Search

Niall mac Lachainn agus an gàidsear.

Date 1964
Track ID 45041
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.11.B1

Original Tape ID

SA1964.011

Summary

Neil MacQuarrie and the excise man.

Neil MacQuarrie, the contributor's great-grandfather, made whisky at a place called Uamh a' Bhriuthais. He heard the excise man was coming once when he had a cask of whisky in the house. His wife had just given birth and he hid the cask under her bed. He brought the excise man into the room where his wife was and when he heard she had just given birth, he went away so as not to disturb her.

Item Subject/Person

MacQuarrie, Neil [Niall mac Lachainn]

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Small Isles

Island - Eigg

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach: ...ma-thà, ciamar a bha seo?

Hugh MacKinnon: Ò, thug mi iomradh dhut roimhe, a Dhòmhnaill Eairdsidh, air mo shinn-seanair, Niall mac Lachainn. Chan eil guth air [???], thàinig a-nuas air a' Phìobaire Mhòr, bha mi ag innse dhut mu dheidhinn. Agus bha Niall mac Lachainn, bha briuthas aige, agus e fhèin a' dèanadh uisge-beatha. Agus tha e coltach gun robh e glè mhath air a dhèanadh cuideachd. Agus is math as aithne dhòmhsa an dearbh spot far an robh e ga dhèanadh - uamhag bheag shìos aig bonn nan creag os cionn a' chladaich, agus 's e Uamh a' Bhriuthais a their sinn rithe a dh'ionnsaigh an latha an-diugh. Agus bha e glè ghaolach air an dràm e fhèin cuideachd, agus tha mi cinnteach gur iomadh duine a fhuair dràm air a shàillibh còmhla ris an sin.

Ach bhiodh an gàidsear a' tighinn dhan eilean bho àm gu àm, agus bha amhras air choreiginich aige gun robh Niall a' dèanadh uisge-beatha dha fhèin, rud nach robh air a cheadachadh leis an lagh gun teagamh. Agus... ach cha do ghlac e riamh e. Bha e air a ghràdhainn - chluinninn iad a' bruidhinn a-staigh air, mo mhàthair 's bràthair mo mhàthar, b' e iadsan na h-oghachan aige. Agus co-dhiù, bha turas an seo a thàinig an gàidsear air tìr air taobh thall an eilein, ach mun d' fhuair an gàidsear a-nall bha teachdaireachdadh air tighinn gu Niall gun robh e air an eilean.

Agus aig an dearbh àm a bh' ann, bha bean Nìll, bha i na laighe agus i an dèidh pàiste a chur a dh'ionnsaigh an t-saoghail dà latha roimhe siud. 'S bha Niall còir agus buideal làn a dh'ionnsaigh na h-eàrraidh aige de dh'uisge-beatha a-staigh aig an dearbh àm. Agus cha robh fhios aige fon t-saoghal a-nise càit an robh e a' dol a dh'fhalach a' bhuideil air a' ghàidsear.

Ach smaointich e gur e an rud a dhèanadh e, fhuair e am buideal uisge-bheatha agus rol e a-staigh e fon leabaidh anns an robh a bhean na laighe. Thàinig an gàidsear a dh'ionnsaigh an taighe 's chuir iad fàilte chridheil chàirdeil air a chèile, 's:

"Sheadh a Nìll," ars esan, "bheil sìon agadsa an-dràsta?"

"Ò, chan eil gu dearbh fhèin," arsa Niall. "Cha ruig sibh a leas tighinn an seo an-diugh air los uisge-beatha. Ach co-dhiù, thigibh a-staigh tacan."

'S thug e an gàidsear a-staigh, agus thug e an gàidsear a-staigh dhan dearbh sheòmar anns an robh a bhean na laighe. Agus shuidh iad sìos a sheanchas agus thionndaidh e ris a' ghàidsear 's thuirt e:

"Ò, tha a' bhean agam ann an seo, agus tha i an dèidh pàiste chur a dh'ionnsaigh an t-saoghail air a' bhòn-dè."

"Ò Dhia nan gràs," thuirt an gàidsear, "chan eil mise a' dol a dh'fhuireach a-staigh an seo 's am boireannach... a' cur dragh air a' bhoireannach bhochd nach eil ach dà latha bhon a chuir i pàiste a dh'ionnsaigh an t-saoghail."

'S [???] a-mach a ghabh e, agus gun fhios aige fon t-saoghal gun robh am buideal uisge-bheatha a-staigh fon leabaidh far an robh am boireannach na laighe.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good