, bha diofar mòr ann seach am bodach. Bha e ann am measg luchd-foghlaim 's ann am measg dhaoine a bha urramach, beairteach, shuas anns an taobh a deas far an robh e anns a' cholaiste mu dheireadh anns an robh e shuas fhathast.

Bha e cho eòlach anns an dùthaich a bh' ann a shin agus air cor na dùthcha, agus thuirt e ris fhèin gum feuchadh e fhèin ris an t-àite a bh' aige fhèin a dhèanamh car coltach riutha, mar a bha na daoine sin a' dèanamh, agus gun tàirngeadh e cuideachd luchd-turais a-nuas às an taobh a deas, agus gun dèanadh sin feum. Agus an ceann ùine gun a bhith fuathasach fada, tha e coltach gun tàinig beagan de luchd-eòlais a bha e fhèin eòlach orra anns a' cholaiste a-nuas air lathaichean saoirsne, agus bha iad a' fuireach a-staigh aige. Bha an gnothach a' còrdadh riutha glè mhath. Bha sealg 's bha iasg 's bha h-uile sìon pailt gu leòr anns an àite.

Ach 's e an rud a b' iongantaiche a bha iad sin a' faicinn uile-gu-lèir, na daoine bochda a bhith a' faighinn còir air an iasg, 's a' dol a-mach chun nan lochanan 's a' dol chun nan aibhnichean, agus iad a' marbhadh an èisg mar a bha iad fhèin. Agus dh'fhaighneachd iad de mhac an tighearna a bha seo dè bu sgialt dha a bhith a' leigeil leis na daoine a bha sin a bhith a' marbhadh an èisg

"Ò," ars esan, "siud an lagh," ars esan, "a bh' aig m' athair, agus," ars esan, "cha do dh'atharraich mise fhathast e."

"An-tà," ars iadsan, "nan atharraicheadh tu e agus gun toireadh tu air na daoine ud stad a dh'iasgach, thigeadh mòran dhaoine ann an seo, agus chuireadh e a-staigh òr 's airgead dhut fhèin agus dhan oighreachd agad, agus bhiodh tu gu math dheth, nas fheàrr dheth na tha thu."

Co-dhiù nuair a dh'fhalbh iad sin smaoinich e gura h-e na briathran a bha iad seo a' labhairt mu dheidhinn an àite 's mu dheidhinn an fhearainn gu math a b' fheàrr a fhreagradh airsan na mar a bha e aig athair 's aig a sheanair roimhe. Agus 's ann a rinn e suas litir chun a h-uile duine a bha air seilbh air an fhearann aige, agus gun robh an obair a bha seo tuilleadh, a' dol dhan bheinn, a' dol chun nan aibhnichean 's a' dol chun nan lochanan, ri stad a-mach bhuaithe seo, agus duine sam bith a gheibhte ann, a-mach o leithid seo a latha, gun rachadh a pheanasachadh air a shon. Agus rud eile dheth, gun rachadh am fearann a thoirt bhuaithe agus a chur a-mach às an dùthaich.

Fhuair a h-uile duine riamh na litrichean, agus cha b' ann gu math a chòrd iad riutha. Cha robh fios aca gu dè a dhèanadh iad no gu dè mar a bhiodh iad beò, a thaobh bha annlann aca daonnan gun cheannach, leis an iasg agus leis an t-sealg a bheireadh iad às a' bheinn. Agus bha siud gan dìth agus cha robh fios aca gu dè mar a bhiodh iad beò.

Ach co-dhiù bha aon fhear a' fuireach ri taobh taigh an uachdarain, agus cha robh... bha e pòsta cuideachd, ach cha robh de theaghlach aige ach aon nighean. Agus 's e nighean uabhasach fhèin maiseach a bh' innte, na cruth 's na cumadh. Agus còmhla ris a h-uile duine a fhuair brath, 's fhuair iad uile e, fhuair athair na h-ighinn seo e fhèin an aon litir agus a fhuair càch, nach robh math dha fhèin turas a bhith aige ris a... sealg no coille no iasg.

Bha sgoil aig an nighinn a bh' ann a sheo agus rachadh aice leughadh a dhèanamh agus sgrìobhadh a dhèanamh. Agus dh'innis i dhan bhodach mar a bha.

"Ò uill," ars am bodach, ars esan "'s e gnothach bochd," ars esan, "a tha siud. Tha mise," ars esan, "a' fàs sean," ars esan. "Ach," ars esan, "ma bhios tusa às mo dhèidh," ars esan, "faodaidh," ars esan, "gur e tu as motha dh'fhairicheas," ars esan, "an lagh a tha sin," ars esan, "na mise."

"Ò," ars ise, "chan eil eagal dhòmhsa," ars ise. "Na cuireadh e dragh sam bith oirnn. Leig sibhse leis," ars ise. "An rud a tha esan," ars ise, "airson a chur air aghaidh, thèid e air aghaidh co-dhiù," ars ise, "'s chan eil againn," ars ise, "ach a leigeil seachad."

Co-dhiù ann am beagan ùine às a dhèidh sin - bhiodh e mar [???] aige airson a bhith a' dol dhan bheinn feuch dè chitheadh e, a' dol a shealgaireachd ma dh'fhaodte dè chitheadh e, no am faiceadh e duine sam bith a-mach mu na beanntan. Agus an latha bha seo, anmoch san fheasgar, bha e a' tilleadh. Bha e car sgìth. Agus b' àbhaist dha a bhith a' dol a-staigh a thaigh a' bhodaich a bha seo 's e ann an [???] an rathaid. 'S am feasgar a bha seo thàinig e a-staigh, agus cha robh a-staigh ach an nighean.

"Seadh," ars esan, "a bheil agad ach thu fhèin?"

"Chan eil," ars ise.

"Càit," ars esan, "a bheil fear an taighe?"

"Ò," ars ise, "tha e a' sealgaireachd."

"A' sealgaireachd," ars esan.

"Seadh."

"An-tà," ars esan, "nach d' fhuair d'... d' athair," ars esan, "litir," ars esan, "bhuamsa," ars esan, "gun robh a leithid sin a rud," ars esan, "air stad?"

"Ò fhuair," ars ise. "Fhuair e an litir a bha sin ceart gu leòr," ars ise, "ach an sealg," ars ise, "a tha esan a' faighinn," ars ise, "cha dèan e diofar sam bith oirbhse."

"Dè," ars esan, "sin? Dè mar a tha sin?"

"Ò," ars ise, "a h-uile creutair," ars ise, "a mharbhas esan," ars ise, "tha e gam fàgail a-muigh, ach an fheadhainn a bhios beò bheir e dhachaigh iad, agus cha dèan sin diofar sam bith oirbhse."

"Ò," ars esan, "'s e sealgaireachd iongantach," ars esan, "a tha sin."

Ach co-dhiù cha tuirt e guth ach dh'fhalbh e, agus cha robh e uabhasach toilichte idir. Ach co-dhiù, ged a ghabhadh e an rud car dona 's ann a thill e agus e a' smaoineachadh, tha fhios agad, gum faodadh nach ann a' sealgaireachd dha-rìribh a bha am bodach. Dh'fhaighneachd e dhith:

"An innis thu dhòmhsa," ars esan, "càit a bheil d' athair a' sealgaireachd?"

"Ma ghabhas sibh suas an rathad mar siud," ars ise, "tha," ars ise, "gàrradh aig taobh... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann anseo.]

Calum MacIllEathain (CM): "...suas an rathad mar sin," ars esan... ars ise...

DM: "Ma ghabhas sibh suas an rathad," ars ise, "ann a shiud," ars ise, "agus seallaidh sibh," ars ise, "an gàrradh a th' aig an locha an siud, tha e," ars ise, "air cùl a' ghàrraidh agus chì sibh e."

Ghabh an tighearna, mac an tighearna, suas agus air a shocair fhèin, agus ràinig e an gàrradh agus fhuair e am bodach ann a shin, agus thug e treis a' coimhead air. Agus chunnaic e an uair sin le dhà shùil an t-sealgaireachd a bha am bodach a' dèanamh. Agus nuair a smaointich e air na briathran a labhair an nighean ris, cha robh facal aice ach an dubh-fhìrinn, ach bha e toilichte gu leòr air a shon sin nuair a chunnaic e nach robh diofar sam bith san t-sealgaireachd, agus ghabh e dhachaigh.

Ach bha e a' smaoineachadh aige fhèin fad na h-oidhche gum feumadh gura h-e boireannach uabhasach fhèin glic a bh' ann an nighean a' bhodaich, agus 's ann a thuirt e ris fhèin gun sgrìobhadh e litir a-màireach gu a h-athair, feuch an dèanadh e a-mach cinnteach gu dè an còrr gliocais a bh' ann an ceann nighean a' bhodaich. Agus 's e sin a rinn e, nuair a dh'èirich e anns a' mhadainn agus a ghabh e a bhiadh. Sgrìobh e litir chun a' bhodaich, agus dh'fhalbhadh ga h-iarraidh a-nuas chun an taighe, agus gun robh trì ceistean cudromach aige ri fhreagairt, dhàsan.

Fhuair iad an litir. Leugh an nighean an litir, agus dh'innis i dha h-athair mar a bha, gun robh aige ri trì ceistean cudromach a fhreagairt do mhac an tighearna.

"Ach air an t-saoghal mhòr," ars esan, "dè mar a tha mise," ars esan, "a' dol," ars esan, "a fhreagairt cheistean," ars esan, "do mhac an tighearna?" ars esan. "Duine," ars esan, "gun sgoil, gun ionnsachadh," ars esan, "gun fhoghlam fon ghrèin," ars esan, "mar a tha mise," ars esan, "dè mar thèid agam air ceist?"

"Thalla thusa ann," ars ise, "'s ge brith gu dè a chanas e riut," ars ise, "ge brith co-dhiù thuigeas tu iad 's gu nach tuig, no mura dearg thu air am freagairt, canaidh tu ris," ars ise, "e a thoirt ùine dhut gus an smaointich thu. Agus feumaidh e sin a dhèanamh. Bheireadh e ùine dhut," ars ise, "airson na ceistean a fhreagairt mura bi fios agad aig an àm orra, agus mura h-aithnte dhutsa," ars ise, "am freagairt," ars ise, "freagraidh mise iad."

'S ann mar seo a bha. Dh'fhalbh am bodach air a shocair fhèin suas gu taigh an tuathanaich, gu taigh an tighearna a bha seo, agus dh'fhaighneachd e dheth an deargadh e air trì ceistean sònraichte a bha e a' cur air a fhreagairt.

"An-tà," ars esan, "chan eil fhios a'm. Ach," ars esan, "feuchaidh mi riutha."

"Trobhad a-staigh ann a sheo, ma-tà," ars esan.

Thàinig e staigh. Agus:

"An innis thu dhomh," ars esan, "càit a bheil meadhan an t-saoghail?"

"An-tà," ars am bodach, ars esan, "dh'innseadh," ars esan, "ach cha b' fhuilear leam," ars esan, "treis de dh'ùine air a shon sin."

"An innis thu dhomh," ars esan, "dè an aon rud," ars esan, "as cumhachdaiche a th' air an t-saoghal?"

"Innsidh," ars am bodach, "cuideachd."

"'S an innis thu dhomh," ars esan, "gu dè an aon rud," ars esan, "as laige a th' air an t-saoghal?"

"Innsidh," ars am bodach, "cuideachd. Ach," ars esan, "cha b' fhuilear leam," ars esan, "gun toireadh tu dhomh," ars esan, "a-nochd," ars esan, "co-dhiù," ars esan, "gu feasgar a-màireach, agus thig mi thugad," ars esan, "agus breithnichidh mi dhut," ars esan, "na ceistean a tha sin."

