Search

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 18.02.1997

Summary

Youngsters give their opinion on marriage.

Four youngsters, two who are at university and two who are still at school, discuss marriage: what they and their friends think about it.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Thug sinn greis latha an t-seachdain a chaidh a' toirt sùil air a' phòsadh. Mar a tha cuid ag iarraidh cùmhnant deich bliadhna an àite cùmhnant beatha. Mar a tha cuid nach eil a' faicinn an adhbhar airson cùmhnant idir. Mar a tha earrann mhòr a tha a' dol a-steach dhan a' phòsadh a' sgaradh. Aon nì a bha annasach a dh'aindeoin sin, nuair a thàinig iad gu bhith a' faighneachd do dh'òigridh am beachd, bha a' mhòr-chuid gam faicinn fhèin a' pòsadh anns na làithean a bha romhpa. Ach air an làimh eile, chaidh a ràdh sa chòmhradh againne le bean-teagaisg nach robh an òigridh ris an do bhruidhinn ise a' faicinn feum sam bith air pòsadh, gun robh iad a' smaoineachadh gun robh e a cheart cho math do dhaoine a bhith dìreach còmhla gun cheangal laghail sam bith. Pòsadh no gun phòsadh, a-rèiste. Beachd an òigridh. Tha ceathrar agam air am bi a' cheist 's dòcha anns na bliadhnaichean a tha romhainn. An toiseach ann an Obar Dheathain, Janice NicÌomhair. Dà rud a tha mi ag iarraidh a dhèanamh. Ur beachdan fhèin fhaighneachd, agus an uair sin 's dòcha beachdan ur caraidean. Janice do bheachd fhèin an toiseach.

Janice NicÌomhair (JN): Uill, tha mise airson pòsadh, ach 's ann aig an àm cheart agus anns an dòigh cheart. Agus, uill, tha mise an seo na mo shuidhe às aonais fàinne air m' òrdag às dèidh - dè? - còig bliadhna, ach sin agad e co-dhiù.

CM: Fuirich a-nise mionaid. Às dèidh còig bliadhna, dè?

JN: Dìreach de suirghe, mar a chanas iad.

CM: Ò, seadh.

JN: Uh-huh.

CM: Tha thu air a bhith a' falbh le fear airson còig bliadhna, a bheil?

JN: Tha.

CM: Agus... Agus a bheil thu a' dol a phòsadh?

JN: Uill, feumaidh mise a bhith faiceallach dè chanas mi, ma bhios e ag èisteachd, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil.

CM: Ach, 's e a tha mi... 's e a tha mi a' ciallachadh an-dràsta, 's e an rùn a th' agad... uill, ged nach b' ann ris an fhear seo, ach ri fear air choreigin eile, gu bheil thu a' dol a phòsadh uaireigin.

JN: Tha. Ach man a tha mi ag ràdh, 's ann aig an àm cheart agus anns an dòigh cheart. Tha sin a' ciallachadh, mar gum b' eadh, gu bheil làrach gu bhith agam, mar eisimpleir, obair stèidhichte agamsa, no aig an duine ris a bha mi gu... a' dol a phòsadh. Agus, och, chan eil mise a' tuigse carson a tha cabhag air a h-uile duine. Agus rud eile, an rud seo mu dheidhinn deich bliadhna, chan eil sin a' dèanamh ciall sam bith. Chan eil mi a' tuigse... Ma tha daoine a' dol a phòsadh, tha fhios againn gur e... tha e ag ràdh anns na rudan - dè bhios iad ag ràdh? - until death do us part. Sin a bhios iad ag ràdh, nach e? Agus chan eil sin a' ciallachadh ann an deich bliadhna.

CM: Tha thusa, a-rèiste, airson gum fuirich cùisean man a... man a tha iad air a bhith.

JN: Uh-huh. Dìreach an seann traidisean. Sin agad e.

CM: Ach dè an-dràsta mu dheidhinn do charaidean? Dè mu dheidhinn na daoine air a bheil thu eòlach ann an sin ann an Obar Dheathain? An canadh iad riut gun robh thu às do chiall, a' falbh leis an aon duine còig bliadhna agus gun... agus sibh fhathast a' fuireach leibh fhèin.

JN: Ach 's e an rud a th' ann, fhios a'd, chan eil... chan eil mise deiseil air a shon air sgàth 's nach eil, mar gum b' eadh, obair agam agus an uair sin bhiodh... bhiodh cus trioblaidean ann an uair sin a' faighinn airgid 's a h-uile càil mar sin. So tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine a' tuigse, ach tha iad fhathast a' feitheamh. Mar eisimpleir, tha mi a' smaoineachadh gu bheil muinntir Rèidio nan Gàidheal fhathast a' fuireach airson cuireadh, ach...

