Search

Dia a' Bhainne an Ì Chaluim Chille.

Date 02 September 1953
Track ID 46103
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.141.A2

Original Tape ID

SA1953.141

Summary

The Milk God of Iona and the refusal of the MacCormack woman.

Iona is famous and visitors have long been attracted by its history and artefacts. They overlook Clach a' Bhainne, the oldest and most unusual stone on the island. This stone is of the type found in Ross of Mull, probably brought by the Irish. The duke caused the new road to be diverted rather than have it moved.

Long before St Columba, milkmaids left a drop of milk on this stone so the Milk God would make their yields richer and more plentiful. When one woman refused to do this, a great voice was heard all over the island, saying her offspring would be known throughout the world as people who constantly poke fire embers. It is still said of such people that they are descended from that woman. She was a MacCormack. There was a MacCormack buried in Iona in 237 AD.

Item Location

County - Argyllshire

Parish - Kilfinichen and Kilvickeon

Island - Iona

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dùghall MacCormaig (DM): Nis, ged a their mise nach eil eilean air an t-saoghal a tha nas ainmeile na Ì Chaluim Chille, cha chreid mi gum bithinn fada ceàrr. Agus leis cho ainmeil 's a tha e, bidh mìltean a' dol a dh'fhaicinn nan seann togalaichean, uaighean nan rìghrean, agus na rudan neònach eile a tha feadh an eilein. A h-uile bliadhna tha mìltean a' dol ann, agus faodaidh sinn a ghràdh gun tàinig... gun deach milleanan ann, ann a... ann a... ann am bliadhn-... bliadhnaichean air ais, on is chuimhnich leinn fhìn, bàtaichean a bhith a' dol do dh'Ì.

Thèid na daoine sin, 's na mnathan, fir 's na mnathan, a-suas gun eaglais mhòr, chì iad a h-uile crois 's a h-uile h-àite far am biodh Calum Cille a' searmonachadh. Thèid iad a-staigh do Rèilig Odhrain agus chì iad leacan nan rìghrean, 's cinneachan 's feadhainn mhòr eile, agus chì iad an seann... an t-seann eaglais ris an abair iad Eaglais Odhrain, agus anns an tilleadh air ais, eadar... a-sìos far a bheil... far a bheil Eaglais nan Cailleach, an Eaglais Dhubh a their iad ris. Agus ruigidh iad an cidhe a-rithist agus thèid iad air bòrd, taingeil, toilichte gum faca iad a h-uile nì iongantach agus sean a bh' air... a bh' ann an Ì Chaluim Chille.

Ach chan fhaiceadh iad Clach a' Bhainne. Agus tha Clach a' Bhainne nas sine agus, ann am bharail-sa, nas neònaiche na rud eile a th' ann an Ì Chaluim Chille air fad. Tha a' chlach bhainne... Clach a' Bhainne seo, 's e meall den t-seòrsa cloiche a th' anns an Ros Mhuileach a bh' ann, a chionn a' chlach a th' ann an Ì, 's ann dubh a tha i, ach 's e seo meall de... meall mòr de chloich dheirg a thàinig a-nall às an Rois. Agus tha mi cinnteach gura h-ann an àm na h-Èireannaich a bhiodh e... a chaidh a toirt a-null, le na h-Èireannaich.

Nis, a' chiad rathad a b' àbhaist a bhith a' dol suas gu Rèilig Odhrain 's gun eaglais, 's ann aig Port nam Martair a bha e a' tòiseachdainn agus a' dol a-suas car air fhiaradh gus an Eaglais Dhubh, ach nuair a thog iad cidhe ann am Port Rònain rinn iad dòigh air an rathad a dhèanadh dìreach a-suas mu thrì cheud slat gun Eaglais Dhubh 's cho dìreach ri... uill, 's a b' urrainn rathad a bhith air a dhèanadh. Ach gu mì-fhortanach, bha Clach a' Bhainne dìreach ann am meadhan... an teis-meadhan an àite am biodh an rathad air a... air a chomharrachadh a-mach.

Ach an diùc a bh' air Earra-Ghàidheal anns an àm, cha leigeadh e leotha a' chlach a charachadh. Bha leithid de dh'eachdraidh an crochadh rithe 's nach leigeadh e leatha carachadh idir. Agus 's e an dòigh a rinn iad, thog iad an rathad a-suas gus am biodh iad dìreach thairis air mullach na cloiche. Agus ma tha fhios agad càit a bheil i, agus chan eil i ach mun cuairt air dusan slat bho Oifig a' Phosta, far a bheil Oifig a' Phosta an-diugh, thèid an iar dusan slat agus ma... ma rubas tu a' ghainmheach air falbh, bidh fhios agad càit a bheil a' chlach, gheibh thu a' chlach ann an sin. Chunna mi fhìn i o chionn bliadhna no dhà.

Ach carson a bha a' chlach ainmeil? Bha, a chionn anns an t-seann t-saoghal, fada ro àm Chaluim Chille, bha Dia a' Bhainne a' faotainn ìobairt ann an siud a h-uile madainn nuair a bhiodh na mnathan a' tighinn on bhuaile. Chuireadh iad deur den bhainne anns a' chloich agus iad a' creidsinn gun cuireadh... gum fàgadh Dia a' Bhainne, gum fàgadh... gun dèanadh e leis a' chrodh... gun toireadh leis a' chrodh tuillidh bainne a thoirt, agus gun tigeadh barrachd uachdar far a' bhainne cuideachd.

Ach madainn a bha seo, bha dà bhana-choimhearsnachd a' tighinn dhachaigh leis a' bhainne agus stad tè dhiubh mar a b' àbhaist dhi 's chuir i deur den bhainne anns a... anns an tolg a bh' anns a' chloich, ach chaidh an tè eile seachad. Agus thuirt an tè a chuir am bainne anns a' chloich, thuirt i:

"A bheil thu a' toirt deur bainne don Dia idir an-diugh?" thuirt ise.

"Ò chan eil," ars an tè seo. "Chan eil ann ach dìreach... dìreach rud gun fheum a bhith a' dèanadh sin. Nach fhaca mi na h-eòin ag òl a' bhainne an dèidh dhuinn a chur ann. Chan e Dia no rud eile a tha a' dèanadh sin. Cha dèan e... cha dèan e math sam bith don chrodh. Cuiridh mi geall riut."

Cha bu luaithe a bha na faclan às a beul dar a thàinig guth mòr a chluinnear fad an eilein air fad, ag ràdh:

"A bhean, bidh do shìol aithnichte feadh an t-saoghail air fad na dhèidh seo, a chionn nach urrainn dhaibh gealbhan fhàgail ma shuidheas iad taobh... taobh teine... taobh teine, chan eil e gu mùth càit am bi iad, ma gheibh iad... ma gheibh iad grèim air bior grìosaich no air clobha no rud sam bith feumaidh iad a bhith a' brodadh an teine."

Agus gus an latha an-diugh, bidh iad ag ràdh sin ri feadhainn a thig a-staigh a chèilidh do thaigh, agus ma shuidheas iad taobh a' ghealbhain agus gheibh iad grèim air rudeigin 's tòisichidh iad a' brodadh an teine, their iad: "Nam biodh tusa a-nuas bhon tè a dhiùlt am bainne don Dia thall ann an Ì."

Agus... dad ort... agus tha e ri innse ann am beul-aithris gur e NicCormaig a bha anns an tè a dhiùlt am bainne. Tha sin air a ràdh fhathast. Agus bidh iad ag ràdh:

"Ò, cha bhiodh Clann 'ic Cormaig ann, an t-ainm sin, ro àm Chaluim Chille."

Ach bha, a chionn chaidh Ulfada MacCormaig a thiodhlacadh ann an Ì anns a' bhliadhna dà cheud 's seachd deug air fhichead. Tha sin a rèir eachdraidh. Agus carson nach biodh... carson nach biodh mnathan anns an àm don aon ainm. Dè do bharail fhèin?

Calum MacIllEathain (CM): Math dh'fhaodte, ceart gu leòr.

DM: Agus 's e sin naidheachd as sine, fada, fada na rud sam bith a ghabhas innse... innse air Calum Cille, agus [?dh'aontaich mi] leis.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good