"Gheibh thu sin, ma-thà," ars esan. "Agus," ars esan, "bi a-bhos ann a sheo feasgar a-màireach agus cluinneam-sa," ars esan, "na freagairtean."

Dh'fhalbh am bodach agus dh'innis e dhan nighinn mar a bha.

"Cha b' urra dhut," ars ise, "gin dhiubh a fhreagairt."

"Ò," ars esan, "cha b' urrainn dhomh gu dearbh. Gu dè," ars esan, "am fios a th' aig duine sam bith," ars esan, "cà 'il meadhan an t-saoghail?"

"An-tà," ars ise, "thèid thu," ars ise, "far a bheil mac an tuathanaich a-màireach agus sin agad a' chiad cheist a chuireas e ort, agus innsidh tu dha agus innsidh mise dhut e."

"'S gu dè," ars esan, "a tha mi a' dol a chantail ris?"

"Buailidh tu," ars ise, "am bata am meadhan an rùim, agus canaidh tu ri mac an uachdarain," ars ise, "e a thomhas às a siud," ars ise, "chun an taobh eile, air a h-uile taobh air an togair e, agus gum faigh e an aon astar agus gur e siud meadhan an t-saoghail."

"An-tà," ars am bodach, ars esan, "chan eil mi ag ràdh," ars esan, "nach eil sin ceart."

"Tha," ars ise, "cho ceart 's tha mise ga chantail riut."

"Gu dè a-nist an aon rud," ars am bodach, ars esan, "as laige a th' air an t-saoghal?"

"Tha," ars ise, "snàithle beatha mhic an duine, agus ma tha esan foghlamaichte tuigidh e sin glè mhath."

"'S gu dè," ars esan, "an rud as treasa a th' air an t-saoghal?"

"Tha," ars ise, "an teine. 'S e," ars ise, "teine," ars ise, "a tha san t-saoghal air fad. Tha e anns an talamh 's anns na creagan. Nam biodh aon lasag air a chur ris," ars ise, "ghabhadh e 's cha robh air an t-saoghal a chuireadh às e."

"Uill," ars esan, "canaidh mise sin," ars esan, "ri mac an tighearna," ars esan, "co-dhiù," ars esan, "a bhios e toilichte no diombach."

'S ann mar sin a bha. Feasgar an làrna-mhàireach dh'fhalbh am bodach 's thàinig e gu pongail gu taigh an tighearna.

"Seadh," ars esan, "tha thu air tighinn."

"Tha."

"Ma-tà," ars esan, "innis dhòmhsa a-nist," ars esan, "càit a bheil meadhan an t-saoghail."

Bhuail am bodach am bata air meadhan an ùrlair, am meadhan an rùim, agus thuirt e ris:

"Tomhaiseadh sibhse," ars esan, "às a siud," ars esan, "chun an taobh eile," ars esan, "taobh sam bith a thogras sibh," ars esan, "agus cuiridh mi geall," ars esan, "gur e an aon astar a th' ann."

"An-tà," arsa mac an tu-... an tighearna," ars esan, "tha sin," ars esan, "ceart gu leòr. Dè a-nist," ars esan, "an rud as laige," ars esan, "a th' air an t-saoghal?"

"Tha," ars esan, "snàithle beatha mhic an duine. "Chan eil," ars esan, "snàithle eile," ars esan, "air a dhèanamh," ars esan, "a tha cho lag ris. Cha ghabh e dèanamh," ars esan. "Cha do rinneadh e 's cha dèanadh e."

"Seadh," ars esan. "Dè," ars esan, "an rud as treasa a th' air an t-saoghal?"

"Tha," ars am bodach, "an teine. 'S e," ars esan, "teine a tha san t-saoghal. Tha e anns an talamh 's anns na creagan," ars esan. "Nam biodh aon lasag air a chur ris," ars esan, "gun gabhadh e," ars esan, "cha bhiodh air an t-saoghal a chuireadh às e. Agus sin agad an rud as treasa," ars esan, "a th' air an t-saoghal."

"Seadh," ars esan, "glè mhath," ars esan. "Feumaidh tu a dhol sìos," ars esan, "'s gum faigheadh tu biadh."

Thugadh dha biadh 's deoch. Agus nuair a fhuair e sin chaidh e dhachaigh.

Chaidh e dhan bheinn-sheilg an làrna-mhàireach, agus nuair a bha e a' tilleadh bha fios aige math gu leòr, ged a fhreagair am bodach na ceistean nach e a fhreagair an toiseach iad. Thadhail e ann an taigh a' bhodaich. Cha robh e a-staigh idir ach bha an nighean a-staigh. Agus:

"An-tà," ars esan, nuair a bha e treis a' cracaireachd rithe a-staigh, 's gun ann ach duine òg co-dhiù, "mura biodh," ars esan, "agus gu bheil e," ars esan, "anns an lagh agam fhìn," ars esan, "agus aig mo sheòrsa," ars esan, "chan fhaca mi gin riamh," ars esan, "a chuirinn air thoiseach," ars esan, "airson," ars esan, "thu a bhith na do bhean-phòsta agam. Ach," ars esan, "tha an lagh," ars esan, "cho cruaidh," ars esan, "agus chan fhaod mise," ars esan, "gin a phòsadh," ars esan, "ach," ars esan, "nighean fearainn shaoir. Agus," ars esan, "tha an gnothach," ars esan, "fuathasach duilich," ars esan. "Cha ghabh," ars esan, "sin leasachadh. Ach," ars esan, "tha mi a' dol a dhèanamh," ars esan, "aon rud," ars esan, "a nì deagh chuideachadh dhuibhse," ars esan. "Bheir mise fearann saor," ars esan, "dha d' athair," ars esan, "às a dhèidh seo," ars esan, "agus cha bhi fios aig duine sam bith air," ars esan, "gun d' fhuair e e. Agus," ars esan, "cha bhi," ars esan, "an rud cho trom ortsa agus cha bhi e cho trom air d' athair. Agus dh'fhòghnadh e beagan lathaichean," ars esan, "no beagan uaireannan a chur a-staigh," ars esan, "nuair a bhios feum air shuas" ars esan, "air an stàit, air an fhearann," ars esan. "Agus nì sin an gnothach," ars esan, "ach cha bhi fios aig duine sam bith air," ars esan, "ach mi fhìn 's tu fhèin air."

