Search

Tàillear Sgitheanach ann an Glaschu airson a' chiad uair.

Track Information

Original Track ID

SA1963.9.A6

Original Tape ID

SA1963.009

Summary

A Skye tailor's first visit to Glasgow.

Friends made a tailor from Skye, who went to Glasgow for the first time, drunk. When he wakened the next morning one of the men convinced him he was in hell.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT835A*

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Siuthadaibh ma-thà.

Dòmhnall MacAoidh: Bha tàillear an siud anns an Eilean Sgitheanach. Agus anns an t-seann aimsir, an taigh anns am biodh tàillearachd ri dhèanamh cha robh ach a' cur fios air an tàillear airson a dhol ann.

Agus dh'fhàs a-nist an tàillear cho eòlach, a' wander-adh air feadh a h-uile h-àite. Dh'aithnicheadh e a h-uile duine. Bhiodh e a' faighinn beagan airgid on a h-uile duine. Agus cha robh e riamh an Glaschu no sìon. 'S bhiodh e a' cluinntinn naidheachdan uabhasach à Glaschu.

Chaidh e seo dhachaigh. Bha e a' cantail ri mhàthair na bha e a' cluinntinn de naidheachdan 's de ghnothaichean mu dheidhinn Ghlaschu.

"Nach fheàrr dhut fhèin," ars ise, a mhàthair, "a dhol cuairt a Ghlaschu airson tha beagan airgid agad a-nist 's gum faiceadh tu fhèin Glaschu."

Agus dh'fhalbh an tàillear an latha a bha seo 's chaidh e sìos gu ruige Port Rìgh, 's chaidh e air bòrd anns an stìomair. Agus dh'fhalbh e air an stìomair 's ràinig e Glaschu.

Nuair a ràinig e an cidhe aig Glaschu bha Sgitheanaich ann a shineach ag obair air a' chidhe. Agus dh'aithnicheadh a h-uile duine an tàillear. Bha iad cho eòlach air a thaobh gun robh e o thaigh gu taigh. Agus mar a bha a h-uile tlachd air an tàillear, bha e uabhasach dèidheil air dràm. Agus, och thug iad leotha e.

"Thugainn."

Thug iad a-staigh dhan taigh-sheinnse e 's thug iad deoch gu leòr dhan tàillear.

"Feumaidh sibh," ars an tàillear, "loidseadh fhaighinn dhòmhsa."

"Och, gheibh sinne loidseadh dhut gun teagamh."

Agus thug iad suas gu taigh anns an robh ban-Sgitheanach a' fuireach e, dìreach bìdeag os cionn a' chidhe. Agus:

"Ò gheibh thu," ars ise, "loidseadh an seo," ars ise, "fhad 's a thogras tu."

Agus bha sin math gu leòr. Thug iad a-mach an tàillear dhan taigh-sheinnse air ais. Bha iad shìos. Bha iad ag òl an sin 's ghabh iad uile an deoch. Mar a dh'èireas dhan deoch bha duine 's duine a' tràghadh air falbh. Mu dheireadh thall cha robh duine aig an tàillear ach e fhèin.

Thàinig an tàillear a-mach às an taigh-sheinnse, 's an deoch ga dhalladh. Cha robh fhios aige on t-saoghal cò an taobh a bheireadh e aghaidh. Agus dh'fhalbh e co-dhiù, agus bha e a' coiseachd suas. Agus ràinig e an seo bun craoibhe, agus thuirt e ris fhèin:

"Tha mi a' dol dìreach a dhèanamh lie down ann a sheo."

Agus cà robh e ach shuas aig Maryhill, agus bha toll-guail ri taobh Maryhill ann a shin. Agus bha Èireannach agus Sgitheanach a' dol a dh'obair dhan toll-ghuail. Agus nuair bha iad a' dol a-staigh chunnaic iad an duine a bha seo na shìneadh.

"Dhia," ars an Sgitheanach, "tha... thèid sinn a-null," ars esan, "ach am faic sinn an duine a tha seo. Ò Dhia," ars an Sgitheanach, "sin agad," ars esan, "tàillear a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich. 'S aithnte dhòmhsa e."

Agus bha an tàillear bochd marbh leis an deoch. Agus thuirt an t-Èireannach:

"'S fheàrr dhuinn," ars esan, "a thoirt sìos dhan toll-ghuail."

