Search

Prògram Choinnich

Date 03 February 1997
Track ID 4289
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 03.02.1997

Summary

How John Cabot sailed to Canada in 1497.

Norman MacDonald relates the history of the explorer John Cabot, who sailed from Bristol across the Atlantic at the end of the fifteenth century. It is said that he made landfall in Cape Breton. A replica ship is being built and will sail across for the 500th anniversary.

Item Subject/Person

Cabot, John

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Dihaoine a chaidh chuala sinn Rosemary NicCormaig ann an Ceap Breatainn a' bruidhinn air Iain Cabot. Tha iomradh air ann an eachdraidh mar a' chiad neach a chuir cas air talamh Chanada. Tha e cliùiteach dha-rìribh ann an Ceap Breatainn fhèin agus ann an Newfoundland. Chuala sinn aig Rosemary gun robh bàta gu bhith air a togail mar chuimhneachan air a thuras. 'S e a' cheist a th' agam an-diugh, cò e Iain Cabot, agus a bheil e airidh air a chliù? Tha ùidh aig Tormod Dòmhnallach ann an obair beatha Iain Cabot. Tha e anns an stiùidio ann am Port Rìgh. Dè do chor, a Thormoid?

An t-Ollamh Tormod Dòmhnallach (TD): Ò, deagh chor, a Choinnich. Tha thu fhèin ann an deagh shunnd mar as àbhaist?

CM: Chan eil mise dona idir. Nise, tha mi a' dol a thòiseachadh aig an deireadh, an àite tòiseachadh aig an toiseach. Bha Rosemary ag ràdh rudeigin mu dheidhinn gun robhar a' togail bàta mar chuimhneachan air Iain Cabot. Bha mise ag ràdh nach robh càil a dh'fhios agam air càil mu dheidhinn. A bheil a leithid a bhàta ann? A bheileas ga togail?

TD: Ò tha. Fhios agad, tha seo air a bhith a' dol o chionn beagan bhliadhnaichean a-nise. Project a tha seo stèidhichte ann am Bristol, ann an Sasainn, far a bheileas a' togail, mar a chanas iad, a' togail mar a chanas iad replica dhen t-soitheach anns an deachaidh Iain Cabot a-null a Chanada agus a dh'Ameireaga. 'S e am Matthew an t-ainm a bh' air a... a bh' air an t-soitheach, agus thathas ag innse dhòmhsa gur e sin a tha a' fàgail gu bheil an t-ainm Mata, no Matthew, cho bitheanta am measg dhaoine thall ann an... ann an Canada, gur e sin an t-ainm a bh' air... a bh' air an t-soitheach a chaidh a-null an sin. Ach tha iad ag obair ann am Bristol a thaobh 's ann à... 's ann à Bristol a sheòl e, ann an ceithir ceud deug ceithir fichead 's a dhà-dheug, dìreach còig ceud bliadhna air ais. Mar sin, tha e iomchaidh gur ann ann am Bristol a thathas a' dèanamh na h-obrach seo. Tha Bristol riamh air a bhith moiteil, seach gur e port mara a th' ann 's eile, dhen a' cheangal a th' aca le Iain Cabot.

CM: Nise, air ais chun an toiseach ma-thà, a-rèiste, seach gu bheil sinn air sgeulachd a' bhàta fhaighinn air a chur air dòigh. Cò às a bha e?