CM: Ò uill, ma thachras e bidh sinn a' feitheamh ri sin, ceart gu leòr. Ach 's e a' cheist a th' agam, ge-tà, sin do bheachdsa, ach a-nise, tha thu eòlach air gu leòr dhaoine, tha mi cinnteach, oileanaich eile, agus tha mi cinnteach gu bheil beachdan diofraichte acasan. Nuair a... dè seòrsa beachd a chanadh tu a th' aig do charaidean air pòsadh? A bheil iadsan ag iarraidh pòsadh? A bheil iad a' creidse ann? No a bheil e mar a chuala sinn an t-seachdain a chaidh an seo, feadhainn òga ag ràdh, chan eil feum sam bith air a seo?

JN: Uill, bha mise a' bruidhinn ri feadhainn dìreach a-raoir agus bha aon bhalach bha e ag ràdh rium gur e rud math a bh' ann, ach 's e mac ministear a bh' ann, so chan eil fhios a'm a bheil sin a' gabhail a-steach dhan a' ghnothaich, ach bha cuid eile ag ràdh, a bheil fhios a'd, nach eil iad a' faicinn cron sam bith ann a bhith a' fuireach còmhla ri cuideigin agus an uair sin 's dòcha pòsadh, airson an uair sin 's dòcha gun toireadh sin sìos, mar a chanas iad, divorce... divorce rates, airson bhiodh fhios aca, can an-dràsta, rudan a bhios a' cur daoine droil, rudan beaga bìodach mar sin. Can an-dràsta, nam biodh iad a' fuireach còmhla ri chèile, gheibheadh iad a-mach a bheil iad freagarrach, am b' urrainn dhaibh fuireach còmhla ri chèile fad a' bheatha. So mar sin, bha iadsan ag ràdh nach eil... a bheil fhios a'd, tha a h-uile duine a' cur sìos air a bhith a' fuireach còmhla ri chèile às aonais pòsadh, ach bha iadsan dhen bheachd gur e dìreach rud math a th' ann. Ach cha robh duine ag ràdh càil mu dheidhinn na cùmhnantan seo, deich bliadhna. Chan eil an sin ach sgudal.

CM: Seadh. Uill, chì sinn. Gheibh sinn beachd daoine eile. Còmhla rium an Glaschu an-dràsta, Iain MacFhionghain. Tha esan na oileanach ann an Glaschu. Iain dè do bheachd fhèin? Chan eil mi a' faighneachd dhut a bheil thu a' dol a phòsadh, ach a bheil thu a' smaoineachadh an-dràsta gum bi thu a' pòsadh latha air choreigin?

Iain MacFhionghain (IMF): Bu chaomh leam. Tha mi a' smaoineachadh gum bu chaomh leam, aidh.

CM: Tha mi a' creidse ma chuala do mhàthair siud gun gabhadh i feagal a beatha.

IMF: Gus fanntaigeadh aig an taigh an-dràsta.

CM: Ach tha a' cheist a tha seo, 's e ceist a th' ann tha fhios agam a bhios ag èirigh, can an-dràsta, gu math tric dha daoine ann an oilthigh, ann an colaiste. Coinnichidh iad ri mòran dhaoine. Diofar bheachdan aca. Dè seòrsa beachdan a tha thusa a' coinneachadh ris ann an Glaschu?

IMF: Uill, aithnichidh mise daoine, tha iad ann a... tha iad a' fuireach ann am flat a tha gu math faisg orm, agus tha am balach, tha esan an ìre mhath a' fuireach còmhla ris an girlfriend aigesan, agus tha tè eile anns a' flat còmhla riutha, 's tha i an dèidh 's gealladh-pòsaidh a dhèanamh mar-thà.

CM: Mar sin dheth, tha an dà... tha an dà bheachd, an dà fheallsanachd, ma tha sinn a' dol cho domhainn orra sin, còmhla.

IMF: Còmhla.

CM: Dè do bheachd fhèin? A bheil sin ag obair?

IMF: Och, chan eil fhios agam. Chaidh mise, chaidh mo thogail ann an taigh far an robh a h-uile duine a' bruidhinn air pòsadh 's gur e rud math a bh' ann am pòsadh, so tha mi a' creidse gu bheil...