Thug iad sìos an Sgitheanach... an tàillear. Agus bha an tàillear gun dùsgadh, 's chuir iad a dh'àite shìos anns an toll-ghuail e.

Agus seothach nuair a bha iad a' faighinn relieve, a' phàrtaidh a bha seo, thuirt an Sgitheanach ris an Èireannach:

"'S fheàrr dhomh," ars esan, "a dhol a dhùsgadh an tàilleir."

"Dad," ars an t-Èireannach. "Leig mise," ars esan, "far... dùisgidh mise e," ars esan. "Fan thusa am falach."

Dh'fhalbh an t-Èireannach 's dhùisg e an tàillear. Phut e e.

"Ò Dhia," ars an tàillear nuair a dh'fhosgail... "Càit a bheil mi," ars esan, "mar seo?"

"Ò," ars an t-Èireannach, ars esan, "tha thu ann an Ifhrinn."

"O Dhia," ars an t-Èireannach [sic]. "Cuin a thàinig mi an seo?"

"Thàinig thu ann," ars esan, "a-raoir." Agus: "Och," ars an t-Èireannach, "bidh thu math gu leòr ann a sheo. Chan eagal... diofar dhut."

"Dè," arsa... ars an t-Èireannach, "an obair a chòrdadh e riut? Dè an obair a bh' agad a chòrd riut?"

"Uill," ars an tàillear, "nuair a bha mi air an t-saoghal eile," ars an tàillear, "'s ann nam thàillear a bha mi."

"Am biodh tu airson faighinn nad thàillear ann a sheo?"

"Bhitheadh gu dearbh," ars an... ars an tàillear.

Dh'fhalbh an t-Èireannach 's fhuair e pocannan 's uill... snàthad mhòr 's snàth, 's thuirt e ris an tàillear:

"Uill," ars esan, "nì thu briogais suas air a siud," ars esan, "agus," ars esan, "bidh i deiseil agad," ars esan, "aig sia uairean."

Bha an tàillear ag obair ann a shin 's dùil aig an tàillear fad an t-siubhail gur ann an Ifhrinn a bha e. Agus seothach aig sia uairean thuirt an t-Èireannach ris an Sgitheanach:

"'S fheàrr dhomh," ars esan, "a dhol a dhùsgadh an tàilleir."

"Fan thusa," ars an t-Èireannach, "agus dùisgidh mise e."

Chaidh an t-Èireannach suas far an robh e 's dhùisg e e, agus botal uisge-bheatha aige.

"Seo," ars an t-Èireannach, "dràm."

"Ò cha ghabh mi idir e," ars an tàillear, "'s gur e an deoch a chuir an seo mi," ars esan. "Bha
mo mhàthair ag ràdh rium," ars esan, "duine sam bith a bhios air a' mhisg gur ann dìreach an Ifhrinn a dh'fhosgladh e a shùilean."

"Hod," ars an t-Èireannach, "àite math a tha seo," ars esan. "Gabh sin," ars esan.

Dìreach, thug an t-Èireannach air an tàillear dìreach làn a bhroinne dhen deoch òl gus an robh an t-Èireannach... an tàillear cho marbh leis an deoch 's a bha e a' dol sìos dhan toll-ghuail.

Dh'fhalbh iad an uair sin 's thog iad an tàillear air falbh, 's thug iad dhan taigh-loidsidh e anns an robh e an oidhche mun d' fhalbh e.

Agus làrna-mhàireach dh'fhosgail an tàillear a shùilean 's choimhead e a-mach agus chunnaic e an stìomair air an tàinig e dìreach bìdeag shìos aig a' chidhe. Agus cha do leig e dad air, ach dh'èirich e sìos, 's ghabh e dhan stìomair. Cha do dh'èi-... charaich e às an stìomair gus do ràinig i an t-Eilean Sgitheanach air ais.

Agus chaidh e dhan eaglais Didòmhnaich, Là na Sàbaid. Agus bha am ministear ann a shin a' preach-adh air, gum feumadh daoine gnìomhan math a dhèanamh airson an Droch Àite a sheachnadh. Dh'èirich an tàillear.

"Ist, ist, ist," ars esan ris a' mhinistear. "Chan eil e," ars esan, "a leth cho dona 's a tha thu ag ràdh," ars esan. "Mise a bh' ann," ars esan, "'s fhuair mi biadh 's deoch ann."

DE: Ò uill tha i sin math. An ann an seo fhèin a chuala sibh i?

AM: 'S ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good