TD: Uill, 's ann à Venice a bha John Cabot fhèin, ach 's ann do Rìgh Shasainn a bha e ag obair, do Rìgh... dhan Rìgh Eanraig a Seachd, an Seachdamh Eanraig, an dà chuid Iain Cabot fhèin agus a mhac, Sebastian Cabot, a tha a cheart cho ainmeil, ann an dòigh 's dòcha nas... nas ainmeile. Ach bha iad a' faicinn gun robh 's dòcha cothroman nas fheàrr aca a bhith ag obair dha na Sasannaich an àite a bhith ag obair dha na h-Eadailtich, no fiù 's dha na Portuguese no dha na Spàinntich. Ach bidh fhios aig a h-uile duine gur ann às an Spàinn agus le taic bho na h-Eadailtich a chaidh Christopher Columbus a-null na taobhannan sin còig bliadhna na bu tràithe, ged nach tug e a-mach tìr mar a bha e am beachd. Cha do rinn esan ach... ach bualadh caran nas fhaide deas air far an deach Cabot, agus sheachain e, chaill e mòr-thìr Ameireaga le dhol a-steach dha na Bahamas, agus mus do thill e a-rithist, tha mi a' smaoineachadh gu bheil fhios aig a' mhòr-chuid, thug iad sùil air Cuba agus Haiti cuideachd. Ach tha thu ceart le bhith a' ràdh gur e Iain Cabot a' chiad fhear... chan e a-mhàin buileach mar a thuirt thu, a Choinnich, a thug a-mach tìr Chanada. Rinn e sin gun teagamh, ach mòr-thìr Ameireaga mu Thuath an toiseach. Mar sin, tha e aig fìor thoiseach ìmpireachd Shasainn 's ìmpireachd Bhreatainn air feadh an t-saoghail. Sin far an... far an do thòisich e.

CM: Nise, tha mi a' tuigse gu bheil deasbad... uill, chan e deasbad mòr, ach, uill, tha deasbad ann eadar Ceap Breatainn agus Newfoundland, nach eil, mu dheidhinn càit an tàinig e air tìr an toiseach.

TD: Ò tha, eadar na fir-eachdraidh co-dhiù. Agus tha seo air a bhith a' dol treis mhòr a-nist, agus 's dòcha nach eil e na iongnadh seach nach robh fhios aige fhèin far an robh e, no far an robh e a' dol. 'S dòcha nach eil e na iongnadh nach eil fhios aig feadhainn a thàinig às a dhèidh cà 'n do bhuail e tìr. Tha gu leòr a' cumail a-mach nach ann an Newfoundland no ann an Ceap Breatainn a thug e a-mach tìr, ach ann an Labrador. Nist, tha an dàrna rud cho coltach ris an rud eile a thaobh na sgeòil a bhith fìor, ach tha mi a' smaoineachadh a-nist gu bheil fir-eachdraidh a' ràdh gu bheil argamaid math ann airson a ràdh gur ann air cladachan Cheap Breatainn, àite ris an can iad an Cladach a Tuath, no suas gu rubha air a bheil Cape North, a chaidh John Cabot gu tìr an toiseach anns a' Mhatthew. Nist, sin an rud, tha mi a' smaoineachadh, ris an gabhadh a' mhòr-chuid de dh'fhir-eachdraidh, an dà chuid anns an Roinn Eòrpa agus ann an Canada fhèin an-diugh. Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-argamaidean a bh' ann airson Labrador agus Newfoundland caran nas laige an-dràsta na bha iad o chionn, can, leth-cheud bliadhna.

CM: Nise, thathas a' coimhead air a' bhliadhna seo, an t-Ògmhios, nach ann, air a' bhliadhna seo, mar còig ceud bliadhna dha-rìribh bhon an latha a thàinig e air tìr, nach eil?

TD: Tha sin ceart. Thathas a' coimhead air a' cheathramh latha fichead dhen Ògmhios a' bhliadhna seo mar an latha air am bitheas a' comharrachadh còig ceud bliadhna bhon a bhuail iad tìr agus a thog iad bratach Shasainn, an Royal Standard, air a' chladach an sin, faisg air... faisg air Cape North ann an Siorramachd Bhictòria ann an Ceap Breatainn. Agus tha am bratach a tha sin, seòrsa de replica dhen a' bhratach cuideachd, a Choinnich, chunnaic mi fhìn i uair 's uair, tha i aca ann am prìomh bhaile Alba Nuadh, ann an Halifax anns na... an taigh-tasgaidh an sin, anns na public archives. Rinneadh sin ann am Bristol, a' dearbhadh a-rithist an ceangal a bh' aig Bristol bho thùs ris an stòiridh a tha seo, agus ri Alba Nuadh agus Ceap Breatainn ri linn sin. Tha mi a' smaoineachadh gur ann toiseach na linn seo, caran mu naoi ceud deug 's a dhà-dheug no mar sin, a rinn boireannaich ann am Bristol am bratach a bha seo, 's thug iad mar thiodhlac do dh'Alba Nuadh e, mar chomharradh air a... air an turas a bh' aig John... John Cabot. Ach gun teagamh, deireadh na h-Ògmhios am-bliadhna bidh times mhath aca ann a... ann an Ceap Breatainn gun teagamh.

CM: Uill, còig ceud bliadhna air a' bhliadhna a tha seo, a-rèiste, thug Cabot cuideachd cànan ùr do dh'Ameireaga, nach tug?

TD: Ò uill, thug. Thathas a' ràdh gur e seo a' chiad turas a chaidh a' Bheurla a cluinntinn a-riamh ann an Ameireaga, agus tha e a cheart cho coltach gu bheil sin ceart. Uill, thug iad... thug iad an t-uabhas a-null an sin nach robh ann ron a sin. Mar a thuirt thu, an cànan gun teagamh, agus a' chiad casan on taobh seo dhen dùthaich air a' mhòr-thìr, 's a' chiad fhear, mar a thuirt mi fhìn cheana, a thog bratach Shasainn thall an sin. Agus bha sin cudromach a thaobh, bha e mar gum b' eadh a' fosgladh dhorsan dhan fheadhainn ainmeil 's cliùiteach eile a thàinig às a dhèidh, leithid Frobisher 's Hudson 's iad sin, aig an robh fhios cà robh iad a' dol, seach gun do rinn Cabot na h-uimhir a dh'obair an sin. Cuimhnich gur e John Cabot agus Sebastian, gu h-àraid an ath bhliadhna, nuair a chaidh iad air an dara turas, ann an ochd... ann an ceithir ceud deug ceithir fichead 's a h-ochd-deug - tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin ceart agam - a' bhliadhna an dèidh dha a dhol ann airson a' chiad turas, gun do rinn iad an t-uabhas clàraidh air a' chladach timcheall air taobh sear Chanada agus sìos gu far a bheil an t-àite ris an can sinn New England an-diugh, agus tha mi a' smaoineachadh gun do chomharraich iad air clàran uile-gu-lèir suas ri dà mhìle mìle dhen a' chladach a tha sin, rud a bha iongantach agus gun base suidhichte aca ann an àite sam bith, dìreach ag obair a-mach às na... às na soithichean. Mar sin, bha e cudromach ann an iomadh dòigh, a Choinnich.

CM: Ach cha bhiodh acras orra co-dhiù, agus tha sin mar phàirt dhen an sgeulachd, nach eil, co-cheangailte ris mar a thàinig... thàinig iad gu tìr-mòr ann an Canada an toiseach, nach eil?

TD: Uill...

CM: Bha am... bha am biadh fon cois.

TD: Bha. Bha. Tha rud as fhiach a ràdh, a Choinnich, mu dheidhinn an diofar ann an dòigh a bh' eadar John Cabot a' falbh do Rìgh Shasainn agus leithid Columbus a' falbh à mòr-thìr na Roinn Eòrpa. 'S e sin, cuimhnich, gun robh Columbus 's iad sin a' falbh feuchainn ri na h-Innseachan a thoirt a-mach airson gum faigheadh iad na cùbhraidhean, na spices 's eile a bha sin. 'S e gu sònraichte iasg a bha fa-near do John Cabot, agus dhan fheadhainn a bha Sasainn a' cur a-mach, a thaobh bhathas a' faicinn luach anns an iasg, ge bith cà 'm faighear e. Chan e gun robh iad a' lorg Ameireaga no an dùthaich sin a dh'aon ghnothaich, ach bha tuairmse aca beagan nas fheàrr aig Cabot 's eile, gun robh a leithid a dhùthaich ann, ach bhuail iad an trosg gun teagamh - sin rud eile a bha air... eadar a' chiad fheadhainn a bhuail na Grand Banks agus a fhuair a-mach gun robh na h-uimhir a dh'iasg ann. Tha e air innse - chan eil fhios a'm a bheil seo cinnt le... an gabh e dearbhadh gu deimhinne gus nach gabh, a Choinnich, ach gun robh an trosg cho pailt agus nach fhaigheadh an soitheach a bh' aca a slighe a dhèanadh tron fhairge, tron uisge, seach gun robh i a' dol am bogadh, mar gum b' eadh, gun robh an trosg cho pailt agus gun robh e a' cur stad orra. Mar sin, 's iad a' chiad fheadhainn cuideachd a bha ri iasgach an truisg anns na ceàrnaidhean sin, agus sin a dh'fhàg gun robh iad cho feumail 's cho cuideachail do Shasainn, agus of course, tha fhios gun robh iomadh ceud bliadhna às dèidh sin, Sasainn an eisimeil gu mòr trosg na Grand Banks airson na bha e a' dèanadh de dh'fheum do dh'eaconamaidh Shasainn. Chan eil teagamh air a sin.