CM: Tha mi a' tuigse sin, ge-tà, Iain ach tha sinn a' gluasad air falbh bhon a sin. Dè tha thu a' faicinn ann an sin an-dràsta? Dè tha thu a' faicinn daoine timcheall ort ag ràdh?

IMF: Uill, tha an fheadhainn timcheall orm, chan eil cus de dhragh acasan pòsadh. 'S dòcha gu bheil dùil aca a dhèanamh uaireigin, ach tha iad gu math toilichte an-dràsta a bhith a' fuireach còmhla.

CM: 'S a bheil iad a' faicinn sin mar rud a tha a' dol a sheasamh gu bràth? No an e dìreach rud a th' ann a tha iad a' gabhail bho latha gu latha?

IMF: Tha mi a' smaoineachadh gur e rud latha gu latha a th' ann.

CM: An e rud a th' ann mum bi daoine a' bruidhinn?

IMF: Dè bha sin?

CM: An e rud a th' ann mum bi daoine a' bruidhinn?

IMF: Cha bhi iad a' bruidhinn air ro thric.

CM: Uill, thig sinn... thig mi air ais thugad. Air an loidhne còmhla rium an-dràsta ann an Uibhist a Tuath, tè beagan nas òige na an dithis agaibhse, Màiri NicIllEathain. A Mhàiri, dè do bheachdsa? An còrdadh e riutsa latha air choreigin pòsadh?

Màiri NicIllEathain (MN): Uill, feumaidh mi ràdh, uaireigin tha mi an dòchas gum pòs mi, ach tha mi a' smaoineachadh gur e rud uabhasach cudromach a tha seo. Tha iad a' ràdh, an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach, agus chaidh mo thogail-sa le pàrantan aig an robh mòran meas agus urram airson a' phòsadh aca, agus dh'ionnsaich iad dhomh gur e rud a th' ann a tha a' ceangal dithis còmhla cho fad 's a tha an dithis sin beò, agus nach eil sìon a nì sgaradh eatorra ach am bàs fhèin. 'S mar sin, tha fhios a'm gur e rud a th' ann 's dòcha nach eil ri bhith... ri ghabhail ro aotrom, 's gum feum tòrr smaoineachadh a dhol dhan ghnothach.

CM: A bheil thusa a' smaoineachadh, a-rèiste, gu bheil e ceart gu leòr do dhaoine, do chupaill, a bhith a' dol a dh'fhuireach còmhla ri chèile mus pòs iad, airson dèanadh... airson a bhith cinnteach gur ann mar seo a tha e, gu dearbha, gu bheil iad ag iarraidh a bhith còmhla ri chèile a' chòrr dhem beatha?

MN: Chan eil mi a' gabhail ris a sin idir. Cha chreid mi... 's dòcha gu bheil tòrr dhaoine aig... anns am biodh... aig am biodh duilgheadasan a' fuireach còmhla, ach chan eil sin ach rud a dh'fheumadh obrachadh air, agus nan dèanadh daoine obair air, cha chreid mi 's dòcha nach obraicheadh e a-mach gun teagamh, nan dèanadh daoine oidhirp air feuchainn ri fuireach còmhla ann an dòigh... ann an deagh dhòigh.

CM: Ach nuair a bhios tu fhèin agus do bhana-charaidean, 's dòcha na gillean, ma bhios còmhradh agaibh ann an sin uair sam bith, ciamar a tha, anns an fharsaingeachd, a tha daoine a' faicinn seo? A bheil iad ag aontachadh leatsa? No a bheil beachdan diofraichte ann?

MN: Uill, cha chreid mi nach eil tòrr de dhiofar bheachdan ann. Tha... tha sinn uile diofraichte, agus tha fhios againn gu bheil... 's dòcha gu bheil feadhainn againn a tha ag iarraidh pòsadh nuair a tha sinn òg, agus 's dòcha a dh'obraicheadh a-mach, ach tha feadhainn eile againn agus tha fhios a'm... tha fhios againn nach obraich... nach obraicheadh e a-mach. Tha sinn airson dreuchdan math 's rudan. Ach feadhainn eile tha iad ag iarraidh dìreach pòsadh sa mhionaid.

CM: A bheil thu a' faicinn gu bheil tòrr dhaoine òga ga fhaicinn gu math cudromach, mar a chuala sinn aig Janice aig an toiseach, gu bheil obair aca, gu bheil dreuchd aca, gu bheil airgead a' tighinn a-steach mus pòs iad?