"Tha sin," ars ise, "glè mhath."

Ach co-dhiù, fhuaradh... sgrìobh esan litir, agus chuireadh gu h-athair i, gu athair na h-ighinn, gun robh a-nist a' chroit aige 's am fearann a b' àbhaist dha bhith ag obrachadh, gun robh e saor aige gun mhàl, gun dad, agus gun dèanadh sin deagh chuideachadh dha fhèin agus dhan nighinn, ach gun robh e... gum biodh sin eadar e fhèin agus an nighean, nach biodh fios aig duine eile gun d' fhuair e e, a thaobh nach biodh e freagarrach dha innse gun do thachair a leithid dhàsan seach duine sam bith eile a bha sa ghleann.

'S ann mar seo a bha an gnothach co-dhiù. Thuirt am bodach ris an nighinn:

"Ò," ars esan, "rinn e," ars esan, "glè mhath."

"Ah rinn," arsa... arsa... ars ise, "e glè mhath gun teagamh, ach dh'fhaodadh," ars ise "gun dèan e nas fheàrr fhathast."

Dh'fhalbh i an uair sin agus chaidh i gu taigh an uachdarain i fhèin, agus thug i leatha an litir. Agus thuirt i gun robh a h-athair-se a-nist air fàs sean agus nach dèanadh e feum air fearann ann, agus gum faodte a-rithist gum bristeadh e a-mach ann am measg dhaoine gum faodadh gun d' fhuair e a leithid agus nach robh e airson turas a ghabhail idir ris, gun robh e airson an rud a chur air ais agus fhàgail mar a bha càch agus nàbaidhnean eile a bha mun cuairt, nach robh e airson leth-oireachas no cothrom a thoirt dhàsan seach mar a bha càch, nam faigheadh esan e gum bu toigh leis e a bhith aig a h-uile duine.

"Cha ghabh e idir e?" ars esan.

"Ò cha ghabh," ars ise.

"'S gu dè," ars esan, "mud dheidhinn fhèin?" ars esan. "Chan eil annad ach boireannach òg," ars esan. "Nach cuireamaid," ars esan, "am fearann nad ainm fhèin?"

"Ceart gu leòr," ars ise.

Chaidh e a-staigh agus sgrìobh e litir, agus dhùin e i agus thug e dhi i, agus chaidh e fhèin pìos an rathad leatha. Bha iad suas pìos... Pìos an rathad leatha, agus dh'fhàg e feasgar math aice.

Dh'fhalbh ise 's chaidh i dhachaigh, agus dh'innis i dhan bhodach mar a bha, gun d' fhuair ise am fearann, gun robh am fearann aigesan ceart gu leòr na ainm fhèin fhathast, ach gur ann aicese a bhiodh am fearann an dèidh a bhàis - 's e sin nam fanadh i ann, ach nach robh fhios gu dè mar a dh'èireadh dha sin.

"Ach tha mi," ars ise, "a' dol a-màireach," ars ise, "far a bheil e," ars ise. "Tha turas beag agam ris fhathast," ars ise. "Cha do... cha do rinn e," ars ise, "an dìleab," ars ise, "cho math 's a bu chòir dha idir. Cha do rinn e," ars ise, "a sgrìobhadh," ars ise, "dhuinn," ars ise, "cho math 's a bu chòir dha idir. Tha mi," ars ise, "a' dol far a bheil e a-màireach fhathast."

"Ah 's fheàrr dhut," ars am bodach, ars esan, "leigeil leis mar a tha e na dragh sam bith a chur air. Agus," ars esan, "tha sinn," ars esan, "glè mhath, mar a sgrìobh an duine," ars esan. "Tha e glè fhreagarrach," ars esan, "air an dithis againn. Nan tachradh dhutsa," ars esan, "falbh," ars esan, "dh'fhaodte," ars esan, "gum faighinn-sa cuideigin eile," ars esan, "a thigeadh a-staigh còmhla rium," ars esan, "agus tha m' ainm fhìn fhathast ann. Agus air an làimh eile," ars esan, "ma dh'fhalbhas mise romhad," ars esan, "nì thusa an rud a thogras tu leis. Agus fàg e mar a tha e."

Cha do leig ise oirre dad co-dhiù. Ach an làrna-mhàireach nuair a fhuair i air dòigh, agus a sgioblaich i i fhèin cho math agus a dh'fhaodadh i, ghabh i suas air a socair gu taigh an tighearna, agus thuirt i ris a' chiad duine a thachair rithe gun robh i airson mac an tighearna fhaicinn. Ò chitheadh i sin. Agus chaidh i a-staigh dhan rùm far an robh e. Agus:

"A bheil thu ag ràdh rium," ars ise, "tha litir ann a sheo," ars ise, "a fhuair mi bhuaibh a-raoir. Bha mi a' coimhead oirre, agus bha mi a' cuimhneachadh," ars ise, "air briathran a labhair sibh," ars ise, "an oidhche roimhe siud," ars ise, "nuair a thàinig sibh às a' bheinn-sheilg. Bha sibh ag ràdh," ars ise, "nach robh e," ars ise, "ceadaichte dhuibh," ars ise, "gabhail," ars ise, "gu bràth mar bhean-phòsta, ach fear... ach nighean fear fearainn shaoir. Agus," ars ise, "sin nuair a thug mi greis a' leughadh na litreach agaibh a-raoir," ars ise, "'s ann a smaointich mi," ars ise, "gura h-e nighean fearainn shaoir," ars ise, "fear fearainn shaoir," ars ise, "a bh' annam fhìn. Agus feuch," ars ise, "a bheil siud ceart. Agus siud agad," ars ise, "an litir a sgrìobh sibh fhèin."