CM: Mar sin dheth, sin sgeulachd Cabot, dìreach ann am beagan fhacail. Dh'fhaodadh sinn a bhith air tòrr a bharrachd na sin innse, tha mi cinnteach. Ach 's e crìoch na cùise gu bheilear an-dràsta a' togail a' bhàta a tha sin ann am Bristol, agus gu bheilear an dòchas a' seòladh a-null a Cheap Breatainn air a' bhliadhna seo, nach eil?

TD: Tha. Tha a' bhruidhinn sin ann gun teagamh, a Choinnich, agus ma thachras sin, tha iad am beachd gum buail iad tìr air àite air a bheil an-diugh ann an Ceap Breatainn, an Cabot Trail. Nist, chan eil cuimhn' a'm an robh thu fhèin a' Chabot Trail nuair a bha thu thall ann an Ceap Breatainn, ach sin...

CM: Cha robh, ach tha fhios agam gu bheil e ann.

TD: Rathad iongantach a tha a' fàgail an Trans-Canada Highway faisg air Baile St Anns, dìreach deas air Baddeck, air, mar gum b' eadh, lùb mòr dhen a... dhen a' mhuir an sin, agus tha e a' dol timcheall ceann a tuath an eilein, suas gu baile air a bheil Ingonish, 's an uair sin tarsainn an fhìor mhullaich, am pìos de Cheap Breatainn as fhaisge air Newfoundland, 's an uair sìos an taobh eile tro na h-àitichean Frangach, Chéticamp 's eile, gu... gu Mabou 's na bailtean sin, agus tha e... thathas a' coimhead air a' Chabot Trail, a th' air ainmeachadh às dèidh John Cabot, mar prìomh.... uill, mar fear de phrìomh shlighean turasachd Ameireaga mu Thuath air fad, agus an t-uabhas de dh'Ameireaganaich, na mìltean thar mhìltean de luchd-turais 's de charbaidean 's eile a' tighinn ann a h-uile bliadhna. Agus faodaidh tu a bhith cinnteach, a Choinnich, aig deireadh na h-Ògmhios am-bliadhna seo gum bi na mìltean thar mhìltean thar mhìltean ann, agus a' faicinn na làraich a tha sin, far a bheileas a' comharrachadh, fhios a'd, tha càrn mòr ann a' comharrachadh far a bheileas an ìre mhath cinnteach a-nis a bhuail Iain Cabot mòr-thìr Ameireaga o chionn dìreach còig ceud bliadhna air ais.

CM: Uill, 's e a bhiodh math. Chan e a dhol air a' bhàta - fàgaidh mi sin aig feadhainn eile. 'S e bhiodh math a bhith ann an latha a thigeadh i air tìr, nach bitheadh?

TD: Ò gu dearbh fhèin e. Gu dearbh... 's dòcha gum bi sinn ann, a Choinnich, agus nì sinn... gabhaidh sinn sgrìob a Newfoundland 's a Labrador fhad 's a bhios sinn aige, dìreach airson dèanadh cinnteach nach ann... nach ann an sin a bhuail e tìr, ach ann an Ceap Breatainn.

CM: Bhiodh sin buileach math.

TD: Ceart, chì sinn ann thu, ma-thà.

CM: Tapadh leatsa gu dearbha, a Thormoid. Tormod Dòmhnallach ann an sin, ag innse dhuinn beagan de dh'eachdraidh Iain Cabot agus cuideachd mar a thathas ga chuimhneachadh an-diugh air eilean Cheap Breatainn, agus an t-àite ainmeil an sin, an Cabot Trail.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good