MN: Uill, mar a thuirt mi, tha feadhainn ann, cha bhiodh diù a' choin aca dhan obair. 'S dòcha nach eil iad ag iarraidh... chan eil iad ag iarraidh a dhol a dh'obair, gu colaistean 's obair mhath fhaighinn. 'S dòcha gu bheil iad ag iarraidh fuireach 's dòcha fiù an Uibhist fhèin, agus ma tha iad a' suirghe le cuideigin ann a sheo 's dòcha gu bheil iad dìreach ag iarraidh pòsadh sa mhionaid. Tha feadhainn eile ag iarraidh a dhol dhan oilthigh, 's dòcha dreuchd mhath fhaighinn. Tha e suas ris an duine iad fhèin.

CM: Còmhla rium air an loidhne cuideachd, tha gille a tha san àrd-sgoil air an Tairbeart anns na Hearadh. Iain MacIllEathain. Iain.

Iain MacIllEathain (IME): Seadh.

CM: An e an rud a tha seo mun do smaoinich thu fhèin mòran a-riamh?

IME: Uill, cha do smaoinich. Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, bha... dìreach bha, fhios agaibh, bha rudeigin... rudan eile air m' inntinn, deuchainnean 's rudan mar sin. Cha robh mi a-riamh a' smaoineachadh air pòsadh.

CM: Tha mi a' creidse agus aig an ìre sa nan cluinneadh duine gun robh, gun gabhadh iad beagan de dh'eagal cuideachd. Ach can an-dràsta, a' coimhead romhad anns na bliadhnaichean a tha romhainn an-dràsta, am biodh tu a' smaoineachadh gur dòcha, can, ann an deich bliadhna, fichead bliadhna, gum biodh tu pòsta.

IME: Uill, tha mi an dùil gum bi, fhios agaibh. Tha cuimhne a'm nuair a bha mi beag, bhiodh mi a' ruith a h-uile àite 's bhiodh mi a' tuiteam, 's bhiodh mo sheanmhair ag ràdh rium, bidh thu slàn math mus pòs thu, 's bhiodh mise a' gal 's [???], 's cha bhi mise pòsta a h-uile triop a thuiteas mi, fhios agaibh, ach tha mi an dùil ann an deich... 's dòcha deich bliadhna gum bi mi pòsta, aidh.

CM: Agus dè an-dràsta do bheachd, ge-tà. A bheil thu a' smaoineachadh gur e an t-seann dòigh an dòigh a chòrdadh e riutsa? No can an-dràsta, nuair a dh'fhàgas tu na Hearadh, nuair a thèid thu... a thèid thu am measg dhaoine eile 's a chì thu 's dòcha daoine... daoine a' cleachdadh dòighean diofraichte, a bheil e dualach gun can thu riut fhèin, uill, cha leig mi leas bann, cha leig mi leas an lagh, cha leig mi leas càil a thoirt a-steach an seo, thèid sinn 's chì sinn cò ris... cò ris a tha e coltach?

IME: Uill, 's e balach traidiseanta a th' annam co-dhiù. Chanainn-sa gur e... gur e an t-slighe traidiseanta an t-slighe ceart airson pòsadh. Chan eil... uill, chan eil càil ceàrr air a bhith a' fuireach còmhla ri duine airson bliadhnaichean mus pòs thu, ach ma phòsas tu aig an deireadh, tha sin ceart, ach mura h-eil càil agaibh às dèidh na bliadhnaichean chan eil mòran... chan eil mòran ri ràdh mu dheidhinn.

CM: Chan eil thusa, a-rèiste, a' faicinn gu bheil càil ceàrr air dìreach, uill, ma tha daoine agus iad am beachd 's dòcha uaireigin pòsadh, iad dhen an rùn gu bheil iad a' dol a dh'fhuireach còmhla ri chèile agus gu bheil iad ag iarraidh a' chòrr dhe am beatha a chur seachad còmhla, chan eil thusa a' faicinn dad ceàrr air iad 's dòcha a bhith a' fuireach còmhla ri chèile mus pòs iad, a bheil?

IME: Chan eil, chan eil. Nam bheachd-sa co-dhiù.

CM: Janice, de do bheachd-sa air a sin?

JN: Uill, 's e dìreach, fhios a'd, tha an dòigh anns a bheil mise an-dràsta, tha e caran diofraichte air sgàth 's gu bheil sinn a' fuireach, fhios a'd... tha aon rud ann ma tha thu a' fuireach anns an aon àite, airson an-dràsta tha mu barrachd air ceud mìle eadar mi fhìn 's an duine, 's mar sin, fhios a'd, chan eil sin a' dèanamh gnothaichean... chan eil sin a' dèanamh ciall sam bith dhòmhsa an-dràsta. Ach... ach tha mi a' tuigse carson a tha daoine a' dèanamh sin, ach cuideachd chan eil fhios a'm carson a tha uiread de chabhag orra. Airson ma tha thu gu bhith còmhla ris an duine sin fad do bheatha co-dhiù, dè an diofar a th' ann dìreach ma dh'fhuireachas sibh dhà no trì bhliadhnachan ach am bi a h-uile càil ceart 's deiseil?

CM: Nach e a h-uile duine agaibh a tha glic, toinisgeil agus... agus ag ràdh rudan rium... rudan riumsa a tha fhios agaibh a chòrdadh e ri ur pàrantan sibh a bhith ag ràdh rium.

JN: 'S dòcha gur e sin an rud a th' ann.

CM: Iain MhicFhionghain, an ann mar sin a tha a h-uile duine agaibh dha-rìribh a' smaoineachadh?

IMF: Tha mi a' smaoineachadh gur ann. Tha sinn cho cleachdte ri bhith... ri na beachdan a tha sin bhon taigh gu bheil e a' leantainn leinn nuair a tha sinn a' fàgail an taigh. Ach nuair a tha thu a' faicinn daoine nach d' fhuair an t-ionnsachadh a fhuair sinne, man na daoine a tha mise a' coinneachadh shìos an seo, tha beachdan eadar-dhealaichte aca.

CM: 'S a bheil, ma tha iadsan a' fuireach còmhla ri chèile, a bheil sin... càil a choltas air gu bheil e ag obrachadh a-mach ceart gu leòr?

IMF: Uill, tha an nighean a bha sin air an robh mi a' bruidhinn, a tha an dèidh 's gealladh-pòsaidh a thoirt, tha ise toilichte gu leòr, fhad 's a tha mi a' faicinn.

CM: Ach bidh iad a' coimhead ortsa an-dràsta mar fhear a thàinig a-nuas às na h-eileanan 's tha thu gu math seann fhasanta na do dhòighean, am bi?

IMF: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil, ach dud, chan eil e a' cur mòran de dhragh orm.

CM: Ach can an-dràsta, a' bheachd a bh' aig Iain an sin an-dràsta, mas e agus gu bheil an t-amas ann daoine fuireach còmhla... a bhith pòsta aig aon àm, 's dòcha nach eil e freagarrach an-dràsta, 's dòcha nach eil airgead gu leòr aca, 's dòcha gu bheil iad a' faicinn gu bheil e cudromach gum faigh iad obair, a bheil thusa a' smaoineachadh gu bheil e ceart gu leòr dhaibh a bhith a' fuireach còmhla ri chèile an toiseach?

IMF: Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil. Tha...

CM: A bheil thusa, a Mhàiri?

MN: Cha chreid mi gu bheil. Chan eil. Cha chreid mi nach eil... ma tha thu an dùil a bhith cuide ris an duine a tha sin fad do bheatha, cha chreid mi nach eil ùine gu leòr ann nuair a tha airgead agad, nuair a gheibh thu airgead. Carson a dh'fheumas tu a bhith a' ruith a-staigh dhan ghnothach.

CM: Uill, tha e inntinneach gu dearbha a bhith a' cluinntinn na beachdan agaibh, agus ann an dòigh, an rud a tha seo a' sealltainn, an rud a thuirt an rannsachadh mun robh sinn a' bruidhinn an toiseach, 's e sin gun robh an t-uabhas de dhaoine òga ag ràdh gur e an rud a bha iad a' cur romhpa fhèin, gur e an t-amas a bh' aca romhpa fhèin, gun robh iad airson a bhith pòsta anns na bliadhnaichean a tha romhainn, sin ga dhearbhadh, agus 's dòcha a' bheachd a tha sinn a' faighinn, man as trice, 's e sin nach eil daoine òga airson a bhith a' leantainn anns an t-seann nòs, 's dòcha, hmm, uill. Dh'fheumadh sinn sùil eile a thoirt air a sin, 's dòcha. Ach na tha sinn air a chluinntinn an seo an-diugh a' daingneachadh co-dhùnaidhean an rannsachaidh mhòir a chaidh a dhèanamh. Mo thaing-sa gu dearbha do Janice NicÌomhair ann an Obar Dheathain, do dh'Iain MacFhionghain ann an Glaschu, do dh'Iain MacIllEathain air an Tairbeart anns na Hearadh, agus do Mhàiri NicIllEathain ann an Ceann a' Bhàigh ann an Uibhist a Tuath.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good