Thòisich e air coimhead oirre.

"Tha thu ceart gu leòr," ars esan. "'S e," ars esan, "nighean... nighean," ars esan, "fear fearainn shaoir," ars esan, "a th' annad. Agus," ars esan, "on is e," ars esan, "agus gu bheil mise eòlach ort," ars esan, "agus gu bheil fhios a'm," ars esan, "gu bheil thu," ars esan, "gu math nas fheàrr na gu leòr a dh'fheadhainn," ars esan, "dhe mo sheòrsa fhìn," ars esan, "cha bhi gin agam gu bràth," ars esan, "ach thu. Agus cha bhi agad ach a bhith a' dèanamh deiseil, agus cha bhi an deiseileachd mòr."

'S ann mar seo a bha. Dhealaich iad gu rèidh, rianail, agus chaidh e pìos an rathad còmhla rithe. Agus chaidh i dhachaigh. Agus cha robh i uabhasach fada a-staigh nuair a dh'innis i dha h-athair gun robh mac an tighearna a' dol ga pòsadh.

"Seadh," ars esan, "mac an tighearna a' dol gad phòsadh?"

"Seadh," ars ise. "'S e mise," ars ise, "a tha gus a bhith aige, gun ghin eile ach sin."

"An-tà," ars esan, "tha sin gu math neònach," ars esan, "air neo tha an lagh air atharrachadh, airson cha chreid mise," ars esan, "gun robh còir aig," ars esan, "mac an tighearna," ars esan, "air do leithid-sa," ars esan, "a ghabhail idir."

"Carson sin?" ars esan... ise.

"Ò," ars esan, am bodach, a h-athair, "tha lagh aca sin," ars esan, "agus chan fhaod iad a ghabhail," ars esan, "ach an [???] fhèin. 'S e sin," ars esan, "gille sam bith," ars esan, "a bhios a' dol," ars esan, "a phòsadh an t-seòrsa sin. Chan fhaod iad a ghabhail ach nighean fear fearainn shaoir."

"'S nach e sin," ars ise, "a th' annam fhìn?"

"Ò," ars esan, "chan eil annamsa ach duine bochd."

"An-tà," ars esan [sic], "nach do leugh mi dhuibh an litir," ars esan [sic], "a sgrìobh e fhèin," ars esan [sic], "an oidhche reimhid? Agus," ars esan [sic], "nach e," ars esan [sic], "fear fearainn shaoir a th' annaibh fhèin? Nach eil am fearann an-asgaidh agaibh, agus nach mise an nighean agaibh fhad 's a bhios sibh beò?"

"Ò," ars esan, "tha sin ceart gu leòr. Tha thu," ars esan, "ceart gu leòr an sin." Cha robh ach cha robh an ùine fuathasach fada co-dhiù gus an tàinig mac an tighearna agus feadhainn eile còmhla ris a' dèanamh còrdadh air nighean a' bhodaich. Agus bha iad sin toilichte gu leòr on is e nighean fearainn... fear fearainn shaoir a bh' innte. Cha robh ann ach an rud a bha san lagh, agus ge brith gu dè mar a bha i, bha an lagh air a choileanadh nuair a bha i na nighean fearainn... fear fearainn shaoir.

Ach co-dhiù thàinig an seo oidhche an rèitich, agus tuilleadh de dhaoine còmhla ris. Agus nuair a shuidh iad mun cuairt a' bhùird, agus iad a' dol a dh'iarraidh na h-ighinn air a h-athair, rud a bha coltach gu leòr, thuirt a h-athair gun robh esan deònach gu leòr, agus nach... nach robh esan a' smaoineachadh gum faigheadh i fear gu bràth cho math ri mac an tighearna, ach gum biodh e ro-thoilichte, agus nach robh idir an nighean aigesan cho math agus bu mhath leis i a bhith a' dol a ghabhail a leithid a dhuine.

Dh'fhaighneachdadh an uair sin dhith fhèin an robh i deònach, an robh h-uile sìon ceart gu leòr.

"An-tà," ars ise, "cha ghabh mise idir," ars ise, "mac an tighearna," ars ise, "mura toir e dhomh," ars ise, "trì iarrtais. Tha sin," ars ise, "ann an làthair," ars ise, "a h-uile duine a th' ann a sheo. Agus feumaidh e," ars ise, "ma bheir e dhomh iad," ars ise, "sgrìobhadh sìos dhomh."

"Gu dè bha sin?"

"Ò leabhra," ars ise, "chan eil ann ach rud glè bheag. Ma thachras dhomh fhìn 's dha fhèin," ars ise, "gun tèid sinn gu bràth far a chèile, no gun dealaich sinn, cha bhi mi," ars ise, "ag iarraidh," ars ise, "ach trì ultaich bheag," ars ise, "a bheir mi a-mach às a thaigh, agus sin mo chuid. Agus ma bheir e dhomh làmh-sgrìobhaidh air a sin, bidh mi riaraichte, agus thèid a h-uile sìon air aghaidh."

Dh'fhaighneachdadh dheth dè bha e am beachd.

"Och," ars esan, "gu dearbh fhèin," ars esan, "cha chuir sin dragh sam bith ormsa," ars esan. "Trì ultaich bheag," ars esan, "a thogas tusa," ars esan, "a-mach," ars esan, "às mo thaigh," ars esan. "Cha bhi sin," ars esan, "ach gu math aotrom ormsa," ars esan.

Sgrìobhadh sìos le peann 's inc sin 's thugadh dhi e 's phaisg i e. Chaidh an rèiteach air aghaidh 's chaidh am pòsadh 's a' bhanais air aghaidh. Agus bha iad rèidh, riarach, ceart còmhla, agus bha iad cho toilichte ri dithis.

Agus ann an ceann na bliadhna rugadh pàiste gille dhaibh, agus neo-ar-thaing othail mhòr an uair sin air mac an tighearna. Agus gu dè bha ach dà nàbaidh a bh' air an fhearann aig mac an tighearna, chaidh iad far a chèile mu dheidhinn dà bheathach eich a bh' aca. Bha an dà nàbaidh a bha seo ri taobh a chèile, agus bha làir aig an darna fear agus searrach aice. Agus bha am fear eile agus 's e each a bh' aige, mar a chanas iad beathach air a ghearradh. Agus nuair a thàinig àm deireadh na bliadhna agus a bha an cròthadh - bhiodh iad a' cròthadh nan eich - a h-uile h-oidhche bha searrach an nàbaidh a bha seo a' leantail each an fhir eile. Agus nuair a ruigeadh an searrach agus an t-each taigh an duine a bh' ann an sin, cha robh e ach a' leigeil a-staigh na dhà. Thigeadh an nàbaidh a bha seo a-nall agus chanadh e:

"Dh'fhalbh an searrach agam an dèidh an eich agad."

"Och," ars am fear eile, ars esan, "nach eil e," ars esan, "ceart gu leòr," ars esan. "Nach eil rùm gu leòr aige a-staigh an siud?"

"Nach neònach," ars am fear eile, ars esan, "mar a tha e," ars esan "a' leantail an eich? Nach leanadh e a mhàthair 's i ann a shiud? Bidh e," ars esan, "còmhla ri a mhàthair fad an latha, agus feasgar thèid e còmhla ris an each agadsa, agus thèid e dhachaigh còmhla ris."

Ach co-dhiù bha sin a' dol air ais... air aghaidh ùine. Agus nuair a thàinig toiseach an earraich, 's ann a chaidh am fear leis bu leis an searrach ga iarraidh, agus e airson gun ceangladh e a-staigh e, eagal agus gum biodh e a' falbh còmhla ri each an fhir eile, 's eagal air gum biodh e a' cur dragh air, no gum biodh e a' toirt da sìon sam bith, biadh. Bha e airson a chumail bhuaithe buileach. Agus nuair a ràinig e, cha toireadh a nàbaidh gearradh dha dhen... dhen t-searrach.

"Tha mise," ars esan, "ga chumail," ars esan, "ann a sheo a leithid seo a dh'ùine," ars esan, "agus 's ann... 's ann leam fhìn," ars esan, "a tha e."

"Ò," ars am fear eile, ars esan, "chan eil," ars esan, "e leat idir," ars esan. "'S ann tha an searrach," ars esan, "leamsa. Feumaidh tu a thoirt seachad."

"Chan fhaigh thu," ars esan, "bìdeag dheth."

Mu dheireadh chaidh iad a-mach air a chèile cho fada agus gum b' fheudar do bhodach na làire teicheadh, agus chan fhaigheadh e bìdeag dhen t-searrach on fhear eile. Cha robh a-nist luchd-lagha ann anns an àm a dhèanadh ceart ach an t-uachdaran a bhiodh air an fhearann. Agus daonnan 's e an t-uachdaran a bhiodh a' dèanamh an lagh. Cha robh...

CM: San latha a bh' ann cha bhiodh duine a dhèanadh ceart ach uachdaran fearainn. Seadh ma-thà. Tha mi duilich a bhith cho fada.

DM: Cha robh ann ach... 's ann a rinn an duine bochd a bha seo aig an robh an làir agus an searrach, ach rinn e a-nuas dìreach far an robh an t-uachdaran, agus dh'innis e dha gu rèidh, riaghailteach mar a rinn a nàbaidh air, 's mar a chùm e bhuaithe an searrach, agus nach toireadh e dha bìdeag dheth, agus gun robh e an dòchas gun dèanadh iad [???], ma bheireadh e an searrach air ais agus a thoirt on duine aig an robh e, a thaobh gur ann leis fhèin a bha e, 's ann aig an làir aige a bha e.

"An-tà," arsa mac... ars an tighearna, ars esan, "'s e an lagh," ars esan, "a nì mise dheth sin," ars esan, "cuiridh mi," ars esan, "brath," ars esan, "air an duine a tha sin," ars esan, "e a thighinn ann a sheo," ars esan, "agus an searrach a thoirt leis, agus cuideachd am beathach a tha sin," ars esan, "a th' aige," ars esan, "a tha e a' leantail. Agus thig thusa ann a sheo a-màireach," ars esan, "agus an làir agad fhèin," ars esan, "agus chì sinn," ars esan, "an uair sin," ars esan, "dè ghabhas dèanamh."

'S ann mar seo a bha. Chuir e brath gu... gu fear an eich a chùm air ais an searrach on duine bhochd eile. Agus dh'fhalbh e làrna-mhàireach suas gu taigh an uachdarain, agus thug e leis an t-each, agus lean an searrach e. Dh'fhalbh am fear eile leis an làiridh.

"Nist," ars esan, "tha pàirc ann a shiud," ars esan, "shìos, agus cuiridh sibh a-staigh," ars esan, "na trì còmhla. Agus," ars esan, "fàgaidh sinn," ars esan, "anns a' phàirc iad," ars esan, "fad an latha gus an tig beul na h-oidhche. Nuair a thig beul na h-oidhche," ars esan, "thig mi fhìn a-nuas, 's leanaidh mi suas an rathad iad," ars esan. "Agus," ars esan, "ge brith," ars esan, "cò," ars esan, "am beathach," ars esan, "a leanas an searrach dhachaigh," ars esan, "sin an duine," ars esan, "aig a bheil còir," ars esan, "air an t-searrach."

'S ann mar seo a bha. Nuair a thàinig beul na h-oidhche thàinig e fhèin a-nuas, agus dh'fhosgladh an geata, agus chaidh duine mun cùlaibh agus thàinig iad a-mach na trì beathaichean agus ghabh iad suas an rathad. Ghabh esan, an t-uachdaran, suas ceum às an dèidh. Ghabh an làir gu taigh an fhir leis bu leis i, ach cha do lean an searrach idir i. Lean an searrach an t-each aig an duine eile, agus chaidh e gu thaigh fhèin a-staigh dha bhàthaich.

