Search

A' sealg ròn agus mhucan-mara ann an Ùig.

Date November 1965
Track ID 44355
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1965.132.B6-B8

Original Tape ID

SA1965.132

Summary

Hunting seals and whales in Uig.

Conversation about hunting seals and whales in Uig. When the contributor was young some people would hunt seals using guns. They ate the blubber but not the flesh. Oil was made using the whale blubber. He tells an anecdote about a minister who permitted his congregation to hunt whales on the Sabbath. There are also some brief remarks on words relating to sheep.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): 'S a-nise, bha sinn a' bruidhinn air na ròin 's air na mucan-mara 's na mucan biast mar sin. Tha thu a' dèanamh dheth gun robh iad a' cur nam mucan... na mucan-breac, an e?

John Norman MacDonald (JM): 'S e.

IM: Air tìr.

JM: 'S e.

IM: Seadh. 'S dè na seanchasan a th' agad, no dè an t-iomradh a th' agad air dad dhen a seo? A h-uile dad air an cuimhnich thu.

JM: Chan eil... cha chuala mise mòran iomradh a-riamh orra, ach a bheil fhios agad, abair... air... sealg sam bith riamh gu sònraichte, ach an dà uair, an turas a bha ministear Bhaile na Cille thall ann am Beàrnaraigh a' cumail searmoin. Bhiodh e a' dol ann uair anns a' mhìos no rudeigin mar sin. Agus an latha sa thàinig fear a-steach fadalach, an dèidh dhan an t-seirbheis tòiseachadh, 's bha e a' bruidhinn ris an duine a bha ri thaobh, agus thug e sin [?aoideag] dhan an fhear a bha ri thaobh fhèin air an taobh eile, 's sgaoil an còmhradh tron a' choitheanal. Agus mhothaich am ministear gun robh rudeigin neo-àbhaisteach ann, agus 's ann a dh'fhaighnich e dè bha a' tachairt. Agus dh'èirich am fear a thàinig a-steach leis an naidheachd 's dh'innis e dha gun robh sgaoth dhe na mucan-breac a' dol a-steach a Cheann Tùlabhaig. Agus thuirt am ministear, ma bha sin mar sin, iad a bhith a' dol às dèidh nam mucan-breac; nach beireadh iad orra ach an-dràsta, ach gum beireadh iad air an t-searmon uair sam bith eile.

Nise, an dàrna iomradh a chuala mi air sealg mhuc dhen t-seòrsa sin, 's e uair agus, air Tràigh na Craobhaig, agus bha bràthair-seanar dha Calum Matheson air an Riof, bha e ann an tè dhe na h-eathraichean. Chaidh a bhàthadh air Tràigh na Craobhaig. Tha mi a' creidsinn gur e sin fhèin as coireach gu bheil... gun robh iomradh air an tè sa, air an t-sealg sa.

IM: Seadh. Agus dè an t-ainm a bh' air an duine sin, a bheil dad a dh'fhios agad?

JM: Tha, Dòmhnall.

IM: Seadh. Agus 's e Mathanach a bh' annsan fhèin?

JM: 'S e, 's e. 'S e. Bha triùir bhràithrean mana robh ceathrar aca air an Riof ann a shin, taobh [???]. Calum a bh' air seanair Chaluim Matheson thall an taobh ud. Agus Murchadh air fear eile dhiubh. Agus Dòmhnall. Chan eil mi a' smaoineachadh gun robh Dòmhnall pòsta. Chan urrainn dhomh a ràdh.

IM: Seadh, dìreach. Agus an robh iad a' dèanamh feum sam bith, a bheil dad a dh'fhios agad, dhen an t-saill no dhen an fheòil no...?

JM: Chan eil fhios a'm an robh iad a' dèanamh feum dhen a' chàrr.

IM: 'S e sin am facal a th' agaibh?

JM: 'S e. Ris an ròn. Ri feòil ròin 's feòil na muic-mhara.

IM: An dà chuid?

JM: 'S e. Agus a' phèileag cuideachd. A' phèileag.

IM: Dè bh' anns a'...?

JM: Porpoise.

IM: Ò an e pèileag a chanas sibh...?

JM: Pèileag a chanas sinne ris.

IM: Agus am biodh iad ga sealg, no...?

