Search

Anns an sgeulachd seo, phòs mac tuathanaich an aon nighean a...

Date July 1965
Track ID 43722
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1965.84.A3

Original Tape ID

SA1965.084

Summary

In this story, a farmer's son married an only daughter but solved the problems in his own and his in-law's family.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT901

Transcription

Pàdraig MacCarmaig (PM): Bha gille... bha gille tuathanaich ann o chionn fada agus bha e airson pòsadh. Agus bha fhios aige fhèin cà 'n rachadh e nam faigheadh e i ri pòsadh. Nighean bodaich a bh' ann agus nighean caillich. Cha robh aige ach e fhè-... i fhèin.

Latha dhe na lathaichean dh'fhalbh e agus chuir e air airson gun rachadh e ga h-iarraidh airson a pòsadh.

Ah bha seo glè mhath, 's ghabh e chun an taighe, ach bha am bodach ag obair air buain le corran. Dh'iarr e air a' bhodach suidhe agus gun gabhadh iad smoc.

"Ò cha shuidh," ars am bodach, "chan urrainn mi. Tha mi ro thrang."

"Carson nach suidh thu?" ars esan.

"Ò," ars esan, "chan urrainn dhomh suidhe."

"Ò," ars esan, "suidh thusa," ars esan, "agus mise a' dol a dh'iarraidh na h-ighinn agad ri pòsadh."

"Ò uill," ars am bodach, "tha sin math gu leòr," ars esan, "agus bhithinn-sa glè thoilichte," ars esan. "Ged a gheibheadh tu i ri pòsadh, 's tusa a gheibh an droch nighean," ars esan.

"Ò suidh thusa," ars esan.

"Ò," ars esan, "cha leig an t-eagal leam," ars am bodach.

Thug e air co-dhiù gun do shuidh e agus ghabh iad smoc. Agus bha an dithis acasan a-staigh, am màthair 's an nighean, agus bha iad a' coimhead a-mach air an doras air a bha iadsan nan suidhe a' gabhail smoc.

"Thugainn a-nist," ars esan, "suas chun an taighe," ars esan, "agus mise a' dol a dh'iarraidh na h-ighinn agad ri pòsadh."

"Ò tha an t-eagal orm," ars esan, "a dhol suas," ars am bodach. "Tha an gnothach glè chruaidh orm a-staigh," ars esan.

"Ò," ars esan, "feumaidh tu a dhol suas," ars esan, "mum faigh mise an nighean."

"Uill, 's e seo mar a bhitheas," ars am bodach. "Falbhaidh mi còmhla riut," ars esan. "Agus air a dh'iarras tu an nighean ri pòsadh," ars esan, "diùltaidh mise i. Agus air a dhiùltas mise an nighean tha an gnothach cinnteach," ars esan, "gum faigh thu i. Bidh iad nam aghaidh uile," ars esan. "Agus sin mar a bhios an gnothach," ars esan. "Agus na gabh eagal sam bith nach... nach eil mise coma ged a gheibheadh tu i."

Dh'fhalbh iad le chèile agus ghabh iad suas. Ò, cha robh ann ach taigh mì-dhòigheil co-dhiù. Cha robh being ann ach planga agus bha cliabh aig ceann a' phlanga a bhiodh aca ag obair air mòine no rudeigin. Thàinig am bodach a-staigh agus shuidh e air a' chliabh, agus ghabh an gille òg suas agus shuidh e air a' phlanga. Ò, nighean a' bhodaich, thòisich i air càineadh a h-athar.

"Carson," ars ise, "nach do shuidh sibh a-nuas, athair, gun a bhith nur suidhe air a' chliabh?"

Agus fhuair am bodach a-nuas an uair sin air a' phlanga ri taobh athar. Thòisich iad air dèanamh biadh, agus air neo-ar-thaing nach robh iad brèagha ris a' ghille òg. Rinneadh am biadh co-dhiù agus chuireadh a-null gu seòrsa de bhòrd iad.

Thug am fear sin làmh air dràm, agus thug e a' chiad tè dhan chaillich agus tè eile dhan bhodach. Agus dh'innis e an uair sin ceann a sheud 's a shiubhail.

"Agus," ars esan ris a' bhodach, "bu toigh leam an nighean agad fhaighinn ri pòsadh," ars esan. "Chuala mi gun robh i glè mhath," ars esan, "agus tha beagan de dh'eòlas agam oirre."

"Ò ge brith gu dè," ars esan, "a bheir mise seachad," ars esan, "cha toir mi seachad an nighean. 'S ann a tha innte," ars esan, "nighean ro mhath dhòmhsa."

"Ò dùin do bheul," ars a' chailleach. "Carson nach fhaigh e i," ars ise, "mac tuathanaich? Gheibh e an nighean gun teagamh," ars ise. "Dùin thusa do bheul."

"Ò uill," ars esan, "ma tha sibh fhèin deònach," ars esan, "tha mise deònach gu leòr," ars am bodach.

Chaidh an gnothach a chur air n-adhart agus rinneadh am pòsadh. Bha am bodach mar a bha e riamh ag obair, agus thug esan leis an nighean agus chan fhaca iad riamh iad gu ceann bliadhna a-rithist ann as t-fhoghar. Thàinig e fhèin agus a bhean a choimhead air a' bhodach 's air a' chaillich.

Bha am bodach a' buain anns a cheart àite anns an robh e an-uiridh leis a' chorran, agus ghabh an nighean dhachaigh còmhla ri a màthair, agus ghabh esan sìos far an robh am bodach. Dh'iarr e air a' bhodach suidhe.

"Cha shuidh," ars am bodach, "mi idir."

"Bheil thu am-bliadhna," ars esan, "mar a bha thu an-uiridh?"

"Tha," ars am bodach, "mura bheil nas miosa."

"Suidh thusa," ars esan, "'s gabh smoc. Cuiridh mise air dòigh sin."

Ghabh e smoc co-dhiù. Agus:

"Thugainn a-nist," ars esan, "suas chun an taighe."

"Ò cha tèid mi dhachaigh idir," ars esan.

"Ò uill," ars esan, "falbhaidh tu còmhla riumsa a dh'olc no a dh'èiginn," ars esan, "agus feumaidh tu a dhol dhachaigh."

Air a chaidh iad suas chun an taighe bha an dithis a bha sin anns an doras nan coinneamh agus dh'fhaighneachd iad dhiubh:

"Cà 'il sibh a' dol an-dràsta," gu faramach an aghaidh a' bhodaich agus a' ghille.

Dh'fhalbh e agus ghabh an gille a-staigh, agus bha slatan caol shìos an ceann shìos an taighe, a bhiodh a' dèanamh chliabh no rudeigin, agus rug e air tè dhe na slatan agus dhochainn e a bhean a-mach air an doras leis an t-slait, agus rug e an uair sin air a' chaillich mhòir agus leag e air an ùrlar i agus fhuair i na steàraidhean. Agus leum a' chailleach mhòr a-null agus rug i air an duine agus chuir i a dhà làimh mu amhaich agus phòg i e.

"M' eudail bheag," ars ise, "cha do rinn thusa leithid siud a-riamh ormsa," ars ise.

Agus dh'fhalbh an gille dhachaigh às dèidh na mnatha, agus chan eil fhios gu dè cho math 's a bha a' chailleach dhan bhodach. Cha leigeadh i leis boinne uisge a bhualadh air tuilleadh fhad 's a bha i ann. Agus bha iad fhèin gu math rèidh. Agus rinn e dà dhro-... dheagh bhean dhen dà dhroch bhean.

Dhealaich mise rithe.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Glè mhath, a Phàdraig. 'S cà 'n d' fhuair sibh i seo?

PM: Ò ghràidhein, chan eil cuimhne a'm.

DE: An ann... 's ann an seo fhèin a chuala sibh i?

PM: 'S ann, o chionn fada.

DE: Ò, glè mhath.

Catrìona NicCarmaig (CN): Tha fhios aig Ailig [???] a chuala thu i?

PM: Ò chan ann. Chan eil cuimhn' a'm idir cò... tha mi a' smaointinn gur ann aig Iain mac Mhurchaidh a chuala mi i.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good