"Sin a-nist," ars an tighearna, ars esan, "an duine," ars esan, "leis an leis," ars esan, "an searrach. Agus ge brith cò rug e," ars esan, "siud an duine," ars esan, "leis an leis e."

Cha robh ach cha robh aig an duine bhochd aig an robh an searrach... searrach, ach a dhol dhachaigh agus e gu math tùrsach mar a dh'èirich dha agus an lagh a rinn an t-uachdaran dha, ach cha ghabhadh e leasachadh. Cha ruigeadh e a leas a dhol far an robh e agus a dhol a ràdh ris gu do rinn e ceàrr. Chan e sin a b' fheàrr. Cha do rinn e ach fuireach balbh, sàmhach mar a bha e.

Ach co-dhiù, ann an ceann ùine às a dhèidh sin bhiodh na daoine seo, bhiodh iad ag obair air fearann an uachdarain mar a b' àbhaist, 's lathaichean obrach dha airson an fhearainn, mar a bha e na chleachdadh aig an fheadhainn a bh' ann, aig athair 's aig an fheadhainn a bh' ann roimhe.

Bha am fear on thugadh an searrach le foill, bha e ag obair a-muigh anns a' ghàrradh, agus cò thàinig a-mach ach bean mic an uachdarain agus am pàiste gille a bha seo aice air a gualainn. Bha i eòlach gu leòr air a' bhodach mun do phòs i, ach cha b' àbhaist dhi bhith ga fhaicinn cho goirid siud dhan taigh idir, agus chuir i fàilte air agus chuir am bodach fàilte oirre. Agus bha e a' faighneachd dhith gu dè mar a bha an saoghal a' tighinn rithe, 's:

"Ò," ars ise, "uabhasach fhèin math. Tha mi," ars ise, "cho toilichte," ars ise, "'s a tha an latha cho fada an seo. Tha," ars ise, "a h-uile sìon agam," ars ise, "a dh'fheumas mi," ars ise, "'s chan eil dad a dhìth orm. Dè mar," ars ise, "a tha sibh fhèin?"

"Ò," ars esan, "tha mi glè mhath," ars esan. "Chan eil guth agam ri ràdh. Chan eil sìon a ghearan agam," ars esan, "ach," ars esan, "aon rud, agus tha e a' cur dragh orm," ars esan, "o chionn treis."

"Dè," ars ise, "a tha sin?"

"An-tà tha," ars esan, "an duine agaibh fhèin," ars esan. "Rinn e," ars esan, "lagh dhomh," ars esan, "agus cha robh e airson [???]," ars esan, "ann an dòigh sam bith."

"Seadh," ars ise, "innis dhomh mu dheidhinn."

Dh'innis e dhi mar a chaidh e fhèin agus a nàbaidh far a chèile mun t-searrach a bh' aig an làiridh aige, agus gun tug a nàbaidh a-mach e leis an lagh a rinn an duine aicese, gun tug e òrdan seachad an cur ann am pàirc fad an latha gus an tigeadh an oidhche, agus ann am beul na h-oidhche a leigeadh a-mach iad. Am beathach a leanadh an searrach gur h-e sin an duine aig an robh còir air, agus a gheibheadh e.

"Agus," ars esan, "lean an searrach agamsa," ars esan, "each an duine eile," ars esan, "agus chaidh e dhachaigh còmhla ris. Agus thuirt e," ars esan, "gura h-e siud an duine," ars esan, "leis bu leis," ars esan, "an searrach," ars esan. "Tha e coltach ge brith cò rug e," ars esan, "gur e siud an duine a bha còir aige air a bhith aige. Agus," ars esan, "bha sin ceàrr," ars esan, "agus bha e a' cur dragh ormsa," ars esan. "Agus tha an searrach a-nist," ars esan, "'na bheathach mòr aig an duine sin," ars esan, "a bh' aig an làiridh agamsa. Agus a bheil sibh fhèin a' faicinn a-nist," ars esan, "sin," ars esan, "na lagh ceart?"

"Ò," ars ise, "chan eil e ceart idir. Tha e fada, fada bhuaithe. Ach," ars ise, "thèid agamsa air dòigh a chur air a sin, ma ghabhas tusa mo chomhairle."

"Gabhaidh," ars an duine, "mise," ars esan, "ur comhairle gun teagamh."

"An-tà," ars ise, "tha," ars ise, "bidh an duine agamsa glè thric a' dol dhan bheinn, dhan bheinn-sheilg a-mach an sin, agus bidh e a' dol a-mach a-màireach. Agus seall," ars ise, "an loch a tha siud shìos," ars ise, "aig taobh an rathaid."

"Tha."

"An-tà," ars ise, "nuair a... Bheil," ars ise, "salann agad a staigh?"

"Tha," ars esan.

"An-tà," ars ise, "bheir leat," ars ise, "puigean salainn ann, agus nuair a bhios an duine agamsa," ars ise, "a' tighinn às a' bheinn, cuir do làmh," ars ise, "anns a' phuigean agus tòisich air caitheadh a-mach an t-salainn air... air an locha. Agus nuair a chì esan thu," ars ise, "a' caitheadh a-mach an t-salainn air an locha, bidh e ga fhaicinn gu math neònach agus faighneachdaidh e dhiot gu dè rud tha thu a' dèanamh an siud. Agus canaidh tu ris," ars ise, "gu bheil thu a' caitheadh," ars ise, "a-mach salann air an locha. Faighneachdaidh e dhìot gu dè tha nad bheachd. Canaidh tu ris gu bheil gum fàs an salann anns an locha. Agus canaidh e riut an uair sin nach eil annad ach duine gun tùr, gu dè mar a tha salann a' dol a dh'fhàs ann an locha agus gun leagh e mum bi e ceart air a' ghrunnd. Canaidh tusa ris an uair sin," ars ise, "gu bheil e ceart cho coltach dhan t-salann fàs anns an locha agus a bha sa... agus a bha dhan ghearran a bha san làiridh fàs anns a' ghearran. Agus tha e neònach leamsa," ars ise, "no bheir sin a shùilean dha agus gun dèan e lagh nas fheàrr dhutsa."

Ò 's ann mar seo a bha. Làrna-mhàireach rinn am bodach mar a dh'iarradh air. Fhuair e am puigean salainn 's chaidh e sìos gu taobh an locha. Nuair bha mac an tighearna a' tighinn às a' bheinn, agus e a' teannadh gu math dlùth air, thòisich e air caitheadh a-mach an t-salainn air an locha, dòrnan an-dràsta 's a rithist. Thug an tighearna sùil air, agus:

"Gu dè, a dhuine," ars esan, "a tha thu a' dèanamh an sin?"

"Tha mi," ars esan, "a' caitheadh a-mach shalainn," ars esan, "air an locha ann a sheo."

"Caitheadh a-mach shalainn air an locha?"

"Seadh," ars an duine.

"Dè," ars esan, "a tha nad bheachd, no dè tha ceàrr ort?"

"Ò," ars esan, "tha mi," ars esan, "airson 's gum fàs an salann anns an loch."

"Ò dhuine gun tùr," ars esan, "dè mar tha thu a' smaoineachadh a dh'fhàsas salann anns an locha agus gun leagh e mum bi e ceart air grunnd an locha?"

"Tha e cheart cho coltach dha," ars esan, "fàs anns an locha agus a bha e dhan t-searrach a bha anns an làiridh agamsa a' fàs anns a' ghearran."

"Ò seadh," ars esan. "Tha mi a' creidsinn," ars esan, "gu bheil."

'S ghabh e air aghaidh. Cha tuirt e an còrr ris.

Ach co-dhiù, nuair a fhuair an tighearna a bhiadh an oidhche sin thàinig e a-nuas agus thuirt e ris a bhean:

"Tha mi a' smaoineachadh," ars esan, "gu bheil mise a-nist," ars esan, "sgìth gu leòr," ars esan, "dhed chuid chleasachd," ars esan. "Tha thu a' toirt comhairlean air daoine," ars esan, "air laghannan a tha mise a' dèanamh," ars esan, "chan eil iad ceart," ars esan. "Tha thusa," ars esan, "a' dèanamh feadhainn nas fheàrr," ars esan. "Agus," ars esan, "às a dhèidh seo," ars esan, "nì thu iad," ars esan, "mar a thogras tu," ars esan, "agus cha bhi an còrr turais agamsa riut. Fàgaidh tu," ars esan, "seo," ars esan, "mo thaigh-sa buileach."

"Ò," ars ise, "tha sin ceart gu leòr," ars ise. "Nì mi sin," ars ise, "nuair a gheibh mi m' iarrtas."

"Gheibh thu sin," ars esan, "d' iarrtas, na h-iarrtasan," ars esan, "a bha thu ag iarraidh," ars esan, "tog leat iad," ars esan. "Bidh thu," ars esan, "dealaichte riumsa," ars esan, "a-mach a-nochd."

"Ceart gu leòr, ma-thà," ars ise. "Tha mise," ars ise, "toilichte gu leòr."

Agus bha an gille na chadal anns a' chreathail. Dh'fhalbh i agus ghabh i chun na creathail, agus thug i a-mach a' chreathail, agus chàirich i air an starsaich i. Dh'fhalbh i an uair sin agus ghabh i gu ciste mòr nan còraichean far am biodh an leabhar... leabhraichean air an cumail agus an t-airgead, agus thog i a-mach i agus chuir i air an starsaich i. Bha e fhèin na shuidhe ann an sèithear agus e a' coimhead oirre. Dh'fhalbh i an uair sin agus ghabh i a-null far an robh e fhèin agus rug i air a' chathair anns an robh e na shuidhe, agus thog i a' chathair agus e fhèin a-mach agus dh'fhàg i air an starsaich iad. Agus:

"Tha a-nist," ars ise, "na trì iarrtasan agam a-muigh," ars ise. "Tha," ars ise, "faodaidh tu an rud a thogras tu a dhèanamh," ars ise, "ach tha na dhà a tha seo agamsa, a' chreathail agus a' chiste mhòr, ach fàgaidh mi thusa," ars ise, "far a bheil thu."

"Ò ma-thà," ars esan, "tha mi," ars esan, "a' guidhe," ars esan, "an togail a-staigh air ais."

Agus:

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

CM: "Tha a-nist," ars ise, "na trì iarrtasan agamsa."

DM: "Tha na trì iarrtasan agamsa a-nist," ars ise, "a-muigh, agus," ars ise, "is leamsa na dhà sa agus tha mi gan togail leam, am pàiste anns a' chreathail agus ciste mhòr nan còraichean, agus bidh thusa a' dèanamh air do shon fhèin mar as fheàrr a dh'fhaodas."

"Ò seadh," ars esan, "tha sin," ars esan, "glè mhath. 'S math," ars esan, "a rinn thu do ghnothach, ach," ars esan, "air mo chomhairle-sa," ars esan, "agus tha mi a' guidhe ort," ars esan, "thu gan tilleadh a-staigh air ais, agus cha bhi an còrr eadarainn," ars esan, "gu bràth tuilleadh."

'S ann mar seo a bha. Ghabh i a chomhairle agus thill i a-staigh am pàiste agus a' chreathail, agus thug i an uair sin a-staigh a' chiste. Agus an treas rud a thug i a-staigh, rug i air a' chathair agus e fhèin na broinn agus chàirich i e anns an rùm anns an robh e roimhe. Agus às a dhèidh sin cha tàinig facal riamh tuilleadh eatorra. Bha iad gu rèidh, rianail riamh tuilleadh fhad 's a bha iad beò.

Agus sin agaibh mar a chuala mise mu mhac an tighearna agus mun bhean ghlic.

CM: Aidh, aidh, aidh. 'S ann aig ur n-athair a bhiodh i sin ma-thà?

DM: 'S ann.

CM: Ò tha i sin math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good