JM: Ò cha robh. Cha robh a' phèileag. Cha robh. Cha robh. Cho fad 's a tha lorg agamsa cha robhas ga sealg. Ach bhiodh iad a' dèanamh feum dhe... bhiodh iad a' dèanamh ola air saill na muice co-dhiù. Agus 's iongantach mana robh iad ga h-ithe cuideachd, bhon cha robh e air a ghràdh nach robh co-dhiù. Ach eadhon na mo latha fhìn bha feadhainn ann a dh'itheadh saill an ròin, ach cha robh iad ag ithe a' chàrr.

IM: Cha robh. Agus cha robh iad a' sealg an ròin a dh'aon ghnothach, an robh?

JM: Corra dhuine ann, dìreach ma bha miann aige, ma bha dèidh aige air, agus dheigheadh iad a shealg an ròin airson pìos dhen an t-saill fhaighinn.

IM: Seadh, dìreach. Agus an ann le gunnaichean a bhiodh iad a' dèanamh sin?

JM: Ò 's ann. Ò 's ann.

IM: 'S cha robh iomradh sam bith air a bhith a' dol a-mach dha na sgeirean far am biodh na ròin a' breith?

JM: Ò cha robh. Chan aithne dhomh gu bheil iad a' dèanamh mòran, mana tèid fear... cho fada 's a tha lorg agam. Mana tèid fear air siabhan, tha fios agad. Mana tèid ròn boireann air siabhan. Bidh uaireannan a bhios corra thè dhe na ròin mhòra ghlasa a' breith anns an t-Sròm air na sgeirean anns an... ann an Loch an t-Sròim. Bidh. Ach chan eil àite ann gu sònraichte mar sin feadh na cladaichean againn cho fada 's a tha lorg agam far am bi iad a' breith. Cha chuala mi iomradh a-riamh air.

IM: Agus dè an rud seo... siabhan?

JM: Sheadh.

IM: Dè tha sin?

JM: Tha, air a dhol ceàrr.

IM: A' dol air siabhan?

JM: Sheadh.

IM: Mar gum biodh a' dol iomrall?

JM: A' dol iomrall. Canaidh iad, ann an Ùig tric, caora a bhios a' dol iomrall, caora gu h-àraid nach eil anns an aona àite bliadhna sam bith às dèidh an cur gun a' mhòinteach, gur e caora shiabhanach a th' ann.

IM: Dìreach. Shiabhanach?

JM: Sheadh.

IM: 'S an canadh sibh conadal?

JM: Canaidh sinn conadal ri caora nach buin dhan an sprèidh, [???].

IM: Dìreach. Nuair a... an e sin nuair a tha sibh air an trusadh?

JM: Dìreach.

IM: 'S i sin nam measg, a' chaora sin?

JM: Air a tha... a h-uile baile a tha a' dèanamh faing, caoraich a bhuineas do bhailtean eile, tha iad a' dol do dh'fhaing aig a... an fhaing chonadail.

IM: Seadh, dìreach. Agus a bheil am facal faodail, no feudail, no can, nan tigeadh tu air caora... 's dòcha gun robh thu ga lorg, caora shònraichte, agus gun tàinig thu oirre dìreach gun fhiosta dhut. Fhuair mi air faodail i, no air feudail, no... cha chuala tu dad mar sin riamh?

JM: Cha chuala.

IM: No caora fhaodalach.

JM: Cha chuala mi am fear sin riamh.

IM: 'S cha chuala tu duine sam bith a' ràdh dìreach, fhuair mi air faodail e, mar gum bitheadh, dìreach le tuiteamas, a bheil fhios agad?

JM: Ò cha chuala mi sin. Ach nan tachradh suidheachadh dhen t-seòrsa sin, 's e a chanainn-sa co-dhiù gun d' fhuair mi air thuairmse i.

IM: Agus a-nise, an cuala tu am biodh iad a' sailleadh saill na muice-mara no saill an ròin, no...?

JM: Cha chuala riamh.

IM: Cha chuala tu guth air a sin.

JM: Cha chuala.

IM: 'S an fheadhainn a dh'itheadh i, 's ann ùr a dh'itheadh iad i?

JM: 'S ann. 'S ann, ri mo linn-sa co-dhiù, 's ann ùr a bha iad ga h-ithe. Bha iad dìreach ga bruich anns a' phreas, no na h-ola fhèin, agus air a dh'fhàsadh i rud ruadh 's rudeiginich tioram, bha iad ga h-ithe. Bha iad ag ràdh gun robh i [???] gu math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair